[94]

XVI SALM.

Mo choimhead dean-sa, ’Dhé,
Mo mhuinghinn annad tha;
Mo dhòchass tu gu léir
Gu bunailteachs gu bràth.

Mo mhaitheas cha ruig ort;
Ort comain cha chuir mi;
N ad naoimh feuch gabham tlachd,
Do phobull thas an tìr.

Feuch meudaichear gu mòr
A dhoilghios do gach aon,
Dhuitsa nach toir glòir,
Gu iodhoil théid a thaobh.


[95]

Fuil ìobairt dhoibh cha tairg;
Mun altair fòs cha taom;
Mo bheul cha luaidh an ainm;
N an déigh mo chas cha chlaon.

Mo chuibhrionns tuse, ’Dhé,
Oighreachd mo chupain fòs;
Mo chrannchur mi cha tréig,
Ons tuse, ’Dhé na glòir.

An ionad farsuing fòs
Mo chuibhrionn thug thu dhomh;
As moighreachd tha i mòr;
Seadh, tha i fòs ro mhaith.

Iehòbhah molar leam,
Thug comhairlormam fheum;
As màirnean comhairlthug
S an oidhche mar an ceudn’.

A chionn gun dchuireadh leam,
Fa mchomhair Dia gach tràth,
Cha ghluaisear mi aon àm;
Oir esan leam a ta.

Mar so mo chridhetha
Ghnàth subhach agus ait;
Mo ghlòir is tu do ghnàth;
As fàsaidh i gu pailt.

An dòchas gabhaidh fois
Mo chorps an uaigh gu beachd;
As gabhaidh tàmh as clos
Gusn gairmear suas mi leat.

Oir manam, air aon chor,
Chan fhàg thun ifrinn shìos;
As truailleachd chaoidh chan fhaic
TAon Ungta-sa gu cinnt’.


[96]

Oir nochdaidh tu dhomhn ròd
Gu glòir atreòrach’ ’ta;
As bheir thu mi fadheoidh
Gu còmhnuidh ann gu bràth.

N ad làthir tha amhuinn mhòr
Do shòlasaibh nach traoigh,
A théid gach am mòid,
Dan òlar leam gu saor.

title36
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page