[38]

CRAOAH-SGAOILEADH AN T-SOISGEIL

’AM MORTHIR AGUS EILEANAN NA GAEDHEALTACHD.

Tha sgeulga sheanachas air feadh nan garbh-chrioch,
S cha sgeul tha searbh e gun tairbh’, gun bhrìgh;
Cha sgeul gun bhlas e, cha sgeul gun snas e,
Ach sgeul ro-thaitneachcur nearts achrìdh’:


[39] Cha sgeul no eachdraidh air spùinn no creach e
Cha sgeul air gaisgeadh, no taip, no strì;
S cha sgeul air caonnaig, no liodairt dhaoine,
An sgeul ro aobhach tha sgaoil’ ’s an tìr.

S e sgeul as binne, ’s e sgeul as grinne
Tham beul gach finean Innsegall;
An sgeul than dràsda aig lag as làidir,
A sgaoils gach àite a bhos as thall:
Cur neartan càileachd, ’s ag aiseag slàinte
Do dhaoine sàruichtle euslaint chruaidh;
Ag aiseag sìth dhoibh, ’s afògradh strì uath’,
Am briathran mìne, ro shìobhalt’, shuairc’.

Bu bhochd ar càramhn ar n-uain gun mhàthair,
Sìor dhol air fàrsan or leass or sìth;
Gu doilleir, ànnrach, asiubhal fàsaich,
Gun ionad tàmha, gun àite dìon;
Air uideal daonann, ’sìor dhol air faontra,
Gun iùil-fhear gaolach ag aomn ar còir,
Anochdadh gràdh dhuinn, ’sadeanamh bàigh ruinn,
Astrì gur sàbhalor nàmhaid mòr.

Bu bhuan ar n-oidhche, gun reultoirt soillse,
N uair bhrùchd oirnn boillsgeadh o ghrian an àigh;
Bu bhuan ar geamhradh, ach thàinan samhradh,
S bidh meas nach gann air gach crann as blàr;
Luidh dubhars ceò air gach àrd as còmhnard,
Bu chianail, brònach ar dòighs ar càs,
Air bheagan eòlais, air bheagan dòchais,
A bheireadh sòlas ri dòruinn bàis.

Ach nis on dhealraich caomh ghrian an àigh oirnn,
Thig lathas fhearr oirnn le blàths as sìth;
Thig solus uaipe a sheòlas suas sinn,
Le blàths a dhfhuadaicheas fuachd on chrìdh’:
Bidhn cridhe seachdta, an cridhe meata,
An cridha chleachdbhi gun neart gun chlì


[40] Mar chraobhs an t-samhradh air triall don gheamhradh,
Le meas nach gann oirr’, ’s chan fhann a bhrìgh.

Bidh snuagh air aonach, bidh feur, bidh fraoch ann,
Bidh trusgan caoin air gach aodan lòm;
Bidh sgeadachuainair gach àite duaichnidh,
Bidh aoidh as snuagh air gach glaic as tòm:
Bidhm fonn nach géilleadh do lònn a sheusan,
Ach luibhean breuna gun fheum, gun stàth,
Toirt stràchd nach suarrach do thoradh luachmhor,
S an àm am buainear e, ’nuas gu làr.

Bidhm fonn bha tartmhor, ge dthigeadh dealt air,
Abrùchd gu pailte le uisge beò;
Na shruthain shiùbhlach as iad ag ùrach
Gach lusan cùbhraidh a chaill an deò:
Tha beathas tàbhachds an uisgnach fàilnich
Tha neart as slàintann gu bràth nach tréig;
Cha reodh an geamhre, ’s cha deubh an samhre
Ri teas no cranntachd cha téid e eug.

S am fonn bha fuaraidh, a ghnàth fo ghruaman,
Thig caochladh luath air o fhuachd gu blàths;
Thig teas on ghréin air a bheir gu feum e,
A bheir air géilleadh, ’s cha bheag an stràchd:
Bidh prìomh gach pòir ann, bidh eruinneachds eòrnann,
Na h-uile seòrsa ach pòr gun bhrìgh;
Sn uair thig an tuathnachan àm na buana,
Cha bhi gnè ghruamains an uairna chrìdh’.

Mar sgiobadh bàtaidh feadh thonnan gàbhaidh,
Gun stiùir, gun ràmh acgu snàmh gu tìr;
Gun chairtthoirt iùil doibh, gun reul gun stiùireadh
Gu cala rùnach nan ciùin uisgmìn;
Am builsgein oidhche, gun dearsadh soillse,
Làn geilt as oillte le cridhe brùit’;


[41] Bha Clann nan Gàedheal ùinfhad air annradh,
Ach bhris an orr’, ’s than tràigh dhoibh dlùth.

Than cala prìseil, an cala rìoghail,
Cala sìochail nam mìn uisgciùin
An cala luachmhor, gun stoirm, gun bhruaillein,
Ateachds an uair soam beachd an sùl;
As air an tràigh ud than comunn gràdhach
Buidheann àluinn mo ghràidhs mo rùin,
Asmèid len làmh oirnn, ’s len sealladhg ràdh ruinn,
Grad thigibhn càirdeas Ard Rìgh nan dùl.”

title7
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page