[101]

TUIREADH AN FHOGARRAICH.

Tha misen som luidhes mo ghunna gun ghleus,
An leabaidh gle chumhann le mchuilein gun fheum,
Far nach cluinn mi sgail gaothair no faothaid an fhéidh,
S nach fhaic mi damh cabrachna dheannaibhs na leum.

Tha misen som shìneadh gu dìblidhs gu trom,
S mo leabadh adìosgan air cìrean nan tonn;
Mo spiorad fo mhìghean gu h-ìosalam chòm,
S mifàgail na tìres an lìonmhor damh donn.

S i tìr nan damh cabrach, nan aighean, ’s nam mang
S i tìr nam fear gealatha gramail gun taing;
S i tìr nan caomh òighean, tìr bhòidheach nam beann,—
An tìr on deach mfhògradh le fòirnearts an àm.

A thìr nam beann àrda, ’thìr àluinn mo ghaoil,—
Nan coireachan blàtha, ’s nam fàsaichean caoin,—
Abharraich, an daraich, na mealair an fhraoch;
O! ’s cruaidh e an t-òrdugh rinn mfhògradh o dthaobh.

S ann ort thàinan caochladh nach caomh, ge dis mòr,
S emealltair an saoghals an gaol thug don òr;
S e dhfhògair na daoine thar dhaoinebha còrr,
S a raoghnaich na caoirich, ’cur faoilt orrle deòin.

Ach fòghnaidh mar lethsgeul don chleachdadh tha clìth,
As fòghnaidh mar lethsgeul don t-sannt thas achrìdh
Gur h-e buannachd na dùthcha an rùsg as an ìgh,—
S gur h-e buannachd na dùthcha an rùn-san air chinnt!

Am buannachd do rìoghachd gun dìthichta tréin?
I dhfhògradh a h-ìochdrain do rìoghachdaibh céin’?
Gum fàgar mar dhìleab don tìr sin a thréig,
Abhanntrachs an dìleachd, ’s an dìblidh gun fheum?

Faic achraobh dharaich gu badanach ùr,—
A geugans an athar, ’s a freumhans an ùir;


[102]

An dugh dhi bhi maireann mu chailleas in rùsg?
Nach fhàs ina grodlaich, ’na mosgan, ’s na smùr?

Och nan och mar a thachair do aitreabh mo ghaoil!
N deach màrach as maltrum gu caidreachs gu caoin;
Mionad luidhe as éiridh le mchéile ghlan, chaomh,—
Ionad breith agus àraich an àlaich nach bfhaoin!

N diughs fuar leac mo theintein, glan, sguabta gu leòir
Gun ghealbhan, gun luaithre, gun luathghair, gun cheòl;
Gun fhear, gun bhean-tighe, gun aighear aig bòrd;
Gun altach’, gun ùrnuigh, bemùthadh ro mhòr.

Bha mi uairs beag a shaoil mi an caochladh thàinoirnn,
Gum fògairtle maor mi roimh ghaoith agus stoirm;
Gum fàgte mi rùisgte le ùmaidh, aig gairm
Og oighre na dùthch’, cha be dhùchas bhi doirbh.

An aobhar a sheanar, ’n àm carraid as strì,
Mo làmh as mo chlaidheamh bu leis iad air chinnt’;
S don mhac thàin’ ’na àite mo chràdh thugam chrìdh’.
Mo Dhòmhnullan gràdhachs an àraich chaidhdhìth!

Ach dhfhalbh e an tìom ud, ’s an t-sìth thann an tràs;
S am barail na linn so bidh sìth ann gu bràth;
As fòghnaidh na caoirich mhaol-cheannach, bhàn,
An ionad nan laoch nach bfhaoin ri uchd bhlàr.

ThaGhàeltachdna fàsaich, marbh sàbhach gu leòir;
O! ’s tearc iad na h-àirich, ’s fann bàirich nam !
Chan fhaicear caomh-ghruagach le buarachna dorn,
Ableodhan cruidh ghuailionn am buaile non crò.

Chan fhaicear air clachan, air faiche, no féill
Na h-òganaich dhreachmhoram breacan an fhéil’;
Chan fhaicear ann gruagach a buallaiche ceum,
S chan fhaicear an t-uachdrans a thuath-cheathirnna dhéigh.

S chan fhaicears an fhasan ach casag don chlò,
Ad chiar-dhubh no lachdunn air mala gach òig;


[103]

An cadadh, ’s am breacan, an t-osan, ’s abhròg,
Chan fhaic, mar a chleachd, air clachan no mòd.

Cha chluinnear air fireach no slinean nam beann
Ach Beurlag a spreigeadh ri coins iadn an deann;
S chan ioghnleam mar thachair, gun chaidil gu teann
Mactalla nan creag, ’s nach freagair an cainnt.

Tha na sraitheans na bràigheann am fàsaichean fuar;
Na tigheann an làraichean fàsail gun tuar;
Tham fearann gun àiteach on dhfhàg e an tuath,—
On dhfhògradh thar sàiliad gun bhàigh as gun truas.

On chuir an tìr cùl ruinns es dugh dhuinnbhi falbh,
On thuirt i nach bfhiù sinn an ioghnsinn bhi balbh?
Tha sona chùis ioghnaidh: ar smaointean tha searbh,—
O! buin-sa, a ghaoith, ruinn gu caoins na bi doirbh.

A Mhàiri, glac misneach, as tiormaich do ghruaidh,—
Le bàirlinn cha mhosgail na thaisg sinns an uaigh;
Ar ceud mhac tha socairs achadaltha buan,
Is tàmh agus clos dha gu mochthra luain.

Tha Calum as Eòghan, tha Dòmhull as Niall,
Gu misneachail, deònach, le fòghlum as ciall;
Tha Iseabal, Seònaid, as Mòragmo chiall
Gu suidhichte, stòlda, —ar còmhnadhs em miann.

S ge cian leams ge fadan tìr aineoiltham shùil,
S ge ddhfhàg miam dhéigh an tìrs an robh mùigh;
Cha dìobair mo mhisneach, ’s cha luidh mis an smùr,
On gheibh sinn na dhfhòghnas le deòins an tìr ùr.

Chan eagal don duinetha dleasnach dha féin,—
S cha chùram don chuideachdni bun á Mac Dhé;
Gheall e biadh agus aodach do chaoirich a threud,—
S cha chaochail a ghaol doibh aon taobh doibh a théid.

Bidh a làthreachd gach tràth leò, ’s a ghaol leò gach uair;
Leneart-sang an cuideachcha tuit iad fon chuaill;


[104]

Nilàthreachd am fàsachn a phàrassn a chluain
S an luidh iad gu socair, ’s an coideil a shluagh.

Ceud soraidh gu bràth do àrd-thìr nan sonn!
Da coireachan fàsails da blàth ghleannta cròm!
Thìr na fialachds achàirdeis bu ghràdhach thu leam;
Muimaltrum nan Gàedheal, aghràidh, as nam fonn!

Ceud soraidh le Cruachan, lebhruachan bu chùbhr’!
Lechoilltean, lechluaintean, ’s lefhuarain ghlan, ùr!
S am faighte an ruadh-bhoc,— ’s bu luaineachn a bhùrn
Bradan tarragheal na h-abhunndol ri Athana smùid.

Le Urcha nam bradan, nam badan, ’s an fhraoich,—
Le Urcha nam fleasgachbu deise air raon,—
Le Urcha nan òigheandhfhàs bòidheach as caoin,—
Mo cheud mìle beannachd le gleannan mo ghaoil!

Chan fhaicear gu bràth leam gleann àluinn mo rùin,—
Cha chluinnear gu bràth an guth gràidhthigeadh rium!
An teagasg dom chàil bha mar bhlà-fhrass mar dhrùchd,
Nuair aig àm dhomh a thàrladhbhi cràiteach as ciùirt’.

Ach foluichto mrosgaibh ge dtha sibh an tràths’,
S nach cluinn mi a nise guth filidh no dàin;
Ge d’ ’s e sadraich nan stuaghbhiosam chluaisdeanamh gàir,
Cha mheath so mo chruadal, ’s cha ghluais e mo chàil.

Bheir aisling na h-oidhche mòr aoibhneas do mchrìdh’,
N uair chi mi mum choinneamh an comunn nach clìth,
S an tìr udrinn mfhògradh, le -bheairts le strìth,
A sléibhtean, a mòinteach, a còmhnaird, ’s a glinn.

S cha bheag orm bhimarcachd air bharranan sùgh;
A ghaoth, thig oirnn deiseal as greas sinn a null,
Gu tìr nan crann àrda, na fàs-choill tha cùbhr’,
On dhfhògradh o dthràigh mi, Earraghaedheal mo rùin!

title39
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page