[1]

EACHDRAIDH NA H-ALBA.

CAIBIDEAL I.

EACHDRAIDH NEO-SGRIOBHTACIONNUS A LEUGHAR I.

CHANEIL e comasach a dheanamh a mach le cinnteas ciod an t-àm de eachdraidh an t-saoghails an tàinig daoine do na h-eileanaibh Breatunnach an toiseach. Chaidh, gu dearbh, mòran a sgrìobhadh, araonan Albas an Sasunn o shean, le cuid a bhagabhail orrabhi làn fhiosrach air aphuinc so, agus a chaidh co fada ri bhi ag innseadh ainm acheud righ, no na ceud ban-righ a bhair Alba. Ach tha luchd-eachdraidh ar -nefaotainn a mach gu bheil cantasan an luchd-seanachais ud, le beagan criathraidh, atuiteam gu làr, seadh nach feudar creideas sam bith a thoirt doibh.

Gidheadh chan- eil aobhar sam bith a chur an teagamh, nach tàinig clann-daoine gu maith moch gu bhi ag àiteachadh tir-mòr na Roinn-Eòrpa, ri oirthir na fairge, araon air an taobh sears air an taobh siar. Bha Noah beò 350 bliadhna an déigh na tuile; agus tha e coslach gun robh an talamh air a roinn leis eadar a chuid macs an sliochd roimh àm a bhàis, ni a tha Eber, an seathamh pearso Shem, acuran cuimhne leis an ainm a thug e air a mhac féin, Peleg, ged nach do sgaoil iad o chéile gu beagan ùine an déigh sin, ’n uair a leig iad diubh togail Bhàbeil. Chuir sliochd Iapheit, an déigh an sgapaidh a bhan sud, an aghaidh air eileanaibh nan cinneach, a réir achrannchuir a thuit orra roimhe sud. Agus o nach robh leithid de ni is càbhlach air domhan


[2]s na h-amaibh ud, tha e furasda chomh-dhunadh gun trialladh iad air an socair troimhn Asia Bheag, ri cois na mara, ’n am buidhnibh fo na cinn-fheadhna a roghnaich iad féin, gus an ruigeadh iad an caolas ris an abrar, Bosphorus, eadar an Asia Bheags an Roinn-Eòrpa, a tha co cumhangan cuid de àitibhs gum feudadh daoine labhairt ra chéile o gach taobh dheth air feathach. Cha bhiodh doirbheadas sam bith, eadhon aig acheud luchd-turuis, ann am faighinn thairis air achaolas so. Aon uairs gun faigheadh iad cas air tìrs an Roinn-Eòrpa, dheanadh iad an ath sgapadh; aon bhuidheann adol an ear ri oirthir na Mara Duibhe, ’s an ceann beagan ùine troimhn dùthaich gu ceann na mara sear, gus an ruigeadh iad aGhearmailtus Lochlain; agus abhuidheann eile aleantuinn rompa ri cois Muir Meadhon-tire, troimhn Ghréigs an Eadailt, gus an ruigeadh iad an Spàinns an Fhraingan ùine nach biodh fada; na h-uile ceum ri cois na mara. Nis, ’n uair a bheirear fainear cia co luath an déigh Tùr Bhabeils a tha luchd-eachdraidh ag innseadh gun robh rìoghachdan air an suidheachadh air taobh siar na Roinn-Eòrpa, ri cois Muir Meadhon-tìre, tha e sàbhailte gu leòir a ràdh gun robh luchd-àiteachaidh air taobh tuath na Spàinns na Frainge, mar a bfhadalaiche 200 bliadhna an déigh na h-oibre ainmeil a bhan sud. Agus on a tha caolas na Frainge co cumhangs gun deanadh eithear glé shuarrach e ann an greis de samhraidh, cha bhiodh iad ùine sam bith gun tighinn a nall a dhfhaicinn ciod an seòrsa dùthchabhan sud á tuath orra; agus mar sin sgaoileadh achuids achuid o cheann gu ceann den eilean, ’s o thaobh siar an eilein tarsuinn gu Eirinn. Nis ma than co-dhunadh so cothromach, bheireadh e dhuinn mun cuairt do dhà mhìle bliadhna an robh luchd-àiteachaidham Breatunn, ’s gun an t-iomradh is lugha, de nàdur creideasach, againn air cionnas a bha iad beò ann, no ciod aghnè caitheamh beatha a bhaca. Bu linnean dorchiad sud da rìreadh, —dorchas na h-uile seadh an robh aon ghinealach asiubhal, ’s ginealach eile ateachd an déigh achéile, mar fheur
[3] na machrach no mar dhuilleach nan craobh, gun eadhon beul-aithris féin a bhitilgeadh uiread is gath soluis leis am faiceamaid cionnus a bha ar sinnsearan acaitheamh am beatha, no air an riaghladh, agus a réir coslais, nithe gu leantuinn mar so, gus mu dheireadh thall an do smuainich an t-Impire Ròmhanach air tighinn a nall a dhfhaicinn cionnus a bha dol dòibh.

2. Ach ged nacheil aon chuid beul aithris no eachdraidh sgriobhtatoirt cunntais sam bith mu cheud luchd-àiteachaidh nan dùthchanna so, gidheadh tha daoineòlasach afòghlum ni eigin den dòigh bhi-beò a bhaca le bhi cladhach anns an talamh. Tha luchd siubhail fadus farsuing, air muirs air tìr, ag innseadh an dòigh a bhaig Innseanach neo-chàllaichte cinn a tuath America, ’an toiseach na linn so, mureil gus an n diugh, air gearradh na craoibhe dheth am bheil edol a dheanamh Canù, no feum sam bith eile timchioll air a ghnè ionaid-tàimh a thaige. Fadaidhidh e teine ri bonn na craoibhe, ’s an uair a bheir e làthrach innte sgrìobaidh en sin air falbh lethuaigh-chloiche na bhios air a ghualadh dhethn chraoibh, ’s cuiridh en teine rìs rithe, ’s bithidh mar sin greis mu seach aige ga sgrìobadhs ga losgadh, gus an tuit i lecudthrom féin. Gabhaidh en rian ceudna gugearradhs an fhad iomchuidh, ’s anns na h-uile car eile a dhfheumar a dheanamh timchioll oirre gus am bi i ullamh air son an uisge ghabhail leatha. Aguss ann direach mar so a bha seann luchd-àiteachaidh Bhreatuinn, ’s na ceud linnibh, agearradh an cuid fiodha, ’s adeanamh an cuid eithrichean. Fhuaradh eithear beag mar so o cheann tearc bhliadhnachan air taobh deas amhuinn Chluaidh, ’n uair a bha iad acladhach air son port Ghlascho fharsuingeachadh. Tha i air a cladhach a mach á aon mhaide daraich, le teines le tuaigh chloiche, mar a tha na comharraidhean a tha oirre gus an n diugh adearbhadh. Fhuaradh mòran eithrichean eile cosmhuil rithe soan àitibh eile de Alba, co maith is timchioll air Glascho. Bhan seana Bhreatunnach mar an ceudna acleachdadh an inneil ud mar thuaigh-chatha. Fhuar-


[4] adh o cheann ghreis ciste-laidhe de chloich, air nach robh obair ghrinn, fo chàrn mòr ann am monadh, ’an ceann a deas Alba. Anns achiste bha cnàmhan duine de mheudachd neo-chumanta. Bha aon da ghàirdeanan ach beag air a sgathadh on ghualainn. Bha pronnag de chloich glé chruaidh aleantuinn ris achnàimh sgaithte. Thugadh am buille a rinn an obair ud le tuagh chloiche. ’Nuair a sheall am fear a bhuadhaichs achòmhrag air a thuaigh chatha an déigh dol dachaidh, chunnaic e gun robh i gu maith cabach leis an sgealb a dhfhalbh as a faobhar. Than sgealb ud atighinn an àird, an déigh mìltean bliadhna dhol seachad, a dhinnseadh a seanachais féin. Tha mar an ceudna cinn shaighdean a bha air an gearradh á ailbhinn dheirg aig achrann-treabhaidhg an dùsgadh suasan iomadh àite dhethn dùthaich. Tha iadan cuid de àitibh co lìonmhors gu bheil e soilleir gun do choinnich cuid de na treubhan achéile gu còmhrag air an làthraich. Tha mar an ceudna cinn shleaghan, ’us sgeanan ailbhinng am faotainns an talamh o àm gu h-àman caochladh àitibh den dùthaich. Their seanachaidhean an Linn Chloiche ris na h-amaibh uds an robh ar sìnnsearan agnàthachadh uidheamus armachd chloiche. Nis chan urrainnear a thighinn ach gu aon cho-dhunadh a thaobh an lòin a bha iad acleachdadhs na h-amaibh ud. Ge be sam bith deargadh a dheanadh an tuagh non t-sleagh a bhan sud air feòil, cha deanadh e dad sam bith air tionndadh talmhainn leò, no leis amhaide dharaich air am a burrainn e a chur de fhaobhar; ’s mar sin gur i cleiteag glé bheag fearainn a bhiodh aig an tuathanach bu dìchiollaichen am measg, ’s mar bu trice nach biodh iad astrì ri fearann idir, ach gu h-iomlan an urra ri measaibh fiadhaich nan craobh, ’s na ghlacadh iad de iasg air aimhnichibh, bliochdus buannachd eile an cuid spréidhe, ’s feudaidh e bhi, nis na riù sud uile, eunachdus fiadhach nam beann. Agus mar a bha mòran den dùthaich còmhdaichte le coille o shliabh gu sàl, ’s nach robh an luchd-àiteachaidh ro lìonmhor, bhiodh an t-sitheann gu maith pailt.


[5]

3. Ach ri ùine thàinig na treubhan borb ud, air dhòigh air chor eigin, gu eòlas fhaotainn air miotailtibh dheth am bfhusadh armachd a dheanamh na clach ailbhinn. Bha na miotailtean, bogus cruaidh, tàireilus prìseil, ’am pailteass an talamh fon cosaibh. ’S ann air achuid bu bhuige dhiubh a fhuair iad eòlas an toiseach, stàin agus copar, a tha iad féin co bogs nach deanadh iad armachd sam bith. Ach an uair a mheasgaichear le chéiliadan tomhas àraidh, ni iad stuth ris an abrar pràis, a tha gu maith cruaidh, ’s a ghabhas geurachadh. Ben ceud cheum aghartais a rinn iad gu càllachadh so fhaotainn a mach, agus e sgaoileadh nam measg. Le tuagh den mhiotailt so dhfheudadh an seana Bhreatunnach dol don choille, ’s na thogradh eghearradh de chraobhan, ’s am feum a thogradh e dheanamh dhiubh. Agus gun teagamh bha bhuil, araon air an àitibh còmhnuidh, ’s air an cuid fearainn. ’An àite nan tighean fo thalamhs an robh iad acòmhnachadh agheamhraidh fhads a mhair an Linn Chloiche, tha iad a nis adeanamh thighean is fearr, ’s a deanamh àirneis tighe, ’us nithe eile nis comhfhurtaile. An àitachòmhdaich de bhian nam fìadh, ’us bheathaichean eile, ris an robh iad cleachdta roimhe sud, tha iad a nis adeanamh innealan càrdaidh, sniomh, ’us figheidh eudaichean, ’s ged nach biodh iad glé mhìn, a bha comhfhurtail gu leòiran coimeas ris na nithibh a bhacas na h-amaibh a dhfhalbh. Gheibheadh na mnathan uaisle nis pailteas de phrìneachan umha gus am brat a cheangal umpa, ’an àite nam prìneachan adhairc leis am biodh iad aceangal.na tonnaig mun guailnibh roimhe sud. Aon uairs gun dfhuair iad eòlas idir air na miotailtibh bha iad adeanamh aghartais chabhagaich ann a bhig iunnsachadh feum a dheanamh dhiubh. Feudaidh e bhi gur ann o choigrich a fhuair iad an ceud seòladh mu thimchioll nam miotailtean. Tha fios gun robh luingeas Thiruis, ’us taobhs ear Africa, aceannach stàinan ceann a deas Shasuinn, àireamh linntean mun tàinig coigreach sam bith an rathad air los Breatunn a cheannsachadh. Theirear an Linn Phràis ris an ùina


[6] bha iad adeanamh gnothuich leis amhiotailt, mun dfhuair iad eòlas air an iarrunn a leaghadh.

4. Chan fhaod teagamh sam bith a bhi a thaobh na h-aidmheil a bha aig seann luchd-àiteachaidh nan eileanan Breatunnach. Bin aidmheil Dhruidheach a bha na Ceiltich Phàganach uile aleantuinn anns gach àite den Roinn-Eòrpas an robh iad, araon air tir-mòrs anns na h-eileinibh. Agus bi sin an aidmheil a bha acaan Alba mun do sgaoil an creidimh Criosduidh ann. Tha cuid de luchd-eachdraidh ag ràdh gun robh na Druidhich air an roinnn an trì òrduighibh; an ceud òrdugh, na sagarta; an dara òrdugh na Feallsanaich, no daoine glice; an treas òrdugh na Barda. Achs es coslaiche, ged a bha àitaig an òrdugh so mu dheiradhn am measg, gum biad na sagarta a mhàin na Druidhich, an làn sheadh an ainme. Chan urrainnear dad a ràdh le cinn teas mu thimchioll theagasgan nan Druidheach air son an aobhair so, nach do chuireadh focal diubhan sgrìobhadh riamh. Cosmhuilris na cinnich iodhal-aorach uile a bhabonntachadh an aidmheil air sgeulachdaibh a dhealbhadh gu h-innleachdach, bha iad acumail an teagasgan co dìomhairsa ghabhadh deanamh. Chan fheudadh neach air bith dad fhaotainn a mach mun timchioll ach òrdugh nan sagartan a mhàin: seann sagarta gan iunnsachadh do shagartaibh òg, a dhfheumadh àireamh bhliadhnachan a thoirt air clo-bhualadh air an cuimhne na dreabhlainn ud nach feudadh iad a chomh-pàirteachadh ri neach sam bith nach biodh dhethn òrdugh féin. Ach ged nacheil dad sgrìobhta mu an teagasgan, tha nis leòir sgrìobhta mun gnìomharaibh om feudar nàdur an teagasgan a bhreithneachadh. Bhan aidmheil Dhruidheach, cosmhuil ris gach aidmheil a bha aig cinnich fhiata an t-saoghail, ’na h-aidmhiel fhuiltich, ain-tighearnail. Bhiodh iad ag iobradh dhaoinair an altairibh dan diathaibh bréige. Bhiodh iad adeanamh fiosachd on dòighan sruthadh an fhuil as an lot an déigh an sgian a chur ann, agus on chràdh-chrith a bhiodh atighinn air an neach a lotadh gus am bàsaicheadh e. Mar bu


[7] trice, ged nach bann a ghnàth, ’s ann ri ciontaich, a bha réir an laghair an dìteadh gu bàs, a bhiodh iad abuntainn mar so. Cha robh teampuill idir acair son aoraidh. Bha aghnè aoraidh a bhacas an deas-ghnàthaidhean air am frithealadhs an achadh fhosgailte. Ach bhiodh àitean sonruichtacair son aoraidh, anns an robh buailtean air an deanamh de chlachaibh mòrair an cur nan seasamhs an talamh. Bha cuid diubh sin bu mhò na chéile; ’s tha àireamh mòr dhiubh gus an diugh, faisg air a bhi co slàns a bha iad riamh, air feadh eileanaibhus tìr-mòr na Gaeltachd. Mar bu trices ann a measg nan craobhan daraich a bhiodh an doireachan, far am faighteadh craobhan daraich. Bhachraobh dharaichna h-aon den cuspairean aoraidh. Bha mòr ùghdarras aig na sagartaibh thairis air an t-sluagh anns gach treubh fa leth. Biad na sagarta, araon luchd-deanamhs luchd-frithealaidh an lagha. Cha bhiodh e tearuinte do dhuine sam bith, àrd no ìosal, cur an aghaidh am focail no an reachd-san. Nan iomsgaradh iad duine o an comunn, bu co maith dha bhi marbh féins a bhi beò. Beagalach an do dhuineile teine no uisge a thoirt don neach dan do thoirmisg an sagart na nithe sin, no fasgadh no caoimhneas air bith. Biad na sagarta mar an ceudna luchd-réiteachaidh ghnothuichean eadar na treubhan fa leths na rioghachdanan déigh cogaidh. Bhiodh an t-àite no an dreuchd a burramaiche aca measg gach trèibh no dùthaichs an robh iad. Bha iad ag aoradh do àrd-dhia, riaghlair an t-saoghail. Fon ainm Bel bha iad ag aoradh don ghréin, a bhana dia iocshlaint aca, a chionn gur h-ann le teas na gréine a tha na luibhean afàs. Bha dia cogaidh aca, ’s dia malairt, ’us dia deas-bhriathrachdus bàrdachd. Tha e coslach gur h-anns an àird an ear a dhéirich aghnè aidmheil so an toiseach; oir tha luchd-eachdraidh ag innseadh gur h-em focal Greugach, Drus, a thaciallachadh, craobh dharaich, freumh an ainme, Drui no Druidh. Anns an Uilioc bha iad afaicinn samhladh neo-bhàsmhoireachdbhiodh ise fo bhlàth an uair a bhiodh nàdur gu h-iomlan seargta, agus a thaobh
[8] coslais marbh. Cha ghearradh iad uair sam bith i ach air an t-seathamh de aois na gealaich. Sgathadh aon sagartan trusgan geal on chraoibh i le coran òir, ’s bhiodh sagartan eile acumail brat geal gus a glacadh co luathsa thuiteadh i; oir bha iad asmuaineachadh nam buineadh i idir don talamh gun cailleadh ifeartan. Bha mar an ceudna an ais-innleachd ris an abrar an sgoil-dubhn am measg; ’s chaneil teagamh air bith nach robh iadga chleachdadh cuideachd. ’S ann a chionn gur ann acasan a thòisich e, ’s gur iad bu trice a bhag a chleachdadh, a theirear druidheachd risn ar cànain-ne, ’s e sin cleasachd nan Druidhean. Feudaidh e bhi gun do ghabh iad aon leasan on diadhachd fhirinnich dheth an drinn iad am feum féin, le bhiteagasg don t-sluagh gur sìthus sonas a gheibheadh iadan déigh am bàis. ’S an aimsir is ro shine na Linn Chloiche bha treun-laoich achath air an adhlacadh len innealaibh cogaidh slàn, aciallachadh gun robh iad gu bhicogadhs asealgaireachdan saoghal nan spiorad, mar an so. Ach an déigh sin, na Linn Phràis, thàinig iad gu bhig an adhlacadh len armaibh air am briseadh, aciallachadh gun robh iad gu fois a ghabhail tuilleadh. Ach chan urrainn a bhi againn ach barail co dhiubh is iad na sagarta Druidheach a thug gus an atharrachadh beachd so iad no nach iad, a chionn gu bheil eachdraidh na tosd air aphuinc.

titleCaibideil I
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page