[33]

AN CRIOSDUIDH AIR LEABAIDH A BHAIS.

Soraidh leat a shaoghail
Nin caoineam idir thu:
Ged bu mhòr mo ghaol ort
S ge baobhach leam do ghnùis;
Bha uair, —ach rinn i caochladh
Bha daogas is do dhealbh,
Am bheachd ro mhaiseach, ghaolach,
Ach chaochail i as dhfhalbh.

N am bheachd, an tùs mo làithean,
Bu chàirdeil, blàth, ro chùbhr’,
Tanail chaoimhneil, chàirdeil,
Dom fhàilteachadh le sùnnd;
Ach dhomhsa bu neo-dhìleas,
Neo-fhìrinneach a glòir;
S bu domblasda a mìlseachd
A dhaindeoin brìodal beòil.


[34]

Adthobraichibh a bùrair
Adshruthaibh siùbhlach, dian,
Do dhòl mi, cridheil, sunndach,
Car ùine mar mo mhiann;
S ge bbhlasda leam mar bhùrn e,
S ge bùrar e dom bheul;
Do tharruing mi do mionnsuidh
Aghrùid maraon ris féin.

A bheantaidh corrach, àrda
A ghleantaidh àluinn, gorm:
Soraidh agus slàn libh
Tha trà dhomh nis bhi falbh;
S ged sgàilear sibh o mshùilean,
Le ceathach dùmhail bàis,
Cha tuir mi sibhs chan ionndrainn
Tham fhradharc dùichis fearr.

San uair so, ged nach éisd mi,
Bi dghuthsa, ’Dhé, adchùirt,
S do mholadh ged nach seinn mi,
Le dphobull mar mo rùn;
Cha bhi mi dubhach, deurach,
Fo éislein no fo bhròn,
Oir cluinnidh mi, as éisdidh
Do chliùsa Dhé an glòir.

Tham feasgar orm aciaradh,
S mo ghrian atriall tre neòil;
Than oidhche orm ag iadhadh
As siorruidheachda mchòir,
S ge eagallach, leumhais
Tham bàssan uair don fheòil;
Tha gàirdean treung am chuartach’,
S am buachaille am chòir.

Fàilte ort a shiorruidheachd,
A neo-chriochnach buan,


[35] A chuain gun tràigh, gun lionadh
Sem iarrtas diansan uair,
Mo bhréids mo sheòl a sgaoileadh,
S air duchd nach traoigh bhisnàmh,
Gusn ruig min caladh aobhach
Sam bheil mFhear-gaoil atàmh.

title5
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page