[136]

CAIB. XIX.

TAINISTEARACHD ALBA.

FHUAIR Albani a nis an ni gus an robh eg iarraidh o cheann fada, rioghachd Alba dha féin, cha bann gus a riaghladh, ach a h-an-riaghladh. Fhads bu bheò mac a bhràthar aig cùirt rìgh Shasuinn, cha bu dàna leis tàmhadh a thoirt air achrùn. Ach bha ena rìgh, co cinnteach ri Eanruic IV. féin, ’s na h-uile seadh ach an t-ainm. Fhuair Albani, agus Eanruic IV. an cumhachd tre na h-aon mheadhonaibhle ain-neart a chleachdadh a thaobh an dlù-chàirdean a bha seasamhnan rathad. ’S maith a thuigeadh an dithis a bhan sud a chéile. Bha fios aig Eanruic nach robh ni air domhan bu lughair Albani na gun leigteadh dhachaidh air Seumas òg Stiùbhart. Agus uime sin bha e ga chumail mar bhòcan os a cheann gu eagal a chumail air ach am biodh ena choimhearsnach sìochail. Agus bha buaidh an eagail ud, an caochladh dhòighibh, ri fhaicinn air Albani. Ma bfheudar dha air uairibh a bhi, air sgàth coslais acumail suas còmhstri ri Sasunn air son ni-eigin de thoileachadh a thoirt do na Morairibh Albannach, bha e ri fhaicinn aig gach àm dhiubh sin gun robh e ga chleachdadh féin air a leithid de dhòighs nach faigheadh Sasuun ach co beag callas a burrainn e o bhriseadh a steach nan Albannach. Anns abhliadhna 1405 chuireadh an ceud mhairtireach gu bàsan Alba leis na Pàpanaich, air son theagasgan an Ath-leasachaidh, mar a dhfheudtadh ràdh riu. Bu Shasunnach an duina dhfhuiling aig an àm sin. Aon de dheisciobuil Uiclif. Beainm Iain Resbidh. Bha eteagasg nach bem Pàpa Fear-ionaid Chriosd air thalamh; agus nach bu chòir duinaig an robh caitheamh beathain-diadhaidh a bhina


[137] Phàpa. Be losgadh am bàs a dhfhuiling e. Ach bha mòran troimhchéil’ ’an Alba féin fhads bu bheò Albani. Bha so ag éiridh on aon aobhar ris gach ceannairc bheag eila thachair ri linn an dithis righrean a chaidh roimhe; be sin, nach robh mòran eagail air na tighearnan cumhachdach rompa, no mòran urraim doibh. Bha ni bu ro lughurraim aca do Albani. Agus tha ri chur as a leth gun robh e leigeadh cus den toil féin leis na daoinibh sin, ged a bha e, gu coitchionn, acumail ceartais a measg dhaoine bochda. Achs e ni bu ro chomharraichtes bu challaila thachair a thàinistearachd, acheannairc fhuilteach a rinn tighearna nan eileans abhliadhna 1411, agus air son an robhn urra mhòr sin asmuaineachadh gun robh deadh aobhar aige. Fhuair aon de Iarlachan Rois bàs gun fhàgail ach aon nighean a bha pòsda ri Sìr Ualter Lesli. Bha dithis chloinnaig Sir UalterAlastair, a thàinig an déigh sin gn bhi na Iarla Rois, agus Mairireat a phòs Tighearna nan Eilean. Phòs Alastair, Iarla Rois, nighean do Dhiùc Albani; agus cha robh duine cloinnaigesan ach aon nigheanEuphemia, ban-Iarla Rois. Ach chaidh a bhan-tighearna sinna h-òige steach do chomunn nau Cailleachan-dubha, ’s dhfhàg i Iarlachd Rois, aig bràthair a màthar, Iarla Bhuchain. Chaneil teagamh nach robh Morair nan eilean afaicinn làmh Albani anns gach car dhiubh sud. Ach co-dhiù chuir am Morair a steach air son Iarlachd Rois fhaotainn da mhnaoi féin, mar an t-oighre dligheach, ’s atagairt nach robh còir sam bith aig Iarla Bhuchain air ni a bhuineadh do theaghlach a mhnà-san, ’s nach robh còir aig an òig-mhnaoi a leig dhith an saoghal, air an oighreachd mhòir ud a thoirt seachad do neach nach buineadh don teaghlach idir. Ach chan éisdeadh Albani ri cùis-thagairt fhir nan eilean. Bha e air son an Iarlachd, len tiodalaibh, a bhi aig a mhac féin. Thog an t-eileanach an sin suas bratach na Ceannairc. Chaidh en comh-bhoinn ri Sasunn as an robh e gu càbhlach fhaotainn bu chumhachdaiche na càbhlach Alba. Agus thog e deich mìle saighdear, a chuir e fo làn armachd, le boghas dòrlach, a reir nòis nan eilean, agus leis an do ghabh e
[138] sealbh air Iarlachd Rois dha féin, acur air theicheadh nan uila bha seasamh roimhe. A thuilleadh air feadhainn eila sheas roimhn Mhorair, thug Aonghas Dubh MacAoidh, le àireamh de luchd-leanmhuinn deannal maith air; ach ghlacadh Aonghas féinna phriosunach, ’s mharbhadh mòran deluchd-leanmhuinn a measg an robh a bhràthair. Ghabh Morair Dòmhull an sin air aghart thun a mhachair Ghallda, gu Abaraidhean a losgadh, mar bhagair e roimhe sud. Cha robh ni no neach acoinneachadh ris a burrainn bacadh a chur air. Fhuair e leasachadh mòr sluaigh timchioll air Inbhernis. Achn uair a bha e teannadh ris abhaile abha e gusgrios, thaghadh àireamh maith shaighdearan fo chomannda Iarla Mhàrr. Bha Probhaist Abaraidheinus àireamh maith de mhuinntir abhailes an armailt Ghallda. Choinnich na Gaills na Gàeil a chéila tuath air Abaraidhean, aig amhainn Urui, dlùth air baile beag ris an abrar Harlagh. Thug Deasaichus Tuathaich na h-aon rioghachd deannal eagalach air a chéilan sin. Bha na Gàeil mòran ni bu lionmhoir’, ach bha na Gaill ni bfhearr air an armachadh. Thuit mòran air gach taobh, a measg an robh Probhaist Abaraidhein agus mòran a mhuinntir abhaile. Ach ghleidheadh bratach a bhaile, ’s thugadh air ais i, reubta agus dearg le fuil. Tha i ri faicinn fathastan Talla an t-sean bhailud. ’N uair a thàinig an oidhche, ’s a bha na laoich air an sàrachadh le obair an , luidh Iarla Mhàrrs na bha beò dheth na Gaill air an àraich. Cha burrainn iad dol ni bfhaide, bha iad làn lotanus chreuchdan. ’N uair a shoilleirich amhaduinn an ath chunncas gun robh na Gàeil air togail air falbh, ’s nach robh iad air son tuilleadh còmhraig aig an àm sin. Chuireadh blàr Harlaigh air a 24 de mhios-meadhonach an t-samhraidh, 1411. ’N uair a chuala Diùc Albani mar bha, thog e féin armailt air cheann an deachaidh e air tòir an eileanaich, gus a thoirt gu géilleadh. Bha neart Mhorair Dòmhull air a bhriseadh, ’s cha robh e ach acumail air falbh mar a burrainn e. Beigin da Iarlachd Rois aleigeadh seachad, agus aideachadh a bhina iochdaran umhal do chrùn Alba, agus riaraichte leis na bhàige de fhearann,
[139] agus braighde-gill a thoirt seachad mar dhearbhadh air a dheadh chaitheamh-beathan déigh sud. Chaidh cùmhnantan a sheulachadh eadar na pàirtidhibh, a réir achòrdaidh so, aig ceann Lochgilp, ’an Siorrachd Earraghàeil.

3. Abhliadhna an déigh blàr Harlaigh, fhuair Alba a ceud Oil-thigh, no Collaist. Be so oil-thigh Chill-rìmhinn. Chan fhaigheadh iad ni sam bith den t-seòrsa sos na linnibh ud gun chead a Phàp’, air son a chur air chois air an costas féin. ’N uair a thàinig an teachdair, a chuir easbuig Chill-rìmhinn a dhiarraidh cead a Phàpair ais as an Ròimh agiulan làn chead on Phàpair son an oil-thigh a chur suas, bhuail iad na cluig le aoibhneasus aighear. Bu tioram, falamh, crion, am fòghlum a bha na sagartan atoirt seachads an oil-thigh iomadh bliadhnan déigh a chur suas. Ach cha mhaith a bhi deanamh tàir air nan nithean beaga. Thàinig en déigh sin gu bhi ro fheumail don rioghachd.

4. Bhàsaich Diùc Albani air an 3 de dhara mios an fhoghair, 1419, agus bha e air a leantuinns an tàinisteireachd lemhac, Murchadh, dara Diùc Albani. Bha e so air tighinn gu greis mhaith de aois mun tàinig e dhionnsuidh na tàinistearachd, agus bha mhic air fàs suas. Bha eachdraidh na rioghachd aruiths achlais ghnàthaichte na h-ùina bha esan air ceann an riaghlaidh. Cha do thachair nithe àraidh sam bith an taobh stigh de chriochan na rioghachd féin. Ach tha mòr iomradhan eachdraidh an ama so air cruadalus gaisge cuid de na h-Albannaich an tìribh eile na Roinn-Eòrpa; gu h-àraidhan cogaidhibh na Frainge. Ach mar nach buin sin gu h-àraidh do eachdraidh Alba, cha bhi sinn aleudachadh air. Cha robh Diùc Murchadh aon chuid co maith no co olc riathair. Cha robh e co cuilbheartach no co seasmhach ris. Bha e furasd a mhealladh. Agus a measg cuid eila bha deanamh tàir air air son sin, bha mhic féin ataisbeanadh eas-ùmhlachd dha. Agus thas an aithris gum be sin an t-aobhar àraidh a thug air aontachadh ris an oidhirp a thoirt air Seumas, righ dligheach na h-Alba, fhaotainn air ais as abhraighdeanas. Rinn a mhic cleasachd


[140] mhi-mhodhail, thàireilna fhianuis, air son an do bhagair e orr’, o nach gabhadh iad comhairluaithe-san, gun tugadh esan maighstir dhachaidh orr’, a riaghladh gu maith teann os an ceann uile. Riamh on sin shocraich echridhair mac bhràthair athar fhaotainn dachaidh gu caithir a shinnsir. Bha cùirt Shasuinns an àm so air tighinn gu bhi ni bu chàirdiche. Bha Eanruic IV. a rinn priosunach do Sheumas, air bàsachadhs abhliadhna 1413, agus a mhac Eanruic a rioghachadhna àite. Bha Seumas air pòsadh nighean Iarla Shomerset a bhan dlù-dhàimh do theaghlach rioghail Shasuinn. Agus bha luchd-riaghladhna rioghachd sin ameas gum biodh ena choimhearsnach maith dhoibh a thaobh e bhis an dàimh siu riu. Agus mar sin dhaidich iad a bhi toileach air Seumas a leigeadh dhachaidh gudhùthaich féin, ach a mhàin air achumha gum feumadh Alba bribid beag a phàigheadh air son na chost Sasunn ris ga fhòghlum, ’s ga bheathachadh ùine co fada. Chuireadh an cunntas so a steach gu Pàrlamaid Alba. Cha robh ann ach fhichead mìle Punnd Sasunnach, a bha co maith ri dheich uiread sin de airgiod an n diugh. Chaidh bailtean Dhuneidin, Pheirt, Dhundeagh, agus Abaraidheanan urras air gum biodh an t-suim so air a pàigheadh, ’s mar sin phill Seumas gu dùthaichus lùchairtean a shinnsir an ceann a naoi bliadhna fichead a dhaois, an déigh a bhi ochd bliadhna deugna bhraighdeanach aig cùirt Shasuinn.

titleCaibideil XIX
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page