[96]

CUMHA CLOINNE LEMATHAIR.

Bhuail thu mi, a Dhé, as smachdaich
am mac nach smachdaich thu?
Lot thu mi air son mo pheacaidh,
Ach gidheadh dhuit bheiream cliù.

Bhuin thu uam mo mhacmo nighean
Shàth do ghath gu geuram fheòil;
O mruisg na deòir gu bras thasileadh
Ach molam thu gidheadh ri mbheò.

Beathan duine, cobhar tuinne
Builsgein buinnes athghearr cuairt
Ur ròs gàraidhn diughs am màireach,
Seargtair làr, gun àgh gun snuagh.

Leamsbu taitneach sibhnur n-òige,
Blasd’ ’ur còmhradh mar chruit-chiùil;
Ach than t-òigeir as an òg-bhean,
N diugh nan ònar anns an ùir.

Geal am bian mar chanach mòintich
Dearg an gruaidh mar an suth-craobh;
Ise baindi, banail, mòdhar,—
Esan fearail, sgairteil, saor.


[97]

S iad mo speuran a dhfhàs gruamach,
On a thugadh uam mo chlann;
Dubh neòil air gach làimhga mchuartach’—
Dhfhàs mo chridhe fuar as fann.

Cha tog pìob e, cha tog dàn e
Cha tog àbhachd e nis ;
N am eun tiamhaidh tha mim bliadhna,
S bidh gach bliadhna fad mo .

Chridhe cheannaircich bi sàmhach,
Strìochd gun dàil do thoil an Triath;
S bheir en còmhnadh dhuit a dhfhòghnas
Chum a ghlòrachadh gach iall.

Thug thu uam mo chlann, na h-abair,—
Thug thu leat an nithug uait;
S fhearr achùis a bhi mar thachair,
Ged an ceart uair tha i cruaidh.

Pògam-sa an t-slat a smachdaich
Bitheam umhal mar is còir:
Ge d’ ’s an àm nacheil i taitneach,
Bheir i toradh pailt fadheoidh.

Faic e toradh trioblaid, cruaidhchàis
Faighidinn bhios buan as gràdh;
Seasmhachds dòchas ri uchd cruadail,
Sud in sguab thar sguab bheir bàrr.

Tha na buillfàs lag as bristeach
Rinn mo cheangal ris an t-saoghl;
Iarram còirs an Ti bheir misneach
S a threòraicheas gu tìr a ghaol.

Na bi dhomh, a Dhé, mar fhàsach
Ge dis fàsach dhomh an saoghl;
Deonaich dhomh gu pailt á dlànachd,
S dean mo shàsachadh le dghaol.


[98]

Beannaich dhomh achlann a dhfhàg thu,—
Chaoidh na fàg iad as na tréig;
Bi-sa dhoibhn ad thearmunn làidir,—
Cum iad sàbhailto gach beud.

Bin ad thargaid, bin ad sgiath dhoibh,—
Bi gach ialln ad lòchran iùil;
Bin ad Dhia dhoibh niss gu sìorruidh,
S lion am beul gu sìor le dchliù.

title37
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page