DI-DOMHNUICH CASG.
Ceud fàilt ort a mhaduinn, a mhaduinn an àigh—
’Chaomh mhaduinn gun ghruaman, gun smalan, gun bhruai’lean,
Ghlan-rosgaibh gun smuairean, làn uaisl’ agus gràidh;
Dùisg aoibhneas neo-thruailli’ mhaireas buan gu là bhràth.
Biodh do ghrian-sa le h-aoibhneas a’ boillsgeadh ’sa dears’,
A fògradh ’s a’ fuadach gach ceathach a’s gruamaich’
O gach cridhe tha’n cruadal fo uamhunn a’ bhàis—
Dhoibh innis gu’n d’ bhuadhaich an t-Uan anns a’ bhlàr.
O! giùlain an sgeulsa do’n euslan bhochd, thruagh;
Dha aithris le firinu, dha aithris le cinnte,
Gu’m bheil slàinte ’an Iosa o’n mhilltear ’s o’n uaigh,
Do bhraighdibh bochd, dìblidh, fo bhinne ro chruaidh.
Dha innis ge d’ shàraich car tràth e na slòigh,
Ge d’ dhiùlt iad le tàir e, ge d’ mhaslaich, ge d’ nàraich,
Ge d’ dhìt iad gu bàs e le tàmailt ’s a’ mhòd,
Gu’n d’ éirich an àird e le slàinte ’s le glòir.
Dha innis gu’m fac thu sàr ghaisgeach nam buadh,
A’ mosgladh ’s a’ dùsgadh o’n chadal bu chiùine;
Mar a’ mhaduinn a ghnùis gheal gun smùrnein, gun ghruaim,
Gu’n ’chreachadh, ’s gu’n ’spùineadh an ùir leis ’san uaigh.
Dha innis gu’m fac thu an gaisgeach nach fann,
Ag éiridh gu buadhach, ag éiridh gun ghruaman,
’N déigh bràighdean bochd truagha ’shaor fhuasgladh á fang.
O’n bhàs a’s o thruaill’eachd le buaidh chath gun taing.
Dha innis gu sìorruidh gur h-e ’n grian e ’s an ròd,
Gur h-e ’n dìdein gach là e, gur h-e ’n Slàn’ear gu bràth e,
Gur h-e ’n gaisgeach nach cearr e ’n àm gàbhaidh no bròin,
’S nach dìobair gu bràth e gus ’n tàrr iad gu glòir.
Nach aithris thu’n sgeulsa le éibhneas a’s mùirn,
Nach aithris gu luath e do’n lag-chridheach thruagh e,
Ge d’ thionndar ’s an uaigh e gu truaill’eachd a’s smùr,
Gu’n éirich ’s gu’n gluais e ’nìos uaipe le sunnd.
Mar chaoin mhaduinn shamhraidh gu’n dealraich a ghruaidh,
Mar chaomh mhaduinn chùbhraidh, mar mhaoth mhaduinn dhrùchda,
Gu’m b’i aogasg a ghnùise gun chùram, gun ghruaim,
Gu’n éirich le sunnd e, le mùirn e ’s le buaidh.
Dha innis ge d’ ’s duaichnidh gnùis uaine a’ bhàis,
Ge d’ ’s ogluidh a shealladh, ge caol-shuileach scallach,
Dha innis ge d’ rùisg e, ge d’ spùinn e do ghruag,
Ge d’ chaith e gu d’ chùl thu, ge d’ thaisg e san ùir thu
Ge d’ thionndar gu smùr thu, gu h-ùir a’s gu luathr’
Gun creachar d’a chliù e ’s gu ’n spùinear d’a bhuaidh.
O! ’s binn leam r’a éisdeachd do sgeul-sa, a lò,
O! ’s taitneach a’ m’ chluais e, ’s ro bhlasda gach uair e,
O! cluinneam gu buan e a gluasad ’am chòir,
Gun cluinneam le buaidh e ga luaidh ann an glòir.
Gus am faic mi mu ’m choinneamh naomh chomunn nam buadh,
Gus an cluinn mi gu h-àrd e o ’m billibh ’s o’n clàraibh
Am fonn ud ro àluinn leam ’s gàrdhach gach uair,
Gu ’n d’ chreachadh le m’ Slàn’ear am bàs a’s an uaigh.
title | 4 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |