[129]

CAIB. XVIII.

RAIBEART III.

Bha trioblaidean gu leòir, araon ’na theaghlach agus ’na rioghachd, aig Raibeart III. a rioghachaidh. Bha e còrrus 50 bliadhnan uair a chrùnadh e. Cha robh e féin freagarrach air son seasamh air cheann airm. Bha ceum bacaich ann, o bhreab a thug each dhana òige, ann an spleadh-chòmhrag. Agus mar a bha e socair, neo-bhuaireasachna nàdur, cha robh e air son a ghabhail ach co beags a burrainn e de dhragh ri gnothuichibh follaiseach na rioghachd. Bha fear debhràithribh a bha comharraichte geur, dàna, agus teomair son ghnothuichean a ghabhail os làimh. Rinn e Diùc Albani don fhear sin, agus dhearb e ris, cha mhòr,


[130] riaghladh na rioghachd gu h-iomlan. Rinn e mar an ceudna Diùc Bhòid demhac bu shine féin, agus oighrechrùin. Bu le teaghlach nan Stiùbhartach féin eilean Bhòid uile; ’s bha mòran fearainn eile acan ceann deas Alba, gu h-àraidhan Siorrachd Reinfriu. Cha robh Diùc riamhan Alba roimhn dithis so. Cha robh tiodal ann a bàirde na Iarla. Bha bràthair eilaig an rìgh a bhana thriath air Baideanach, agus aig an robh riaghladh air taobhs ear Alba sios gu Gall-thaobh, Bham fear so adeanamh uiread de chall air feadh na dùthcha mun cuairt, ’s gun tug iad Sionnach Bhàideanach mar fhrith-ainm dha. Thug anSionnachtàmhadh air fearann an easbuig Mhuirich gus a chuid féin a dheanamh dheth. Chuir an t-easbuig binn ioms-garaidhan céill an aghaidh an t-Sionnaich air son e bhigleidheadh sealbh air an fhearann. ’Chur a bhinn sin an Sionnach gus an ro thuilleadh buaireis. Dhfhalbh e le àireamh luchd-leanmhuinn agus loisg e baile Forres, pàirt den eaglais, agus tigh còmhnuidh an àrd-dheacoin. Goirid an déigh sin loisg e bailElgin leis na bha timchioll air de eaglaiseanus tighean luchd-dreuchd na h-eaglais. Chuireadh an lagh sìobhalt as a dhéigh an sin, ’s thugadh e gu ni-eigin de aideachadh ùmhlachd. Thàinig e gu eaglais ann am Peirt a dheanamh ùmhlachd, far an do choinnich an rìgh, agus mòran de na h-àrd uaislean ris, agus ghabh iad ris air chumha gun tugadh e làn-riarachadh don easbuig Mhuireach, agus gum faigheadh e maitheanas on Phàpa.

Bha mac diolain aig aPhearsa rioghail so, ris an abradh iad Donnachadh Stiubhart, a bha co dona riathair. Cha bhiodh ann de eachdraidh an fhiùdhalaich so ach ath-aithris air na chaidh innseadh de dhroch ghniomharaibhathar féin. Ach cha be mhàin gum feudtadh a ràdh mu chàirdean an rìgh gun robh iad mar mic Sheruiah, ro chruaidh air a shon, ach bhachuid mhòr de na cinn-fheadhna Ghàelach mar sin mar an ceudna. Agus tha cuid ag ràdh gun robh Diùc Albani acomhairleachadh don rìgh, a bhi toirt cead doibh cur as da chéile, gus am biodh e ni


[131] bfhusadh dha féin a rìs treubh sam bith dhiubh a dhéireadhan ceannairc a cheannsachadh. Tha caochladh nithe aig luchd-eachdraidh gan innseadh a tha coslach ri bhi toirt gnùis don bheachd so. Tha ni-eigin cosmhuil ri so anns achòmhrag a leigeadh air aghartam fianuis an rìghs na ban-rìgh, us mòran uaislean eiles abhliadhna 1396. Bha clann Chatain, agus clann Dhaibhidh, no clann Chai, acreachadhs amarbhadh a chéile, gun tàmh, dheich bliadhna roimhe sud. Agusn uair nach gabhadh iad comhairle gu sgur den droch obair sin, fhuair iad cead on rìgh achòmhstri a réiteachadh le deich fir fhichead air gach taobh a dhol a chòmhrag ri chéile le claidheamh mòr, ’s tuagh-chatha, agus gum biodh urramus toiseach aig an taobh a choisneadh air an taobh eilan déigh sin. Bann don aon treubh a bhuineadh an mheòir so, Clann Chatains Clann Chai, ’s be aobhar na còmhstri, co dhiubh a burramaichagus aig am biodh an toiseach ri àm cogaidh. ’N uair a ràinig iad an làthrach a bhair ullachadh roimh laimh, bha fear de Chlann Chatain air e féin thoirt as gu h-uaigneach, mar gum biodh e coma air son a chuid a bhi aige de ghlòir achatha. Cha leigeadh Ceannard Chlann Chai aon duine air falbh gus an àireamh a dheanamh co ionann. Ach thairg fear a mhuinntir abhaile, ris an abrar Eanruic Uind, e féin do MhacPhearsoin, Ceannard Chloinn Chatain, air leth-chrun gus an cath a chur air Clann Chai. Chaidh sin a a ghealltuinn da, ’s thòisich an còmhrag gu geur, guineach. ’N uair a mharbh am fear-tuarasdail so aon duine sguir e; dhéigh an Ceannard ris ciod a baobhar dha sud, an robh eagal air. Thuirt esan nach robh, ach gun drinn e seirbhis gu leòir air son leth-chrun. Dhéigh MacPhearsoin, “Am fear nach cum cunntas air a ghniomharaibh euchdail, pàighear e gun chunntas a chumail ris.” Chuir iad so anns an rann, “Am fear nach cunntadh rium cha chunntainn ris.”

Thòisich an gille-tuarasdail air obair a mharbhaidh a rìs. ’S ann leis an taobh air an robh esan a chaidh. Mharbhadh naoi fir


[132] fhichead de Chloinn Chai; theich am fear mu dheireadh a bha beò. Mharbhadh naoi fir dheug air an taobh eile. Bha na mhair beò dhiubh air an gearradhs air an lotadh gu h-uamhasach, ach Eanruic na aonar. Bha esan gu maith air armachadh, ’s bha e ro làidir: bu cheird da bhi deanamh dhiollaidean stàillinn, ’s theireadh na Gàeil, an Gobha Crom ris. Thug MacPhearsoin an deadh phàigheadh dha.

2. An ùine ghoirid an déigh so, bha caonnag fhuilteach eadar Callum Beag MacLeòid, uachdaran Leòdhais, agus buidheann de na Cataich, ’s de Chlann Aoidh, Shrath-nàbhair. Bha Aonghas Mac Aoidh, uachdaran Shrath-nàbhair, air pòsadh piuthar do Mhac Leòid. Bhàsaich esans dhfhag e dithis mac, Aonghas Dubh, ’us Ruairidh Gallda. Rinneadh Uisdean Dubh, bràthair athar don chloinn sona oid-iunnsaich orra an déigh bàis anathar, ’s bha e aig an àm cheudnana stiubhart air an cuid fearainn. Chuala MacLeoid gun robh Uisdean Dubh a cumail droch ceann ris abhantraich, a phiuthar. Dhfhalbh e le ceathairn mhaith Leodhasach còmhladh ris a shealltuinn air a phiuthair air los ceartas fhaicinn aica dheòin nodhaindeoin. ’S es coslaiche nach tàinig MacLeoids Uisdean Dubh MacAoidh gu còrdadh idir. Co dhiù, dhealaich MacLeoid risam feirg mhòir, ’s thoisich e air losgadhus fàsachadh pairt de Shrath-nàbhair, ’s thog e mòran creiche, crodh us caoraich, leis an dfhalbh e gus an aiseag gu ruig Leòdhas. Ach chuir Clann MhicAoidh a dhiarraidh cuideachadh on Iarla Chatach, ris an robh iadan sìths an àm sin mar nach bàbhaist. Chuir an t-Iarla Alastair Muireach na Cùbin le dream de dhaoine tapaidh a chòmhnadh muinntir an t-Srath. Chaidh na Caoidhichs na Cataich le chéilair tòir MhicLeòid, ’s rug iad air aig Tuiteam Turbhigh, anns achrìch eadar Cataobhus Ros. Thòisich iad an toiseach air an spréidh a thoirt o chéile, mar bhitheas buachaillean adeanamh air aphunntair. Agusn uair nach robh na Leòdhasaich a cur rompa speir den chreich a leigeadh as, bhuail iad air a chath, a bha mar tha Sìr Raibeart Gordon ag ràdh, fada, guineach


[133] fuilteach, teagmhach. Achs ann air MacLeòid a chaidh. Mharbhadh e féins na h-uile duina bha còmhladh ris, ach aon fhear a thàinig dhachaidhs a bhàsaich leis na lotaibh a fhuair e. Fhuair a bheag no mhòr de mhuinntir an t-Srath air ais beò leis an spréidh.

3. Ach cha robh trioblaidean air biths an rioghachd co cianail riu sud a bhan teaghlach an rìgh féin. Cha robh clach gun tionndadh aig Diùc Albani a dhfheuchainn am faigheadh en rioghachd gu h-iomlan da féins da theaghlach. Agus mar sin, dhfheumadh e mic an rìgh a chur as a rathad. Bha Diùc Bhòid, oighre dligheach achrùin, ’na dhuineutrom, car ceannasach agus beothailna spiorad. Bha Albanideanamh na burrainn e gu droch inntinn a thogail eadar am mac sin agusathair. Ach smuainich an rìghs abhan-righ nam pòsadh an Diùc òg gun tigeadh e gu bhi ni bu shuidhichte. Cha burrainn Albani cur an aghaidh so, ach a mhàin gum be féin a dhfheumadh còrdadh a dheanamh air son aphòsaidh. Agus ben rian a ghabh e nach feudadh am prionnsa phòsadh ach nighean aMhorair is mo bheireadh seachad de airgiod aig àm aphòsaidh. Be Iarla Mharch is thairg de airgiodan toiseach, agus rinneadh réiteach eadar a nighean-san agus an Diùc; ach an déigh sin thairg an t-Iarla Dùghlasach barrachd, agus thug iad air aphrionnsòg gealltuinn abhan Dùghlasach a phòsadh. Bi piuthar an rìgh màthair achinn-feadhna so; agus bha e nis air son a nighean a phòsadh ri oighre na righ-chaithreach. Ann an droch uair chaidh am pòsadh a dheanamh. Ach bham prionns’ ’an déigh sin mar a bha e roimhe. Thug Albani an sin a chreidsinn air an righ gum bfheaird am prionnsa beagan cìosnachaidh a dheanamh air lechuram priosun greiseag bheag. Dhaontaich an rìgh bochd gu h-eagalach, ’s gu teagmhach ri so, leis gach droch thuaileas eile bhabhràthair ag innseadh dha. Fhuair Albani cead-rìgh, no barantas, air son am prionnsa chur an làimh. Chaidh an t-òganach a chur an làimh, ’s gun an-amharus sam bith aige car son. Rinneadh priosunach dhethan Caisteal Falcland, a


[134] bu le Albani. An ceann chùig deug fhuaradh a chorp an sin air a leigeadh bàs don ghort. Ghiùlaineadh an corp air falbh, ’s dhadhlaiceadh e gu folchuidham Monasteri Lindores, ’s fhuair na mortairean iomradh air a sgaoileadh aig an àm, gur h-ann le tinneas cuim a bhàsaich e.

4. Goirid roimhe sud bha Eideard III. Shasuinn air bàsachadh; agus mar a bhamhac, am Prionnsa Dubh, air bàsachadh roimhe féin, thàinigogha, Richard II., thun na caithreach; agus e aon bliadhna deug a dhaois. Ach an déigh don rìgh dhligheach so a bhi trì bliadhna fìchead arioghachadh, dhéirich Diùc Lancastair, oighre bhràtharathar, ’an ceannaircna aghaidh, agus fhuair e aonta na Pàrlamaid gus a chur dhethn chaithir. Chuireadh Richard an sinam prìosun far an do mhortadh e gu h-uaigneach goirid an déigh sin, agus ghabh Diùc Lancastair crùn Shasuinn da féin fo ainm, Eanruic IV. Thachair sos abhliadhna 1399, agus le sin thòisich an cogadh fuilteach, maireannach ud eadar teaghlach Lancasteir agus teaghlach Iorc, ris an abrar cogadh nan Ròsan, a tha co ainmeilan eachdraidh Shasuinn.

5. Ach gu pilltinn ri rìgh bochd Alba. Tha e coslach gur h-ann achuids achuid a thuig Raibeart III. gur bàs ainneartach a fhuair a mhac. Ach ged a bhiodh e air a làn thuigsinn on toiseach, bha fios aige gun robh a bhràthairs a luchd-cuideachaidh ro chruaidh air a shon, ’s nach deanadh e ach an gnothuch ni bu mheasa dha féin le oidhirpeachadh air a thoirt gu ceartas. Bha e aithnichte gu leòir dha nis gur h-e bhas an amharc aig Albani an crùn fhaotainn dha féins da theaghlach. Bha aon mhac eilaig an rìgh air an robh Seumas, an ceud fhear de na Seumasan. ’S e smuainich e féins abhan-righ air an òganach a chur air falbh gu cùirt rìgh na Frainge, far am faigheadh e iunnsachadh iomchuidh don inbhàirds an robh e, agusam biodh e tearuinto ais-innleachdaibh bhràthar-athar. Rinn iad ullachadh air son a chur air falbh co cabhagach, ’s co uaigneachs a ghabhadh deanamh; ach mun dfhuair an soitheach a bha gus


[135] am prionnsa ghiùlan fo sheòls fo astar, thuig Albani an rud a bhann, ’s gun robhn t-eun air lunn a bhi gu sgiobalta mach as a lìon féin. Ach an aon ni a ghabhadh deanamh a nis rinn se e gu cabhagach; ghrad chuir e teachdairethoirt sanas do rìgh Shasuinn. ’N uair a ràinig an soitheachs an robh am prionnsoirthir Norfoc, bha càbhlach beag Sasunnach afeitheamh oirre. Ghlac iad i, ’s thugadh Seumas ògam fianuis Eanruic IV. Thog Iarla Annain, ris an robh am prionnsan earbsa, Protestan aghaidh so mar ni mi cheart, a chionn gum bàm sìth a bhann, ’s gur h-ann air gnothuch siochail a bha iad. Ach fhreagair Eanruic, on a thachair an ni nach bu chòir a bhràthair air caithir Alba bhi air a mhealladh. Ma bha eg iarraidh na cainnt Fhrangaich a theagasg da mhac, gun robh eòlas maith aigesan air achainnt sin, ’s gun tugadh e leasan Frangach dha co maith ri fear sam bith eil’, agus nach burrainn an t-òganach tuiteaman làmhaibh a bfhearr. Ged a thuirt Eanruic so uil’ ’an rathad sgeigeil, thachair en riaghladh an fhreasdail gun dfhuair Seumas iunnsachadh de na h-uile seòrsa, co maith aig cùirt Shasuinns a gheibheadh es an Fhraing, no ni bfhearr. Cha leigeadh Eanruic á sud e. ’N uair a chuala rìgh Alba gun robhaon mhacna phriosunach an Sasunn, ’s a dhaithnich e gun robh so, mar gach olc eil’, air a thoirt mun cuairt tre chuilbheartachd a bhràthar féin, bhris a chridhe, ’s cha do thog e ceann riamh tuilleadh. Bhàsaich e air an ath bhliadhna, 1406.

titleCaibideil XVIII
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page