[67] CAIB. XI.
UILLEAM UALLAS.
’N UAIR a fhuair na Sasunnaich Alba fo smachd dhoibh féin, mar a dh’ ainmicheadh, bha iad a’ cleachdadh na h-uile fòirneart a b’ urrainn iad thairis air an luchd-àiteachaidh. Bha ’n t-àrd fhear-lagha, Ormeslie, a’ gairm gu cunntas nan uile nach tugadh mionnan-striochdaidh do Eideard. Bha mòran de na h-Albannaich a’ diùltadh sin a dheanamh mar ni air nach robh còir aig rìgh Shasuinn, a fhuair làmh an uachdair orrasan, ni’s mò le seòltachd na le treubhantas ’us gaisg’ a chuid saighdearan. Air son an diùltaidh so bha e ’toirt uath’ an cuid fearainn ’us maoin, ’s ga ’m peanasachadh air iomadh dòigh eile. Bha Uisdean Cresingam, am fear-ionmhais Sasunnach, mar an ceudna ga’m pianadh a’ togail airgid uatha fo chaochladh leth-sgeulan. Cha robh mòran airgid a’ ruith a measg nan Albannach ’s na linnibh ud, ’s cha robh iad cleachdta ri bhi ’pàigheadh mòran do an righribh dùthchasach féin, a bha ghnàth a’ taisbeanadh comhfhulangas a bhi aca ri ’m bochduinn. Bha iad, mar sin, gu mòr air an tàmailteachadh le bhi air an éigneachadh gu suimean ro mhòr iocadh do Chresingam, air son aobhar sam bith, no aig àm sam bith a b’ àill leis. Agus a thuilleadh air a mhi-riarachadh a bha ’g éiridh o na h-aobharaibh so, bha na saighdearan Sasunnach leis an robh gearastona na rioghachd air an lionadh, a’ deanamh mòran ainneirt air an t-sluagh, ’s a’ taisbeanadh mòran tàir’ ann an dòighibh déiligidh ris gach iosal ’us uasal ’n am measg. Bheireadh iad uatha gun fhoighneachd ni sam bith a chitheadh iad ac’ anns an cuireadh iad sùil, ’s nan gabhadh neach sam bith a bhiodh iad a’ creachadh air cur ’n an aghaidh, gheibheadh e bhualadh ’s a lotadh, ’s bha iad eadhon
[68] a’
cur cuid gu bàs air son a bhi ’
dìonadh an codach féin uatha.
Cha b’
ioghnadh ged a bha na h-
Albannaich air an tàmailteachadh co maith ’
us air an sàrachadh leis na h-
uile ni a bh’
ann, ’
s ged a bhiodh iad deònach air a’
cheud chothrom a ghabhail air éiridh ’
an aghaidh an luchd-
fòirneirt,
na Deasaich,
mar theireadh iad féin riu,
agus an dùthaich aiseag a dh’
ionnsuidh na saorsa dheth an robh iad air an spùinneadh le foill agus ain-
iochd rìgh Shasuinn.
Cha robh ni ga’
n cumail gun sin a dheanamh ach easbhuidh fir treòrachaidh as am biodh làn earbs’
aca, ’
s a bhiodh ’
s na h-
uile seadh freagarrach air son a dhol air an ceann, ’
s an cumail air rian ann an ’
oidhirpibh air an luchd sàrachaidh fhuadachadh a’
mach as an tìr.
Agus gu freasdalach,
bha leithid sin de fhear-
treòrachaidh air a thogail suas ann am pears Uilleim Uallais.
2. Cha b’ aon de àrd-mhaithean Alba Uilleam Uallas, ach bu mhac duin’ uasail e da ’m b’ ainm Sìr Callum Uallas á Ellersli, ’n Siorrachd Renfriu. Bha Sìr Callum so air a mharbhadh leis na Sasunnaich, agus a bhantrach air teicheadh gu taobh tuath amhainn Thatha, far an robh a cuideachd. Bha mar so aobhar fuath gu leòir aig Uilleam do na Sasunnaich. Ach thàinig iad ni bu ro fhaisg na sud air mu’n do dhùisgeadh suas a spiorad gu ceannairc. Tha luchd-eachdraidh ag innseadh, a’ measg sheanachasan eile mu thimchioll, gu’n robh e là àraidh ag iasgach ann an amhainn Inbhir a bha ’na choimhearsnachd. ’An àm dha bhi pilleadh dhachaidh, còmhladh ri balachan a bha’giùlain an éisg a ghlac e, ann am bascaid, choinnich dithis no thriùir dheth na saighdearan Sasunnach e, a bhuineadh do Ghearaston Ara. Rinn na saighdearan gu neo mhodhail, air son am bascaid leis na bh’ ann a thoirt o’n bhalach. Bha Uallas deònach roinn de na bric a thoirt doibh. Ach o nach biodh na Sasunnaich riaraichte le ni bu lugha na ’n t’ iomlan, thàinig na fir o fhoclaibh gu buillibh. Cha robh armachd aig Uallas ach a shlat-iasgaich. Le ceann reamhar na slaite bhuail e buill’ air fear de na saighdearan ’s a cheann leis ’an do mharbh e air a bhad e. Thug e grad thàmhadh air claidheamh an duine
[69] mhairbh, ’
s chog e co duineil leis ’
s gu’
n do chuir e càch gu teicheadh, ’
s gu’
n d’
fhuair e dhachaidh leis a’
bhascaid éisg slàn,
fallain.
Ach b’
éigin da teicheadh air son a bheatha, ’
s a bhi fo ’
n choill car ùine, ’
s an déigh sin àit’
eile de’
n dùthaich a thoirt air far nach robh an gniomh co aithnichte.
B’
ann an ath-
bhliadhn’
an déigh sud a dh’
éirich e’
n aghaidh nan Sasunnach.
Bha e air pòsadh an sin, ’
s a chòmhnuidh ’
am baile Lanairc.
Air là àraidh, ’
an àm an earraich,
bha e ’
coiseachd tre ’
n bhaile,
air a sgeudachadh le deis’
uaine,
a bha fasanta ’
measg nan uaislean ’
s an àm sin de’
n bhliadhna,
agus tearc de luchd-
leanmhuinn ’
s de chàirdean còmhladh ris,
a’
measg an robh Sìr Iain Greumach.
Thàinig Sasunnach mi-
mhodhail an rathad, ’
s thòisich e ri magadh orra. “
Seadh,”
ars esan,
ri Uallas, “
a bheil thu air tighinn as ùr a nall thar fairge?
Tha thu co rìomhach ’
s gu’
n do shaoil leam gur h-
e bh’
ann diot cùirt-
theachdair a’
toirt ban-
righ nuadh da ’
r n ’
ionnsuidh.”
Ghabh Uallas air aghart a’
giùlain na h-
athais gu foighidneach,
ain-
deònach air mi-
thlachd sam bith a thogail.
Ach dh’
iath mòran de ’
n phràpar Shasunnach mu ’
thimchioll,
a’
sior thilgeadh athais air.
Mu dheireadh bhuail fear dhiubh ceann na truaill anns an robh ’
n claidheamh a bha Uallas a’
giùlan air a thaobh.
Ghrad tharruing esan a chlaidheamh ’
s chuir e’
n Sasunnach gu talamh le aon bhuille.
Ann an tiota bha ’
n t-
sabait air a’
bonn.
Réitich ’
na bha làthair de ’
na h-
Albannaich,
mu chùig duine-
fichead—
rathad doibh féin gu tigh Uallais.
Dh’
fhosgail a bhean an dorus.
Ghabh Uallas féin, ’
s a reir coslais tearc de luchd-
leanmhuinn,
a mach air dorus cùil ’
s ràinig iad coill’
a bha dlù dhoibh anns an robh Gil ris an abrar Creagan Chartland,
anns am b’
urrainn siad iad féin a dhionadh o’
luchd tòrachd sam bith a dh’
fheudadh a dhol air an lorg.
Ach rinn Haselrig,
an riaghladair Sasunnach,
dioghaltas eagalach air Uallas air son na thachair.
Loisg e tigh Uallais ’
s chuir e ’
bhean gu bàs:
Theich ban-
oglach a bh’
aice gun fhios,
a mach do ’
n choille, ’
s dh’
innis i na h-
uile ni do Uallas ’
s d’
a luchd-
leanmhuinn.
Bha ’
chràdh spioraid eagalach ri fhaicinn.
Sheas a luchd-
leanmhuinn
[70] timchioll air a’
gul.
Fadheòidh thuirt Uallas riu, “
Togaibh dheth fheara,
is pian gun fheum so.
Cha ’
n urrainn sinn ise a thoirt air ais.
Ach cha ’
n fhaicear tàmh agamsa gus an dean mi dioghaltas air son ise a bha co taitneach ’
s co àillidh,
a chur gu bàs.”
Air an dearbh oidhche sin thionail e deich fir fhichead de dhaoine dileas,
misneachail, ’
s chaidh e gu sàmhach a steach do ’
n bhaile.
Ràinig iad tigh an uachdarain.
Bha e féin na luidh’ ’
an rùm uachdrach gu dorus an robh ceuman staidhreach a’
dìreadh suas o ’
n t-
sràid.
Dhìrich Uallas suas an staidhir so,
chuir e ’
neart ’
an aghaidh an doruis, ’
s dh’
fhàisg e steach roimhe e.
Leum an Sasunnach,
làn uamhais,
a mach as a leabaidh, ’
s ghlaodh e, “
Co tha deanamh na h-
iorghail so?” “
Tha mise,
Uallas,
a bha thusa sireadh fad an là.”
Le sin bhuail e co guineach e, ’
s gu’
n do sgoilt e ’
cheann, ’
s gu’
n deachaidh an claidheamh sios gu cnàimh na h-
amhach.
Dhùisg buaireas air feadh na sràide.
Thionndaidh na saighdearan Sasunnach a mach, ’
s dh’
éirich fir Lanairc thun a’
chòmhraig. ’
N uair a shoilleirich a’
mhaduinn bha dà fhichead deug de na Sasunnaich nan luidhe marbh air na sràidibh, ’
s na h-
Albannaich ’
n am maighstiribh air a’
bhaile.
5. Sgaoil iomradh a’ ghniomh-euchdaidh so air feadh na dùthcha gu h-ath-ghoirid, agus thòisich àireamh de dhaoine tapaidh, colgant’ air tional gu Uallas, mar an ceannard. Bu duine neo-chumanta foghainteach Uallas, ’am pearsa co maith ’s an inntinn. Ma ’s fior na bheil air innseadh mu ’thimchioll le luchd-eachdraidh feumaidh gu ’m b’ aon e de ’na curaidhean co treun sa bha ’n linn no ’n àite sam bith. Ach tha e soilleir gu leòir o chaochladh nithibh mu nach urrainn teagamh a bhi, gu ’m bu duine neo-chumanta calm e. Ann am pearsa, garbh-chnàmhach; aghaidh fhada shoilleir; folt soilleir donn; sùilean soilleir geur-sheallach; scòrr air taobh clì na smeigid; coslas a ghnuis’ smuaireanach, dubhach. So dealbh Uilleim Uallais, duine sònruichte a measg mhòran mhìltean. B’e ’n garg-churaidh so, air a lotadh ’na spiorad, ’s air a dhùsgadh suas mar leòmhan boirionn o’n do bhuineadh a cuileanan,
[71] a rùnaich,
le co-
chuideachaidh a luchd-
dùthcha,
gu’
n rotadh e mach,
aig roinn na béigileid,
a h-
uile Sasunnach a bha eadar ceann a tuath ’
us ceann a deas Alba.
B’
ann goirid an déigh dha ’
n cuideachadh a dh’
ainmich sinn fhaotainn,
agus tighinn a dh’
ionnsuidh an rùin ud,
a thachair an ni ris an abrar an ceann a deas Alba,
Saibhlean Ara.
[Barns of Ayr.] Bha na Sasunnaich a nis a’
tòiseachadh a’
gabhail eagail roimh an treubhantas agus a’
ghliocas a bha Uallas ’
s a luchd-
leanmhuinn a’
taisbeanadh ann an oidhirpibh air an tìr a shaoradh o luchd-
fòirneirt.
Agus ’
s ann a smuainich na h-
uile-
bheistean ud a nis air déiligeadh ri Uallas ’
s a luchd-
leanmhuinn le foill.
Leig iad orra gu’
n robh iad air son sìth a dheanamh.
Dh’
fhiadhaich cuid de ’
n luchd-
riaghlaidh Uallas agus a’
chuid oifigearan gu comh-
labhairt riu féin mu chumhachan sìth.
Bha ’
choinneamh gu bhi air a cumail an taobh a muigh de bhail’
Ara,
ann an aitreabh mhòr fhiodha.
Gheall na h-
Albannaich coinneachadh riu gu siochail,
a reir an t-
sean-
fhocail fhirinnich, “
an duine nach bi olc air aire,
cha smuainich e olc fir eile.”
Air taobh a muigh na h-
aitreibh bha na h-
uile ni gu maiseach agus an deadh òrdugh mar bu chòir a bhi.
Ach air an taobh a stigh bha inneala bàis.
Bha àireamh shaighdearan a’
feitheamh air son gniomh chrochadairean a dheanamh.
Bha buill chainbe air an ceangal gu h-
àrd ri sailibh na h-
aitreibh,
agus snaimeanna-
ruith air na ceannaibh a bha sios diubh air son cinn nan Albannach a thilgeadh annt’
a lion fear ’
us fear,
mar a bha iad a’
dol a steach.
B’
e Sìr Reginald Crauford,
Siorraimh na Siorrachd ud féin, ’
us bràthair-
màthar Uallais,
aon de’
n cheud fheadhainn a thuit ’
s an rib’
ud.
Lean mòran as a dhéigh-
san,
gun duin’
a’
toirt rabhadh dhoibh.
Cha tàinig duine riamh a mach a chaidh a steach.
Bha ’
n cuirp air an tilgeadh ’
n an aon dùn air muin a chéil’ ’
an ceann shuas na h-
aitreibh.
Ach fhuair boirionnach fìrinneach ’
s a’
choimhearsnachd nach robh saor o an-
amharus,
innleachd éigin air sealltuinn
[72] a steach agus na nithe a bha dol air aghart fhaicinn.
Bha Uallas,
gu freasdalach,
rud-
éigin fadalach gun tighinn, ’
s bha bhean so ga fheitheamh air son rabhadh a thoirt da.
Co luath ’
s a chunnaic i e tighinn fagus,
chaidh i ’
na choinneamh ’
s ghlaodh i, “
Oh Uallais ghaisgich,
chroch iad do chàirdean mar dheanadh iad air na coin-
luirg!”
Stad an gaisgeach ag éisdeachd na sgéil eagalaich,
agus ’
s gann a b’
urrainn e suidhe ’
na dhiollaid le bròn ’
us tùireadh.
Ach ged bu duine teodh-
chridheach Uilleam Uallas bha e fad o bhi meath-
chridheach.
Cha robh maith sam bith dol a dh’
iarraidh lorg air a leithid de ni is “
géill,” ’
s an fhoclair aige-
san.
Cha robh e riamh ann.
Agus uime sin b’
e’
n ath char Dioghaltas!
Dioghaltas!
Ghabh e cuairt ’
s a’
choimhearsnachd toiseach na h-
oidhche,
gus am faiceadh e ciod a thachradh. ’
N uair a chaidh na mortairean, ’
s an t-
sabhal mhòr ud,
air mhisg le fuil,
ghabh iad an sin a’
mhisg le dibh làidir,
leann Eireannach, ’
us deochaibh mealltach eile, ’
s chuir iad roinn mhòr de ’
n oidhche seachad le danns ’
us misg.
Choidil mòran diubh ’
an ceann eile na h-
aitreibh ’
s an robh cuirp na muinntir a mhort iad na ’
n sìneadh. ’
S bha mòran diubh air bhileitibh ’
an caochladh thighibh feadh bail’
Ara. ’
S e àireamh ro bheag dhiubh a chaidh do’
n Chaisteal an oidhch’
ud.
Bha na tighean ’
an ceann a deas Alba ’
s na linnibh ud air an togail le fiodh,
mar tha tighean cinn a tuath America an diugh.
Thug Uallas òrdugh do’
n “
mhnaoi fhirinnich”
ud comhara so fhaicsinneach a chur le cailc air na tighibh ’
s an robh na Sasunnaich a’
cur seachad na h-
oidhche.
Thàinig e féin air mharbhan a’
mheadhon oidhche le trì cheud fear, ’
s le mòran de bhuill chainbe, ’
s cheangail iad co diongalta o’
n taobh a muigh na h-
uile tigh air an d’
fhuair iad an “
comharra” ’
s nach gabhadh iad fosgladh o ’
n taobh a stigh.
Chruinnich e mòran connlaich ’
us gheugan leis an do chuir e na h-
aitreabhan fiodh’
ud ri theine.
Bha mòran air an losgadh gun dùsgadh idir á codal.
A’
chuid a bha dùsgadh ’
s a briseadh a mach troimh’
n cheò ’
s an lasair,
bha na h-
Albannaich ga’
n coinneachadh ’
s ga ’
m pilleadh air ais do ’
n
[73] losgadh,
no ga ’
n reubadh as a chéile le ’
n cuid armachd.
Cha deachaidh Sasunnach beò as an oidhch’
ud a bha mach air geat’
a’
chaisteil. ’
N uair a dh’
fhàg buidheann Uallais an t-
àite ’
s a’
mhaduinn,
cha robh ri fhaicinn ach làthraichean nan aitreabhan a bha na’
n connadh a’
losgadh cuirp na muinntir a chaidh a mharbhadh.
Mar so chriochnaich “
Parlamaid Dhubh Ara.”
7. Ach a nis gu obair a’ ghlanaidh air an dùthaich o na mortairibh Sasunnach, le spionnadh ’us rùn ath-nuadhaichte. B’ e ’n rian a ghabh Uallas ’n a cheud éiridh, a bhi ’cumail tearc de luchd-leanmhuinn còmhladh ris féin, leis an tugadh e garg-ionnsuidh air buidheann bhig sam bith de’n arm Shasunnach a gheibheadh e air leth o chàch, ’s leis an glacadh e stòr bìdh no armachd a bhiodh a’ dol gu aon sam bith de na caistealan. Leis an rian so bha e deanamh mòran call’ air an nàmhaid, aig an àm cheudna an robh e ’toirt a’ cheart aire gu’n seachnadh e aghaidh a thoirt do bhuidheann lionmhor sam bith dhiubh air nach robh e cinnteach gu ’m b’ urrainn e buaidh fhaotainn. Bha aig an àm cheudna mòran de luchd-fearainn ’s de àrd-mhaithean na rioghachd ag oibreachadh fo òrdugh-san agus far am b’ urrainn iad, a’ creachadh ’s a’ marbhadh nan Sasunnach, ’s a’ cur na h-uile moill’ a b’ urrainn iad orra. Cha robh fear no bean ’s an tìr leis nach feudadh Uallas teachdaireachd a chur. ’S ’nuair a chitheadh e àm fàbharrach ghrad thionaileadh e àireamh de na beag oifigich ud as gach cearna timchioll air, ’s nuair a chriochnaicheadh iad obair an là, le gearradh as buidheann Shasunnach a bh’ air thuras o aon àite gu àit eile, ghrad sgaoileadh e rìs iad, gach fear da chearna féin. Leis gach lotadh ’us bruthadh a bha ann, bh’ na naimhdean a’ dol an teircead. Ach an déigh Saibhlean Ara, ’s an dioghaltais a lean, dhùisg spiorad an t-sluaigh suas, air feadh na dùthcha gu h-iomlan, ’s fhuair Uallas uiread de luchd-leanmhuinn ’s nach gabhadh na Sasunnaich orra coinneamh a’ thoirt da ’s an àm anns an achadh fhosgailt, ach dhruid ’s iad iad féin suas ’s na daingnichibh gus an tigeadh tuilleadh cuideachaidh á Sasunn. Ach thòisich na
[74] h-
Albannaich air glacadh nan daingnichean féin, ’
s air marbhadh na dream a bha ’
cumail freiceadan annta.
Bha iad a’
spealgadh as a chéile le ’
n cuid tuaghaibh geatachan cuid de na caistealan, ’
s gun na saighdearan comasach air an cur air falbh, ’
s bha iad a’
glacadh cuid eile dhiubh le seòltachd.
Thriall Uallas troimh thaobh ’
s ear Alb’
air ceann armailt lionmhoir,
agus air a cur an deadh òrdugh, ’
s cha robh caisteal,
eadar uisge Thath’
agus Crombagh,
nach do thuit roimh’ ’
am beagan sheachduinibh,
ach caisteal Dhundeagh a mhàin.
Phill Uallas gu deas a chur séisd ris an daingneach so an ceud mhìos an fhoghair,
1297,
dìreach an ceann bliadhna an déigh do Eideard dol air ais do Shasunn, ’
an dùil gu’
n robh Alba gu do-
sgaraicht’
aig air a-
h-
aonadh ri ’
rioghachd féin.
’S ann a’ teannachadh caisteal Dhundeagh a bha Uallas leis an arm Albannach ’n uair a chuireadh teachdairean thuige gu ’n robh Iarla Shurreigh a’ tighinn ’n a aghaidh le feachd Sasunnach anns an robh leth-cheud mìle fear, ’s gu ’n robh e cur roimhe thighinn thairis air amhainn na Friù aig drochaid Shruileidh. Dh’ fhàg Uallas Dundeagh air ball, ’s rinn e air son a bhi aig an drochaid, na ’m bu chomasach, mu’n ruigeadh na Sasunnaich i. Mhàrsail e ’n t-arm co cabhagach ’s a b’ urrainn iad, ’s ràinig e mullach cnuic a tha dà mhìle ’s ear air Sruileadh, mu’n tàinig Sasunnach idir air fàire. Ach cha b’ fhada gus am facas am brataichean a’ snàmh ’s a’ ghaoith, ’us tromlach an airm a’ dlùthachadh ris an drochaid. Bha Iarla Shurreigh glé shean agus an droch shlàinte. B’ ann aig Uisdean Cresingam, Fear-ionmhas Alb’, a bha comannd’ an airm da rìreadh.
Bu shagart Cresingam, duine dàna, fuilteach, leis am bu roghnuiche gu mòr clogaid an t-saighdear na còt’ an t-sagairt. Rinn cuid de na tighearnan Albannach cabhag gu iad féin ùmhlachadh do righ Shasuinn ’n uair a chunnaic iad an armailt so a’ tighinn air a h-aghart, air eagal gu ’n cailleadh iad an cuid fearainn. Cha robh iad a’ creidsinn gu ’m b’ urrainn Uallas seasamh ris an
[75] fheachd ud a bha trì uairean ni bu lionmhoire na ’
n armailt a bh’
aige féin.
Ach air a shon so uile sheas Uallas agus a luchd-
leanmhuinn gu neo-
sgàthach,
a’
gabhail alla ris an armailt Shasunnaich a’
tighinn air aghart.
Dhlù lean Sìr Iain Greumach ri Uallas, ’
s bha e ’
na aon de ’
chàirdean bu dealaidh.
Lean mar an ceudna Sìr Uilleam Dùghlas,
uachdraan Shrath Dhùghlais,
agus ceann-
tighe tha gu tric air ainmeachadh ’
an eachdraidh Alba,
ris.
Cha robh dòigh air faotainn seachad air an amhainn,
ach air drochaid fhada,
chumhaing,
fhiodh’
a bha ni b’
fhaide shuas air an amhainn na drochaid an là ’
n diugh.
Champaich Uallas air tulaichibh àrd’
air taobh tuath na h-
aimhne, ’
s dhlùthaich an t-
arm Sasunnach ris a’
bhruaich dheis.
An déigh seasamh greis fa chomhair a chéile,
chuir Uareinn,
an t’
Iarla Sasunnach,
dithis shagartan a null far an robh Uallas a thairgseadh maitheanais dha féin ’
s d’
a luchd-
leanmhuinn na ’
n leigeadh iad sios an armachd.
B’
e freagradh Uallais iad a dhol air ais gu Uareinn ’
us innseadh dha nach b’
ann a dheanamh chùmhnantan sìth a thàinig iadsan an sud,
ach a thoirt blàir do na Sasunnaich agus saors’
aiseag do’
n dùthaich. “
Thigeadh na Sasunnaich air aghart,
tha sinn a toirt dùbhlain doibh gu ’
m feusagaibh.” ’
N uair a chual na Sasunnaich am freagradh uaibhreach so,
bha iad ro dheònach air a dhol air aghart thun a’
chòmhraig.
Ach bha cuid de na h-
oifigearan bu tùreil’
a’
cur impidh orra fuireach air ais a thaobh meud a’
chunnart a bh’
anns an drochaid chumhaing a ghabhail anns nach robh ach rùm dithis air leud, ’
s an nàmhaid aig a ceann.
Ach cha ghabhadh Cresingam diùltadh.
Bha e air son a dhol air aghart air na h-
uile cor, ’
s crioch a chur air a’
chogadh leis an aon bhlàr, ’
s dh’
fheumadh e thoil féin fhaotainn deanta.
Fhuair an armailt òrdugh dol air aghart.
Ghabh Sìr Marmaduke Teng air thoiseach air ceann nan réisimeid each,
a bha còmhdaichte le armachd thruim stàilinn,
araon each ’
us marcach.
Lean Cresingam an déigh sin leis an roinn de’
n arm a bha fo ’
chomannda féin.
Sheas na h-
Albannaich air an taobh tuath a’
gabhail alla riu a’
dol thairis air an drochaid.
Fhuair
[76] an réisimeid each an òrdugh cath’
air an taobh tuath;
ach dh’
òrduich Uallas buidheann threun luchd-
sleagha dhol timchioll sios air taobh na h-
aimhne, ’
s ’
nuair a bha mu leth an airm air tighinn a nall smèid e orra iad a ghabhail sealbh air an drochaid ’
s na bha thall a chumail thall, ’
s na bha bhos a chumail a bhos. “
Nis”
ars’
Uallas ri chuid saighdearanibh, “
air ’
ur bonnaibh ’
s nam badaibh.”
Bhuail na h-
Albannaich le ’
n uile neart air na marcaichibh a bha dìreadh leathad an tulaich, ’
s ruaig iad sios iad air muin nan coisichean a bh’
air ùr thighinn a nall.
Chaidh na coisichean ’
s na marcaichean troimh a chéile, ’
s an àit’
a bhi cuideachadh, ’
s ann a bha iad a’
cur moill’
air a chéile, ’
s na h-
Albannaich ga’
n sgathadh sios mar am feur air gach taobh.
An còrr nach deachaidh a mharbhadh dhiubh ’
s an fhaing sin,
leum iad a mach air an amhainn ’
an dùil gun tearnadh siad iad féin air an t-
snàmh.
Ach mar bha iad co trom le ’
n cuid armachd,
bha iad a’
dol fodh’
air ball,
no ’
n sruth ga ’
n giùlan sios ni b’
fhaide far nach robh dol as o bhàthadh.
De’
n àireamh mhòr sluaigh a thàinig thar an drochaid an là ud cha d’
fhuair as beò ach triùir.
B’
e Sìr Marmaduke Teng an treas fear dhiubh sin.
Bha Cresingam a measg a’
cheud fheadhainn a chaidh a mharbhadh, ’
s tha cuid ag ràdh gu’
n do rùisg na saighdearan e, ’
s gu’
n d’
fhionn iad an craicionn deth leis an fhuath a bh’
aca dha,
air son e bhi fionnadh an t-
sluaigh leis a chìs thruim a bha e ’
leagadh orra.
4. ’N uair a chunnaic Iarla Shurreigh ’s na h-oifigearan eile bha còmhladh ris air taobh tearuinte na h-aimhne, mar a bha ’n la ’dol ’s mar a chaidh e, ’s nach b’ urrainn iadsan a leasachadh, cha do mheas iad taobh tearuinte na h-aimhne tearuinte ni b’ fhaide. Thug iad na buinn di gu deas. Cha do lasaich Iarla Shurreigh eang gus an do ràinig e Beruic aig a’ chrìch Shasunnaich. Sgaoil a chuid feachd feadh na dùthch’ anns an ruaig, ’s thilg iad uath’ an cuid armachd ’us bhrataichean gus am faigheadh iad an cosan as o na h-Albannaich ghuineach a lean gu dian air an tòir. Cha b’e mhàin gu’n do theich iarmad sluaigh Shurreigh a mach as an rioghachd an déigh àr drochaid
[77] Shruileidh,
ach co luath ’
s a sgaoil iomradh gaisge nan Albannach an là ud air feadh na tìre,
thréig na saighdearan Sasunnach gu h-
iomlan an tearc de chaistealan a bha fathast ’
n an làmhaibh ’
an ceann a deas Alba, ’
s theich iad a mach as an rioghachd.
Cha d’
fhoghainn le Uallas an t-
saorsa so oibreachadh d’
a dhùthaich féin,
ach bhris e steach air taobh tuath Shasuinn le fichead mìle fear, ’
s rinn e mòran call’
air feadh na dùthcha sin mar dhìoghaltas air son an fhòirneirt a bha na Sasunnaich a’
deanamh air Alba. ’
N uair a phill iad air ais o ’
n sgrìob so ghairm an t-
arm agus an sluagh Uallas gu bhi ’
n a Ard-
riaghlair air Alba.
Theirteadh ris,
an déigh so,
Sìr Uilleam Uallas,
Riaghladair Alba.
5. Bha Eideard ann am Flànreis, air tir-mòr na Roinn-Eòrpa, ’n uair a fhuair e sgeul gu’n robh na h-Albannaich air éiridh ’an ceannairc ’na aghaidh, air a chuid shaighdearan a chur air theicheadh a mach á Alba gu h-iomlan, ’s gu’n robh iad féin air briseadh a steach air taobh tuath Shasuinn, ’s a’ deanamh mòran calla. Ghrad cho-dhùin e fosadh ri rìgh na Frainge, ris an robh e san àm sin a’ cogadh, ’s ghreas e air ais do Shasunn. Mu mheadhon an t-samhraidh bha armailt aig’ air fhaotainn deas gu màrsail a nall do Alba, gus an rioghachd sin a’ cheannsachadh as ùr. Ghabh e air aghart air cheann an fheachd so anns an robh ceithir fichead mìle saighdear, de’n robh ochd mìle ’n am marc-shluagh. Cha robh dad a’ coinneachadh ris na Sasunnaich ’an ceann a deas Alb’ ach bailtean air am fàsachadh, ’s tighean air an losgadh, ’s machraichean air an gearradh sìos, ged nach robh an t-arbhar fathast abuich. B’ e so an rian a ghabh Uallas air a’ mhàrsail a dheanamh doirbh do na Sasunnaich, ’s nach faigheadh iad biadh dhoibh féin no d’ an cuid each. Cha robh creutair beò de spréidh no eile ri ’fhaicinn, agus mu’n do thriall Eideard troimh cheann a deas Alba bha ’luchd-leanmhuinn gu mòr air an sàrachadh le gorta. Agus a thuilleadh air so bha buidhnean shaighdearan aig Uallas air an òrduchadh gu bhi ’crochadh air gach taobh de ’n nàmhaid, ’s gun a bhi idir a’ tighinn ’am fradharc. Leis na h-uile ni a bh’ ann bha na Sasunnaich gu
[78] mòr air an sàrachadh mu’
n do ràinig iad faisg air Dunéidin,
far an robh dùil aig Eideard ri tionacadh o luingeas cogaidh a bh’
air an t-
slighe gu Lìbhte.
Ach ged a bha Uallas air a ghairm leis an t-
sluagh, ’
s leis an arm,
gu bhi ’
n a Ard-
uachdaran Alba, ’
s ged a bha e ’
cleachdadh nam meadhona bu fhreagarraich’
air son an tìr a dhìonadh o naimhdibh,
gidheadh bha mòran de mhaithibh na dùthcha aig an robh cus farmaid ris air son co ro mheasail ’
s a bha e aig an t-
sluagh, ’
s leis nach bu diù gu’
m biodh iad air an riaghladh le neach bu lugh’
inbhe na iad féin, ’
s nach robh ’
na thighearna fearainn mar bha iadsan.
Thug am farmad ’
s an spiorad eudaich so a mach an droch thoradh ’
an Alba bhochd aig an àm ud a thug iad a mach an iomadh àite de’
n talamh,
agus ’
s an Roinn-
Eòrpa o ’
n uair ud, ’
s eadhon ’
n ar latha féin.
Bha mòran de na h-
uaislean ud nach do chruinnich an luchd-
leanmhuinn idir gu Uallas a chòmhnadh ’
an aghaidh a naimhdean,
ged a bha fios maith aca nach robh neach eile san rioghachd co freagarrach ris air son na dreuchd gus an do ghairmeadh e, ’
s a ghabh e os làimh.
Ach an déigh sud uile fhuair Uallas feachd maith cruinn a measg an t-
sluaigh chumanta, ’
s na’
n uaislean a bha ’
g aideachadh a bhi dìleas da.
A réir coslais cha b’
e ’
rùn Eideard a choinneachadh ’
am blàr fosgailt’,
ach na h-
uile dragh ’
us moill a b’
urrainn e chur air,
gus am b’
éigin da pilleadh dhachaidh.
Ach an uair a bha Eideard ’
an imcheist mu ciod a dheanadh e, ’
s a chuid saighdearan ocrach a’
maoidheadh fhàgail air a dhlò,
thàinig dithis bhrathadairean,
Iarla Dhunbàrr agus Iarla Aonghais do’
n champa, ’
s dh’
innis iad dha gu’
n robh Uallas ’
na luidh’ ’
am frìdh na h-
Eaglais-
brice,
fa rùn ionnsuidh a thoirt air na Sasunnaich an oidhche sin féin.
Ann an uair a thìm bha ’n t-arm Sasunnach ullamh gu gluasad air aghart gu Uallus a choinneachadh. Stad an t-arm an oidhche sin air monadh faisg’ air Linlithgo. Mu bhriseadh na fàire ghabh iad air aghart tromh ’n bhaile sin, ’s ’nuair a shoilleirich an là chunnaic iad na h-Albannaich air aghaidh cnuic mu’n coinneamh dlùth air an Eaglais-bhric. Cha do mheas Uallas iomchuidh teicheadh
[79] roimh ’
n nàmhaid,
a thàinig mar so co dlùth a thairgseadh còmhraig.
Ged a bha triùir aig Eideard mu choinneamh gach duine ’
bh’
aige féin,
chuir e dhaoine ’
s an òrdugh a b’
fhearr a ghabhadh deanamh air son blàir a chur.
Cha robh aig’
ach aon mhìle marcach.
Bu luchd-
sleagha ’
s fir-
bhogh’
a’
chuid eile de’
n arm,
a bha uile ’
n an coisichibh.
Roinn e ’
n luchd-
sleagha ’
n an ceithir buidhnibh cruinn’
air leth, ’
s na fir-
bhogha ’
n an sreathaibh eatorra sin.
Shuidhich e na marcaichean mar bhuidheann còmhnaidh air cùl a’
chuid eile de ’
n arm,
air son buidheann air bith de’
n nàmhaid,
a dh’
oidhirpicheadh tighinn orr’
o’
n cùl,
a chumail air ais.
’S ann air taobh nan Sasunnach a bha tòiseachadh na cònnspaid. Thàinig iad air aghart nan trì buidhnibh. ’N uair a chunnaic na morairean a bha stiùireadh na réisimeid each an dà thaobh a’ tighinn gu ionad tharruing lann, agus a’ cheart da rìreadh a’ tòiseachadh air obair a mharbhaidh, thionndaidh iad ceann an cuid each, ’s ruith iad air falbh o’n àraich le leum cheithir bonn, a’ fàgail an luchd-dùthcha bochd gu iad féin a dhionadh o ’naimhdibh mar a b’ fhearr a dh’fheudadh iad. Dh’ aithnich Uallas, ’s dh’ aithnich na h-uil’ eile gu ’n robh ’n fhoill ann, ’s gu ’m b’ ann fa rùn e féin ’s a luchd-leanmhuinn dìleas a bhrath thairis do Eideard a bha oifigich nam marcaichean ud co fada ga leantuinn. Co dhiu lean e air a chòmhrag co fad ’s a chaidh aig air, gus am fac e gu ’n robh ’n là gu bhi air a chall. Thug e ’n sin an t-òrdugh air son retreit gu h-athaiseach, òrdail, ’s thog e féin ’s a’ chuid eile de na h-oifigich a b’ fhearr a bh’ air an armachadh an àit’ air deireadh an airm, mar a bha iad a’ màrsail air falbh o’n àraich. Cha do lean an nàmhaid air an ruaig, ’s co mòr a bha iad air an claoidh le obair an là. Ach cha robh teagamh sam bith nach h-ann aig na Sasunnaich a bha onair na buaidh-làthraich. Thuit mòran sluaigh air gach taobh Phill Uallas an là air na mhàireach air ais a dh’ ionnsuidh na. h-àraich, ’s fhuaradh cùig mìle deug de ’na h-Albannaich nan luidhe marbh air an achadh, ’s nam measg sin Sìr Iain Greumach. ’N uair a fhuaradh a chorp-san, leum Uallas dheth ’n each, ’s thog
[80] e ’
na ghlacaibh e, ’
s phòg e’
n aghaidh ghlas-
neulach,
ag ràdh, “
Mo thruaighe!
mo bhràthair a b’
fhearr—
m’
fhìor charaid ’
n uair bu chruaidh’
a bha mi air mo theannachadh.”
Tha ’
m fiùdhalach so air adhlacadh ’
an cladh na h-
Eaglais-
brice,
agus seann leac-
lighidh fathast a’
comharrachadh an àite ’
s am bheil e ’
na luidhe,
agus an dòigh ’
s an robh e air a mharbhadh.
An déigh blàr na h-Eaglais-brice, a chuireadh air an 22 de mhios deireannach an t-samhraidh, 1298, mhàrsail Eideard an t-arm gu baile Shruileidh an dùil gu ’m faigheadh a chuid saighdearan rudeigin a dh’ itheadh iad ’s a’ bhaile sin. Ach fhuair e ’m baile na lasraichibh, ’s an dùthaich mu’n cuairt deth air a fàsachadh, ’s air a losgadh leis na h-Albannaich féin. Fhuair buidheann de ’n arm a chuir e troimh Shiorrachd Fiofa baile Chill-Rimhinn air a losgadh mar an ceudna, ’s fhuaradh baile Pheirt air an aon dòigh. Cha robh rian aig sluagh coimheach air a bhi beò ’an dùthaich ’s am bu roghnuiche leis an luchd-àiteachaidh na h-uile ni air an leagadh duin’ a dheud a losgadh, na e thuiteam nan làmhaibh-san. B’ éigin do Eideard, le cion bìdh’, an fheachd a mhàrsail air ais do Shasunn, an ceann a dhà no thrì sheachduinean an deigh là na h-Eaglais-brice, gun bhuille tuilleadh a bhualadh, ged a dh’ fheudadh e bhi air sheòl’ eile furasd’ an rioghachd a cheannsachadh gu h-iomlan a chionn iad a bhi co mòr air an roinn an aghaidh a chéil’, agus an t-arm air a lagachadh ’s air a mhi-mhisneachadh.
7. ’N uair a thuig Uallas là na h-Eaglais-brice co neo-shàbhailte ’s a bha e dha earbs’ a chur ’an cuid de àrd uaislean na tìre, leig e dheth dreuchd Uachdarain Alba, a chionn nach b’ urrainn e ’cumail ni b’ fhaide le tairbhe do’n aobhar a bha e ’dìonadh. Bha e deònach air na b’ urrainn e dheanamh air son saorsainn a chosnadh d’a dhùthaich mar shaighdear cumanta, no co-dhiù, oifigeach os ceann àireamh shaighdearan. ’S rinn e na b’ urrainn e ’s an t-suidheachadh sin. Ach bha ’n gnothuch a’ dol air ais, ’s a’ fàs ni bu mhi-choslaiche riamh o leig esan dheth riaghladh an airm ’s na dùthcha, ged a chaidh àireamh dhaoin’ uaisl’ eil’ ainmeachadh ’n an àrd-riaghlairibh.
[81] Ged a chuir an t-ocras dachaidh Eideard goirid an déigh buaidh na h-Eaglais-brice, gidheadh b’ fhad’ o ’smuaintibh Alb’ a leigeadh as a spuiribh gus am faigheadh e i air a h-ath-cheannsachadh. Cùig turuis an déigh sud ruith e thairis air Alba, mar thonnaibh cuain, le feachd lionmhor. Mu ’n cuairt de shéa bliadhn’ an déigh là na h-Eaglais-brice, bha gach àrd ’us ìosal ’s an rioghachd air aideachadh ùmhlachd a thoirt do righ Shasuinn ach Uallas a mhàin, ’s tearc de luchd-leanmhuinn dìleas a bh’ aige. Leò sin lean e air na b’ urrainn e dhragh ’s a chall a chur air na Sasunnaich còrr ’us bliadhn’ an déigh do gach dùchair eil’ an armachd a leigeadh sios. Bha e féin ’s a luchd-leanmhuinn a’ tighinn beò air a’ chreich a bha e toirt o na Sasunnaich. Bha e tuineachadh mar bu trice ’s an dùthaich choilltich eadar Glascho ’s Dunbarton. Chuir Eideard suim mhòr de airgiod ceann air, ’s fadheòidh thug fear d’ am b’ aimn Sìr Iain Monteith, a bha uaireigin ’n a charaid aig Uallas, ach a nis ’na cheannard air caisteal Dhunbartoin fo Eideard, brìb do aon d’ a sheirbhisich air son a bhrath. Thug an seirbhiseach foilleil ud comharra do’n cheathairn a chuir Monteith uaithe, leis am biodh fios aca ’n uair a bhiodh e tearuinte dhoibh ionnsuidh a thoirt air. A réir a’ chomharraidh so thàinig iad air ’s e ’n a chodal ’an uamhaig anns a’ choille. Chaidh a ghiùlan gu ruig Lunainn, trom luchdaichte le iaruinn, far an robh Eideard garg gu neo-fhoighidneach a’ feitheamh air son a chuid fola. Thugadh fa chomhair cùirt lagh’ e gu dhol fo dheuchainn air son a bheatha. B’ i ’cheud chùis-dhìtidh a chuireadh as a leth, gu’n robh e ’n a cheannairceach ’an aghaidh crùin Shasuinn. Fhreagair e ’n sin nach b’ urrainn e bhi ’n a cheannairceach ’an aghaidh rìgh Shasuinn, o’ nach robh e riamh ’na iochdaran aige. B’ i ’n ath chasaid, gun do ghlac ’s gu’n do loisg e bailtean ’us caistealan, ’s gu’n do mharbh e mòran dhaoine, ’s gu’n d’ rinn e mòran ainneirt. Fhreagair esan gu’n robh e fior gu’n do mharbh e ro mhòran Shasunnach, ach gur h-ann a chionn iad a bhi dol a cheannsachadh ’s a chreachadh na dùthcha d’am buineadh e féin, Alba; agus ’an àit’ aithreachas a ghabhail air
[82] son sin,
gur h ann a bha e ro dhoilich nach do chuir e gu bàs mòran eile dhiubh.
Cha robh leithid sud de fhreagraidhean a’
dol a riarachadh Eideird ’
s a chuid bhreitheamhna dioghaltach.
Dhìt iad Uallas gu bhi air a chur gu bàs leis a’
cheann a chur dheth.
Chaidh a ghiùlan air càrn-
slaodaidh gu Smithfield,
àit’
a’
chasgraidh,
air an 23 là de cheud mhìos an fhoghair,
1305, ’
s a làmhan ceangailt’
air a chùlaobh.
Agus an déigh a chur gu bàs anns na dòighibh ’
bu phiantail’
agus bu bhuirb’
air am b’
urrainn a mhortairean smuaineachadh,
ghearr iad ’
n a cheithreannaibh e, ’
s chuir iad a cheann suas air crann aig drochaid Lunainn, —
a làmh dheas os ceann drochaid a’
Chaisteil Nodha, ’
s a làmh thoisgeal ’
an àite follaiseach ann am Beruic.
Chuireadh ceithreamh eile dheth gu ruig Peirt, ’
us ceithreamh do Abaraidhean.
Shaoil le Eideard gu’
n sgaoileadh e leithid de chrith-
oillt ’
s de uamhas a measg chàirdean na h-
Alba ’
s nach gabhadh aon sam bith dhiubh a dhànadas air tuilleadh àr a mach a dheanamh ’
na aghaidh,
ach gu’
n robh luchd-
àiteachaidh na dùthcha sin,
an sin ’
s uaithe sud a mach gu bràth fo ’
mheachainn gus na laghan a ghabhail a b’
àill leis-
san ’
s le ’
shliochd a thoirt, ’
s a bhi air an riaghladh ’
s an dòigh am faiceadh esan iomchuidh.
Ma bha réisd.