UISGE NA BEATHA.
TAISB. xxii. 1,
’S e Eòin fhuair an sealladh—
An sealladh ro ghràsmhor;
An sealladh do labhairt—
An sealladh ro àghmhor;
’N uair o chathair na Trianaid,
’Na fhianuis ’s na làthair
’Bhrùchd uisge na h-abhunn
’S am bheil glanadh a’s slàinte.
An abhainn neo-thruaillidh
’N am buadhan nach fàilnich,
Gun ghoinne air uisg’ innt’
’N tart earraich no samhraidh;
Na h-ìocshlainte dhrùighteach
’Dh’anam ciùirte a’s cràiteach,
’Ni ghlanadh a’s ionnlad,
A’s iompach’ gu slàinte.
’S cha shruthan beag, suarrach,
’S uisge ruadh troimhe chéil’ ann,
Na tàchar dubh mòintich;
Gun bheò-shlaint, gun éifeachd,
Losgain ’g iomairt an smàg ann,
’S nithibh grannda a’s déistineach,
Ach fior-uisge fallan, gun ghaine, gun éiric.
’S ionann ’s tobar nan gleanntan,
’S nam beanntainean fàsail,
A’ chuisle bheò, fhallain
’M bheil anam a’s tàbhachd,
’Chasgadh ìota gach cridhe
’Tha tioram a’s tràighte;
A mhaireas gu sìorruidh
’N a h-ìocshlainte ghràsmhoir,
Ag ùrach’ a’ chridhe
Gus ’m brisear fo bhlàth e.
Tha ’n abhuinn so ’treòrach’
Do ’n mhòr chuan o’n tàinig;
An cuan sin gun chladach,
An cuan sin gun tràghadh,
An cuan sin gun lìonadh,
Cuan sìorruidh a’ ghràidh sin,
’Tha neo-chriochnach ’s an Diadhachd
’S tha ’n Criosd ’na mhuir shlàinte.
Tha ’m beò-uisgs’ le ’fheartan
Air a thairgse gu saibhir
Do gach anam ’tha tartmhor,
Do gach neach leis an àill e,
O! thigibh a’s faicibh,
O! blaisibh, a chàirdean,
O! òlaibh gu pailt dheth,
O! gabhaibh ’ur sàith dheth.
An caithear ’ur maoin leibh,
Air plaosgaibh bochd, falamh?
C’arson ’ur ro shaothair,
Air faoineis neo mhaireann?
Cha ’n ’eil tobar ’s an t-saoghal
Nach traoigh a’s nach fàilnich;
Cha ’n ’eil cìoch nach ’eil seasg ann
’N uair a dhruideas am bàs oirnn—
Cha’n ’eil saibhreas no beairteas,
Cha ’n ’eil maise no tàbhachd,
Cha ’n ’eil inbhe no urram
Gu buileach nach bàsaich.
Cha toir thu do d’ bheairteas,
Aon dadum fo’n fhòd leat;
’S cha dean e do sheasamh
’N uair ghreasar gu mòd thu:
Cha chlaonar am Breitheamh
Bho shlighe na còrach;
’S cha chàm e an dìreach
Air mhìltean do’n òr dhearg.
Air gach cusbair ’s an t-saoghal
Thig caochladh gu h-aithghearr;
’S mairg a bheireadh a ghaol doibh
’S nach fhaod iad bhi maireann;
’N uair nach ’eil annt’ ach faileas
A dh’aindeòin am bòichead;
’S a mhillear iad baileach
’N uair thàrlas am mòd oirnn.
’S mairg a dheanadh a thaisgeach
Do dh’aitreibh cho fàilneach;
Do dh’aitreibh cho suarrach
’N àm cruadail a’s gàbhaidh:
’S mairg a chàrnadh a stòras
’S an t-òr d’am bheil gràdh aig,
Tog t’inntinn gu h-eallamh
O’n talamh, do dhùchas,
’S na bi air do mhealladh
Le barail gur fiù e;
Oir meallar gu brònach
A’d’ dhòchas ’s a’d’ dhùil thu,
’S mu gheall e dhuit sòlas
Bheir dòlas nach sùgradh.
’N uair dhlùitheas am bàs ort
’S beag ’s fheaird thu ’s an uair sin
An saoghal le ’chàirdeas,
’S gach àgh tha mu’n cuairt air;
Cha cheannaich e sìth dhuit,
Na ìoc-shlàinte bhuadhaich,
’S cha ’n fhuadaich le ’bhriodal
Geilt-chrìdh’ uait is uamhunn.
O! Ard Righ na glòire,
Le deòin cròm do chluas rium,
Le d’ spiorad d’ an treòrach’
Thoir eòlas do’n t-sluagh ort:
Dùisg ìota ’n an anam
Nach fannaich ’s nach bàsaich,
Gus an caisgear gu baileach
’An abhuinn do ghràidh e.
title | 6 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |