AMHGHARAN AIR AN NAOMHACHADH TRE’N FHOCAIL.
T’ fhocal naomh cia taitneach leam!
’S do chùmhnant’ gràis cia tlachdmhor leam!
Air slighe réidh ga m’ threòrach’ ta ’d,
Mo smuainteach’ iad a dh’oidhch’ ’s a là.
Am beachd mo shùl tha ceartas faoin,
A’s blàth na h-òig’ ge bòidheach, caoin;
Ni’n comhdar leamsa nì fo ’n ghréin
Ri sòlais t’ fhocail òirdheirc féin.
Fad ùine mhòr gun gheilt, gun leòn,
Do ghluais mi ’n ceumaibh peacaidh ’s bròin;
Ach ’n uair do bhuillean ’lot mo chrìdh’
A’d’ ionnsuidh, ’Thighearn, dhlùthaich mi.
Mo chrìdh’ ged lot do bhuillean cruaidh,
Sìor mholams’ thu, a Dhé, gach uair;
O m’ shùil ge d’ shruth na deòir gu tric,
Do shaoradh mi a’s rinneadh glic.
Neo-smachdaichte na’m fàgte mi
Air t’ àithne dheanain tàir ’am chrìdh’;
An lìon mu m’ thimchioll ’sgaoil mo nàmh
Ann thuitinn eadar chos a’s làmh.
Dhuit ìocam gràdh d’a chionn so, ’Dhé,
A’d’ ionnsuidh m’ ùrnuigh biodh gach ré,
Gus, ’measg do naomh an càirdeas dlùth,
Dhuit seinneam ann ad àros cliù.
H. K. WHITE.
title | 30 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |