REUL BHETLEHEIM.
’N uair air caoin uchd gorm nan speur
Bhios feachd nan nèamh ’n an lòchrain iùil,
A’ triall ’n an solus dealrach féin,
’S i reul Bhetleheim ’bheir aoibhneas dhuinn.
Bi ’d thosd a pheacaich, ’s éisd le deòin,
An ceòl ro ghlòir-bhinn uath’ tha sgaoil’:
Nach binn, nach blasda air gach dòigh
Am fonn tha ’dòrt’ o reul do ghaoil.
Bi doinionn gharbh, air bhàrr nan stuagh,
A b’ alluidh tuar, ’s bu duaichnidh calg,
Ri oidhche dhoilleir, ogluidh, fhuar,
Do thachair dhomh ’an cuan ro gharg.
Le miananaich a’s gàrthaich stuagh,
A b’ aognaidh tuar, do thréig mo chlì,
’N uair dhealraich orm, le fàilt’ gun ghruaim,
Caomh reult mo luaidh le gluasad mìn.
’S a nis ’am chaladh tearuint’, ciùin,
Do reul mo rùin sìor bheiream gràdh,
A’s molar leam ’an dàna ciùil
Reul Iudah ’s Bhetleheim gu bràth!
H. K. WHITE.
title | 27 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |