[30]

LATHA NOLLAIG.

Caomh fhàilt ort a lathaa latha mo rùin
A latha uilairidh air moladh as cliù;
A Nollaig geds doilleir leamsoilleir do ghnùis,
S ro aoibhneach do sgeula don eùslans don chiùirt’.

Ur cleasachdsur gòraich cha bhòidheach leam fhìn,
Ur dannsasur ceòl cha deònach gu cinnt’;
Ur sùgradh, ’ur mànran, ’sur n-àbhachd ro bhaoth,
Le mchridhe tha tàireil, ’s chan àraich dhoibh gaol.


[31]

Ge dnach taitneach le mchrìdh-sa ceòl fhìdhlean, as theud,
Ge dnach blasda, ’s nach binn es an tiomsa le mchré;
Tha ceòl tha ro-thaitneach do mbhlas-sa san ,
Bheir sòlas do maigne am fad bhitheam beò.

Tha naomh cheòl abualadh mo chluasan gu h-àrd,
Guth molaidh ro uasal bhios buan anns gach àit:
Mòr ghlòir anns na h-àrdaibh do Ard-righ na glòir,
Air talamh caomh shlàinte don chràiteach, ’s don leòint.’

N diugh thùirling feachd aingeal o thalla na glòir,
N an culaidhibh geala, le farum, ’s le ceòl;
Air faiche Bhetlehem! O! béibhinn, ’s bu ghrinn,
Ard fharum an teudanan sgeul bu ro bhinn.

N diugh rugadh dhuibh Slànearam fardoch na spréidh,
A lùchuirt chan àluinn, ge bàghmhor in nèamh:
S mar chomhara gheibh sibh an leanabh ro naomh,
Sa mhàthair dham fagus, am prasaich nach caomh.

Feuch! acair mo dhòchais, mo shòlaiss mo shìth!
Màrd aoibhneis fàth mòrain, mo ghlòir e gu cinnt’;
Mo dhìdean fo thruaighe, gach uair es gach linn,
S an ìoghnadh am chluais-sa a luaidh-san ge d’ ’s binn!

title3
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page