AN CRIOSDUIDH A’ CADAL ANN AN IOSA.
O! ’s milis do chadal a dhuine le Dia,
O pheacadh ’s o thruaighe làn shaor;
Air slighe nan uile do ghabh thu do thriall,
Chum siorruidheachd sonuis nach traoigh.
O! ’s milis do chodal a ghaisgich nam buadh,
Tha gach cath agus truaigh’ air dol seach’;
Mu d’ mhaladh tha coron nach searg gu là luain,
’S is dealrach a shnuadh a’s a dhreach.
Nach milis a chadal, thàin’ a thuras gu crìch!
Nach foistneach, nach sìochail a shuain!
’S cha ’n ioghnadh sin idir oir chaidil e ’n Ios’,
’S gur leis-san an rìoghachd bhith-bhuan.
O! gabhaibh ’ur cadal, a naoimh, a’s ur fois,
’S a ghràdh leis ’n do ghràdhaicheadh sibh;
’An Iosa ’s an d’ fhuair sibh gu buan gheibh sibh clos,
O gach àmhghar, gach truaighe a’s strìth.
title | 26 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |