[85]

CRIOSD DOCHAS NA H-EAGLAIS.

Cheart aindeoin a bhòilich, cha soirbhich le dnamh,
Oir is treun em fear-còmhnaidh tha admheadhon atàmh;
Làn-thearuinttha thusa o fholachds o fhuath,—
Tha agad-sa cùl-taic an latha do chruais.

Air di-chuimhnna leig-sa na làithean o chian,
Sn uair chaisgeadh do nàimhdean, bha aingealta, dian;
Bi seasmhach, bi gramail, oir cunnairt ma thann,
Cha dhuit-se fath eagail, ach do deascaraid dall.


[86]

Ort shaltair an Eiphit gu h-eucorach, cruaidh,
Ach dhìol i na fiachan gu léirs aMhuir Ruaidh,—
Na cuantan a dhfhosgail dhuitscos-cheum gu tràigh,
Bhrùchdthaom iad le dosgunn, ’s gun phlosg feuch do nàmh!

Chlaoidh Cànan thu tamulls dha baithreach gun drinn,
Oir thuit e, lemhacaibh, fo dshleagh as fo dlainn;
S achuid nach do thuit diubh fo chudthrom do bheum’,
Dhian-ruaigeadh gun stad iad fo mhallachd do Dhé.

Rinn Ashur ort fòirneart, ’s bu ghòrach sud dha,
Oir spùinneadh da ghlòir es da mhòr-chuis, chion-;
A dhùthaich thur-chreachadhdheug a mhacnuss a mhùirn,
S mar a dhuais ghlac am Persach a bheairteass a chrùn.

Dhian lean thu an t-Iùdhach, an rùn do chur sìos
Ged rugadh e dchùirtibh, ’s geds tu thug dha cìoch;
S nach soilleirs na truaighibh thag a ruagadh gun tàmh,
Gun dthug Flaitheanas fuath do ghnìomh uabhar a làmh.

Rinn an Geintileach doilleir, ’s àrd sgoilleir na Gréig
Ort an fhòirneart bu shoilleirdol an co-bhoinn a chéill’;
S gu h-obunn am mòr-chuiss an glòir dhealaich uath’,
Ged binbheach an àirde, ’toirt bàrr air gach sluagh.

Dhiadh umad a lìontan baobh strìopach na Ròimh’,
As dhùisg i dhuit -run mhòr righrean as shlògh;
Do thearmunn bem fàsachn àm damhghairs do strì,
O nàimhdeas an dràgoin bha ghnàth air do thì.

A cuing bhàrr do mhuineil do thilg thu gu làr,
As rùisg thu dhithn fhalluing a dhfholaich a nàir’;
A srannraich na cuireadh ort eagal no fiamh,
Tha a ceann air a bhruthadh, ’s a cumhachd air triall.

Mo thruaighe gur fìor e! an tìr so an àigh,
Gun dfhuaras luchd-miruin rinn strì riut gun bhàigh;
Rinn gàirdean luchd-fòirneirt do leònadh gu cruaidh,—
Tfhuil chraobhach a dhòrtadh, gun sòradh, gun truas.


[87]

Feadh gharbhlach an t-sléibhes air réidhlein nam beann,
Chaidh tiomains do ruagadh gu cruaidh as gu teann;
S tric a tharruing thun osnadhs an t-slochds anns achùil,
S tric bu bhriste do chridhe, ’s bu shnidheach do shùil.

Ach dhfhiosraich saorsthu, as faothachadh fhuair,
As shiabadhn deur-chràidh a bha blàth air do ghruaidh;
S do naimhdean bhan cumhachds an urram ro-mhòr,
Thur-chrìon agus sheac iad, as chreachadh dan glòir.

Cia nise fàth teagal; gach aon gheilt cuir air chùl;
Leig do thaic air aghàirdean tha atàradh dhuit dlùth;
An aghaidh an Ard-Righ co a dhàrdaich a chrì
Nach do lotadh gu bas e, an àraich na strì?

Ged iadh umad naimhdean tha aingealta, treun;
Geds alluidh an sealladh, geds eangarram beum;
Na caill-sa do mhisneach, oir is sgeul e tha fior,
Buaidh-làrach cha choisinn iad ortsa gu sìor.

Ged bheucadh na cuantan is gruamaiche colg,
S do charraig ged bhuail iad gu fuaimeanta, borb;
Air an aisn uair a shileass a philleas iad sìos,
Tha do charraig-sa seasmhach,— ’s bidh seasmhach gu sìor.

Oigh Shioin, glac misneach, ’s na diobair do Thriath;
S efhocal do sholus, —a dhilseachd do sgiath;—
Do bhabuinn cha tuislich, ’s cha tuit iad gu làr,
S a chaoidh bheir iad dùbhlan do chumhachd gach nàmh.

Theid nèamh agus talamh tur thairis le chéil’,
S luchd-riaghlaidh as riaghailtean talmhaidh gu léir,
Ach beannachd no sochair a gheall e dhuit riamh,
Cha diobair, ach coimhlionaidh, ’n Tighearn do Dhia.

AN T-OLLA UALTAR MAC- ’ILLEBHRA.

title29
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page