LATHA BEALTUINN.
Thriall an geamhradh, thriall an t-earrach,
Thriall gach gruamaich, fuachd a’s gaillionn,—
Speuran dorcha, gaothaibh fuaimneach,—
Glìb a’s sneachda thriall mu thuath iad.
Tha gach sliabh ’bha lòm a’s seacta,—
Tha gach gleann ’bha geal le sneachda;
’M fireach àrd, an srath ’s na cuantan,
Bi gàirdeachas o’n thriall am fuachda.
Cluinnear cantaireachd ’s gach coille,
Tha deise bhainnse air gach doire;
Eoin ri sùgradh, spréidh ri mire,—
Bric a’ leum ’s gach poll a’s linne.
Cluinnear anns a’ choill an smùdan,
’N coileach-dubh air géig a’ dùrdail,—
An dreathan-donn le ’òran siùbhlach,
A’s fagusg dhi an druid ’s am brù-dhearg.
Os ar ceann gu h-àrd ’s an iarmailt,
Le ’port sunndach, suilbhir, iasgaidh,
Cluinnear ged nach fhaic an riabhag,—
’S c’àit’ an cluinnear ceòl cho ciatach?
’S cluinnear ann am frìth an fhàsaich
’N damh-donn a’ langanaich gu h-àrda,—
’N eilid ghlan, a leannan gràdhach,
’S an laoidhein beag a’ mire làmh ri.
’S chithear clann ri taobh gach alltain
’Deasach’ cuirm air Latha Bealtuinn;
Ach cha ’n ìobair iad do Bhelus,
Ge d’ thug an sinnsear’ aon uair géill da.
Tha deadhghean air gach ainmhidh ’s creutair,
’Bhos air thalamh, shuas ’s na speuran;
Tha beatha ’teachd o shlios na gréine,
A’ toirt misneach dhoibh ’us spéirid.
Faic na raointean, faic na cluaintean,
A’ bòcadh ’mach le feur a’s luachair!
Braonain ’s clanna bheag ’g an cnuasachd,
’S a’ sireadh nead ’an còs nam bruachag.
Feuch trom dhealt air bàrr gach feòirnein!
’N talamh breacaichte le neoinein!
Am facas riamh ’thug bàrr am bòichead
Air a’ bhrat gach àit’ a chòmhdaich?
Nach eutrom iollagach, ’s nach uallach,
Ceum na h-ainnir ’dol do’n bhuaile!
’Dol a bhleodhan a’ chruidh ghuailinn,
’S an t-àl òg ’na còir gu guanach.
’S nach sunndach, sgairteil ceum a’ bhuachail’
A’ dìreadh nam màm ’s nam fuarbheann!
Le choin dhìleas, ullamh, fhuasgailt’
O’n a thriall an sneachd ’s am fuachda.
Ceud fàilte ort a Bhealtuinn aobhach!
’Bhealtuinn shnodhach, bhliochdach, ghaolach,
Mhineineach, uanach, laoghach,
A’ mireag air gach làimh a’s taobh dhinn.
Ach cha mhair thu ach ré sealainn,
’S cha mhair an t-earrach ach car tamuil;
’Ur grian ’s ’ur blàth’s cha ’n fhad a mhaireas,
Thig dubhar orra, ceò a’s smalan.
Thig àm nach cluinnear ceòl ’s a’ choillidh,—
’An searg an trusgan air gach doire;
Tha ’n geamhradh ’teachd ’s cha dean e moille,
Le ’ghnùis stoirmeil, ghruamaich, dhoilleir.
Cliùth gu’n robh do Dhia na tròcair
D’a phobull taghta samhradh dh’òrduich,—
Grian a dhealraicheas ’an còmhnuidh,
Air nach luidh smal an rìoghachd na glòire.
Tìr an àigh, a’ ghràidh ’s a chaoimhneis,—
Tìr tha ghnàth gu soilleir, soillseach;
Tìr nam beannachd, tìr an aoibhneis,
Gun fheum air solus gréin’ no coinnle.
Tìr nam fonn nach caill am milseachd,
Tìr nan òran do nach sgìthich;
Tìr a’ chiùil nach sguir gu dilinn,
Tìr nan aingeal a’s nam firean.
Tìr nan crann nach caill an àileachd—,
Gorm ’us ùrar bhios gu bràth iad;
Croinn le’n duileach a bheir slàinte,
Tìr nan aimhnichean nach fàilnich.
Tìr an t-samhraidh ’chaoidh a mhaireas,—
Tìr gun fhuair-dhealt, gun chlach-mheallainn;
Tìr gun osna, deur no smalan,—
Gun fhuachd geamhraidh no tart earraich.
Tìr ’s an ìobrar cliùth gu sìorruidh
Do Thrì Pearsaidhean na Diadhachd,—
An Tì a chuir an Tì a riaraich
Na bha lagh a’s còir ag iarraidh.
Nach sona iadsan a gheibh còir oirr’!
’Feitheamh orr’ tha uallach glòire;
Tobraichean tha làn do shòlas,
Mar ri Dia gu sìor ’an còmhnuidh.
title | 40 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |