[115]

CAIB. XV.

RIAGHLADH ALBA ’AN DEIGH BAIS A’ BHRUSAICH.

O NACH robh Alba riamh roimhe co soirbheachails a bha i ri linn Raibeirt Brus, tha sona àite freagarrach air son cunntas goirid a thoirt air cionnus a bha laghanna na rioghachd air an deanamh, no aig an robh còir air suidhes an àrd-chomhairle ris an abrar Pàrlamaid a nis. Rinneadh iomradh cheanair an rian ud a bhair àiteghabhail, fada roimhe so air feadh rioghachdan na Roinn-Eòrpa, a réir an robh gach rìgh air a mheas mar àrd-uachdaran an fhearainnna dhùthaich féin, agus a réir an robh na h-oifìgich, air an do thoilich e roinn sam bith den fhearann a bhuileachadh, ceangailte gun ùmhlachd a thaisbeanadh dha ri àm cogaidh, le greasadh a dhionnsuidh a bhrataich air cheann a chuid iochdarana féin. Thàinig an rian so a steach do Alba glé ghoirid an déigh dha tighinn do Shasunn, mar chaidh ainmeachadh. Bhan còraichean, aig na tighearnaibh fearainn uilon rìgh féin; ’s ma bha iadsan atoirt chòraichean do oifigich eile fopa féin, bha iad sin fo na h-aon cheanglaichibh dhoibhsans a bha iadsan don rìgh. ’N uair a shumaineadh an rìgh na h-Ard mhorairean, shumaineadh na morairean sin gach uachdaran beagus iochdaran a bhair an cuid fearainn, ’s dhfhalbhadh iad uile chuideachadh an rìgh an aghaidh an nàmhaid choitchionn.


[116]

2. Nis cha be mhàin gun robh na Morairean ud fo fhiachaibh gu làmh chuidich a thoirt don rìgh ri àm cogaidh, ach bha e fiachaichtorra mar an ceudna frithealadh aig achùirt air son comhairle ghabhail còmhladh ris mu ghnothuichibh follaiseach na rioghachd. Bha so fiachaichtair na h-uile fear fearainn, am beag co maith ris amhòr, aig an robh an còraichean on rìgh. Ach mar a bhiodh e draghail do na h-uachdaranaibh beaga, agus atarruing mòran costais orra, a bhi feitheamh air achomhairlud, thàinig e lion ceumus ceum gu bhina chleachdadh ac’, anns gach Siorrachd fa leth, a bhi tional an ceann a chéilagus ataghadh aon as am measg féin a chuireadh iad thun na Comhairlair an son uile. Theirteadh Fear-ionaid, no Ball-ionaid ris an fhear sin. ’S ann uaithe so a dhéirich an cleachdadh a fhuair àit’, o chionn iomadh grathunnan Siorrachdaibh fa leth nan trì rioghachdan so; a bhi cur fear-ionaid uatha féin gu suidhes aPhàrlamaid air an son. Ach thàinig rìghrean Alba, gu maith tràthan eachdraidh na rioghachd, gu bhitoirt chòraichean do bhailtibh àraidh an suds an so a bhair an togal air an oirthir, ’an àitibh goireasach air son malairt ri tìribh céin, ’s ri cearnaibh eile nan tìr féin. Theirteadh Borgh Rioghail ris gach baile dhiubh sin aig an robh còraichean on rìgh. Bha iad saor o ain-tighearnas gach Morairus Abas an tìr. Theirteadh Saorannaich ri luchd-àiteachaidh nam Borgh Rioghail sin; gu h-àraidh ris achuid de na Buirgh Rioghail a bha uile cuairtichte le ballachaibh làidir, le geatachaibhus crannaibh làidir air gach rathad a bha treòrachadh dan ionnsuidh. Bhan luchd-àiteachaidh uiliunnsaicht’ ’an arm-chleas achogaidh, mar a dhfheumadh iad araon a bhi gan dionadh féin o chonachd nam morairean, a bhiodh ag iarraidh an spùinneadh; agus a bhi ullamh gus an rìgh a leantuinn ri àm cogaidh, an aghaidh nàmhaid coitchionn na rioghachd. Bha còir, ma ta, aig na Buirgh Rioghail so, air fear a thaghadh as a measg féin a bhiodh atagradhs aseasamh air son an còraicheans an àrd chomhairle.

3. Ach a thuilleadh air na tighearnan mòrus beag ud, agus


[117] luchd-ionaid nam Borgh Rioghail, bha dream eilaig an robh àites an àrd chomhairle, ris an abradh iad An Treas Stàite. Bha làmh an uachdar aig eaglais na Roimh’, an Alba, ’s na linnibh ud, mar a bhaic’ ’an rioghachdaibh eile na Roinn-Eòrpa. Agus mar bha caochladh dhòigheans an robh buntanas aig laghabh na rioghachd ri gnothuichibh na h-eaglais, fhuaradh rian air rathad a réiteachadh da cuid Easbuigibh a steach a dhionnsuidh na h-àrd-chomhairle, air sheòls gun robh làmhan luchd-dreuchd na h-eaglais co gniomhach ann a bhi deanamh nan reachdan leis an robhn tìr air a riaghladh, ri lamhan nam Morairean a bàirdinbhes an rioghachd. Agus mar a bha na trì Stàitean so a dhainmich sinn, —luchd-fearainn, luchd-ionaid shaor-bhailtean, agus luchd-dreuchd na h-eaglais, adeanamh suas na h-àird-chomhairle, theirteadh Stàitean na rioghachd ris achomhairlen uair a bhiodh ina suidhe.

4. Bha atharrachadh an dràsds a rìs ga dheanamh air comh-shuidheachadh na comhairl’, air fheabhas tha sinn an dòchas, ach lean iad riamh air suidh’ ’s an aon tigh fhads a bha Alba na rioghachd air leth; gun tigh Mhorairean idir a bhi aca maran Sasunn. Mar bu trice bamanna carraideachs an robh aig an t-seann luchd-lagh ud ri suidhe gu reachdanus breitheanais a dhealbh, agus ma tha daoin’, a réir an t-sean-fhocail, air an atharrachadh leis na tìmibh, cha bioghnadh ged a bhiodh na laghanna a bha iad adeanamh gu maith cnapach mar, gun teagamh, a bha cuid diubh. Achs ann as na cnapaibh garbh ud, a bha dol tre làmhaibh nan Trì Staitean, a tha lagh Alba gus an n diugh air a gearradh a mach. Ged a chaidh Albaonadh ri Sasunn greis mhaith an déigh bàis Raibeirt Brus, gidheadh bha solarachadh air a dheanamhsan aonadh sin gum biodh an rioghachd air a riaghladh le a seann reachdaibh féin, mar anns na linnibh a chaidh seachad. Feudaidh gun cluinn sinn tuilleadh air aphuinc son uair a ruigeas ar sgeul àm an Aonaidh. Ach aig an dearbh àm feudar ainmeachadh gebe sam bith co maiths a dhfheudadh na laghanna a bhi, gun robh e anbarrach doirbh an cur an gniomh, gu h-àraidh am fior


[118] cheann a deas na rioghachd, ris achrìch Shasunnaich, agus a ris an lethtuath na rioghachd, ’s e sin, ’an Gaeltachd Alba. Bha luchd-àiteachaidh na roinn sin den rioghachd, riamh o linn Challum Ceann-Mòr, araons na h-eileanaibh agus air tìr-mòr, air tighinn gu bhi nan treubhaibh, no nam fineachaibh air leth; gach fine dhiubh sin, co aonaichte ri chéilam bannaibh càirdeisus féin-dhions ged a baon teaghlach a bhiodh ann. Bha mhi-riaghailts an troimhe-chéila bhanns gach cearna fa leth den tìr ag agairt gum biodh Clanna na Gael, mar so, ’an guaillibh achéile. Cha robh dòigh aig duinair a bhi beò air feadh nan garbh chriochs na h-amaibh ud, mur dionadh a chinneadh féin e. Nis bha gach fine dhiubh sin mòran ni bu cheangailte rin ceann-feadhna féin na bha iad eadhon ris an teaghlach rioghail. Agus bha na treubha so air an riaghladh len laghannaibh féin, nach robh aig na h-uilàm dìreach a réir lagh na rioghachd. Cha robh ròidean ann, ’s bha e ro dhoirbh turusan tric a dheanamh o thuath gu deas. ’N uair a thogradh fear de na cinn-feadhna, fhritheileadh en àrd-chomhairl’, agusn uair a thogradh e féin dhfhanadh e aig abhaile. ’N uair a bha rìgh cumhachdach air achaithir, roimh an robh eagal air, ’s dan robh urram aig na cinn-fheadhna, bhiodh iad a toirt tomhas éigin de ùmhlachd do reachdaibh na h-àrd-chomhairle. Achn uair a bha rìgh fann air achaithir, no rìgh fo aois mar is tric a thachair an déigh aBhrusaich, béigin a bhi fàgail nam fineachan gu bhi nan lagh dhoibh féin.

titleCaibideil XV
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page