[83]

CAIB. XII.

RAIBEART BRUS.

mìosan an déigh do Shìr Uilleam Uallas a bhi air a chur gu bàs, chaidh Raibeart Brus a chrùnadhna rìgh air Alba. Ach chaidh e troimh mhòran nithibh mun do ràinig e air sin. Bogha an Raibeart Brus so don Bhrusach ud eila bhacòmhstri ri Bailiol air son crùn Alba fhaotainn, agus aig an robh còir co maith airs a bhaig Bailiol. Bha araonathairs a sheanair, a reir barail cuid, air bàsachadh aig an àm so, ged nach robh ach cùig bliadhna deug o rinn Eideard rìgh de Bhaliol. Bha athair aBhrusaich sona charaids na fhear-eòlais aig rìgh Shasuinn, ’na oifigeachs an arm aig’, agus acogadh rithaobh féinan iomadh blàr. Bha, mar so, am Brusach òg air a thogail suas a measg chùirteirean Eideird a bha ga mhealladh le bhigealltuinn crùn Alba dhan uair a gheibhteadh Uallas air a cheannsachadh. Chaneil teagamh sam bith aig luchd-eachdraidh nach robh Brus atighinn do Albas acogadh an aghaidh a luchd-dùthcha féin ri linn Uallais, air sgàth taobh réidh a chumail ri Eideard; oir bha mòran fearainn aigan Alba, Annandail agus Carraic, air an robh ena Iarla. Bha na h-Albannaich mun àm so air fàs co sgìth de ain-tighearnas nan Sasunnachs a bha iad mun do thog Uallas a làmh riamhn an aghadh. Bha na Sasunnaich acumail freiceadans na h-uile caisteal a bhan Alba, ’s luchd-dreuchd Shasunnach atoirt air aghart uile ghnothuichean na rioghachd. Cha robh ni anns an cuireadh na Sasunnaich sùil nach feumadh iad fhaotainn, olc air mhaith leis an fheadhainn dam buineadh e; ’s nan gabhadh neach sam bith air gearan a dheanamh air Sasunnach, bhiodh en cunnart gun


[84] cailleadh echuid den t-saoghal, no eadhon a bheathair son a dhànadais. Chaidh mòran de uaislean fiachail na tìra chrochadh mar na triuthairibh bu mhò, air son nan aobharan bu lugha, no gun aobhar idir. Bha mòran eile, mar bha Raibeart Brus, air an gonadhn an cridhe leis an tàmailt air son an ain-tighearnais leis an robh iad agiùlan. Be Iain Coimin, uachdaran Bhàideanach, an duineila bha co faisg air crùn Alba ri Raibeart Brus. Bu mhac peathar an Coimineach so do Bhailiol; agus còir sam bith a bhaig an duine sin air achrùns ann do mhac a pheathar, mar an t-oighra bfhaisgair, a bhuineadh i. Bha càirdeas aig Coimin mar an ceudna ri teaghlach rioghail Alba, ’thaobhathar. Bha Brus mun àm soan Alba, a réir coslais airgnothuch an rìgh.” Fhuair e fàth air bruidhinn ris aChoimineach. Bha iad amarcachd cuideachd air falbh o bhaile Shruileadh, agus acomh-labhairt air staid thruaigh na dùthcha. “Thoir thusa dhomhsa do chuid fearainn,” arsa Brus ris aChoimineach, “agus cuidichidh misthu gus ar naimhdean fhuadachadh a mach; no bheir mise dhuitse mo chuid fearainn féin agus cuidich thusa min am oidhirpibh gu righ-chathair mo shinnsear fhaotainn.” Chòrd an Coimineach ri fearann Bhrus a ghabhail, agus cuideachadh leis gus an rioghachd fhaotainn. Bhan còrdadh so air a churan sgriobhadh, ’s ainm gach fir air a chur ris, ’s ghléidh iad le chéile dùblachadh dheth; ach thug Raibeart Brus e féin as gu ruig Lunainn gun dàil, air eagal fàth teagaimh sam bith a thoirt do Eideard muthimchioll. Fhuair an Coimineach a mach mar an ceudna gun dfhuair Brus gealltanas, gu dìomhair, air cuideachadh o chuid de àrd mhaithean na rioghachd anns am burrainn e earbsadh. Achan àite bhi dìleas da ghealladhs ann a chuir an Coimineach a dhùblachadh féin den chùmhnant gu Eideard, agus beag no mòr de innseadaireachd air an ullachadh uaigneach a bhadol air aghaidh a measg mhaithean Alba, gus achuing Shasunnach a thilgeadh dhiubh. Cha do leig Eideard dad air. Bha e, ma bfhìor, co déigheil air comunn aBhrusaichs a bha e riamh.


[85]

Bem beachd a bhaige gum faigheadh e cinn-iùil na comhbhoinn so air an glacadh gu h-iomlan, ’s air an casgradh ceart còmhladh. Cha burrainn e iad sud fhaotainn an làimh gun cuid eigin de na bha timchioll air féin fhaighinn a mach ciod achoira bhan an aghaidh. Agus mar so thug neach éigin den mhuinntir a bha faisg air pearsan rìgh sanus don Bhrusach mun chunnarts an robh e. Cha bhiodh e sàbhailt sin a dheanamh le cainnt beòil, ’s tha cuid ag ràdh gur e paidhir spuirean a chuir an caraid ud thuige. Ghrad leum ena dhiollaid, ’s mharcaich e nall do Alba co luaths a dheanadh ceithir-chosach e. Ràinig e caisteal Lochmabein, air an robh Eideard a bhràthairna chomanndair. Bhan Coimineach ri bhin Dumfries an air na mhàireach aig cùirt aBhreitheimh Shasunnaich. Mharcaich Raibeart Brus a null don bhaile sin còmhladh ri dithis chàirdibh, Lindsi, agus Sìr Ròger Circpatric, air los bruidhinn a dheanamh ris aChoimineach. Thug e fiadhachadh dha a choinneachadh aig eaglais nan Glas-bhràithrean [Grey-friars.] ’s abhaile. Dhaltaich iad beatha chéile, ’s phòg iad a chéilen uair a choinnich iad, a réir nòis nan aman ud, ’s ghabh iad suas a dhionnsuidh na h-altrach, adian chomh-labhairt. Chuir am Brusach an ìre dhamhi-dhìlseachd da ghealladh, ’s mar a bhràth se e do rìgh Shasuinn. “Is breug e,” arsam brathadair dalma. Ghrad las nàdur aBhrusaich ri aghaidh na leamhalachd ud, ’s gun fhocal tuilleadh thug e tarruing air a chlaidheamh, ’s bhuail e sios e air ceumaibh na h-altrach. Phill e mach air ball mar le sgreatachd, air son an rud a rinn e. ’N uair a chunnaic a chàirdean a bhafeitheamh air taobh a muigh na h-eaglais e làn uamhaisus glas-neulach, dhfheòraich iad ciod a baobhar dha sud? “Tha teagamh agam,” arsa Brus, “gun do mharbh min Coimineach.” “A bheil sibh afàgail a leithid de ghnothuch teagmhach?” arsa Circpatric, “ni mise cinnteach e.” Le sin chaidh e féins a chompanach a steach,


[86] ’s mharbh iad buileach an Coimineach leònta lem biodagaibh. Chaidh brathar-athar dha, Sìr Raibeart Coimin, a mharbhadh aig an àm cheudna.

An déigh aghniomh bàis a bhan sud dhfheudtadh a ràdh gun robh cùisean aBhrusaich eudòchasach. Bha e fiachaichtair càirdibh aChoiminich, a bha cumhachdach agus lionmhor, an tòrachd a thoirt a mach air son a bhàis, a réir an lagha ris an robh saighdearan asealltuinns na h-amaibh ud. Bha righ Shasuinn gu éiridhna aghaidh air son aghniomh ud, agus an aobhair mun drinn se e. Agus ni beagalaiche na iad sin uile, bha eaglais na Ròimhe gu a cumhachd féin a thionndadhna aghaidh air son e dhòirteadh folan taobh a stigh do bhallachan eaglais, a bhas an àm ud air a mheasna naomh ionad dions na h-uile cunnart. Ach an àite tuiteaman alltapadhs ann a bha spiorad aBhrusaich air a dhùsgadh suas gus an tuilleadh duinealaisus misneachd ann an coinneachadh nan doirbheasan leis an robh e air a chuairteachadh. Thug e leum, agus dol air ais cha robh ann. Bha fios aige gum feumadh a cheann, an dara cuid crùn a ghiùlan, no bhi air a thogail suas ri taobh ceann Uallais air drochaid Lunainn. Chuir e fios air amheud de àrd mhaithean na tìreus as am feudadh e earbsadh, ’s thug iad sin leò na burrainn iad de luchd-leanmhuinn. Thionail cuid de sheann luchd-leanmhuinn Uallais mar an ceudna, mach as an àitibh foluich, ’s chuir siad iad féin fo a bhrataich. Leis an armailt bhig so mhàrsail e timchioll Ghlascho, gu Peirtus Scoinne, an t-àitam bàbhaist righrean Alba bhi air an crùnadh.

2. Bann air 29 den Mhàirt, 1306, a chaidh Raibeart Brus a chrùnadhna rìgh air Alba. Deich bliadhna roimhe sud bha rìgh Shasuinn air crùn Alba, ’s an tslat-rioghail, ’s an Lia Fàil, ’s gach ni air bith eila bhuineadh do rioghalachd a thoirt leis. Bha iomadh soilleir, greadhnachan Abaid Scoinne roimhe sud aig àm crùnaidh righrean; ach ged is e Raibeart Brus, gun teagamh sam bith, righ bu mhò bha riamh air Alba roimhe no na dheigh,


[87] cha robh co beag greadhnachais co-cheangailte ri crùnadh aon sam bith dhiubhs a bha richrùnadh-san. Rinn còran beag òir, a chuireadh richéile le cabhaigs an àm, achùis air son achrùin. Thug Aba Scoinne seachad caithiran iasad, agus thug Easbuig càirdeach earradh an iasad. Air an 18 den Mhàigh an déigh sin, bha e air iom-sgaradh o chomunn nan Criosduidhean leis aPhàpair son fuil a dhòirteadh anns an eaglais. Bhan t-iomsgaradh so afilleadh a stigh gum feudadh duine sam bith a thogradh a mharbhadh, agus nach feudadh Criosduidhean comh-pàirteachadh risan nithibh aimseireil, ’s nach feudtadh sochair eaglais a thoirt da.

N uair a chuala rìgh Shasuinn mu dhol a mach aBhrusaichan Alba, thug e bòid shòluimtaig fleadh mhòir an làthair a chùirteirean, gun deanadh e làn dioghaltas air féins air a luchd-leanmhuinn; agus an déigh sin nach tarruingeadh e claidheamh tuilleadh ach an aghaidh nan Sarasach, naimhdean achreidimh ann am Palestin. Bha Eideard féin a nis air fàs tròmus anfhann. Cha burrainn eeach marcachd a làimhseachadh co aigeannachs a dheanadh e roimhe so, ged a bha e co gargna spiorads a bha e riamh. Ach chuir e Iarla Phembroc air aghart gus am Brusachs a luchd-leanmhuinn a cheannsachadh. Ràinig Pembroc baile Pheirt. Chuir Brus armailt bheag féinan òrdughan achadh dlù don bhaile sin, ’s thug e fiadhachadh don t-Sasunnach gu còmhrag. Chuir Pembroc fios thuige gun robh cus den air dol seachad, ach gum biodh e ullamh air son blàr a thoirt dha toiseach an màireach. Dhi-chuimhnich an righ aig an àm so, a réir coslais, gun robh e fo bhinn iom-sgaraidh aPhàpa, ’s nach robh neach sam bith mothachail air a bhi fo fhiachaibh firinn no ceartas a chumail ris, ach gum bu ni glòrmhòran sealladh a naimhdean cothrom fhaotainn le foill, no air sheòl eilair làmh a churna bheatha. Agus mar sin, gun teagamh a churam focal an Iarla Shasunnaich, tharruing e air ais a chuid daoine gus an oidhchechur seachadan coille Mhethbuin, ’s a choimhearsnachd.


[88] An déigh an cuid each a leigeadh mu sgaoil, ’s an cuid armachd a chuir dhiubh thòisich gach buidheann air còcaireachd roimh dhoibh luidhe sios gu tàmh. Ach gu h-obann, thogadh glaodh gun robh na Sasunnaich a tighinn orran an teann ruith le sùil ram beò-shlugadh suas, mas farradh iad air tionndadh. Rug gach fear air armachd co grads a ghabhadh deanamh, ’s am fear a dhfheudadh chaidhna dhiollaid. Ach bhan nàmhaid orra co grads nach burrainn iad a dholan òrdugh; ’s a chionn gun robh triùir Shasunnach mu choinneamh gach Albannach cha burrainn teagamh a bhina leithid de chàs, ciod an taobh air an deigheadh. Chaidh an t-each aig rìgh Raibeart a mharbhadh fodha, ’s bha e féin tearc de mhionaideanan làmhaibh a naimhdean. Ach thachair gum bAlbannach bu cheannard air amhuinntir a ghlac e, ged a bha es an arm Shasunnach, ’s o nach robh e air son a thoirt thairis do Eideard leig e cead a choise dha. Ach a thuilleadh air na mharbhadhs an t-sabaist so, chaidh mòran a ghlacadhn am priosunaichs an cur gu bàs an déigh sin.

3. Bha Brusna dhuine neo-chumanta treunan corps an inntinn; o thugadh air falbh Sìr Uilleam Uallas cha robh duineilan Alba a ghabhadh coimeas risan neart, ’s an duinealas, ’s am freagarrachds na h-uile seadh air son feachd a threòrachadh. Agus cha bfhadan déigh blàr Mhetuin gus an dfhuair na comasan sin làn chleachdadh, an chuid ann e féin a dhionadh onaimhdibh, agusan giùlanus foighidin fo na deuchainnibh a bhacoinneachadh ris. Thòisich a chuid daoin’, a lion buidheannus buidheann, ga fhàgail, o nach robh dòigh aigair an cumail suas. Ach dhlùth-lean àireamh maith de fhior chàirdean dìleas ris. ’N am measg sin bha Morair Seumas Dùghlas, ris an abrar an deadh Mhorair Seumas; agus mar an ceudna bhràthair féin, Eideard. Thàinig aBhan-righ, mar an ceudna, ’n an ceann, maille ri mnaibhus peathraichibh an tearc de uaislean a bha ga leantuinn. Thug iad beanntan na Gàeltachd orra, far an robh iad air an ruagadh car ùino chnoc gu cnoc, ’s o ghleann gu gleann, air


[89] feadh Adhoill taobhs ear Earra-ghàeil. Bha iad atighinn beò mar a bfhearr a dhfheudadh iad, air seilgus iasgach. Bha eagal air an luchd-àiteachaidh féin mòran caoimhneis a nochdadh do na fògarraich bhochd ud, a chionn gun deanadh na Sasunnaich dioghaltas orra nam faigheadh iad a mach e. Fa dheòidh thug Brus an oidhirp air faotainn a steach do Lathairn, cearna fharsuinn de Earra-ghàeil, ’an dùil gum biodh e na bfhusadh dha e féin a dhionadhs a chumail suass an dùthaich sin. Ach bha teaghlach nan Dùghallach, den goirteadhs an àm sin tighearnan Lathairn, càirdeail do na Sasunnaich. Agus bha mòr fhuath aig Iain Lathairn, a bhan sinna cheann air an teaghlach ud, do Bhrus air son e mharbhadh a Choiminich, a bha fagus an càirdeas da féin. Thog e, uime sin, a chuid daoines chaidh e mach an aghaidh a Bhrusaich air los a ghlacaidh mar phriosunach, no fhuadachadh air falbh as a dhùthaich. O nach robh aig Brus ach àireamh beag dhaoine, cha burrainn e aghaidh a chumail ris an fheachd lionmhor a bha leantuinn a chinn-feadhnud, agus mar sin dhòrduich e da chuid daoine teicheadh tre bhealach cumhang eadar dha bheinn, tre nach burrainn a dhol còmhladh ach ro thearc de dhaoine. Bhan rìgh féin air mharcachd; sheas e air deireadh na cuideachd gus an luchd tòrachd a chumail air ais, gus am faigheadh iad teicheadhan tearuinteachd. Bha emarbhadhan sin, thar muin an eich, neach sam bith a bhagabhail air an ruaig a leantuinn. Bha triùir de luchd-leanmhuinn an Dùghallaich, athair agus a dhithis mac den goirteadh Mac Androsair, daoine calm’, a bhòidich gum marbhadh iad Brus no gun deanadh iad priosunach dheth, air son ebhi mar sud aseasamhn an rathad adìonadh a chuid daoine féin. Bha creag àrd, gheur air an dara taobh dheth, ’us loch domhain air an taobh eile, ’s iad sin co faisg air a chéiles nach leigeadh e creutair seachad air. Leum an triùir ud ceart còmhladh air an righ. Rug acheud fhear dhiubh air sréin an eich; ach ghearr Brus a ghàirdean deth le aon bhuille dechlaidheamh, ’s bhàsaich e le tràghadh fola. Rug a bhràthair
[90] air cois a Bhrusaich, ’s thòisich e air a tharruing gu làr, ach chuir am marcach spuirean ris an each a thug a leithid de leum as, ’s a leag MacAndrosair gu talamh, agus an àm dha bhig éiridh sgoilt am Brusach a cheann le aon bhuille den chlaidheamh mhòr. Ach mas gann a bha so deanta bhan t-athair an déigh leum air aBhrusach o chulaobh, ’us greim bàis a dheanamh air a làmhaibhus fhalluinn air sheòls nach burrainn e làmh a shìneadh no e féin a chur saor air aon chor. Ach ghabh e dha le dul a chlaidheimh gus an do bhris e sliga chinn aige; agus ged a bhan duine marbh bha leithid de ghreim aigair falluinn an rìghs gun robh en impis a thachdadhan crochadh ris an each. Béigin da mar sin, gu e féin a chur saor, am bucall a bha ceangal na falluinnuime fhuasgladh, ’s a leigeadh sios thun an làir leis an duine mharbh. Tham bucall so fathast air a ghleidheadhan teaghlach an Dùghallaich, mar chuimhneachan air achaol thearnadh a rinn rìgh Raibeart o thuiteam an làmhaibh Iain Latharna an ud.

4. Ach an déigh iomadh teugbhail fhuiltich den t-seòrsa so, béigin don rìghs da chàirdibh sealltuinn a mach air son àite bu tìoraile na na monaidhean fiadhaich ud gus an geamhradh a chur seachad. Bhan nis air fas goirid, ’s an oidhche air fàs fada, fuar; ’s cha burrainn na bain-tighearnan am monadh a chumail ni bfhaide. Bha caisteal Chill-drumaidh, ’an Siorrachd Abaraidhein fathast acumail a machan aghaidh nan Sasunnach, agusan làmhaibh chàirdean don rìgh. Aguss e rùnaich e na bain-tighearnan a chur don chaisteal sin, maille ris achuid eila banfhainne den chuideachd, agus a bhràthair féin, Nigel, òganach tlachdmhor, ’na fhear-iùil doibh gan treòrachadh thun na daingnich sin, ’s na fhear-frithealaidh dhoibh an déigh sin, ’s cha bann gun mhòran iomaguin, ’us dheur a shileadh le gruaidhibh neo chleachdta ri taiseachadh, a thachair an dealachadh so, gun fhios an coinnicheadh iad gu h-aithghearr, no idir air thalamh. Ach cha robh leasachadh air aghnothuch; béigin


[91] sgarachduinn a bhi ann. Fhuair Nigel Brus a steach don daingneach gu tearuinte còmhladh ris na càirdibh a bhair an earbsadh ris. Ghabh an rìgh féin, ’us tearc de luchd-leanmhuinn, a measg an robh a bhràthair Eideard, air an aghart tren mhonadh, gus an do ràinig iad Maoil Chinntìre. Ghabh en t-aiseag á sinam bàta beag gu ruig Rachluinn, eilean beag air taobh tuath Eirinn, mu thuaiream ceithir mìlo thir-mòr. ’S an eilean so chuir e féins a chàirdean an geamhradh seachad tearuinto thòrachd a naimhdean fuilteach. Ach cha bann mar sin a thachair don bhuidhinn ris an do dhealaich iad air monaidhibh fuara Bhraidalba. Ghlac na Sasunnaich caisteal Chill-drumaidh, ’s chuir iad gu bàs Nigel Brus àluinn, agus Sìr Cristopher Seton, bràthair na ban-righ, agus mòran eile de fhior chàirdean aBhrusaich, a bhan an àrd-mhaithibh na rioghachd. Thugadh abhan-righ féin, maille rileanaban nighinn, agus dithis pheathraichean an rìgh, do Shasunn mar phrìosunaich; agus chuireadh Ban-Iarla Bhuchainan gainntir, ann an aon de na prìosunabu treises an rioghachd. Thug ise mòran oilbheim do na Sasunnaich air son i chur achrùin air ceann aBhrusaich ann an Scoinne; ’s bha do réir sin nis de thàirs de chuing aice righiùlans aphriosun na aig na bain-tighearnan eile. Agus a thuilleadh air so uile chaidh fearann aBhrusaich arfhuntachadh, no a thoirt air falbh o theaghlach-san gu h-iomlan, agus a bhuileachadh air daoinibh mòr eila bhag aideachadh ùmhlachd do rìgh Shasuinn. Is co ìosal sin a thàinig nithe gu bhi maille ri Raibeart Brus air acheud bhliadhnan déigh crùn Alba fhaotainn. Cha bu bheag an spionnadh cridhe do neach sam bith seasamh ris gach cruaidh fhortan a bhan sud gun ni-eigin de lagachadh a thighinn air a mhisneachd. Agus mas fior na sgeòil, chaneil e mi choslach nach tàinig eadhon Raibeart Brus, ’an uair dhuirch, gu bhicur teagamh co dhiù rachadh no nach rachadh e air aghart a dhaingneachadh a chòraichean air a rioghachd féin. ’S ann an uair a bha e gu muladach acunntadh na bha roimhes na dhéigh
[92] a thaobh aghothuich sin, a thachair an ni ud o na thogadh an seanachas mu dhéighinn an damhan-allaidh, a bhana bheul-aithris aig an àm ud, ’s on uair sin air feadh Alba. Bhan rìghna luidhair a leabaidh maduinn àraidh, ’s na smuaintean muladach ud adol treinntinn, co dhiubh a bfhearr crùn Albachur uaithe, ’s aghaidh a chur air Palestin, gus na Sarasaich fhuadachadh air falbh, ’s gum biodh an tìr sin aig na Criosduidhibh, no oidhirp a thoirt fathast air a dhùthaich féin a shaoradh o fhòirneartus ain-tighearnas nan Sasunnach, ’n uair a bhuail a shùil air damhan-allaidh os a cheann, a bha crochta ri snàthainn fada air a shnìomh as féin, agus a bha eg oidhirpeachadh a thilgeadh seachad o aon sail gu ceann sail eile, le sùil ri lìon fhigheadh air an t-snàthainn sin eadar an shail. Thug am faoin-chreutair ud oidhirp an déigh oidhirp air an t-sail a ruigsinn leis an t-snàthainn gun an gnothuch a dhol leis, gus mu dheireadh an do chunnt Brus gun drinn e deuchainn air sud uairean, agus co tric sin gun robhshaothair air a call. Aguss esmuainich Brus gun robhn damhan-allaidhs an aon suidheachadh ris féin. Bha e air blàir a chur ris na Sasunnaich, no rin càirdibh, mun dfhàg e Alba, agus chaill e iad uile. “Nis,” ars an rìgh, “ma bheir an damhan-allaidh aon oidhirp fathast agus gun teid leis, gabhaidh mise sin mar chomharrair gun soirbhich an taobhar leam féin ann am oidhirp air mo rioghachd a shaoradh onamhaid.” Thug an damhan-allaidh an seachdamh oidhirp leis an deachaidh aig air greim a dheanamh air an t-sails an snàthainn a cheangal rithe. Bhas an aithris gun do ghabh am Brusach misneachd o sin Tha cuid de Bhrusaich gus an n diugh nach fuiling damhan-allaidh a mharbhadh, a chionn gum bann le seòladh an fhaoin-chreutair sin a ghabh am fear-cinnidh misneachd gu aghaidh a chur a rìs air an nàmhaid.

5. Co-dhiù, ’n uair thàinig a steach gu maiths an earrach rinn, an rìgh na h-uilullachadh a bhana chomas air son a chòraichean féin a thoirt a mach onaimhdibh cumhachdach. Fhuair e


[93] càirdeanus cuideachadh a measg cinn-fheadhna nan eilean as iar, ’s mar sin thionail e càbhlach beags an robh tri bàtaichean deug thar fhichead, agus tri ceud fear air bòrd annta. Leis an fheachd so thàinig e air tìran eilean Arrain, fo sgàile na h-oidhche. Than t-eilean beag so air taobh Caolas Chluaidh, dìreach mu choinneamh a chuid fearainn féin, Carraic, a thair taobh deas achaoil sin. Dhfheòraich an righ den cheud mhnaoi a choinnich en déigh dol air tìr, ciod an àireamh shaighdearan a bhas an eilean? Fhreagair ise, gun tàinig buidheann de choigrich armaichte don eilean o cheann ghoirid; ’s gun do chuir iad an ruaig air an oifigear Shasunnach a bha na fhear-riaghlaidh air Caisteal Bhrothaic, gun do mharbh iad e féins achuid bu mhò de chuid daoine, ’s gun robh iad a nis acaitheamh an aimsir asealg feadh an eilein. Thug an rìgh mun airidh e féin a bhi air a threòrachadh a dhionnsuidh na coille bu tric leis na coigrich so a bhi taghall. Nis be ceann-feadhna na muinntir ud a chuir an ruaig air na Sasunnaich, agus a chuir cuid duibh gu bàs, Morair Seumas Dùghlas, caraid aBhrusaich, ris am béigin dealachadh mun do ghabh en cuan Eireannach toiseach agheamhraidh. Shéid Brus an adharcs a choille, ’s co luaths achuala Seumas Dùghlas am fuaim ghlaodh e mach le aoibhneas, gum be sud an rìgh; gun robh e ga aithneachadh air an dòigh séididh a bhaige. Cha bfhada gus an robh na càirdean afàilteachadh a chéile le mòr shubhachas, ged nach burrainn gun searbhadas a bhi acacuimhneachadh air ciod a thachair o dhealaich iad. Ach cha bu daoine meath-chridheach na laoich a bhan sud. Chuir iad an cinn ri chéilach ciod an dòigh an tòisicheadh iad air ruagadh an nàmhaid a mach as an tìr gu h-iomlan. Rùnaich Brus tòiseacheadhna chearna féin den dùthaich, a measg a luchd-eòlais, a bha en dùil a dheanadh còmhnadh ris. Becheud ni a chaisteal féin, a bhaan Turnberi, abhuntainn á làmhaibh nan Sasunnach. Chuir e null duinearbsach a mhuinntir Charraic féin, mar bheachdair gu sealltuinn timchioll air, ’s gu faotainn a mach ciod an inntinns an
[94] robh an sluagh, agus ciod an àireamh shaighdearan a bhaig na Sasunnaich timchioll air achaisteal. Agus nam mothaicheadh e.gum biodh an sluagh deònach air éiridh an aghaidh nan Sasunnach, no gun robh coslas sam bith air gun soirbhicheadh leò, bha e gu teine fhadadh air cnoc os ceann achaisteil air àraidh. Thàinig an , ’s bha Bruss a luchd-leanmhuinn gu h-iomguineach aspaisdearachd air aiss air aghart air a mhol, ’s cha robh teine no soillse ri fhaicinn. Fa-dheòidh goirid an déigh an àm shuidhichte, chunacas solus air an dearbh bhads an robh Cutbert, beachdair aBhrusaich, gufhadadh; sgaoilus mheudaich an solus gu bhi na theine mòr, lasrach. Thòisich Bruss a chuid daoinair tarruing nam bàtaichean thun na mara le mòr aigneadh, an dùil gun robh iad air am fiadhachadh leis abheachdair gu leum air na Sasunnaich. Cha deachaidh iad fado thirnuair a thuit an oidhche dhoibh. Ràinig iad fearann Charraic mu mheadhon oidhche. Choinnich Cutbert dìleas air achladach iad le sgeul dhubhach. Thuirt e gun robh Morair Perceys achaisteal le àireamh mòr shaighdearan, ’s gun robh e air uiread de eagal a chur air an t-sluagh lebhagraidhibhs leghniomharaibh, ’s nach robh misneachd sam bith aca gu éiridh an aghaidh rìgh Shasuinn.

Agus a bhrathadair,” ars an righ, “carson a dhfhadaidh thun teine ud?” “Oh! Fhir-uasail,” ars Cutbert, “cha dfhadaidh mise riamh e, ’s chaneil fios agam co rinn e, no car son; chan fhaca mi e gus an do dhorchaich an oidhche, ’s on bha fios agam gum mealladh e sibhse ghreas min so gu bhur cunnart innseadh dhuibh. Chuir an naigheachd so oglachd mhòr air Brus. Bha e car greis eadar dha bharail co dhiubh a dhfhanadh no philleadh e. Dhfheòraich e dechàirdean ciod a bha iad an dùil bu chòir a dheanamh? “Air mo shonsa, mar aon neachars Eideard Brus, “chaneil mi dol a philltinn, las tàinig mi do dhùthaich mo bhreith air an dòigh so; an dara cuid aisigidh mi saorsa don tìr, no tuitidh mo cholunn air an fhearanns an drugadh mi.” An déigh beagan smuaineachaidh thàinig an rìgh féin thun na h-inntinn cheudna.


[95] Rùnaich iad uile, mar so, fantuinn a dhfhaicinn ciod an soirbheachadh a chuireadh freasdal nan rathad.

Bha mu dhà cheud saighdear aig Morair Percey air chairteilibhs abhaile ri taobh achaisteal, a thuilleadh air àireamh àraidh a bhafreiceadain a stighs achaisteal féin. Air mharbhan amheadhon oidhche ud féin chualas fuaim, ’us glaodhaich, ’us éigheach neo-àbhaisteach feadh abhaile. Ged a bha freiceadain achaisteil acluinntinn so uiles agabhail uamhais mu ciod bu chiall da, cha dùraichdeadh iad tighinn a mach na h-oidhche, gun fhios co an nàmhaid ùr a bha air tighinn, no cia co làidirs a bha e. ’N uair a shoilleirich amhaduinn chunnacas na h-Albannaich aroinn mòran creichearmachd, eich-chogaidh, agus uilacfhuinn campachaidh Mhorair Percy. Fhuair an Sasunnach dùbhlan a rìs tighinn a mach as achaisteal don achadh fhosgailta chogadh ri Brus. Ach o nach robh saighdear beò aigach an dòrlach a bhas achaisteal còladh ris, bu bhuidhe leis fantuinn far an robh e, ’s tàmailt an diùltaidh a ghiùlain. Be so an ceud car soirbheachail a chuir Raibeart Brus deth ann a oidhirpibh air Alba shaoradh o fhòirneirt nan Sasunnach. Ach goirid an déigh sud thàinig feachd eile Shasunnach do chaisteal Charric, ’s béigin da aig an àm a chùl a chuir air. Ach aig an àm cheudna chuir en ruaig air Iarla Shasunnacham blàr tarruingte, ’s theich iad gu caisteal Ara, far an do chuir e séisde theinn riu.

6. Goirid an déigh dhoibh dol air tìr an Carraic rinn Morair Seumas Dùghlas air son a chaisteal féin a spionadh á lamhaibh nan Sasunnach. Thàinig e don choimhearsnachd na h-oidhche agus nochd se e féin do iochdaran dìleas a bhaigathair, a baithne dhan uair a bha ena bhalach, agus a ghuil le aoibhneasn uair a chunnaic se e. Dhfholuich se e féinan tigh an duine so, ’s chuir e fios gu h-uaigneach, a lion fearus fear, air àireamh maith dechàirdean dìleas as am feudadh e earbsadh. Chuir echomhairle riu sin mu ciod an rian a ghabhadh iad air cumhachd an nàmhaid a


[96] bhriseadh. Bha aon de làithean féille nam Pàpanach dlùth air làimh, Di-domhnuich Buadhach, air an robh fios aca gum fàgadh na saighdearan uile an caisteal, ’s an rachadh iad a dhéisdeachd na searmoin Phàpanaich don eaglais a bhas achoimhearsnachd. Bhan Dùghlasachs a luchd-cuideachaidh ag ullachadh air son dol don t-searmoin iad féin. Bha iad rud-eigin fadalach mun do ràinig iad an eaglais. Bha cuaille fada bata aigesans aig achuid mhòr deluchd-leanmhuin, ’gus nach aithnichteadh iad on chuid eile de thuath cheathairn na dùthcha; ’s bha eudaichean uachdair fadorra fon robh an cuid armachd foluichte. Mun robh an ceann-feadhna air e féin a nochdadhan taobh a stigh de bhallachan na h-eaglais bha e air aithneachadh, ’s thuig mòran, mar is maith a dhfheudadh iad, nach bin t-sìth a bhann. Thogadh anéigh thalls a bhos, “An Dùghlasach! an Dùghlasach.” Thilg gach fear uaithe a chuailles fhalluing, ’s thug e tarruing air a chlaidheamh. Bhan sagart adol air aghart le seirbhis na h-aifrinn; ach cha robh urram sam bith gu bhi air a thaisbeanadh dha sin. Shuidhicheadh freicidein mhaith làidiran dorsaibh na h-eaglais; ’s ghabh buidheann eile troimpe len armailt rùisgte, areubadhs amarbhadh nan Sasunnach. Chaidh na saighdearan uilemharbhadh no ghlacadhn am priosunaich. Co luaths a bha obair achasgraidh so criochnaichte thug an ceann-feadhna, leluchd-leanmhuinn aghaidh air achaisteal. Cha robhchaismeachd air an aitreabh sin a ruigsinn. Fhuair iad an geata fosgailte, gun duine stigh ach am portairs an còcaire. Bhan dìnneir deas, ’s am bòrd air a chòmhdachadhs an talla air choinneamh nan saighdearan. Dhòrduich an Dùghlasach an geata dhruideadhs achuideachd a shuidhe timchioll abhùird. ’N uair a ghabh iad an dìnneir, chruinnich esan ri chéile gach ni a burrainn a chuid daoine a ghiùlan leòarmachd, eudachus séudan. An dèigh sinn rinn e aon tòrr de gach gnè bìdh a bhas achaisteal, ’s dhòirt e air an tòrr sin gach gné deocha bha rim faotainn annmharbh en sin na priosunaich, ’s thilg en cuirpsan tòrr còladh ris
[97] gach ni eile, ’s chuir en caisteal ra theine leis na bhann. Thug sluagh na dùthchaTigh-biatachd an Dùghlasaichmar ainm air an dioghaltas uamhasach so.

7. Cha robh iomradh air gniomharaibh euchdach aBhrusaichs an Dùghlasaich fada gun Lunuinn a ruigsinn. Bham Fad-luirgneach fathast beò, ged a bha e air fàs gu maith tròm, lag, le aois. Cha burrainn e tuilleadh an t-each marcachd a laimhseachadh, mar dheanadh e roimhe. Ach bha e co brùideil, gargna spiorad a bha e riamh, agus co rùnaichtair na h Albannaich a cheannsachadh, ’s am peanas a beagalaicha dheanamh air na cinn-fheadhna chrosd ud nach robh idir air choslas géilleadh dha. Thog e air gu tighinn a nall do Alba, ’s dhòrduich e dofheachd cogaidh ad ga choinneachadh aig Carslile. ’N uair a ràinig e féin am baile sin leig e air gun robh e air ath-nuadhachadh co mòran nearts gun tug e suas an carbad siubhail a bhaige mar thabhartas anns an àrd-eaglais, ’s gun do ghabh e each marcachd. Ach thug e ceithir air marcachd séa mìle. Leis an triall mhall so ràinig e àite ris an abrar Bail’ -air-tràigh, air taobh deas Ghallbhaigh. Ghabh eleabadhan sins bhàsaich e air an 6mh de mhìos deireannach an t-samhraidh, 1307, mun cuairt do chùig mìosanan déigh don Bhrusach eilean Rachlainn fhàgail. Be ceannsachadh Alban ni àraidh a bhair smuaintibh Eideird air leabaidh a bhàis. Thug e air a mhac, air an robh ainm féin, bòideachadh, co luaths a dhfhalbhadh an t-ànam as, gum bruicheadh e a chorp ann an coire mòr, gus am falbhadh an fheòil bhàrr nan cnàmh; gun adhlaiceadh en sin an fheòil, ’s gum fuaigheadh e suas na cnàmhan ann an seiche tairbh, ’s gun tugadh e man airidh an giùlan gu ruig Albair ceann an airm Shasunnaich, co trics a dhéireadh na h-Albannaichan ceannaircna aghaidh. Bha en dùil gun do dhùisg na rinn e dhfhòirneirts a shàrachadh air sluagh na rioghachd sin a leithid de uamhas nan uchd, ’s gun tugadh glagadaich a chuid chnàmhan fada, fuar’, orra an cuid armachd a thilgeadh uatha, nan tachradh dhoibh aig àm sam bith droch comhairla


[98] ghabhail gu éiridh. Cha robh na h-eòlaich a toirt creideas sam bith do Eideard II. air son géire no gliocais. Ach bha de chéill aig’ ’an toiseach a rioghachaidh nach do choimhlion ebhòid a thug an uile-bheist ud, ’athair, air a dheanamh, ach gun do chuir en corp air ais gu bhi air adhlacadh le eireachdasan Abaid na h-Iarmhinsteiran Lunuinn. Ghabh Eideard òg féin air aghart do Albair cheann an airm gus an do ràinig e siorrachd Ara, ’s mharsail en sin air ais gu ruig Sasunn, gun bhuilla bhualadh. Dhfhàg e aig a chuid oifigearan stiùireadh an airm, ’us ceannsachadh Alba. Bha e, gun teagamh, adeanamh a ghnothuich ni bfhusadh do rìgh Alba gur leanabh a thàinigan sud gu suidhair righ-chaithir Shasuinn. Ach an déigh sin uile bha obair gu leòir roimhe fathast, na nàimhdean a sguabadh a mach as an tìr. Ged phill Eideard dhachaidh bha mòran shaighdearan aige fathastan Alba. Bha caistealanus daingnichean làidir na rioghachd, cha mhòr, gu h-iomlan aigena chumhachd féin. Agus ni bu ro mhiosa na sin, bha mòran de àrd-mhaithean na h-Albag aideachadh an ùmhlachd do rìgh Shasuinn mar an rìgh dligheach, air eagal gun cailleadh iad an cuid fearainn buileach nan aidicheadh iad Brus, agus nach soirbhicheadh leis an déigh gach saothair. Ach air an làimh eile, bha mòran agabhail misneachd gu cruinneachadh thuigas gach cearna den dùthaich, ’n uair a bha iad acluinntinn an tomhas de shoirbheachadh a bhaige féins aig Morair Seumas Dùghlas air feadh siorrachd Ara. Agusan ùine ghoirid thàinig a luchd-leanmhuinn gu bhi co lionmhors gun do chuir e gu maith tric an ruaig air na h-oifigearaibh Sasunnach, de Ualens agus Morair Cliford, air sheòls nach gabhadh iad orra choinneachadh tuilleadhs an achadh fhosgailte, gus am faigheadh iad àireamh mòr sluaigh cruinn. Ach o nach robh rian aig Raibeart air an armailt a phàigheadh, béigin a bhi gan cumail aig seirbhis thalls a bhos, ’n am buidhnibh, acreachadh na Sasunnach, ’s aglacadh air an rathad an cuid bìdhus armachd; agus mar sin bhiodh an rìgh gu maith tric air fhàgail na aonar le glé thearc còmhladh ris mar gheard pears’, agus aig na
[99] h-amaibh sin bhiodh en cunnart a bheatha chall leis na buidhnibh Sasunnach, ’s an càirdibhan Alba, den robh siorrachd Ara nìs air a lionadh. Thàinig Iain Lathairn, mun cualas roimhe so, a nall do Ghallobhaigh, far an robh fearrann aige féin, ’s fhuair e buidheanns an robh da cheud fear cruinn, gu dhol air tòir aBhrusaich. Thug iad coin-luirg leò, chums mur glacadh iad aig an tigh e gun lorgadh iad es na monaidhibh, ge be àitan teicheadh e. Fhuair an rìgh sanas o charaid éigin gun robh na naimhdean so adeanamh air son a ghlacadh an oidhche sin fèin. Bha fios aige féin ciod a dheanadh en a leithid sin de chàs. Cha robh ach mu thrì fichead fear co faisg airs gun cluinneadh iad uaithe le cabhaig. Chruinnich e iad sin, ’s dhfhalbh e air an ceann tre mhonadhs tre choille nach robh fad as, agus an sin tre amhainn a bharuith tre àite cas, agus bruthach àrd air a thaobh thall, agus rathad domhain, cumhang air a chladhachs abhruthach sin, anns nach robh rùm ach aig aon duine còmhladh. Cha robh beul-àth fagus do làimh ach sin a bha mu choinneamh acheum chumhaing so. Chaidh e féins a chuid daoine seachad air abheul-àth so. Threòraich e iadsan tacan beag suas o sin, gus an leigeadh iad an anail, ’s gun gabhadh iad beagan tàimh an déigh an turuis. Phill e féins fhear-frithealaidh a dhionnsuidh abheul-àth. Bha fios aige ma bha na coin-luirg aig an luchd-tòrachd gun treòraicheadh iad a dhionnsuidh an àitud iad; ’s chan iarradh e chaochladh a dhàite gus an coinneachadh. An déigh feitheamh ùine ghoirid, chualas tabhannaich nan con atighinn air aghart. Ach cha robh edol a dhùsgadh a chuid daoine trom, sgìth, air son fuaim coin sam bith. Fadheòidh, ri solus na gealaich chunncas an luchd-tòrachd atighinn air aghart, abras choiseachd an déigh nan con. Ghrad chuir e air falbh a sheirbhisich a dhùsgadh nan daoine; sheas e féin roimh an nàmhaid aig acheann chumhang. Bhan ceud fhear a thàinig air aghart air mharcachd; ghabh e troimhn bheul-àth, ’us suas tren rathad chumhang ud. Ach cha bu luaithe chaidh e steach ann na bha sleagh aBhrusaich sàithtena chorp; thug an ath shàthadh
[100] dhi tre chorp an eich an t-ainmhidh gu talamh. Bha mar so an t-eachs am marcach marbh atorradh suas an rathaid air sheòls nach bu ni soirbh faotainn seachad orra tren cheum chumhangs an robh iad. Chaidh an aon diol a dheanamh air an ath fhear, ’s air an treas fear a dhoidhirpich dìreadh. ’S bhan fheadhainn a bhair taobh thall na h-aimhneglaodhach riu greasad air aghart, nach bu chomasach do aon duine seasamh ris na bhacasan de shluagh. Ach mun deachaidh obair achasgraidh ro fhad air aghart chunncas luchd-cuideachaidh an rìgh nan teann ruith a nuas gu bruaich na h-aimhne. An sin thug Iain Lathairns a chuid daoine na buinn dhi, ’s cha do chuir iad tuilleadh dragh air aig an àm sin. ’N uair a ràinig a chuid daoine fhuair iad an gaisgeachan déigh a chlogad a chur dheth, agus atiormachadh an fhalluis air falbh dhetheudan, agus cùig fir dheug, mar a tha cuidga chunntadh, denaimhdean muin air mhuin air bruaich na h-aimhnair tuiteam. Achs en cunnart bu mhòs an robhn rìgh gum biodh e air a bhrath le cuid a bhag aideachadh a bhin an càirdibh dha, chums gum faigheadh iad an t-airgiod ceann a bha rìgh Shasuinn an déigh a chur air, agus a bhan a suim anabarraich mhòirs an linn ud, anns an robh airgiod co gann. Thugadh iomadh ionnsuidh air a bheatha le cuid a bhasanntachadh an airgid so, ach uatha sin uile shaor an Tighearn e.

7. Ach mar bha mòran, araon de àrd-mhaithean na tìre, ’s den t-sluagh chumantagabhail misneachd on tomhas de shoirbheachadh ris an robh Brus acoinneachadh, ’s le bhifaicinn nach robh aon chuid comasan no togarrachd air son cogaidh aig Eideard òg Shasuinn, thòisich iad air tional as gach cearna dhen dùthaich gu bratach an rìgh dhlighich féin. Fhuair e nis e féin comasach air aghaidh a thoirt do bhuidheann sam bith de na Sasunnaich a choinneachadh es an achadh fhosgailte. Ghabh e null thar amhainn Chluaidh air ceann armailt lionmhoir air los séisd a chur ris na daingnichibh bu treisa bhaig an nàmhaid air taobh sear na dùthcha, ’s an glacadh. ’S mar a bha eg an toirt uatha lion aonus aon bha


[101] eg an leagadh gu talamh, chums nach deanadh iad dion don nàmhaid aig àm sam bithan déigh sud. Bha cuid de na daingnichean bu ro threisa bhann, mar bha Caisteal Dhunéidinus Linlithgo, &c., air an glacadh le seòltachd. Ach cha do dhi-chuimhnich rìgh Raibeart an tàirs an dragh a chuir Iain Lathairn air roimhe sud. An déigh cumhachd nan Coimineach, a bhacogadh air taobh nan Sasunnach, a bhriseadh, le mòran diubh a chur gu bàs leis acheann a chur dhiubh, ’s an adhlacadhan aon uaigh, ris an abrar, “Uaigh nan Coimineach gun cheann,” chuir e mun cuairt gu tighinn air Iain Lathairn. ’N uair a chual Iain gun robh an rìgh atighinnn a aghaidh air cheann feachd lionmhoir, rinn e ullachadh air son a choinneachadh mar a bfhearr a dhfheudadh e. Ghabh e sealbh air bealach cumhang, eadar bonn Beinn Cruachans abheinn eiles faisg oirre. Bham bealach so co cumhangs nach faigheadh ach tearc de dhaoine còmhladh ann, ’s am fearann ro àrd, cas air gach taobh dheth. Ach fhuair am Brusach a mach nàdur an òrduigh a bhan so, ’s tharruing e buidheann dechuid daoine fa chomhair abhealaich ud, ’s chuir e leth eile na h-armailt, fo chomanndan Dùghlasaich, timchioll na beinne gu tighinn air saighdeiribh Iain Lathairn, on cùlaobh. ’N uair a rinn an Dùghlasach suaicheantas ris an rìgh gun robh e air tighinn gu ionad tharruing lann, ghabh en sin air aghart gu slighe dheanamh troimhan nàmhaid. ’N uair a dhaithnich na h-Earghaelich gun robh iad eadar dhà theine, ’s gun dol as ann, chaill iad am misneachds an òrdugh, ’s chaidh an cur gu bàs le àr mòr. Bhan ceann-cinnidh féin air bòrdan soitheach beag air Loch Odha, ’sn uair a chunnaic e mar chaidh an theich e, ’s fhuair e rian air dol a null a Shasunn. Ghéill athair Iain, ’s an teaghlach uile, do ùghdarras an rìgh; ach thug e uatha mòran creiche, ’s mòran fearainn a bhuilich e air mac a pheathar, Sìr Cailean Caimbeul. Tha e aig sliochd an duine sin, a than an teaghlach ainmeils an tìr, gus an n diugh.

titleCaibideil XII
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page