[61]

CAIB. X.

A’ MHAIGHDEANN LOCHLUNNACH.

BHASAICH clann Alastair III. uile roimhe féin. Bha a nighean, Mairireat, air bhi pòsdaig Eiric, mac righ Lochluinn, air lorg còrdaidh a rinneadh eadar an rioghachdan àm nasgaidh na sìthan déigh blàr Làirg. Thàinig Eiric an déigh sin gu bhi na rìgh air Lochlunn. Ach bi aon nighean a bhaig ban-righ Mairireat air an robh a h-ainm féin. Bhàsaich PrionnsAlastair, mac an rìgh an déigh tighinn gu fearachas, agus ged a bha e pòsda cha dfhàg e duine cloinne. Cha bu luaitha chual a phiuthar, ban-righ Lochluinn mubhàs nadhfhàs i féin tinn, ’us bhàsaich i goirid an déigh sin. Cha robh, mar so, duine beò dhethn teaghlach rioghailn uair a dhfhalbh an rìgh ach an aon ogha nighinn a bhaigan Lochlunn.


[62] Chaidh abhan-phrionnsa sin éigheachna ban-righ Alba gun dàil an déigh bàis a seanar, ’s gun i ach ochd bliadhna dhaois. ’S iMhaighdeann, Lochlunnach a theirear rithe mar is trican eachdraidh. Chuireadh luingeasan òrdugh air son a toirt a nall gu rioghachd a sinnsir. Bha Sir Michel Scot, duine ro chlùiteach, ’na aon de na cùirt-theachdairean a bha ga coimheadachd a nall thar chuan.

Aig an àm so bha duine roshaoghalta, dàn’” air righ-chaithir Shasuinn, Eideard I. Besan bràthair na ceud ban-righ a bhaig Alastair III., agus bràthair seanar Maighdeinn Lochluinn. Bhiodh en tràthsus a rìs atilgeadh sùil dhéigheil a nall air Alba. Bhacheud oidhirp a thug e air Alba a cheangal ririoghachd féin, laghail gu leòir nam biodh e air soirbheachadh leis; be sin cùmhnant pòsaidh a dheanamh eadar a mhac féin agus ban-righ òg Alba, agus i fathasts an tìrs an drugadh i. Achs e bhan sud cùmhnantachadh dhaoine, ’s ged bu daoine cumhachdach iad, cha robh cumhachd aca bheireadh an rùintean gu crìch. Ged bu leanabh rioghail, agus ro mhùirneachs an àm ud abhan Lochlunn, bha i co buailteach do thrioblaid ri leanabh eile. Chaidh gach ni gu maith leis na teachdairean Albannach gus an dràinig iad Arcu a tighinn air ais. Dhfhàs a bhan-phrionnsa tinn, ’s bhàsaich in sin. Bha rioghachd Alba gun oighre, ach feadhainn a bha fad as, ’s càita nis an robh cumhachan rìgh Shasuinn. Shaoileadh daoine gun leigeadh Eideard dheth a dhùil ri Alba fhaotainn tuilleadh. Ach cha be sin fear a bhann. Tha e air a shamhlachadh le cuid de luchd-eachdraidh ris an rìgh air a bheil an Sgriobtur alabhairt, “a mheudaicheas a mhiann mar ifrinn, agus a tha mar am bàs, agus nach urrainn a bhi air a shàsachadh, ach a chruinnicheas thuige féin na h-uile shlòigh.” Bha e, goirid roimh sud an déigh na Ueilsich a cheannsachadh, agus an rioghachd bheag aca chur ri rioghachd Shasuinn, Biadsan sliochd ceud luchd-àiteachaidh Bhreatuinn a deas, a bhair am fuadachadh leis na Sacsonaich do oisinn an iar-dheas na dùthcha, mar dhainmicheadh cheana, agus


[63] a chuir suas prionnsa dhiubh féin os an ceann, ’s a sheas mar rioghachd, len laghannaibhs an seana chainnt féin còrr is ochd ceud bliadhna, gus an do chuir Eideard son a cheann an ceannsachadh. An déigh dha buaidh fhaotainn orraan cogadh, dhfhàisg e uatha cumhachan cruaidhe; agus an ùine ghoirid dhéignich e iad le fòirneirt gus na cumhachan sin a bhriseadh, agus éiridhan ceannaircna aghaidh. Chaidh en sin a mach nan aghaidh le feachd cumhachdach leis an do sgap e o chéilan armailt-san. Fhuair en làimhus chroch e Liu-ellen, am prionnsa, agus rinn eni ceudna air amheud den cuid bàirds air an dfhuair e greim, a chums nach biodh iad lem bàrdachd acumail suas misneachd an luchd-dùthcha, le bhi seinn gniomharan euchdaidh an sinnsireachd. On àm so tha Ueils aonaichte ri crùn Shasuinn, agus theirear prionnsa Ueils ri tàinisteir rioghachd Shasuinn, Ach air a shon so uile ghléidh iad an seana chànain féin gus a nis, ’s tha caochladh phaipeirean naigheachd, ’us eòlasan eile de gach seòrsair an craobh-sgaoileadh innte. Theirear Gàeltachd Shasuinn ri Ueils, mar eadar-dhealaichte Ghàeltachd Alba.

2. Bha Eideardna dhuine làidiram pearsa. Theirteadh am Fad-luirgneach ris a thaobh co àrds a bha e. Bha e mar an ceudna co seòltas a bha e co fuilteach. Baithne dha crùbadh sìos roimh dha leum air achreich, cosmhuil ris an liopard, a bha egiùlan mar shuaicheantas air a sgéith. ’N uair a chuir àireamh maith, mun cuairt do dhusan, de na tighearnan Albannach còir-thagraidh a steach air achrùn, mar mhuinntir a bhan dlùth chàirdeas ris an teaghlach rioghail, cho-aontaich iad, air sgàth dòirteadh folasheachnadh, an còraichean a chur fa chomhair rìgh Shasuinn, mar an coimhearsnach bu chumhachdaiche a bhaca, ’s a bhi riaraichte leis abhreith a bheireadh e. Chuir e mar chumhorra gum feumadh iad e féin aideachadh mar àrd-thighearna, no uachdaran na rioghachd. Chuir an t-agartas so iongantasus uamhas air an àireamh de àrd mhaithean, ’s de luchd-eaglais na h-Alba, a bhair tional gus a choinneachadh aig achrìch Shasunnaich, agus dhiùlt


[64] iad freagradh sam bith a thoirt gus am biodh ùinacan comhairla chur richéilair leth. “Ach,” arsesan le speuradh uamhasach, “air Naomh Eideard, dam buin an crùn a thair mo cheann, bheir mi mach mo chòir cheart, no caillear mis an oidhirp.” Aig an àm cheudna sgaoil en comh-chruinneachadh Albannach, atoirt doibh trì seachduinnean de dhàil gu iad féin a thoirt a nuas a dhionnsuidh an ni a bha eg iarraidh.

Bhan rioghachd co mòr air a roinn le àireamh co lionmhor de luchd comh-shreip a bhasealltuinn air son achrùins gum faca na bha dhaoine glicinnte nach robh coslas sam bith air gum burrainn iad aghaidh a chumail ris an nàmhaid chuilbheartach ud, a bha ga chromadh féin sios gu grad leum orra aig acheud chothrom a gheibheadh e. Dhfhàg iad an gnothuch gu h-iomlan eadar e féin“ ’s an dusan.” Agusnuair a thàinig an ceann , choinnich an fhear-dheug sin Eideard a rìs, ’s mar a bha gach fearan dùil gun cuirte comain air an aon a bullaimh a bhiodh gus am breitheamh a thoileachadh, dhaidich iad uile, fearan déigh fir, gun robh iad deònach air achrùn a ghabhail o làimh Eideaird mar àrd thighearna na tìre! !! Bha fios aig Fad-luirgneach gu maith co dhethn deanadh e atharrais rìgh. Achnuair a fhuair e iad uile mar sud gudhòigh féin, thòisich e le mòr shòluimteachd, ma bfhìor, air rannsachadh còir gach aoin fa leth dhiubh air achrùn. Chunnacas gu h-ath-ghoirid gun robhchòir aseasamh eadar Raibeart Brus, Morair Annandail, agus Iain Bailiol, triath Ghalobhaigh. Biad sin da rìreadh a bfhaisg’, a thaobh càirdeis, air an teaghlach rìoghail a dhfhalbh. Be Bailiol ogha Maireireit, nighean bu shine Dhaibhidh, Iarla Huntington, bràthair Uilleam an Leòmhan, mar a chaidh ainmeachadh cheana, agus mar sin be brathair seanar Alastair III. Thug Eideard an crùn do Bhailiol. Fhuair e cothrom tighinn gu ruige Scoinne gu bhi air a chrùnadh, ach béigin da dol a rìs do Shasunn a dheanamh ùmhlachd do Eideard. An déigh an allabain so uile thàinig e air ais do cheann


[65] bhaile na rioghachd gu suidhair rìgh-chathair Albabha glé dheilgneach.

3. Ben rian a ghabh Eideard air son fàth fhaotainn guthilgeadh thar na caithreach, a bhi ga shior-shàrachadh le fanoids le fòirneirt, gus an éignicheadh se e gu éiridhan ceannairc. Nam biodh neach sam bithan Alba mi-riaraichte leis acheartas a bha Baliol adeanamh dha, bha Eideard afìadhachadh gach aon dhiubh sin gus a chùis a thogail guchùirt féin. Bha e mar bu trice mar so a cur an neo-bhrigh gach cùis-bhreith a bha Baliol atoirtan Alba, ’s a deanamh cùis-mhagaidh dheth am fianuis a chuid iochdarana féin. Nan gabhadh e dhànadas air gearan sam bith a dheanamh air deanadas Eideard, bhan smachdachadh air a dheanamh mòran ni bu mhiosa.

Fadheòidh, leis gach gonadhus tàmailt a bha e faotainn, rùnaich Bailiol còmhnadh iarraidh air righ na Frainge gus achuing Shasunnach a thilgeadh dheth; agus sgriobh e dhionnsuidh Eideard nach robh e gu bhi ni bfhaidena eisimeilan ni sam bith. “Ah!” ars am Fad-luirgneach, “an dàna leis an leth-chiallach ud gniomh co amaideach a dheanamh; o nach ruig e sinne, mar is dleasdanach dha, théid sinne far am bheil esan.” Chruinnich an Sasunnach feachd lìonmhor air ceann an do thriall e do Alba. Chuir en ruaig air Bailiolam blàr a chuireadh aig Dunbhàr. Mar a bha Bailiolna dhuine meath-chridheach leig e seachad an còmhrag. Thàinig e gu h-umhal ga thoirt féin suas do Eideard, ag aideachadh gum bann le droch comhairle muinntir eilebha e air a bhrosnachadh gu ceannaircan aghaidh an neach a beàrd-thighearna; agus ag aiseag air ais do Eideard rioghachd Alba, leis gach dligha bhuineadh don chrùn, chaidh a rùsgadh an sin de gach inbh’ ’us onair a bhaige, agus a leigeadh air falbh, ’an déigh beagan prìosanachaidh, mar chreutair gun diù, ’an déigh ainmeachas rioghalachd a mhealtuinn chùig bliadhna.

4. Fhuair Eideard a nis an rud a bha emiannachadhs ag iarruidh o cheann fada, cion-fàth no leth-sgeul air son Alba thoirt gu


[66] h-iomlan fo a chomannda féin, gun uireadus faileas rìgh no uachd arain a bhi seasamh eadar esa thoil féin fhaotainn deanto cheann gu ceann den eilean Bhreatunnach. Thriall e troimh Alba air cheann feachd chumhachdaich, atoirt air an t-sluagh anns gach inbhe fa leth e féin aideachadh mar an rìgh dligheach uaithe sud a mach. Lion e daingnichean Alba gu h-iomlan le freiceadainibh de shaighdearan Sasunnach. Dhòrduich e Iarla Mhuireidhna fhear-dìon Alba, ’s shuidhich e Sasunnaichan àrd dhreuchdaibh stàtail na rioghachd. Thug e leis crùn agus slat rioghail Alba, agus eadhon clach aMhanaidh, an Lia Fàil, air am bàbhaist a bhicur rìghrean na h-Alban an suidhaig àm a bhi gan crùnadh. ThaChlach iomraiteach sin air lorg fathastan Lunuinn, agus adeanamh suas pàirt den chaithir air am bi righ Shasuinn asuidhen àm a bhi ga chrùnadh. Tha cuid de luchd-eachdraidh ag ràdh mar an ceudna gun tug Eideard air falbh còraichean sgrìobhta nan tighean Mhanach, agus na h-eachdraidhean bu shinefhuair e annta gus am milleadh e na h-uile dearbhadh sgrìobhtair gun robh Alba roimhe sudna rìoghachd shaoir. ’An déigh na h-uile nithe churs an òrdugh a thogair e féin, phill e dhachaidh le buaidh chaithream, agiùlain nan seudan bu ro luachmhoira bhuineadh don rioghachd ud a bha e nis an dùil bu leis féins leshliochd uaithe sud a mach.

titleCaibideil X
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page