[78]

LAOIDH.

IERIMIAH xvii. 5–8.

Malluicht’, ’deir an Tighearn Dia,
An duine sin gun cheisd,
Chlaonasna chridhe on Ard Thriath
Tha beannuichte am feasd.

Malluichtgun robh an duine fòs
Ni gàirdein feòla stéigh,
A cnuimh adeanamh earbsas dòigh,
S gun chòmhnadh ann ri feum.

Mar chonasg anns an fhàsach chruaidh
Is ionnan tuar as blàth;
Nach mothaich maiths nach caochail snuagh
Ge dthionndadh fuachd gu blàths.

Ge dlùb gach coille fo thròm stràchd
Do bhlàthaibhs mheasa trom,
Nach caochail dreach, ach bhios gach
N a chrìonaich ghrannda, lòm.

Ach sona sin an ti do rinn
A bhuns a stéidh á Dia,
Dan acair dòchais as dan dòigh
Iehòbhah mòr gach ial.

Mar chraoibh ri taobh nan uisge beò
A shìn a meòir gach taobh,
S ri cois nan uisgeachan, ledeòin,
A freumhaichean a sgaoil:

Nach caochail dreach, ’s nach seac gu bràth
A dhaindeoin blàis as teas,
A dhfhanas dosrach, ùr gach tràth,
Fo stràchd do thoradhs mheas.

title21
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page