EACHDRAIDH NA H-ALBA, ANNS A’ BHEIL GEARR-IOMRADH AIR NA NITHIBH IS CUDTHROMAICH’ A THACHAIR ’S AN RIOGHACHD, O NA CEUD LINNIBH, GU MEADHON AN NAOIDHEAMH LINN DEUG.
LE AONGHAS MAC COINNICH.
GLASCHO:
G. MAC-NA-CEARDADH, 62 SRAID EARRAGHAIDHEIL,
OBAN, S. MUILLEIR; INBHIRNIS, I. NOBLE.
AN ROIMH-RADH.
CHA b’ ann air son dhaoine fòghluimt’ a sgriobhadh an Eachdraidh a leanas, ach air son dhaoine neo-fhòghluimte. Cha ’n ’eil an t-ùghdar a’ gabhail air, aon chuid comasan neo-àbhaisteach àrd, no eòlas neo-àbhaisteach farsuing, a thoirt a dh’ ionnsuidh na h-oibre. Agus mar sin, cha ruig an leughadair fòghluimte leas a ghealltuinn dha féin gu ’m faigh e mòran innte nach ’eil ri ’fhaotainn ’an Eachdraidhibh Beurla na rioghachd, nach ’eil tearc ’an àireamh. Ach cha ruigear a leas, air a shon sin, leth-sgeul sam bith a ghabhail air son na h-oidhirp so a thoirt air luchd labhairt ar cànain a shoilleireachadh ’an eòlas air nithibh a bha, mar a dh’ fheumas sgriobhadairean Beurl’ a dheanamh, aig nach’eil rùm air fhàgail gu sgriobhadh mu ni sam bith air nach deachaidh mòran a sgriobhadh cheana. ’S i so a’ cheud oidhirp a thugadh air Eachdraidh Alb’ o thoiseach gu deireadh a chur a mach ’an seana chànain na dùthcha. Agus mar sin, ged a bhiodh mì-fhoirfeachd timchioll oirre, mar gu bheil, ’s còir giùlan ni’s suairce le sin na dheantadh le mearachdaibh an luchd seanchais a thig ’n ar déigh.
Bha trì nithe àraidh air an cumail ’s an amharc ann an sgriobhadh na h-Eachdraidh so, a bha mar shnàthainn-riaghailt air gach mìr fa leth dhi mar a bha i ’dol air aghart. 1. I bhi firinneach. 2. I bhi goirid. 3. Uiread ’s a ghabhadh deanamh a bhi air a dheinneadh innte. A measg gach seanchais eil’ a bhiodh feumail ’us taitneach ’an Eachdraidh Ghàelich, mheasadh iomchuidh beag no mòr a chur innte mu ’n Fhéinn. Agus a réir sin bha ’m focal sin, a tha na h-uile Gàel cleachdta ri ’chluinntinn o ’s cuimhne leis, air a chur sios mar thiodal aon de na caibdeilean, faisg air an toiseach. Ach an déigh moran dioghluim ’us rannsachaidh a a dheanamh anns gach àit’ ’an saoileadh neach a bhitheadh eòlas air seanchas nan aman ud ri ’fhaotainn, b’ éigin a’ chuid so de ’n ghnothuch a leigeadh seachad. Agus mar is mò leughas neach sam bith de sgriobhaidhean nan Sasunnach ’s nan Gall
A réir na h-uile coslais cha ’n ’eil rian eile bu luaith’ a chuireadh ’n an tosd na h-uile connspaid ’us teagamh mu eachdraidh Taoibh tuath Alba ré na h-ùin’ a bha na Ròmhanaich an Ceann a Deas an eilein, na gu ’n ruigeadh luchd rannsachaidh air eòlas co mion air a’ Ghàelic, seana chainnt na dùthcha, ’s gu ’m b’ urrainn iad a dhearbhadh o ’n dòigh ’s an robh i air a labhairt c’uin, a bha Oisean a’ seinn, agus c’ uin a bha bàrd sam bith eil’ a dh’ fheudar ainmeachadh, roimhesan no ’na dhéigh, a’ seinn.
Anns a’ chomh-dhùnadh, dh’ iarradh an t-ùghdar a bhi ’g altrum an dòchais gu ’n tòir mòran de chàirdean na Gàeltachd, nach ’eil gu h-iomlan ’an urra ris a’ Ghàelic, gnùis do ’n oidhirp so air ar luchd-dùthcha ’shoillseachadh ’an eòlas air eachdraidh na rioghachd; agus mar sin gu ’n cuidich iad le bhi ’toirt o gach Gall ’us coigreach eile fàth a bhi ni ’s faid’ a’ tilgeadh mar athais air na Gàeil, nach cùm iad suas litreachadh ’n an cànain féin, ciod sam bith eil’ a chumas iad suas.
Glascho an 24mh la de’n Mhaigh, 1867.
[v]title | An Roimh-Radh |
internal date | 1867.0 |
display date | 1867 |
publication date | 1867 |
level | |
reference template | Eachdraidh na h-Alba %p |
parent text | Eachdraidh na h-Alba |