[119]

CAIB XVI.

DAIBHIDH II.

THUGADH fainear gu tric gum bu daoine beaga mic dhaoine mòra; gum bu daoine gòrach mic dhaoine glice. Bha sin, gun teagamh, firinneach a thaobh an aoin mhic a dhfhàg rìgh Raibeart mòr. Cha robh Daibhidh ach mu chùig bliadhna dhaoisn uair a bhàsaichathair. Thugadh an t-ainm sin air mar onair riroimh-shinnsir a rioghaich ceud bliadhna roimhe sud. Shuidhich rìgh Raibeart, roimh a bhàs, gum biodh Sìr Tòmas Randolph, Iarlan taobh Mhuirich, air a dheanamhn a Thàinistear, ’s e sinna àrd-riaghlair, air an rioghachd gus an tigeadh Daibhidh gu aois. Bha Randolphn a dhuine comasach, agus bha eriaghladh na rioghachdan ceartas; car cruaidh, theireadh daoinen diugh a bha e. Fhuair e Achd air a dhaingneachadh leis achomhairle, gum feumadh na h-uile Siorraimh pàigheadh air son gach coltair, no inneal treabhaidh eila rachadh a ghoid an taobh a stigh de chriochan na Siorrachd, a chionn gum be dleasdanas an fhir-dreuchd sin luchd-braid a chumail fo eagal. Ghabh fear-eigin de dhànadas air iaruinn a chroinn fholuch, agus a ràdh gun do ghoideadh iad. Fhuair e on t-Siorraimh an t-suim a mheasadh do na h-iaruinn sin. Ach fhuaradh a mach airan déigh sin gum be féin a dhfholuich iad. Chroch an Táinistear e air son a chuid cleasachd. Bann air an dòigh so a bhuin Randolph ris gach fear droch-bheirt. Bha en a shaighdear gaisgeil; agus cha bfhadan déigh bàis an rìgh gus an robh e air a ghairm gu dhol air ceann an airm an còdhail an nàmhaid. Thug Eideard Bailiol oidhirp air crùn Alba fhaotainn da féin goirid an déigh bàis a’


[120] Bhrusaich. Bu mhac e so do Iain Bàiliol, dhethn drinn Eideard I. Shasuinn rìgh mas fhìor, agus a dhruid e rìsam prìosunn uair a rinn e féin air son sealbh a ghabhail air Alba. Fhuair e cead a choise greis an déigh sin, ’s chaith e deireadh a làitheans an Fhraingan dìmeas. Thàinig a mhac a nis a nall as an Fhraing, ’s thug rìgh Shasuinn cuideachadh dha os iosal, gu rioghachd Alba thoirt o theaghlach aBhrusaich, air chumha gun aideachadh e righ Shasuinn féin mar Ard-uachdaran Alba. Fhuair e àireamh luchd-leanmhuinn a measg dhaoine mòra Shasuinn, agus mar thanàr ri aithris, a measg dhaoine mòrAlba mar an ceudna. ’N uair a bha Randolph acur an airm an òrdugh air son an ceannairceach ud a chur sios, bhàsaich e bàs gradam Baile nan Feasgan, ’am mìos deireannach an t-samhraidh, 1332. Rinn Pàrlamaid na rioghachd Iarla Mhàrr, caraid eile do rìgh Raibeart, ’na Thàinistearan àite Randolph. Cha bu shaighdear Iarla Mhàrr ann; ’s bha bhuil. Thàinig Eideard Bàiliol air tìrs an Eilean-loisgte, ’s àireamh Shasunnachga leantuinn. Fhuair e beagan cuideachaidh air taobhs ear Alba. Bha Iarla Mhàrr le buidheann den arm Albannach air campachadh air monadh Dhuplin, ri taobh amhainn Earna. Agus tha e dearbhta gun robh luchd-brathaidhs achamp aig’, a thug misneachdus seòladh do Eideard Bàiliol tighinn orra gun fhios feadh na h-oidhche. Cha robh freiceadan no luchd-fairaig Màrr idir timchioll achaimp; agus mharbh daoinaBhàliolaich àireamh mòr de na h-Albannaich, ’n uair thàinig iad orra gun fhios, agus an Tàinistear féinus triùir no ceathrar eile de àrd mhaithean na tìremeasg chàich. Bha Iarla Mharch atriall gu tuath le roinn den arm gus an Tàinistear a chuideachadh; ’sn uair a chual e mar a thachair chleachd se e féinan dòigh co neònachs gun do smuainich an sluagh gur h-ann air taobh aBhàiliolaich a bha e. An déigh na buaidh bigud, ghreas Eideard Bàiliol gu ruig Scoinne, far an dfhuair se e féin a chrùnadh. Thug en ath starradh as gu ruig Sasunn a dheanamh ùmhlachd do Eideard, ’s an ath char air ais do Alba gu
[121] fleadhachas. Ach cha bfhada mheal en onair. Chan fhuilingeadh na h-Albannaich a chluinntinn gun robh iad gu bhi air an riaghladh le seirbhiseach do rìgh Shasuinn; ’s mar sin rinn iad air son Eideard a rotadh air falbh an taobh as an tàinig e. Thog dithis no triùir den fheadhainn bu tapaidh a measg àrd-mhaithean na rioghachd buidheann luchd-leanmhuinn gu folchuidh, ’s thuit iad air aBhàiliolachs e air féisd an àite faisg air Annan, ’s ghearr iadn am mìribh a luchd-coimhideachd, a measg an robh a bhràthair, ’s theich e féin air muin eich gu ruig Sasunn le leithid de chabhaigs nach dfhuirich e rifhalluinn a chur uime, no diollaid a chur aireach.

2. Fhuair Eideard Shasuinn samhladh lethsgeil a nis gu briseadh a steach air Alba, gus an sluagh a pheanasachadh air son an ceannairc. Threòraich e armailt mhòr do Alba, ’s chuir e séisd ri Bearuic, baile mòr air achrìch Shasunnaich. Thog Sìr Aindreas Muireagh, a bha nisn a Thàinistear, armailt bheag, ’s chaidh e gu deasan coinneamh an t-Sasunnaich. Chuir iad blàr air cnoc Halidoin, mu dhà mhìle o Bhearuic. Chaill na h-Albannaich an latha, ’s bhan Tàinistear féin a measg an fheadhainn a thuit. An déigh abhlàir so thriall Eideard gu tuath, ’s chuir e Bàiliol suas a rìsna rìgh air taobhs iarus tuath Alba, ’s ghabh e sealbh air cearnaibh deas na rioghachd dha féin. Cha dfhuair Bàiliol ach àireamh beag de na h-àrd-uaislean gu ùmhlachd idir a thoirt da. Agus an déigh caochladh oidhirpean neo-shoirbheachail a thoirt air cuid de na caistealan a bhacumail a mach an aobhar rìgh Daibhidh a cheannsachadh, béigin dachasan a thoirt leis á Alba a muighs a mach, agus an déigh sin rinn e atharrais air an dearbh ghniomh tàireil, fealltach, a rinnathair roimhe, ann an toirt seachad riaghladh Alba gu h-iomlan, ’s gu bràth do rìgh Shasuinn; ’s mar shamhladh air amhagaireachd so thug e dha làn a dhuirn de ùir Albagus crùn òir. Ma bfhior do Eideard III. gum bu leòir sud gu làn chòir a thoirt dha féin air Alba.


[122] Thug e blàthachadh pàighidh don Bhàiliolach, a thug a chasan leis don Fhraing, ’s chaneil eachdraidh adeanamh tuilleadh iomraidh air. Rinn Eideard Shasuinn a nis air son Alba fhaotainn air na h-uile cor. ’An toiseach nan trioblaidean so bha Daibhidh òg Brus ga ghleidheadhan Caisteal Dhunbartoin, daingneach co làidirs a bhan Alban uair ud. Achn uair a chunncas gun robh rìgh Shasuinns an eadraigin chuireadh Daibhidh a null don Fhraing, anns abhliadhna 1332, a chum gum faigheadh e fòghlum iomchuidh don inbhes an robh e, agus gum biodh e tearuinto chunnart gus an tigeadh e gu aois. Agus lean an cogadh gun lasachadh eadar Alb’ ’us Sasunn am feadh a bha e air chuairts an rioghachd sin. Ach chaneil eachdraidh adeanamh iomraidh air gun do sheas an t-arm Albannach blàir na h-ùine sin ris an nàmhad an déigh Halidoin. Bhiodh buidhnean beaga gun teagamh, acoinneachadh a chéile dhiubh, timchioll air séisd chaistealan, agus atarruing folo àm gu h-àm. Ach an déigh an fhuiltich ud a dhainmich sinn, tha e soilleir gun do lean na h-Albannaich achomhairla thug rìgh Raibeart dhoibh, ris a bheilTiomnadh an deadh rìgh Raibeirt,” air a ràdh. Be sin, co trics a bhriseadh na Sasunnaich a steach air an tìr, gun tugadh an sluagh iad féin as do na beanntaibh, ’s do na h-àitibh garbh eile a bha feadh na dùthcha len cuid spréidh’, ’us gun loisgeadh iad na h-uile sion a bha fàs á talamh dem burrainn an nàmhaid feum a dheanamh; ’s gun tugadh so air an arm Shasunnach pilltinn air an ais gun dad air son an saothrach. Agus fhuair na h-Albannaich a mach lem féin-fhiosrachadh gum be sud dòigh bu fhreagarraiche sam bith air son iad féin a chumail saor o chuing nan Sasunnach. Thàinig Daibhidh air ais gurioghachd féins abhliadhna 1341. Bha e ochd bliadhna deug a dhaoisan sin, agus air pòsadh Ioanna, piuthar rìgh Shasuinn. Bha e ro mheasail aig a chuid iochdaranaibh an uair a thàinig e air ais; ach bha aobhar acam barail uime chaochladh
[123] an déigh sin. Bha e ro fhadana cheann, ro bhrasna nàdur, ro dhéigheil air cluich, agus anns na h-uile seadh neo-fhreagarrach air son riaghlaidh.

3. Mun àms an tàinig Daibhidh air ais do Alba, bha cogadh eadar Sasunns an Fhraing, ni a thug cothrom anail a tharruing do na h-Albannaich bhochda. Chuir rìgh na Fraingimpidh air Daibhidh briseadh a steach air Sasunn le armailt gus an tarruingeadh e uaithe féin ni-eigin de chumhachd na rioghachd sin. Bha Daibhidh co amaideachs gun do ghabh en impidh sin o rìgh na Frainge; ’s bha e co fadana cheanns gum feumadh a luchd-comhairle, comhairla ghabhail uaithe. Ghabh e air aghart gu deas le àireamh maith shaighdearan, ag oidhirpeachadh a dheanamh air na Sasunnaich an is tric a rinn iadsan air Alba, creachadhus losgadh le tein’ ’us claidheamh. Bha Eideard III. ’s an Fhraing an sin. Ach thog na Sasunnaich arm aig a bhaila chuir iadan aghaidh nan Albannach. Choinnich an armailt aig aite ris an abrar Crois Nebhil. Cha robh Daibhidh ach mu thrì bliadhna fichead a dhaois an uair sin, agus gidheadh dhfheumadh e comannd an airm fhaotainnna làmh féin. Dhinnis àrd-oifigich an airm dha mar bu chòir na daoina churan òrdugh, agus an cunnart a bhiodh ann mur biodh marc-shluagh deiseil air son na fir-bhogha Shasunnach a sgapadh. Cha tugadh Daibhidh éisdeachd do mhòr no beag, ach a dhòigh féin a leantuinn. ’S e bun a bhann, chaill na h-Albannaich an . Thuit mòran den àrd-uaisleans a bhlàr, ’s chaidh, mòran a ghlacadh nam priosunaich, a measg an robh Daibhidh féin. Lean làmh chlì an airm air cath fadan déigh don chuid eile an ruaig a ghabhail, tharruing iad an sin air falbh an deadh òrdugh, agus gu sàbhailt. Bhachuid so fo stiùireadh Iarla Mharch, agus Stiubhart Alba. Chuireadh Daibhidh air muin eich mhòir, dhuibh, ’s threòraicheadh em fianuis an t-sluaigh uile, mar phriosunach gu Tùr Lunuinn, far an do choinnich e Iain, rìgh na Fraing’, a bha co ionann mi-fhortanach ris féin, air a dheanamh na phriosunach cogaidh leis aPhrionnsa Dhubh,


[124] mac rìgh Shasuinn. Chumadh Daibhidh aon bliadhna deugna bhraighdeannachan Sasunn. Agus lean Eideard na h-ùine sin air cogadh ri Alba mar a burrainn e, le sùil ris an rioghachd a cheannsachadh dha féin gu h-iomlan. Bha cuimhne ùine fhadair garg-ionnsuidh a thug e air Alban toiseach na bliadhna 1355. Tha meud a challarinn e air an turus ud air a chuimhneachadh leis an Fhéill-Bhrìde Loisgte. Tha e coslach gun robh araon na Sasunnaichs na h-Albannaich alosgadhs an àm ud. Fadheòidh, ’n uair a dhaithnich an Sasunnach nach robh feum a bhi ri Alba, leig e cead a choise le Daibhidh, air chumha gum pàigheadh e còrr maithus muillean punnd Sasunnach mar éiric air son a shaorsainn. Ghabh Daibhidh os làimh an t-suim sin a thional co luaths a gheibheadh e da thìr féin. Ach cha robh na muilleana co lionmhor an Alban uair sins a tha iad a nis, bhan t-airgiod atighinn an ceann a chéile gu h-anabarrach mall. Bha na fiachan ud mar chloich-mhuillinn mu mhuinneal an rìgh, ga chumailan seadh àraidh, ’na chiomach, ged a bhashaorsainn aige. Aguss ann a fhuaradh a mach gun robh Daibhidh acùmhnantachadh ri Eideard Shasuinn air son oighredheanamh dheth air rioghachd Alba, chionn nach robh duine cloinnaige féin, air sgàth e mhaitheadh nam fiachan da. Ach an uair a thàinig an gnothuch os ceann bùird, béigin don rìgh sgur dheth. Cha robh na h-Albannaich adol idir a ghéilleadh da leithid. Bha, mar sin, bha gnothuch an airgid air fhàgail aig na rìghribh gus a réiteachadh eatorra mar a bfhearr a dhfheudadh iad.

4. Bann mun àm so a bha plàigh ro eagalach air feadh uile rioghachdan na Roinn-Eòrpa. Bha na h-ainmhidhean féin ga gabhail o aon a chéile, agus eadhon o dhaoinibh, nam buineadh iad ri eudach duina bhàsaich leatha. Bha i air sgaoileadh feadh Shasuinn greis mhaith mun tàinig i dhAlbidir. Theireadh na h-Albannaichbàs sgreataidh nan Sasunnach,” rithe. Thachair gun robh armailt Albannach cruinnam frìdh Shelcirc, ’an ceann deas na rioghachd. Thàinig aphlàighn am measg gun fhios


[125] cionnus. Chaidh cùig mìle den armailt adhlacadh an sin mun do sgaoil iad o chéile. Ach lean aphlàigh iad do gach cearna den rioghachd. Tha luchd-eachdraidh ag aithris gun do bhàsaich treas earrann an t-sluaigh leatha. Gun teagamhs i plàigh a boillteil’, agus is chuir de uamhas air daoinibh air a bheil iomradhan eachdraidh an t-saoghail.

Bhàsaich Daibhidh II. ’s abhliadhna 1371, ’s an t-seachdamh bliadhna thar dhà fhichead deaois, agus rioghaich Raibeart Stiubhart, mac a pheathar, ’n a àite.

titleCaibideil XVI
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page