CAIB. XIV.
BAS RIGH RAIBEART.
CHUNNAIC Raibeart Brus a nis crioch a shaothrach, ’s a thrioblaidean uile, a rioghachd a chur saor o chumhachd ’us ain-tighearnas coigrich sam bith. Ach tharruing na h-easbhuidhean ’s na cruadalan troimh an deachaidh e ’n toiseach a rioghachaidh, tinneas air nach gabhadh leigheas, ’n uair nach robh e fathast ach am meadhon aois. Chuir e seachad a’ chuid mu dheireadh de ’làithean ’an lùchairt Chairdrois air amhainn Chluaidh. ’N uair a bhiodh dad de fheabhas air, bhiodh e luingeireachd air an amhainn ann am bìrlinn a bha e ’cumail a dh’ aon bhàgh air son sin; agus gu maith tric ag amharc thairis air togail luingeas, araon air son malairt ’us cogaidh, ni a bha e ro dhéigheil air fhaicinn ’an Alba. Bu ro thoigh leis mar an ceudna bhi faicinn aitreabhan na rioghachd a’ dol am feabhas, ni anns an robh e féin a’ toirt eisimpleir d’a chuid iochdaranaibh.
An uair a dh’aithnich e ’chrioch a’ teannadh ris chuir e fios air àrd-mhaithibh na tìr’ as am feudadh e earbsadh, agus thug e teann òrdugh dhòibh, air an onair ’s air an dìlseachd, a bhi firinneach
Thug an rìgh an sin taing dha, ’s thug e air gealltuinn, air focal firinneach ridire, gu ’n deanadh e ni a bha e ag iarraidh. ’N uair a gheall an Dùghlasach a réir sin e; thug an rìgh taing do Dhia an sin, ’s thuirt e gu ’m bàsaicheadh e ’n sìth a chionn gu ’n robh fios aige gu ’n deanadh an duine bu treubhaiche ’na rioghachd an ni ud air a shon nach b’ urrainn e féin a dheanamh riamh.
An déigh so thruimich a thrioblaid air, ’s chaochail e, anns a bhliadhna 1329, an 7 là de mhios-meadhonach an t-samhraidh. Bha e da fhichead ’s a cuig deug a dh’ aois agus na rìgh 23 bliadhna. Rinneadh caoidh mhòr ’an Alb’ air a shon. Agus na ’m b’ fhiach do Alba cumha dheanamh air son aon sam bith de ’cuid mac, b’ e phearsa rioghail so, gun teagamh, a b’ fhearr an airidh air an onair sin. Ach bha aobharan an caoidh ni bu mhò na bha iad a’ faicinn an là ud. Rinn iad uaigh riomhach mharmoir air a shon ann an coisin chùil Abaid Dhunfermlin. Ghnàthaich an eaglais gach greadhnachas a bha ’na comas aig àm a bhi ga adhlacadh, na ’n deanadh ceòl-thuireadh, ’us tional easbuigean, ’us luchd-dreuchd de gach inbh’ ’us ainm e. Ach anns na stadaibh a bha ’n tràths ’us a rìs a’ dol air ceòl nan innealan, chluinnteadh fuaim a ghuil ’s an tuiridh a measg a chomh-chruinneachadh lionmhoir ud.
Tha e soilleir gu ’n tàinig eaglais na Roimhe gu bhi gabhail ri rìgh Raibeart a dh’ aindeoin an iomsgaraidh a rinn i air ’an toiseach a rioghachaidh. Bha ’n eaglais sin ro ghlic ’na ginealach féin, air son a bhi seasamh a mach ’an aghaidh neach a bha co soirbheachail ri Raibeart Brus, agus co cunnartach d’a leas féin e bhi dealaichte ri ’comunn. Cha b’e mhàin gu ’n robh cléireachd a rioghachd féin ’na ’m fior chàirdibh dìleas da ’uachdaranachd, ach tha e dearbhta o eachdraidh gu ’n robh comh-sgriobhadh eadar e féin ’s cùirt na Ròimhe. Sgriobh am Pàpa d’a ionnsuidh ’s a’ bhliadhna 1324, a’ gearan gu ’n robh mòran shaobh-chreidmheach an Alba, agus ag iarraidh air rian a dheanamh air an cur fodha.
3. Goirid an déigh bàis an rìgh, dh’ fhalbh am Morair Dùghlas, le àireamh maith de luchd-leanmhuinn, air los cridh’ a’ Bhrusaich adhlacadh ’s an uaigh Naoimh ’an Ierusalem. Bha e aig’ ann an soireig airgid, crochta m’a amhaich, le sreing de òr ’s de shìde. Air an turus do’n àird an ear chaidh na h-Albannaich air tìr ’s an Spainn. Ghabh rìgh na Spainne riù gu subhach. Thachair gu’n robh cogadh ’s an àm eadar Alphonso, rìgh na Spainne, agus Osruin, rìgh nan Sarasach, luchd-leanmhuinn Mhahomeit, a bha ’n déigh sealbh a ghabhail air roinn mhòr de’n Spainn fada roimhe sud. Thug Alphonso air na h-Albannaich aontachadh ri dhol ga chuideachadh an aghaidh nan naimhdean so. Choinnich an dà armailt ann an achadh faisg air Gibraltar. Rinn Alphonso Morair Seumas Dùghlas ’na Sheanalair air roinn mheadhonach an airm. Chuir a’ chuid sin de’n armailt air theicheadh na bha mu’n coinneamh de’n nàmhaid. Ach lean iad an ruaig ro fhada, ’s thug
Anns a’ bhliadhna 1818 bha luchd-oibre ’gearradh bunait air son eaglais ùr a thogail air làthrach seann Abaid Dhunfermlin. Anns a’ ghlanadh a bha iad a’ deanamh an sin thàinig iad air uaigh rìgh Raibeirt. Bha còmhdachadh luaidhe air a tharruing ’an cumadh crùin aig a cheann, a’ cuairteachadh a chuirp. Bha mìrean de’n lìon-eudach òir ’s an deachaidh ’adhlacadh fathast ri ’m faicinn. Fhuaradh gu ’n robh na h-aisnean air taobh clì a’ bhroillich air an sàbhadh as a’ chéil’ air son an cridhe thoirt a mach. Thàinig òrdugh a nuas á Lunuinn na cnàmhan a bhi air an gleidheadh gu curamach gus am biodh tàmh-thigh ùr air ullachadh air son an càradh ann le mòr urram. Chruinnich mòran de shluagh na dùthcha, iosal ’us uasal, gu sealladh fhaicinn de ’na bha ’n éis de ’n ghaisgeach chliùiteach. Bha iad a sealltuinn le ioghnadh ’us fiamh air a’ chloigionn ’s an robh comhairle
title | Caibideil XIV |
internal date | 1867.0 |
display date | 1867 |
publication date | 1867 |
level | |
reference template | Eachdraidh na h-Alba %p |
parent text | Eachdraidh na h-Alba |