[125] CAIB XVII.
TEAGHLACH NAN STIUBHARTACH.
A MEASG an àireimh mhòir luchd-leanmhuinn a thàinig á Sasunn do Alb’ an déigh ban-rìgh Mairireit, bha fear Ualter Fits-Alan. Fhuair am fear so an dreuchd urramach sin, a bhi ’na Stiùbhart air teaghlach an rìgh ri linn Dhaibhidh I. An déigh sin thàinig an àrd dhreuchd so gu bhi oighreachail ’an teaghlach Fits-Alain. Agus mar sin thàinig iad gu bhi air an sloinneadh a réir an dreuchd,Stiubhartaich. Bha Ualtar Stiubhart, an seathamh fear de ’n teaghlach so ’na àrd-stiùbhart air teaghlach an rìgh ri linn Raibeart Brus. Bha Ualter so ’na shaighdear gaisgeil. Bha Raibeart Brus co riaraichte leis an dòigh ’s an do chleachd an Stiubhart e féin là Allt a’ -Bhonnaich, ’s gu ’n tug e dha Margori, a nighean féin, ri pòsadh, an ath-bhliadhn’ an déigh sin. Cha robh duine cloinn’ eil aig a Bhrusach an uair sin. Thàinig Daibhidh, a rugadh an déigh sud, a dh’ ionnsuidh a’ chrùin aig bàs ’athar. Ach mar a bhàsaich esan gun chloinn b’i ’phiuthar ’s a teaghlach, a b’ fhaisg air an rìgh-chaithir. Thug Uilleam, Iarla Dhùghlais, aig an àm cheudna tàmhadh
[126] a dh’
ionnsuidh a’
chrùin,
ged nach robh còir dhligheach sam bith aig,’
ach gu ’
m bu duine buaireasach e,
a bha ro chumhachdach;
agus is gann a b’
urrainn na Stiubhartaich leis a chlaidheamh cur ’
na aghaidh.
Ach fhuair e nighean Raibeart II.
gu bhi air a pòsadh ri mhac féin.
Thug sin air a bhi sàmhach aig an àm,
agus chaidh Raibeart II.
[Mac bu shine nighinn a Bhrusaich. ] a chrùnadh an sin gu’
n neach a’
cur’
na ’
aghaidh.
Bha e dà fhichead ’
s a cùig deug ’
n uair a thòisich e air rioghachadh.
Bha e air bhi na ’
dheadh shaighdear ’
na òige.
Ach bha e nis gu maith trom;
agus bha galar ’
s na sùilibh aig’
a bha ga ’
n deanamh dearg mar fhuil.
Bu duine measail e;
ach cha robh e co smachdail, ’
s co treun ’
s a dh’
fheumadh prionnsa ’
na àite-
san a bhi,
air son ùghdarras a ghlacadh ’
s a chumail thairis air an t-
sluagh.
Cha robh smachd sam bith ga chumail orra ri linn riaghladh fann Dhaibhidh, ’
s bha na cinn-
fheadhn’,
araon a tuath ’
s a deas air dol ann am fiadh le cogadh ’
us creachadh nam measg féin, ’
s an aghaidh nan Sasunnach.
Ged dheanadh righ Raibeart sìth ris na Sasunnaich,
bha teaghlach nan Dùghlasach, ’
us cinn-
fheadhn’
eile ris a’
chrìch,
ga ’
m faotainn féin aig saorsainn gus an coimhearsnaich Dheasach a chreachadh an déigh sin uile.
Agus bhiodh sin a’
toirt dragh air an rìgh anns nach robh làmh air bith aige féin.
2. Thàinig buidheann Fhrangach mu’n àm so a chòmhnadh nan Albannach ’an aghaidh nan Sasunnach, ’an dùil gu ’m faigheadh iad cliù ’us saoibhreas mar dhuais an saothrach. Bha Admaral de Vienne ’na cheannard air na Frangaich. Chruinnich Richard II., rìgh Shasuinn, armailt ro lionmhor a chuir e nall do Alba. Bha na Frangaich a brosnachadh nan Albannach gu là blàir a sheasamh ris an nàmhaid, ach cha deanadh na h-Albannaich sud. Thuirt na h-oifigearan Albannach gu ’m faicteadh gu h-aithghearr na Sasunnaich a’ pilltinn dachaidh le call mhòran sluaigh, ’s gun dad air son an turuis, gun chlaidheamh a tharruing á truaill. B’ amhuil a thachair. ’N uair a chunncas na Sasunnaich a tighinn, chaidh teinntean rabhaidh fhadadh
[127] adh air mullaichibh nan cnoc mar a b’
àbhaist,
aon chnoc,
mar gu ’
m b’
eadh ga chur uaithe féin gu cnoc eile.
Ghluais an sluagh le ’
n cuid spréidhe do ’
n ionadaibh dionaidh a measg nan creag ’
s nam beann, ’
s chuir iad ri theine an àitean còmhnuidh.
Cha ’
n fhaigheadh na naimhdean dad a dh’
itheadh iad,
no duin’
air an deanadh iad dioghaltas.
Agus an déigh cuairt fhada,
sgìth,
a ghabhail feadh na dùthcha,
phill iad air an ais,
a’
fàgail as an déigh mòran de ’
n cuid daoin’ ’
us each a thuit le sgìos ’
us ocras.
Aig an àm cheudna thòisich na saighdearan Albannach air creachadh an taobh tuath Shasuinn,
far nach robh neach a b’
urrainn seasamh na ’
n aghaidh.
Thionail iad pailteas creiche ’
s bha iad a’
caitheadh na h-
ùine glé shòghmhor ’
s an tìr bheartaich ud, ’
n uair a bha na saighdearan Sasunnach a’
bàsachadh le gort ’
us sgìos ’
an tìr fhàsail.
Thàinig na Frangaich gu aimhreit air son a lughad ’
s a bha iad féin a faotainn de thuarasdal.
Ach cha b’
e mhàin nach pàighteadh dad dhoibh sin’
an Alba,
ach cha ’
n fhaigheadh iad cothrom falbh do ’
n tìr féin gus an gealladh iad pàigheadh air son an cumail suas ré na h-
ùine a bha iad ’
an Alba.
Ach bha ’
n Dùghlasach deònach gu leòr air cath a chumail ris na Sasunnaich ’
n uair nach biodh ann diubh ach àireamh cuimseach,
ni-
eigin cosmhuil ris an àireamh luchd-
leanmhuinn a bhiodh aige féin.
Bu nàr leis e féin fholuch ’
an teugmhail de ’
n t-
seòrsa sin.
3. An deireadh an t-Samhraidh 1388, bhris an creachadair so a steach air taobh tuath Shasuinn le buidheann lionmhor luchd-leanmhuinn. Chuir Iarla Northumberland a dhithis mac, Sìr Eanruic agus Sìr Ralph Perci, ’an coinneamh nan ceatharnach Albannach gu stad a chur orra. Chaidh na fir am badaibh a chéil’ air taobh a muigh balla Chaisteil Nomha. Theireadh iad Hotspur ri Sìr Eanruic a thaobh co bras ’s a bha e. Bhuail am fear so agus Iarla Dhùghlais air còmhrag ri chéile mar dhà churaidh. Anns a’ chòmhrag so fhuair an Dùghlasach greim air sleagh an t-Sasunnaich, ri ceann an robh suaicheantas teaghlaich nam Perciach ceangailte, mìr grinn de shide air a ghréiseadh le neamhnaidibh air an robh dealbh
[128] leòmhain air a tharruing.
Thog an Dùghlasach an comharradh buaidh so gu h-
àrd os ceann a chloiginn, ’
s ghlaodh e gu ’
n tugadh e eis do Alb’
e, ’
s gu’
n càireadh e air a’
chaisteal féin an Dail-
cè e. “
Cha dean thu sin gu bràth,”
ars’
an Sasunnach, “
coisnidh mi fathast mo lann,
mu ’
m faigh thus air t-
ais a dh’
Alba.” ’
S ann mar sud a bha. ’
N uair a thruis an Dùghlasach de chreich na chaidh aig air,
thionndaidh e aghaidh gu tuath.
Ach ’
n uair a ràinig e àite ris an abrar Oterburn,
mu fhichead mìl’
o chrich Alba,
rùnaich e campachadh an sin gun fhios nach tugadh Hotspur oidhirp air a’
lann a chosnadh a rìs.
Bha ’
n cluich co milis ’
s gu ’
m bu mhòr am beud leis an Dùghlasach a leigeadh seachad.
Mu anmoch,
an dara feasgar an déigh dhoibh stad,
bha na h-
Albannaich a’
gabhail an suipeir, ’
s cuid air gabhail mu thàmh, ’
n uair a chualas àrd-
ghlaodh, “
Perci,
Perci.”
Bha ’
n oidhche soilleir le àirde gealaich.
Bha na h-
Albannaich an òrdugh co grad ’
s a ghabhadh e deanamh;
sheas na laoich aig a chéile.
Chuireadh bratach an t-
Sasunnaich mu choinneamh bratach ’
an Dùghlasaich.
Ach bha triùir aig Hotspur mu ’
n aon a bh’
aig an Dùghlasach;
agus goirid ’
an déigh bualadh gu chéile thòisich na h-
Albannaich a’
dol an coinneamh an cùil.
Air faicinn sin do’
n Dùghlasach ghabh e tuagh chath’
anns gach làimh ’
s ghlaodh e mach, “
Dùghlas,
Dùghlas,” ’
s réitich e rathad dha féin troimh an nàmhaid.
Ach mu ’
n gann a bha sin deanta thuit e sios air a leònadh le trì lotaibh bàsmhor, ’
s cha bu luaithe a bha e ri talamh na chuir Sasunnach eil’
an tuagh troimh ’
n cheann aige, ’
s gun fhios aige co bh’
ann.
Bha càirdean an Dùghlasaich féin air a chulaobh ’
s mu ’
n cuairt da,
agus air tòiseachadh le neart nuadh a’
cur air ais nan Sasunnach.
Dhlùthaich Sìr Iain Sinclair,
a bu charaid dha,
ris, ’
s a’
togail a chinn làn fola o’
n talamh thuirt e, “
Cionnus a tha thu charaid?” “
Cha ’
n ’
eil ach gu meadhonach”
ars’
an ceann-
feadhna, “
ach buidheachas do Dhia cha do bhàsaich ach tearc de ’
m aithrichean air an leabaidh.
Tha mi guidheadh ort mo bhàs a dhioladh,
oir tha mo chridhe a dol an laigead na h-
uile tiota:
tog mo bhratach a tha air an làr o bhàs an uasail a bha ga giùlan,
[129] ’s thoir do neach eil’
i;
glaodh,
Dùghlas! ’
s na innis do charaid na do eas-
caraid nach ’
eil mi ’
n ’
ur measg.”
Air a sin bhàsaich e;
thilg iad falluing air a’
chorp, ’
s rinneadh mar a dh’
iarr e.
An uair a chuala na h-
Albannaich an Glaodh-
catha,
thionail iad timchioll na brataich, ’
s bhrùchd iad air ais na Sasunnaich,
a thionndaidh an cùl riu ’
an ùine ghoirid.
Ghlac iad mòran diubh ’
n am prìosunaich,
a measg an robh Hotspur féin.
Thugadh e féin agus sleagh na còmhstri gu ruig Alba.
B’
ann mar so a choisinn an Dùghlasach marbh a’
bhuaidh.
Thug iad a chorp do Abaid Mhelros, ’
s chroch iad sleagh an t-
Sasunnaich os ceann na h-
uaigh a rinneadh dha.
Bhàsaich Raibeart II. ’an deadh shean aois, anns an fhicheadamh bliadhna de ’rioghachadh. Dh’ fhàg e ceathrar mhac, agus rioghaich am fear bu shine dhiubh, ris an abrar Raibeart III., ’na àite.