LAOIDHEAN EADAR-THEANGAICHTE O’N BHEURLA.
URNUIGH.
O Ard Righ na glòire dhomh deònaich do chluas,
Rium aom i ’an tròcair ’s mi ’n dòruinn ro chruaidh;
Riut seallam, ort gaiream, ’ghnàth riut tha mo ghlaodh,
Na fàg, O! na fàg mi ’an glacaibh an aoig.
Gu’n pheacaich mi ’d’ aghaidh ’s làn fhiosrach thu féin,
Gu’n dhìmeas do shlàinte, do d’ àithn’ nach tug géill;
Tha m’ aimsir ’dol seachad, ’s mo latha faraon,
’S am fògrar o d’ ghràs mi, o d’ làithreachd, o d’ ghaol?
Mar choran do’n sgitheach air fhigheadh mu’m cheann
Tha sòlais na beatha ’gam bhioradh ’s an àm;
Mar thanasg ga m’ chlisgeadh le ’n itealaich gharbh,
A’ meudach’ mo dhochainn le ’m fochaid ro shearbh.
Tha tàirneanach ceartais ri farum ’am chluais,
O’n dh’ionnlad mi m’ anam ’ghaol faileas neo-bhuan;
Tha dìol’tas ’s feath-ghàir’ air a’ tàradh ’am chòir,
Ga m’ spadadh neo-bhàigheil le tàir air an fhòid.
Ach fhathast, O! fhathast riut leanam gu teann;
O! Iosa na fàg mi, bi ’d sgàth dhomh gach àm.
O! ’n t-slàinte tha dhomhsa ’n crann dòruinn mo ghràidh,
Mo thearmunn, mo dhòchas o dhòruinn ’s o chràdh!
title | 23 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |