[102]

CAIB. XIII.

BLAR ALLT A’ BHONNAICH.

BIAD Sìr Tomas Randolph, mac a pheathair, Morair Seumas Dùghlas, agus Sìr Eideard Brus, a bhràthair féin, Seanalairean, a bàirda bhaig rìgh Raibeart os ceann na h-armailt, agus fodha féin. Chum e obair riu eadar a seas a seachd a bhliadhnachan na bha chaistealans an rioghachd a spìonadh alàmhaibh nan Sasunnach. Bha Caisteal Shruileidh ro làidir, agus freiceadain lionmhor Shasunnach ann. Be sin an aon daingneach a bha nis aig an nàmhaidan Alba, agus chuir Sìr Eideard Brus séisd theann rithe mun cuairt, gun ni no neach a leigeadh a mach no steach. ’N uair a chunnaic Sìr Philip Moubraigh, an comanndair Sasunnach, gun robh gach biadhus dibh afàs gann, ’s nach burrainn e cumail a mach fada, thairg e do Eideard Brus an daingneach a lìbhrigeadh thairis dha, mur cuireadh rìgh Shasuinn còmhnadh thuige roimh leth an t-samhraidh. Ghabh Eideard Brus ris an; tairgse sin, ’s leig e le Sìr Philip a dhol gu ruig Lunuinn a dhinnseadh so uile don rìgh. Ach chuir righ Raibeart fios gubhràthair, gun do rinn e ro amaideach leis achothroms an ùìnud a thoirt do rìgh Shasuinn, a bha co cumhachdach, le Eirinnus mòran den Fhraing, a thuilleadh air Sasunn a bhi fo a thighearnass gum burrainn e roimhn àm ud feachd a thoirt do Alba, bhiodh ro làidir air an sonsan. “Tha chead aige,” arsSìr Eideard, “thigeadh righ Shasuinn leis a h-uile duine a thaige, cogaidh sinne riu ged a bhiodh iad ni bu lionmhoire.” Bha fios aig an righ gun robhbhràthairna shaighdear misneachail, ged a bha e bras, ’s leig e leis na cumhachan ud seasamh, ’s chuir e fios thuigo


[103]s ann mar sud a bha gun seasadh iad ri blàr gu duineil, ’s air son an aobhar sin gun coinnicheadh na h-uilaig an robh saorsainn Alba mòr gu bhi deas air choinneamh an t-Sasunnaichn uair a thigeadh e. Thòisicheadh air ullachadh air son achogaidh a nis a cheart da rìreadh, araonan Albas an Sasunn. Ged a bha Eideard òg, rìgh Shasuinn, ’na dhuine slaodach, gun suim do ni sam bith ach cluich, gidheadhn uair a chuir Sìr Philip Moubraigh fa chomhair staid Albaig an àm, ’s mur cuireadh e còmhnadh sluaighus armachd, roimh leth an t-Samhraidh, a dhionnsuidh Caisteal Shruileidh, an aon daingneach làidir a bha foùghdarras, gun robhn caisteal, ’s mar sin Alba gu h-iomlan, gu bhi air a liùbhairt do Raibeart Brus air a cheann . ’N uair a chunnaics a chual àrd-mhaithean Shasuinn, a bha timchioll air achùirt mar a bhan gnothuch, cha leigeadh iad tàmh no fois don rìgh gus am falbhadh e féin do Albair cheann armailt co lionmhors a burrainn e thogail, ’s gun deanadh en aon diol air gach ceannairceach a bhas an rioghachd, ’s a bàbhaist da athair roimhedheanamh. Their an leisgean tha leòmhans an t-slighe. Cha robh uiread de aobhar aig leisgean riamh air a leithid de leth-sgeul aghabhails a bhaig Rìgh Eideard II. ’S ann roimhe féin a bhan leòmhan. Ach co dhiù, béigin falbh. Chaidh armailt Shasunnach, ’us Eireannach, ’us Fhrangach a thogail anns an robh ceud mìle fear, eadar choisicheanus eile, ’s thriall an rìgh féin a nall do Albair an ceann.

2. Bha rìgh Raibeart Brus, aig an àm cheudnatrusadh nan Albannach ri chéile mar a bfhéarr a dhfheudadh e, agus bhan àireamh sluaigh a fhuair e cruinn mar nach bolc, ’n uair a bheirear fainear an staids an robh a rioghachd, agus gun robh eadhon cuid de na h-Albannaich féin, thalls a bhos, nach robh fàthast gaaideachadh mar an righ dligheach. Bha fios gu maith aig gach inbhe sluaigh, air Ghàeltachd co maiths air Ghalldachd, ciod ris am feudadh sùil a bhi aca, nam faigheadh righ Shasuinn cothrom ruith mar thuil thairis air an tìr a rìs. Aguss e rùnaich


[104] iad, a tuaths a deas, an strìtheans an cogaidhean beaga féin a leigeadh fa làr car greis, agus an guaillean a chur ri chéile còmhladh ris an rìghan aghaidh nàmhaid coitchionn na rioghachd. Chaneil iomradh air gun robh uiread riamh de na Gàeil an aon Bhlàr còmhladh ris na Gaill, ’s a bhann Allt aBhonnaich. Tha Seanalair Stiùbhart ag innseadh dhuinn gun robh na h-ochd cinn-fheadhna dheug so a leanas a làthair an ud. Mac Aoidh, Macantòisich, Mac a Phearsoin, an Camshrònach, an Sincleireach, an Caimbeulach,am Mengiseach, MacIlleadhain, an Sutharlanach, an Robastonach, an Granndach, am Frisealach, MacFarlain, an Rosach, MacGriogair, an Rothach, MacCoinnich, agus MacCuaraidh. Agus mar tha fios gum biodh àireamh maith de luchd-leanmhuinn còmhladh ris gach ceann-cinnidh dhiubh sud, tha e soilleir gun robh na Gàeil adeanamh suas roinn nach bu bheag de armailt na rioghachd an ud. Ach leis gach tional a bhann, á tuathus deas, cha bu mhò na deich mìle fichead saighdear a fhuair an rìgh thun na h-àraich. Bha so ni bu lugha nan treas cuid den fheachd Shasunnach. Agus cha be mhàin gun robh iad co fad air deireadh air na Sasunnaich a thaobh àireimh; ach bha iad mar sin a thaobh armachd mar an ceudna. Bha na Sasunnaich, eadar eachraidhus choisichean, air an armachadh co maith ri feachds an Roinn-Eòrpaig an àm ud, no ni bfhearr. Agus bha na fir-bhogha Shasunnach air an iunnsachadh gu foirfeachd ann an cleachdadh an cuid féin de eòlas arm. Ach a dhaindeoin sin uile rinn rìgh Raibeart air sonaghaidh a chumail riu. Threòraich en t-arm sios do chòmhnard a tha faisg air Sruileadh, ris an abrar aPhàirc. ’S ann dlùth don Phàirc sin, agus air grunnd ni bisli a dhfheumadh an t-arm Sasunnach gabhail seachad tre bhoglachus shruthaibh uisge. Bha mar so rogha làthraich aig na h-Albannaich. Bha làn fhios aig an rìgh o chuid deàrd-oifigearan féin, ciod an rathads an tòrdughs an robh an fheachd a tighinn. ’N uair a nochd iad mu dheireadh on Eaglais-bhric, len cuid bhrataichibhus eile, ’s a bhan dùthaich uile mar
[105] gum beadh, còmhdaichte le luchd armachd, air mharcachds air choiseachd, cha robh feachdsan Roinn-Eòrpan aghaidh am biodh iad atighinn, nach feudadh fiamh a ghabhail.

Bha rìgh Raibeart a nis an déigh an t-arm Albannach a tharruing an òrdugh o dheas gu tuath, air làthraich a thaighe féin, ’s a bha fios aig a bhi ro fhàbharrach. Bha e air àireamh mòr shlochd a chladhach na h-oidhch’, anns an talamh chòmhnard, trem feumadh an eachraidh Shasunnach ruith anns a bhidol a chòmhnadh nam fear-bogha, agus beòil nan slochd a chòmhdach thairis a rìs leis na sgrathaibh a bha e air thoirt asdan toiseach. Agus far nach robh slochd bha bioran geura de fhiodh cruaidh an sos an sud air an sàthadhs an talamh, ’s gu leòir ris den cheann bhiorach gu each sam bith a sheasadh air aon diubh a dheanamh cuagach. Bha ceann a deas an airm aruigsinn gu bruachaibh Allt aBhonnaich, a than sin co creagachs nach burrainn eachraidh sam bith ionnsuidh a thoirt orrair an làimh sin, ’s bha ceann tuath an airm aruigsinn glédhlù air baile Shruileidh. Bha àireamh mòr sheirbhiseach, nach robh idir fo armachd aleantuinn achaimp; gillean cartach, co-chàirdean, ’s a leithid sin. Dhòrduich en dream sin uile air falbh gu cùl cnuic a bha tuath air àite na h-armailt, ris an abrarCnoc nan gilleanon sin. Bhan rìgh féin amarcachd air ais, ’s air aghart o cheann gu ceann den arm, agabhail beachd air an òrdughs an robh iad, agus ag earalachadh nan saighdearan iad a bhi fearail, seasmhach, agus abhuaidh a thoirt a mach, no bàsachadhs an àraich: ag innseadh dhoibh aig an àm cheudna gun robh e féin rùnaichtair abhuaidh a thoirt a mach no tuiteam air an àraich, ’s nach robh teicheadh gu bhi ann.

3. Air feasgar an 23 de mhios mheadhonach an t-samhraidh, 1314, dhlùthaich an t-arm Sasunnach riù. Thàinig cuid dena marcaichean bu tapaidh glé dhlùth gus am faiceadh iad ciod a bha na h-Albannaich adeanamh. Bha rìgh Raibeart an sin amarcachd fa chomhair an airm, air aiss air aghart, ’s gun fodhach


[106] beag-each, achionn nach robh sùil aige ri cath air an fheasgar sin. Bha e aithnichte thar gach oifigeach eile, le còran òir a bhair a cheann os ceann achlogaid. Bha egiùlan tuagh-chatha stàilinnna làimh. Bha gaisgeach mòr an sin a measg nam marcaichean Sasunnach dam bainm Eanruic de Bohun. Smuainich e so gum bu ghasd an cothrom a bhaig a nis air cliù a chosnadh leis an rìgh a mharbhadh, a bha marcachd air each co beag, agus air leth ochuid saighdearaibh. Chuir en t-each cogaidh na chruinnleum a null air muin aBhrusaich. Bhan t-Albannach neo-sgàthach ga fhaicinn atighinns dearbh-fhios aige ciod mun robh e. Ach teicheadh cha deanadh e. Bhan t-sleagh fhada, gheur, aig Bohun ga cumail roimhe gus a sàthadh troimh chorp an fhir eile; achn uair a bha e gu bhi aige, thug am Brusach starradh beag as a rathad decheann air sheòls gun do sheachainn en t-sleagh, agus ag éiridhna sheasamhs an diollaid, thug en t-suaibeag ud thar a ghuaille air ceann aBhohuin leis an tuaigh-chatha, a chaidh tren chlogads tren chloigeann a bhana bhroinn. Thuit am Bohun mòr as a dhiollaid, ’s bha e marbh mun do ràinig en talamh. Thug a chuid oifigearan aghaidh dha nis, air son e dheanamh gniomh co bras, agus nam be féin a bha air tuiteam gum bu cho maith dhoibhsan teicheadh còmhladh. Achs ann a bham Brusach asior amharc air abhearn a chuir clogad aBhohuin as an tuaigh, ’s gun etoirt freagradh sam bith achMhill mi mo dheadh thuagh-chatha.”

Air maduinn acheathramh fichead dhlùthaich an armailt richéile air son còmhraig. Thòisich amhire-chath leis na fir-bhogha Shasunnach a dhòirteadh a nall làdach shaighdean air na h-Albannaich, aguss eagalach an cunntas a tha luchd-eachdraidh, le aon ghuth, atoirt air amharbhadh sluaigh a rinneadh fhads a mhair i. Mur biodh grabadh sam bith air a chur air na sgriosadairibh ud, dhfheudadh iad an aon diol a dheanamh air na h-Albannaich an uds a rinn iad sea bliadhna deug roimhe sud air daoinibh Uallais, na h-Eaglais-brice. Ach bha marc-


[107] shluagh aBhrusaich dìleas agus làn ullamh air son ùmhlachd a thoirt don òrdugh a bhi thall a measg nam fear-bogha. Bhuail iad air na Sasunnaich a ghearradh sios thar muin nan each le claidheamhus sleagh, ’s o nach robh aig achuid ud den arm Shasunnach ach bogh’ ’us saighead, cha burrainn siad iad féin a dhionadh o gharg bhuillibh nam marcaichean, ’s chaidh iad gu turn am breislich, ’s dhethn rian. Bha àireamh mor de eachraidh thaghtaig rìgh Shasuinn a bha ullamh gus na marcaichean Albannach a chumail air falbh. Ach mar is maith a bha fios roimh làimh aig rìgh Raibeart air an rathad a bha iad gus a ghabhail atighinnan aghaidh a chuid marcaichean féin, bha e uilen a thalamh toll, ’s air a lionadh le bioraibh sgriosach. An àm tighinn air aghartn an leum, thachair do mhòran diubh dìreach mar bha sùil aig rìgh Raibeart a thachradh. Bha na h-eich adol fodhas na slochdaibh, ’s abriseadh an cnàmhan, ’s na marcaichean air an tilgeadh as an diollaidibh, ’s an druim ri talamh gun chomas éiridh aig truimead an armachd mhàilich, ’n an creich do shleaghaibh fada, geura, nan Albannach. Chaidh, mar so, gach earrann den arm Shasunnach gu all-tapadh; chaill iad an òrdughs an comas air a chéile chuideachadh. ’An ùine nach robh fada, ’n uair a bha na gillean a bhafàireachas air cùl achnuic afaicinn gun robh an càirdean féin agleidheadh an gruinnd gu maith, ’s gun robh an air lunn a dhol leò, bhrùchd iad a nuas le leathad achnuicn an aon mheall, gun rian, gun òrdugh, ’s ni eigin de atharrais armachdcabar no ni sam bith air am faigheadh e greim aig gach fear air a ghualainn, no na làimh. ’Nuair a chunnaic na Sasunnaich am pràbar ud adòmhlachadh a nuas taobh achnuic, ’s a smuainich iad gur e bhann armailt lionmhor a bham Brusach atoirt as ùr rin aghaidh, ’s ann a thuit an tuds an tad buileach uatha. Thionndaidh iad air falbh, ’s rinn gach buidheann air leth, ’s gach neach fa leth, air son am beatha thearnadh mar a bfhearr a dhfheudadh iad. Bha rìgh Eideard féin a measg acheud fheadhainn a thug
[108] buinn dhi. Chuir e aghaidh an toiseach air Caisteal Shruileidh, ’an dùil gum faigheadh e dìdeanan sin. Ach dhinnis ceannard na daingnich sin da gum feumtadh a toirt suas do rìgh Alban air-na-mhàireach, ’s nach robh e sàbhailte dha fuireach uair a thìm innte. Thionndaidh en sin gu deas, agus mharcaich e féins an grunnan a bha còmhladh ris tri fichead mìle mun do lasaich iad eang. Ràinig e Caisteal Dhun-bàrr air achrìch Shasunnaich. Bha fear-gleidhidh na daingnich sin dìleas da gus an uair mu dheireadh. Leig se e féins a luchd-coimhideachd a steach don Chaisteal, ’s dhaisig e ann am bàtiasgaich a null do Shasunn e. Phill Morair Seumas Dùghlas, a bha ga ruagadh o Shruileadh gu Dun-bàrr, air ais gun dad air son a shaoithreach, ach an t-eagal a chuir e air an t-Sasunnach.

4. Cha do chaill Sasunn riamh blàr a bfhuiltiche, ’s bu challaile na blàr Allt abhonnaich. Thuit deich mìle fichead diubh an ud, eadar an caths an ruaig a lean an déigh achatha. Bha Gil bheag a thanns an Allt, aig ceann a deas an airm, air a lìonadh suas, ’s air a deanamh còmhnard le eachaibhus daoinibh, mar gum bu drochaid a bhann, ’s bha uisgan uillt sin co dearg le fuil nam marbhs ged a bfhuil e uile. Ghlac na h-Albannaich mòran phriosunaichus mòran creiche. Tha Sasunnach àraidh, Manach Mhàmesburg, anns an tuireadh a rinn e air an dhubh ud, ag ràdh gun do chaill iad co maith ri fiach thrì muilliona de airgiod an n diugh. Chaidh éiric mhòr a phàigheadh air son achuid de na priosunaich a bhan an daoinibh saoibhir. Agus anns an iomlaideachadh so fhuair rìgh Raibeart a bhan-righ agus a nighean air ais á Sasunn, far an robh iadn am priosunaich ochd bliadhna.

5. Cha do bhuinnig Alba blàr riamh, ’an linn sam bith, a bfheumaile dhi na blàr Allt aBhonnaich. Leis abhuaidh so, bha làn shaorsainn air a cosnadh o aintighearnas Shasuinn. Agus ged nach do leig an tàmailt leis an rìgh sin aideachadh, no sìth a dheanamh ri Alba a féin, bi rioghachd-san is gu mòr


[109] a chaill air sin na Alba. Bha cumhachd Shasuinn co mòr air a briseadhs nach burrainn i ni bfhaide legionan de eachraidhs de choisichean armaichta thaomadh a nall air Alba. Ach air an làimh eile bha Seanalairean aBhrusaich, Sìr Tòmas Randolph, agus an Dùghlasach, gu maith tric abriseadh a steach air taobh tuath Shasuinn, ’s adeanamh mòran millidh, ’us creachaidh feadh nan cearnan sin. Cha do thuit ach àireamh beag de na h-Albannaich Allt abhonnaich. Chaneil luchd-eachdraidh ag aithris ach dithis dhaoinainmeil a thuits abhlàr. Sìr Uilleam Utpont agus Sìr Ualter Ross, dlùth-charaid Eideird Bhruis. Lean an còmhrag ri Sasunn ri linn Eideird. Ach anns an dara bliadhna de rioghachadh a mhic, Eideard III, chaidh an t-sìth a nasgadh ri Alba, leis an daidich rìgh Shasuinn gun robh Alba saor o sud a mach gu bràth o thighearnas sam bith a bhi aig righribh Shasuinn thairis oirre. Agus gus an t-sìth a dheanamh ni bu treise dhaontaich Eideard gum biodh Ioanna, a phiuthar, air a pòsadh ri Daibhidh, mac agus oighre rìgh Alba. Rinneadh an còrdadh sos abhliadhna 1328.

6. Feudar ainmeachadh mu Eideard Brus, a bha na shaighdear co curanta, gun tug e oidhirp air Eirinn a shaoradh o chumhachd Shasuinn. ’N uair a chunnaic na h-Eireannaich gun deachaidh aig na h-Albannaich air cuing Shasuinn a thilgeadh dhiubh gu buileach, thug iad fiadhachadh don Albannach theinnteach so gu crùn rioghail Eirinn a ghabhail, agus Alltabhonnaich eile a dheanamh mar a bhacan Alba. Bha fios aig rìgh Raibeart ged bu deadh shaighdear a bhràthair nach deanadh e rìgh maith am feasd’. Ach co-dhiù leig e leis falbh an sìth air an turus, ’s gheall e gach còmhnadh a burrainn edheanamh ris. Chuir en ruaig gu maith tric air buidhnibh de na Sasunnaich, agus an ùine ghoirid chaidh a chrùnadh gu sòluimte na rìgh air Eirinn. Ach cha do mheal en onair sin fada. Lean a bhraisead nàdurrach ris gus an mu dheireadh. Agus o nach bu ni so-dheantan linn sam bith na h-Eireannaich aonadh richéile, mar nach gabh iarrunnus cré


[110] tàthadh ra chéile, bha na Sasunnaich agleidheadh an gréim air an tìr. Bha cath aige féins a chuid Eireannach riu sin air a5 de mhios deireannach an fhoghair, 1318, anns an do chòmhraig Eideard agus curaidh Sasunnach dam bainm Iain Maupas ri chéile. Lean iad air cath gus an do mharbh iad a chéile, ’s gun do thuit iad muin air mhuin. Thug na h-Albannaich thairis an sin còmhnadh tuilleadh a dheanamh ri Eirinn.

titleCaibideil XIII
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page