AN LUNNDAIRE.
Cia fhad, a leisgein, bhios tu ’d’ shuain?
O d’ chadal cuin a mhosglas suas?
Thoir ort an seillein beag gu tric,
A’s fòghlum uaith bhi crionna, glic.
A dh’easbhuidh comhairleach ge d’ tha
A’ solar lòin tha e gach tràth;
’S an t-samhradh thionail e a stòr,
’S ri fuachd cha ’n fhairich gainne lòin.
O beagan cadail, beagan tàmh—
Beagan pasgaidh shùl a’s làmh;
Mar so thig bochduinn ort gun bhàigh,
A’s uireasbhuidh mar laoch gu h-àr.
Ri taobh a lios gu’n d’ ghabh mi seach’,
A’s fòs do ghabh mi air sàr bheachd;
A’s feuch do chluarain ’s ionntag làn,
Bha ’lios gun dìon ’s a chòmhl’ mu làr.
Beagan cadail, beagan tàmh,
Beagan pasgaidh shùl a’s làmh,
A’s ionnan ’thàrlas truaigh’ a’d’ chòir,
A’s uireasbhuidh mar ghaisgeach còrr.
title | 22 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |