AN T-EARRACH.
Is maiseach an t-earrach ’n uair thig e ’n a thràth,
’S is maiseach an caochladh a thig air a shàil;
Am fuachd gheibh e bàirlinn a’s fàgaidh e ’n tìr,
’S ge leisg e mu imeachd ’s e imeachd a ni.
Thig caochladh ’s cha bheag e, ’s cha bheag idir oirnn,
’S cha luaithe na’s maith leinn, is maith air gach dòigh;
Gheibh nàdur grad fhuasgladh, gheibh fuasgladh ’na feum.
’S thig saorsa o’n cruaidhchàs do’n tuath a’s do’n spréidh
Bidh ’ghrian dol an àirde, a blàs dol am mòid,
Ge d’ robh a sùil silteach, ’s ge d iadh oirre neoil;
Ge d’ ’s mall leinn a h-éiridh, ’s ge d’ ’s gearr leinn a cuairt,
Gidheadh théid an giorrad a cadal ’s a suain.
Tha na glasan a’ lasach’, tha ’n t-earrach air teachd,—
Tha ’m fonn ’dol an taisead, a’ leaghadh tha’n sneachd;
Tha gach allt agus lochan tighinn am follais a rìs,
’S cha diol iad do’n reodhadh bonn cuspain no cìs.
Tha ’n eigh orra géisgeil ’s a’ ’g éigheach gu h-àrd,—
A’ spionnadh ’g a tréigsinn, i ’n éiginn ’s an càs;
Tha i ’bristeadh ’s a’ bruanadh, air ghluasad gun taing,
’S cha ghabhar bonn truas di ’s cha truagh leinn a cainnt.
Tha gach bith agus creutair ’bha éisleineach, tròm,
’Fàs misneachail, treubhach, las éibhneas ’n an còm;
’N an crùban cha ’n ’eil iad ’am fasgadh nam bruach,
’S ge d’ ri àm thigeadh fras cha mheath iad le fuachd.
Tha ’n lombair a’ bruchdadh le drùchdaibh tròm, tlàth,
Le luibhean ’s le flùran ’s is cùbhr’ leinn am fàil’;
Gach geug a’s barrguc oirr’ ’sìor mheudach’ gach uair;
Oir ’dìreadh tha ’n snothach ’s a teicheadh tha ’m fuachd.
Tha mèilich nan caorach a’ sgaoileadh mu’n cuairt;
Ach cha ’n ann mar a bha e, fann, cràiteach, a’s truagh;
Ach guth na caomh mhàthar làn blàth’is agus gaoil,
A’ cuireadh a h-àlaich grad thàradh r’a taobh.
A’s tosdach cha ’n ’eil i gus an tarruing iad dlùth,
A’ mireadh ’s a’ cleasachd, ’s a’ beadradh le sunnd,
Gus an tig iad ’n an deannaibh ’s an tàrr iad ’n a còir,
’S an tràigh iad na cìochan tha lìontach gu leòir.
Tha trusgan a’ gheamhraidh a’ tuiteam gu làr,
’S tha trusgan is grinne a’ tighinn ’n a àit’;
Tha ’m fuachd a’ dol seachad, thig teas agus blàth’s, —
O’n thàinig an t-earrach, an geamhradh fhuair bàs.
Tha ’n treabhaich’ a’ dùsgadh gu sunndach ’s gu moch,
Le ’chaib’, as léin’, ’dhol a reubadh nan cnoc;
Chaidh an t-seisreach an òrdugh ’s gur bòidheach do’n t-sùil
Na th’ aige ’s an amharc ’an dòchas ’s an dùil.
Tha ’n sgrìob air a leagadh gu dìreach ’s gu réidh,—
An sìol air a chur ’s a’ chliath air a’ dhéigh;
’S is sunndach a’s ceòlmhor an t-òran ’s na fuinn,
’Tha tighinn a’d’ chòmhail ’n àm treabhadh an fhuinn.
Tha ’n saoghal a’ dùsgadh o’n dùiseal ’s o’n t-suain,
A bhuadhaich car ùin’ ged nach d’ fhaod e bhi buan;
Tha beatha, a’s gluasad, a’s luasgan ’s gach àit’—
Tha othail, a’s ùpraid gach taobh agus àird.
Tha ’n seillean a’s srann aig’ gu greannar ri feum,
O’n thàinig am blàth’s oirnn o dhearsadh na gréin;
An seangan air ghluasad a’ cnuasachd a lòin,
’S a càrnadh na chnuasaich a suas ’n a thigh-stòir.
’M feadh tha ’n saoghal a’ dùsgadh o ’dhùiseal ’s o ’fhois,
Tha iomairt a’s ùpraid gach taobh ann gun chlos;
Tha cadal ’toirt buaidh air a’s suaimhneas nach faoin,—
Tha cuibhrichean cruaidh air nach dual doibh gun sgaoil.
Tha ’n t-anam gun phlosg ann do’n bheatha is fearr,
Cruaidh fuar tha mar chloich e, ’na chiomach ’s na thràill,
Dearg nàmhaid do Dhia e, anamiannaibh toirt buaidh;
An fheoil air an uachdar gach tràth agus uair.
Chaill e maise a’ Chruithfhir a dhealbh e air thùs,—
Thàinig doill’ air a léirsinn, thréig maise a ghnùis;
Is geamhradh e dhasan, a’s bàs e maraon,
Gus an tig air an t-earrach le teas agus faoilt.
’N uair dhearsas a ghrian air, ’s a shileas gu sèimh,
An drùchd a bheir cinneas a’s grinneas o nèamh;
’N a dhìthreabh n’is fhaide cha bhi e mar bha;
Ach fàsaidh gach luibh ann is maisiche blàth.
Chi ’n t-sùil mar nach fhac i, chi maise nach b’ eòl,
’S tha fuinn ’bha gun bhlas nis taitneach mar cheòl;
Is nuadh dhuin’ a nis e, tha na h-uile ni ùr;
Chaidh seann nithe seachad, a’s chuireadh air chùl.
Fhuair Dia anns a’ chridhe an t-ionad a chaill,—
’S tre chumhachd an Spioraid fhuair fradharc an dall;
Tha maitheas a’ Chruithfhir nis soilleir’ ’s gach ni,
O’n fhuair a’s a ghabh e buan shealbh air a chrìdh’.
A’s Iosa n’is fhaide cha ’n ’eil mar a bha,—
’Na mhaoth luibh fhreumh thioram, gun mhaise, gun àgh;
Uil’ ionmhuinn feuch tha e, —seadh, làn tha do ghlòir,—
E geal mar an lilidh, a’s dearg mar an ròs.
Feuch toradh an earraich ’n a ghiùlan gu léir,
’N a chòmhradh ’s ’n a iomachd gach aon taobh a théid!
’N uair bhitheas e abuich, —seadh, abuich gu leòir,
’An sin théid e dhachaidh gu ’dhachaidh ’an glòir.
O! dùisg sinn o ’r cadal, a’s iompaich ’n a thràth,
’Chaomh Athair ar spioraid, le anail do ghràidh;
Mu’n crannar an dorus nach fosgalar ri’r glaodh,
’S a bhitheas ar n-aidmheil ’s ar n-athchuinge faoin.
title | 41 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |