[98]

SEALLADH MHULLACH SHRON-A’-CHLACHAIN.

S mim shuidhair an tulaich, air mullach an aonaich,
Gun duine amchuideachdgu buileach am, aonar
Tha smaointeanan iomadh air manam ag aomadh,
Bha fadan an cadal, ach innseam an t-aobhar.

Tha mo shùil air Loch-tadha, ’s gach faileas is bòidhche
A chi na bhroilleach, mur chaoin uchd caomh òighe;
Mar leanabhn a chadalam maduinn na h-òige,
A ghaoth buin gu caomh ris mun caochail a ghlòir-mhais’.

Than sealladhtha sgaoilair gach taobh agus làimh dhiom,
Làn maise mar bàbhaist, gnùis nàduir gun sgraing oirr’;
Na coilltean cho ùrar, luchd-ciùil air gach crann diubh,
Len ceileirean siùbhlach, —mo rùn-sa gach àm iad!

Tha Dochardna dheannaibh ateannadh gu Lòchaidh,
An coinneamh a chéile, bean bheusach, chiùin chòmhnard;
Sn uair thig ina ghlacaibhs a naisgear iad còmhladh
Grad thréigidh a bhuirbe, as strìochdaidh a mhòrchuis.


[99]

Is maiseach an sealladh Gleann-Dochards Gleann-Lòchaidh
Len lùban, len glacan, len leacain’, len còmhnaird
Len sruthana siùbhlach, len dùsluinnean bòidheach,
S an cluinnear an smùdan, am brùdhearg, ’s an smeòrach

Tha iadsan gun chaochladhs an aogasg a bàbhaist;
Ach bheil achuideachd a chleachd a bhitàmh annt’?
Tha cuid fo na leacan, ’s achadal tha sàmhach
Achuid is ro phailtair an sgapadhs gach àite!

bheil abhuidheann bha mireagach, luaineach,
Ag iasgach nan sruthan, ’s a tathaich am bruachan,
Acleasachd gu h-aotrom feadh raointean as chluaintean
Trusadh chnò anns achoilles am faighte na ruadh-bhuic!

Tha Deisheir mur bàbhaist fo shàiltibh Beinnlamhair,
S aghrian air a dearsadh o àirde nam flaitheas;
Ach co chuireas fàiltoirrni gàirdeachas leatha
Don chuideachd a bàbhaist bhi pàrtachda maitheas!

Tha smùid o thigh mathar adìreadh mar bha i,
Na cearclaibh, ’s na dualaibh réir a dual as a nàduir;
Ach bheil an t-athair a dhaltrum mi tràthail?
As caomhag nam mnathan! bheil i, mo mhàthair?

Chi min tigh-sgoile, gun mhùthadh, gun chaochladh,
Ach bheil na fiùrain a dhùisgeadh mo ghaol doibh?
Than sgeap mar a bha i, ach bheil an sgaoth ud
Bha cnuasachd na meala, bha caidireach gaolach!

As chi mi an eaglais air lombar na sràide,
Ach bheil achuideachdga dùmhlachmar bàbhaist?
Càitam fear-teagasg a choisinn mo ghràdh dha?
Se freagradh mhictalla, “Is beag dhiubh tha làthair!”

Fo ghlasaibh nam fuar leacs an uaigh air an tasgadh,
Gus an tig an Luan sins am fuasglar a glasan,
Tha comunn mo ghràidh a bu bhlàth leams bu taitneach,
S na dhfhàgadhn an craobhan le aois air an seacadh.


[100]

Gu h-ìosal mum choinneamhn am folachs an dùsluinn
Am fochair a chéile than caisteal [Finlanrig Castle.] ’s achrùislinn;
Tha esan na làraich, na àros don eunlaith,
S nim faicear ann làmh gheal ni clàrsach a dhùsgadh.

Thréig a mhaise gu sìorruidh, on thriall iad na h-àrmuin,
Tha balbh agus tosdach na fhochair as làimh ris;
Sgal sionnsair cha dùisg iad, mur bu dùgh as a bàbhaist;
Is cadal am feasd doibh gus an tig a bhràth orr’.

Bha iad innleachdach, teòma, as gaolach air beairteas
Ga thorradh ri chéile le eucoir no ceartas;
Ach faic mar a dhéirich, an tréines an tapadh,
Don aog béiginn géilleadh, iad fhéin as an gaisgich!

Tha Cinnealla nan leòmhans Acha-mhòr mar a bha iad,
Ach thriall na fir mhòra rinn còmhnuidh as tàmh annt’,
Chrion na stuic, shearg na fiùrain bha ùrar as fàsor;
Thachoill air a rùsgadhs na fiùthaidh air bàsach’.

S iomadh mùghagus caochladhchin aois nach bu mhiann leath’,
Bheir deòir o na sùilean, ’s a dhùisgeas trom iarguin;
Chi ichoill as an dùsluinn, ’s a fiùrana ciatach,
Bha nan àileagain rùnach air lùbadhs air crionadh.

Chi in tigh air a rùsgadhs an smùid air a smàladh
Tosdachdtoirt buaidh far an cual i ceòl gàire;
Leacan teintein gun ainneal, as smalans gach àite,
S i fhéin air a dochunn le lot a tha bàsmhor.

Mìle soraidh don tìr, leam cinnteach bu taitneach,
Do Chlachan Chillfhinn as na glinn a than taic ris!
Do bheanntann càs, àrda, gach màm agus leacain,—
Tìr nam fear cròdha bu bhòidheach fo bhreacan!

Slàn leis na sruthain mum faicte an t-iasgair!
Slàn leis na mòinteans am faighte am fiadhach!
Slàn leis na sléibhtean, ’s Beinnléimhinn, mo chiad ghràdh!
Slàn le Braidealabanns am bainmeil sìol Dhiarmaid!

title38
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page