[42]

AN NEOINEIN.

A neòinein bhàn as àillidh snuadh,’
Le crìdhnach fuar ort dearcam dlùth;
Tha geal as deargcomh-ghleachd adghruaidh,
S is doirbh ra luaidh gach buaidh thad ghnùis.

S tu lus as àilttha fàs air raon,
Mar òighgun ghaoid do chaoin chruth bàn;
Gu nàrach, gràdhach, màlda, maoth,
Dearg-bhileach, caoin-gheal, aoidheil, tlàth.


[43]

Am maduinn chiùin-ghil, chùbhraidh, chaoin,
Mar neòinein maoth air raon nam blàth:
Do ghrian nan gath le barrachd gaoil
A sgaoil a chaoin uchd gaolach, tlàth.

Mac-samhailt so do ghrian nan gràs,
Le barrachd gràidhan càirdeas dlùth,
Air manamdearsadhghathan blàth,
As dhasan ìocam gràdh as cliù.

As ge dthig dubhar air mo ,
Car tràth ge dshnàmh mo ghrian tre neòil,
Mar neòinein maoth ge dfhaigheam bàs,
S ge dshearg mo bhlàth car tràth fon fhòid.

Orm ruigidh earrach, drùighidh màrt,
Le dealta tlàth, ’s le gathaibh caoin;
Orm dearsaidh grian as boillsgidh ,
Gu bràth nach sgàilear le dubh-neòil.

Am neòinein gràidh fo sgàil nan geug,
A chaoidh nach cailan sgèimh non snuadh;
Le mbhroilleach sgaoilte ri caomh ghréin,
Am maduinn chéitein, shèimh, bhithbhuan.

Fo sgàil nan craobh tham flaitheas Dhia,
Air bruachaibh sgiamhach nan sruth beò,
Cha lot aghealach mi no ghrian,
S gu sìor cha sheachds cha chrìon mo ghlòir.

title9
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page