[91]

DAN MOLAIDH HANNAIH.

2 SAMUEL, ii. 1–12.

’S an Tighearna tha manam ait,
Ann deanam gàirdeachas gu pailt;
S esan a dhàrdaich madharc fòs,
N uair lag a bha a thug dhomh treòir.

Os cionn mo nàmh a thug dhomh buaidh,
A rinn orm tàir, a thug dhomh fuath,
Mo bheul am farsuingeachd a chuir,
S a lion le moladh e nach sguir.

Tha iad ann tha cràbhach, naomh,
Ach con am measg nach téid a thaobh;


[92]

Ach naomhachd Dhé uiliomlan ta,
Cha tig dubhar oirrno sgàil’.

eneach a choimeasar riut?
Aghlòir a bhuineas thugar dhuit:
S tobar slàinte thu nach tràigh
Carraig fhàsgaidh dhomh gu bràth.

Labhair le dìmeas orm mo nàmh,
Ach Dia a teanga chuirna tàmh;
A beum cha chràidh e mi nis
Cha lot i mi le nimh a beoil.

Muilàmhghar chunnaic thusa, ’Dhé,
As tròcair nochd thu dhomh da réir:
Gach gnìomh a nithear chithear leis,
As saoraidhshluagh le meud a threis’.

Bogha nan treun-fhear bristidh e,
S togaidh en lag on chlàbar chrè;
An deòraidh bochd a thuit gu làr
Suas togaidh, ’s bheir e neart os-bàrr.

Am feadh an dream tha saibhir, pailt,
N an coigrich riamh air gainnes airc,
Gu bochduinn bheir, ’s is buidhe leò
Le saothir an làmh bhi cnuasachd lòin.

Dhoibhsanbha nan truaghain bhochd
Thug cuid as maoinam mòrachd tiochd;
Do dbhanoglaich feuch thug thu sliochd,
As freagradh thug da h-ùrnuigh thric.

Iserinn moit as uaill áclann
Feuch dhfhàs i lag-chuiseach as fann;
N ad làimh-sa, ’Dhé, tha beathas bàs,—
An dealt a sheargas nobheir fàs.

Don duslachs tusa, ’Dhé, bheir sìos,
S on duslach fòss tu bheir a nìos;


[93]

S ann uait tha beairteas fòs ateachd,
S gu bochduinn bheirn uairs maith sin leat.

S tu leagas sìos no thogas suas
An deòraidhthogas as an luaith,
G a àrdachadh gu inbhe mhòir
Mòr shaibhreastabhairt dha as glòir.

Aitemeasg uachdarantoirt dha,
Sn ad rìoghchd fadheoidh buan ionad tàimh,
Oir buinidh dhuitsan saoghl gu léir,
As nithear leat do thoil da réir.

Cosan do naomh sìor choimhdear leat,
As gluaisidh iads an t-slighe cheairt;
S ge dthuit iad togar leatsa suas,—
An eascaraid cha toir orrbuaidh.

An dorchadas an dara bàis,
A chuibhrionn bheirear dha gu bràth;
Len neart cha tearnar iad on uaigh,
S e truaighe shìor an crannchur buan.

N am bloighdean brisear leat gach nàmh,
Mion phronnar iad fo neart do làmh:
Feuch fuaim do ghuths na nèamhan àrd
Cur ball-chrith air gach crìdh’ ’s gach àit’.

Ro uamhasach àrd ghuth do bhéil,
S do dhealanach tha fòs da réir;
Ach glòir as neart bheir thu do dRìgh
Taon Ungtabheir thu glòir gun chrioch.

title34
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page