CUMHA.
Chaochail mo nighean ’s a leanamh a air an dara là deug do mhìos meadhonach an fhoghair, 1864.
’S ann a cheithir bliadhn’ na taic so
Chaidh mo smachdachadh ’s mo leònadh;
Leag mo Dhia gu tròm a shlat orm,
Dh’fhàg mi airsnealach a’s brònach.
Rinn e bristeadh air mo choille,
Ghearr e meangan a bha nòsar;
Fhuair mi’n droch an àit’ an deadh-sgéil
Dh’fhàgas éisleanach ri m’ bheò mi.
Thàin’ am buille orm gun fhiughair
’Dh’fhàg mi dubhach doirbh ri ghiùlan;
Dh’fhalbh an t-uan ’s a’ mhàthair cuideachd,—
Feum ’an léigh cha robh do h-aon diubh.
’S mairg a dh’earbadh as an òige,
Ge d’ is bòidheach i r’a faicinn;
Neart a’s cuma ’s faoin iad còmhladh,—
’S i ghòraich a dh’earbadh asda.
Bha thus’, a Mhairearad, òg ’am bliadhnaibh,—
Bha thu ciatach ’am measg òg-bhan;
Og mar bhean thu, òg mar mhàthair,—
Og ’n uair ghairm am bàs sibh còmhladh.
T’ òige cha do dhìon o’n bhàs thu,—
Slàinte bha gun fheum ’s an uair ud;
Gun fhios duit bha thu tiot’ a’d’ mhàthair,—
’S is gann a bha ’n uair thugadh uam thu.
Bu chràiteach, goirt ’an sealladh t’ athar
’Bhi ’g ’ur faicinn taisgte còmhladh,—
’S an leabaidh chaoil maraon ’n ’ur luidhe,
Le léin’ anairt oirbh mar chòmhdach.
Ach ge d’ dh’fhalbh cha ’n ann gun dòchas;
Tha sinne ri bròn a’s tuireadh:
’S ge d’ a thaisgeadh leinn fo ’n fhòd sibh,
’Measg nam beò nach faicear tuilleadh,
Cha ’n ann am measg nam marbh a tha sibh,
Ach ’an tìr a’ ghràidh ’s na naomhachd,—
’Mealtuinn comunn caomh an t-Slànuighir,
Ann am pàras ’measg a naomh shluaigh.
An crìdh’ ge d’ bha sibh aon uair salach
’Ghlanadh sibh ’an uisg’ an fhuarain,—
’N tobar nach deach’ oirnne fhalach
’Ni ar glanadh o gach truailleachd.
Sìor thathaicheams’ an tobar ceudna
’Ni gach creuchd a’s lot a chàramh,—
Tobar glanaidh a’ chroinn-cheusadh,
Deanam feum a’s faigheam slàint’ ann.
Ge d’ mar scàrlaid tha mo pheacadh,
Dearg mar chorcar ge d’ a tha e,
Nithear geal mi mar an sneachda
’Fhrasas o na nèamhan àrda.
Lionmhor iad ge d’ tha mar ghaineamh,
No mar dhuilleach air na geugaibh;
Dubhar iad a mach gu h-ealamh,
Tre éifeachd fola a’ chroinn-cheusaidh.
Bidh ’n fhuil sin fòs ’n a baile dìdein
Do gach ciontach dh’iarras ann e;
Chaoidh cha ruig air gath a’ mhillteir,
Bidh fuil Ios’ ’n a dìon gun taing dha.
Creid-sa so, O! thus’, a leughas,
’S dean dhuit féin dhi stéidh do dhòchais,
T’ achdair dean do’n Tì a cheusadh,
’S bheir e tearuinte gu glòir thu.
title | 42 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |