CAIB. II.
TIGHINN NAN ROMHANACH.
ANNS a’ bhliadhna 55 R. C. thàinig an duine comharraichte ud, Iulius Cesar, Impire na Ròimh, gu oirthir a deas Bhreatuinn ’s an àite ris an abrar Cent, le càbhlach lionmhor (ceithir-fichead long) air bòrd an robh àireamh mòr shaighdearan. Air feasgar là àraidh, ’am mìos meadhonach an Fhoghair, dhlùthaich e ris an fhearann; ’s mar bha muinntir na tìre ’faicinn nam brataichean Ròmhanach a’ snàmh ’s a’ ghaoith o chrannaibh nan luingeis, bha iad ag aithneachadh nach bu shìth no càirdeas a bh’air aire nan coigreach. Chrioslaich gach fear air a chuid armachd, ’s thug e aghaidh air a’ chladach co luath ’sa dheanadh a chasan e; ’s ’nuair a bhuail an luingeas an sròn air tìr bha ’mol còmhdaichte le saighdearaibh Breatunnach, rùnaichte nach faigheadh na h-eilthirich ud cothrom an cas a chur air tir. Steall Cesar air am feadh fras chlachan mòra as na h-innealaibh cogaidh a bha na Ròmhanaich a’ gnàthchachadh air son briseadh bhallachan ann an teinne. Rinn so beagan sgaoilidh air an fheadhainn a bh’air a’ mhol, ach cha do ghabh iad eagal no teicheadh. Fadheòidh leum fear-iomachair brataich an deicheamh legion do’n mhuir, a’ glaodhaich, “Leanaibh mi, a chompaidhean, mur maith leibh ’ur bratach fhaicinn air a glacadh!” Air cluinntinn so do na saighdearan cha chumadh iad orra féin ni b’ fhaide; leum gach fear a mach dìreach roimhe, ’s chum e ’aghaidh air tìr. Ach chaidh na Breatunnaich a mach gu’n leasraidh g’an coinneachadh; bhuail iad air a’ chéile ’an sud, ’s chaidh am muir a dheanamh dearg leis na dhòirteadh de fhuil ’s a’ cheud fhàilteachadh a rinn iad air a chéile. Ach le cuideachadh
2. Anns a’ bhliadhna 80 A. D. bha uachdaran Ròmhanach a’ riaghladh ceann a deas an eilein d’am b’ ainm Agricola, a smainich air an eilean gu h-iomlan a thoirt fo chìs do na Ròmhanaich. Leis an rùn sin chuir e air a’ bhliadhn’ ud aghaidh gu tuath air ceann an airm. Bha sin 135 bliadhn’ an déigh dhoibh sealbh a ghabhail air ceann a deas an eilein. Ghabh e air aghart le cruaidh iomairt, gus an ceann thrì bliadhna, (trì càmpichidhean mar theireadh iadsan), an do cheannsaich e ’n tìr gu iomall a deas an àite de’n dùthaich ris an abrar a nis a’ Ghàeltachd. Sud àit is cuinge de’n eilean gu h-iomlan. Cha ’n ’eil ach 35 mìle eadar ceann na Frùi agus taobh amhainn Chluaidh. Thog Agricola
3. Anns a’ bhliadhna 84 A.D. rinn Agricola air son buille thoirt do na h-Albannaich air am fonn féin. Ghabh e ’n t-aiseag air ceann an airm aig Port na ban-righ, ’s thriall e troimh shiorrachd Fiofa gu tuath. Bha na h-Albannaich a nis an déigh fhòghlum air an costas, gu’m b’e aonadh neart, ’s eas-aonadh laigse. Chaidh an luchd-cogaidh ’an ceann a chéile ’n an aon bhuidhinn gus an nàmhaid cumhachdach ud a choinneachadh a bha rùnaicht’ air an cur fo chìs. Fhuair na Ròmhanaich iad air an tarruing ’an òrdugh air monadh Ardoich ’an Siorrachd Pheirt, aig bonn nam beanntan Grampianach. Tha an Seanachaidh Ròmhanach, Tacitus, ag ràdh gu’n robh iad 30,000 ’an àireamh; agus na Ròmhanaich 26,000. B’e Galgacus ainm an àird Sheanalair ris an d’ earb na h-Albannaich stiùireadh an airm féin. Cha ’n ’eil iomradh sam bith ’eil’ air an laoch so roimhe sud no na dhéigh, ach tha e coslach gu’m bu duine stuthail e, anns an robh a leithid de dh’earbs’ aca. Agus o na tha Tacitus ag ràdh mu ’thimchioll ’s an àm ud fèin tha e soilleir gu’m bu duine misneachail, geur-shuileach e. Thòisich am blàr gu maith tràth air an latha, ’s lean e gus an do chuir an oidhche stad air. Tha na Ròmhanaich ag ràdh gur ann leò féin a chaidh, ’s gun do thuit deich mìle marbh mu’n do sguir iad. So an aon bhlàr mòr, air am bhe iomradh, a bh’ eatorra. Ach cha d’ rinn sud an gnothach ni b’ fhusadh do na Ròmhanaich na bha e roimhe. ’S ann tha e coslach a dhùisg sud suas spiorad luchd
Thug na Ròmhanaich Caledònaich mar ainm air luchd-àiteachaidh Bhreatuinn a tuath. ’S ann fo’n ainm sin a tha’n luchd-eachdraidh Ròmhanach a ghnàth a’ labhairt umpa. ’S i barail sgoileirean Gàelach gur Coilltich is ciall do’n fhocal ’s gur h-ann o luchd-àiteachaidh Bhreatuinn a deas a fhuair iad e; ’s o nach b’ urrainn iad a ràdh mar bha e ’s a’ Ghàelic, gu’n do Laidinich iad e gun eadar-theangachadh idir. Thug iad Caledònia mar ainm air an dùthaich aca— ’s e sin dùthaich nan Coillteach. Bha fois o chogadh aig na Caledònaich tuilleadh ri linn Dhomitian agus Adrian a lean e air an righ-chathair. Ach an uair a thàinig Antònius Pius gu bhi ’na Impire, 138 A.D. , chuir e uachdaran d’ am b’ ainm Lollius Urbicus os ceann Bhreatuinn. Goirid an déigh do’n t-Seanalair so gnothuichean a chur air dòigh ’an ceann a deas an eilein, chuir e ’aghaidh gu tuath, agus thòisich e air togail ball’ àrd eadar ceann na Friù ’us taobh amhainn Chluaidh, far an robh na daingnichean a thog Agricola. Bha cumhachd na Ròimh’ aig a h-àirde ’am Breatunn mu’n àm so. ’S i barail luchd-eachdraidh gur h-ann fo chomannda Lolliuis Urbicuis a thàinig an t-arm Ròmhanach an toiseach gu tuath co fada ri ceann a ’sear Loch Neis. Cha ’n ’eil a bheag sgriobhta mu thimchioll an turuis sin, ach tha làthraichean nan raidean mòr a rinn iad troimh ’n dùthaich gus an àit’ ud ri’m faicinn fathast. Co dhiu, cha tug iad fo chìs riamh aon de na treubhan a bha tuath air ball’ Antoniuis. ’S a’ bhliadhna 170 dh’ fhàg iad na bha tuath air a’ bhall’ ud aig na Caledònaich féin.
Ach ’an àit’ iadsan a bhi riaraichte le sin thòisich iad a’ cur dragh mòr air na Ròmhanaich a deas air a chrìch ud. ’An déigh caochladh ionnsuidhean fuilteach anns an d’ rinn iad mòran creachaidh air an dùthaich a deas, thainig an t-Impire Ròmhanach, Seuerus, ’s a’ bhliadhna 209. Ghabh e roimhe tre ’n dùthaich air los na Caledònaich uile thoirt fo chìs, gus an d’ ràinig e ’n Caol Muireach; mar is coslaich’ air na ròidibh a bha deanta roimhe sud, gun duine beò ga choinneachadh, air son stad a chur air a thurus. Bha na Caledònaich ga chuairteachadh fad an rathaid, roimhe ’s as a dhéigh, ach iad a’ ruith tre ’n choille gun bhi idir air am faicinn, a’ gearradh as na h-uile neach a leigeadh an deireadh air, no rachadh a mach as an t-sreith! ’N uair a ràinig Seuerus ceann a thuruis bha 50,000 dheth ’chuid saighdearan air bàsachadh. Phill e air ais an deigh a thoirt air cuid de na treubhan tuathach gealltuinn gu’n cumadh iad an t-sith. Ach cha d’ fhairich ’siad iad fein fo cheanglaichean sud a dheanamh. Lean iad air a’ chogadh ’s air a’ chreachadh mar bha iad, ’s na saighdearan Ròmhanach a’ feuchainn ri ’n cumail dhiubh mar a b’ urrainn iad. Ach bha nis an t-àm a’ dlùthachadh ’s am feumadh na Ròmhanaich na bh’ aca de shaighdearan air son iad féin a dhionadh aig a’ bhaile. Bha na Gearmailtich ’us fineachan tuathach eile na Roinn-Eòrpa a’briseadh a steach ’s a’ gabhail sealbh air a’ chuid a b’fhearr de ’na mòr-roinnean. Bha an impireachd air fàs co mòr ’s gu’n robh i ’dol as a chéile le ’cudthrom féin. Ghairmeadh air falbh á Breatunn an aon mu dheireadh de ’na legiona Romhanach ’s a’ bhliadhna 446, an déigh dhoibh ceann a deas an eilein a chumail ré 500 bliadhna, ’s dh’fhàg iad na Breatunnaich gu iad féin a dhionadh mar a b’ fhearr a b’ urrainn iad.
title | Caibideil II |
internal date | 1867.0 |
display date | 1867 |
publication date | 1867 |
level | |
reference template | Eachdraidh na h-Alba %p |
parent text | Eachdraidh na h-Alba |