[141]

CAIB. XX.

SEUMAS I.

CHAIDH Seumas I. agus abhan-righ a chrùnadhan Scoinnair an ceud fichead de cheud mhìos an t-samhraidh, 1424, agus rùnaich e co luaths a shuidh e air achaithir tòiseachadh air ath-leasachadh a thoirt air aghaidh feadh na rioghachd gu h-iomlan. O bhàsaich rìgh Raibeart bha na cinn-fheadhnas na h-àrd-uaislean air fàs co ceannasachs nach tugadh iad ach an tomhas ùmhlachd a thogradh iad féin don lagh shìobhalt. Bhachuid mhòr dhiubh sud agabhail brath air an-fhainneachd nan rìghrean a leanna dhéighsan, agus nis ro mhò na sin air an thàinistear. Chuir Seumas roimhe nach giùlaineadh e le sud ni bfhaide; an dara cuid gun cuireadh e fodha na ceannaircich ud, no gun cuireadh iadsan esan fopa. Fhuair Seumasan Sasunn am fòghlum a bfhearr a bha rifhaotainns an linn ud, agus bha comasan inntinn aige mar dhuin’, air son feum a dheanamh dheth na chunnaics na dhfhòghlum e. Thòisich e gu riaghailteach ach gu h-eagallach air obair an ath-leasachaidh. Ghairm e Pàrlamaid cruinnam baile Pheirt, air son comhairla thoirt mu nithibh a bhuineadh don rioghachd. ’N uair a bha iad uilair tional, agus gu deas-bhriathrach, ’s gu neo-umhaileach acomh-labhairt mu ciod bu chòir a dheanamh, chuairtich feachd armaichtan tighs an robh iad cruinn, ’s chaidh sea duine fichead de na Morairean co cumhachdachs a bhas an tìr a ghlacadhs a churam priosun. ’N am measg sin bha Murchadh, Diùc Albani, agus a dhithis mac, agus Iarla Lenocs, ’athair-céile. Aig an àm cheudna, bha buidhnean shaighdearan air an cur air leth gu ionnsuidh a


[142] thoirt air na daingnichibh làidir a bhaig cuid de na morairean bu cheannairich am feadh a bha iad féin on bhailaig aPhàrlamad. Agus o nach robh smuaineachadh sam bith aca roimh làimh air ciod a bhas an amharc aig an rìgh, fhuair e sealbh air na caistealaibh ud uile gu furasd, ’s gun dòirteadh fola. Chuir ealamhachd nan gluasadan sin eagalus uamhas air mòran a bha cleachdta ri bhi cur an neo-shuim òrdugh sam bith a gheibheadh iad o rìgh no o Thàinisteir. Chaidh Diùc Albani, a dhithis mac, agus athair-céila dhìteadh, agus an cur gu bàs còmhladh, leis acheann chur dhiubh. Bu ghniomh cothromach, gun teagamh, ceud Diùc Albani a thoirt gu deuchainn, ’s a dhìteadh gu bàs; thoill e sin. Ach bha esan air dol far nach ruigeadh dioghaltas duinair. Biad na cùisean dìtidh a bhan aghaidh an dara Diùc agus a chuid mac gun drinn iad mi-ghnàthachadh air an ùghdarras rioghail ri àm dha bhina Thàinisteir. Ach tha daoinacuran teagamh gum bu ghniomh ceart a mhacus mic a mhic a chur gus bàs air son nithe ain-dligheach dem feudadh iad a bhi ciontach. Bha na h-òganaich nan daoinibh àrda, flathail, ’s bha tomhas de chomh-fhulangas ri fhaicinn a measg an luchd-amhaircn uair a chuireadh an ceann diubh. Achn uair a dhìrich Iarla Lenocs an sgàlan, ’s a chuir echeann air an ealaig, thàinig goirseachadhus grath a measg an t-sluaigh, a bhataisbeanadh gun robh iad diombach. Bhan t-Iarla ceithir fichead bliadhna, ’s bhafholt air gealadh. Bu shealladh sgreataidh a leithid de cheann fhaicinn làn fola; agus chan fhurasd a dheanamh a mach a nis ciod na coirean a bha rin cur as a leth.

2. ’An déigh laghanna maith fhaotainn troimhn Phàrlamaid, chuir rìgh Seumas aghaidh air aGhàeltachd, a bhair dol dheth a rian buileach, le cleachdaidhibh mi-laghail cuid de na cinn-fheadhna. Ghairm e coinneamh Pàrlamaidan Inbhernis, ’s abhliadhna 1427, agus chuir e fios air na cinn-fheadhna Ghàelach a bainmeiliadga choinneachadhan sin. Bha Aonghas Dubh MacAoidh Shrath-nàbhair air togail mòran creich’ ’an cearn’


[143] àraidh de Ghall-thaobh, goirid roimhe sud. Chuir e féinus dream lionmhor amhuinntir an àite sin blàr aig àite ris an abrar Harpisdail. Chaidh mòran a mharbhadh air gach taobh; ach on a thearuinn Aonghas féinus roinn mhaith dechuid daoine, lean e air togail chreachan mar roimhe sin. Thionail na cinn-fheadhna gu ruig Inbhernis, co dhiùbh a beagal peanais on rìgh nan diùltadh iad, no dùil gun gabhadh e gu caoimhneil riu, ’s gun tugadh e làn mhaitheans doibh, a thug orra sin a dheanamh. Ach co luaths a chaidh iad a steach don tallas an robhPhàrlamaid cruinn, chaidh fhichead diubh chur an làimh, ’s an druideadham priosunaibh fa leth, le òrdugh an rìgh. Chan fhaigheadh iad cothrom aon a chéile, no aon den luchd-leanmhuinn fhaicinn. Bha Aonghas Dubh MacAoidh, ’us Alastair Dòmhnullach, morair nan eilean, agus a mhàthair, ban-Iarla Rois, a measg na muinntir a chuireadhan làimh. Chuireadh iad sin uile fo dheuchainn air son am beatha, agus chaidh an fheadhainn bu ro chiontaiche dhiubh a chur gu bàs. Fhuair Fear nan eileanus Aonghas Dubh cead an cois’, an déigh an cumail greis nam priosunaich. Ach béigin do Aonghas a mhac, Nial, a thoirt seachad mar gheall air gun cumadh en t-sìth an déigh sin. Rinneadh priosunach de Nials an sgeir mhara ris an abrar am Bas, far an do chumadh àireamh bhliadhnachan e, ’s air son an dfhuair en t-ainm Nial Basa Mac Aoidh. Dhéirich Alastair Dòmhnullach nan eileanan ceannairc a rìs, co luaths a phill an rìgh don taobh deas. Thog e deich mìle duines na h-eileanaibh agusan Ros; leis an fheachd làidir so loisgus dhfhàsaiche roinn mhòr den dùthaich, agus gu h-àraidh fearann achrùin, ris an robh fearg mhòr aige; agus loisg e gu làr baile Inbhernis, a bha na bhaile rioghail. Ach thionail an rìgh armailt lionmhor air cheann an deachaidh en dara uair don Ghàeltachd aruagadh a cheannaircich so. Thàinig e co grad air fear nan eilean aig Lochabars gun do ghlacadh le clisge. Ach rinn Alastair air son e féin a dhionadh le còmhrag mar a bfhearr a burrainn e. Mun tàinig na laoich gu ionad tharruing lann, theich
[144] na Camshronaich agus Clann Chatain gu taobh an rìghs mar a chaidh taobh Alastair a lagachadh co mòr leis an treigsinn ud, cha do sheas e fad sam bith ri armailt an rìgh. Lean iad an t-eileanach bochd co teanns an ruaigs gun daithnich e nach robh dol as aige. Chuir e teachdaireachd thun an rìgh a dhiarraidh maitheanais, agus agealltuinn gum biodh ena iochdaran umhal, dìleas as a dhéigh sud. Ach chan éisdeadh an rìgh ris. Thug e teann òrdugh da chuid oifigearaibh Alastair a ghlacadh, ’s gun deigh a chur gu bàs. ’N uair a dhaithnich an t-eileanach nach robh dol as ann o shior leanmhuinn a luchd-tòrachd, rinn e air son e féin a thilgeadh air tròcair an rìghan dòigh co iriosal. ’s air am burrainn e smuaineachadh. Ghoid e do Dhun-eidin co uaigneachs a burrainn e, agus thaisbean se e féinam fianuis an rìghs na ban-rìgh air Didomhnaich-càsg, ann an eaglais Holirud, ’n uair a bha iad ag aoradh fa chomhair na h-altrach, air an cuairteachadh le àrd-uaislibh na cùirte. Cha robh gruag no bonaid air Alastair, no armachd no breaghachd sam bith; bha ghàirdeanas a luirgnean dearg lomnochd. Cha robh mucholainn ach aon fhilleadh plaide, agus bha claidheamh rùisgtaigena làimh, agus acumail achlaidheamh air a roinn, thairg en dòrn-chur don rìgh, atuiteam air a ghluinibhna fhianuis. Rinn abhan-rìghs na h-ard-uaislean uiread de aslachadh air an rìghs gun robh e air aomadh gu beathan truaghain a chaomhnadh. Ach chuir e air ballna phriosunach e do Chaisteal Thuntalla, fo churam Iarla Aonghais. Ach thaisich an rìgh goirid an déigh sin agus thug eshaorsainn do Alastair an déigh a chumail bliadhnana phriosunach. Fhuair a mhàthair, ban-Iarla Rois, a saorsainn aig an àm cheudna. Thachair sos abhliadhna 1429.

3. Am feadh a bha mòrair nan eileanna phriosunach, thog Dòmhull Ballach caraid dha, feachd lionmhors na h-eileanaibh, agus air tìrmòr na Gaeltachd an iar, leis an drinn e mòran callair feadh na dùthcha. Chuir e air theicheadh Iarla Mhàrrus Iarla Ghall-thaobh le àr mòr aig Inbherlòchaidh. Ach thàinig


[145] feachd lionmhor a bhuineadh don rìgh, air ann an sin, agus dhfhàg Dòmhullarmailt air abhad, ’s theich e do dhEirinn, far an do mharbhadh e goiridan déigh sin.

4. Ach mum fàg sinn eachdraidh na Gàeltachds an rioghachadh so, feudar aon saimpleir fathast a thoirt air amhi-riaghailt agus an troimhe-chéila bhanns achuid sin den rioghachd. Thug creachadair comharraichte dam bainm Dòmhull Ros, air falbh, a measg nithean eile, bhoin o bhantrach bhochdan Siorrachd Rois. Ann an searbhadas a spioraid air son an fhòirneirt a rinneadh oirre, bhòidich i nach beanadh bròg dacois gus an ruigeadh in rìgh, ’s gun innseadh i lebeul féin da ciod an t-ana-ceartas a fhuair i. Thàinig so gu cluas bhraidein. “Is bòid bhrista bhitheas an sin,” arsan t-uamhair. Thug e man airidh greim a dheanamh air abhoireannach, agns crùidhean eich a thairingneachadh air a bonnaibh le gobha. “Nis,” arsa Dòmhull, “rach do Dhuneidin co luaths is urrainn thu.” Cha do rinn so ach a cur thuige ni bu ro mhò gus a bòid a choimhlionadh. Cho luaths a shlànuich a bonnan chaidh i don taobh deas. Fhuair i cothrom an rìgh fhaicinn, ’s dhinnis in réidh sheanachas da mar a rinn Dòmhull oirre. Ghrad chuir an rìgh òrdugh gu Siorraimh na Siorrachds an robh e, Dòmhull a chur da ionnsuidh gu ruig Peirt. ’An ùine nach robh fada bha Dòmhullus chompanach dheug nan seasamh air beulaobh an rìgh. Thugadh binn am bàis a mach. Ben dòigh bàis a fhuair Dòmhull féin an ceann a chur dheth. Chrochadh an fhear dheug eile.

5. Mun àm so bha Pòl Cragh atarruing airan t-sluaighan taobh deas Alba gu teagasgaibh an Ath-leasachaidh. Bu léigh-misionairi am Pòl so, a chuir càirdean na firinn a nall á rioghachd Bhohemia, gus na h-Albannaich bhochd a theagasgan eòlas na firinn. Bha àireamh ann aig an robh cuimhne air teagasgan Resbi, agus a fhuair maith dhiubh. ’S es coslaiche gur h-ann air iarrtus na muinntir sin a chuir Criosduidhean Bhohemia, am fear so a nall. Ged is annan rathad folchuidh, ’an comh-cheangal ri bhi


[146]toirt seachad chungaidhean leighis don chorp, a bha eg oidhirpeachadh slàintan t-soisgeil a chur fa chomhair neach sam bith a thigeadhna rathad, gidheadhan ùine nach robh fada tharruing e aire nan sagartan Pàpanach aig an robh an sluagh fom meòraibh. Thugadh Pòl Cragh fa chomhair an Fhir-cheasnachaidh Phàpanaich, Prior Laurence á Lindores, an dearbh dhuina chuir Resbi gu bàs. Dhion am Bohemianach gu duineil na teagasgan a bha ecur fa chomhair an t-sluaigh; ach cha baithne don chùirt aig an robh e tròcair. Chan aidicheadh Pòl mearachd, ach burrainn e bàsachadh. Dheinn iad peileir ùmha steachna bheul gus nach cluinnteadh focal uaithaig a bhàs. Threòraich iad an sin edhionnsuidh abhàis-theine, ’an Cill-Rimhinnan ceud teine den t-seòrsa so a chaidh fhadadhs abhailainmeil ud. So an di-bheathathug Alba dhorcha do theachdaire na sìth á tir chéin.

6. Ach ged a bfheumail don rioghachd an duinealass an leth-bhreitheachd leis an robh Seumas afrithealadh ceartais anns gach cearna, ’s a measg gach inbhe, bha sin adùsgadh suas mòran mi-ruinus naimhdeisan aghaidh a phearsa féin a measg cuid air an robh an ceartas adeanamh greim, o àm gu h-àm. Agus thòisich cuid diubh sin adolan comh-bhoinn a nis air son a bheatha thoirt deth, agus aon de theaghlach bhrathar-athar, Diùc Adholl, a chur air achathairna àite. Bha fear àraidh, Sìr Raibeart Greumach, co dànas gun do chomhairlich es aPhàrlamaid an rìgh a chur an làimh, ’s a chur am priosun air son co cruaidhs a bha e air luchd-deanamh uile. Rinneadh peanas air aGhreumach air son na cainntud, agus thugadh uaithechuid fearainn uile. ’An sin rùnaich an uilebheist air dioghaltas. Theich e do bheanntaibh na Gàeltachd, ’s chuir e teachdaireachd thun an rìgh, gun do thilg e dheth na h-uilùmhlachd dha, ’s gun robh e ga mheas féin aig saorsainn a bheatha thoirt deth, nam faigheadh en cothrom. Fhuair an ceannairceach ud mòran eile de dhaoinibh inbheach a cho aontaich ris an droch ghniomh. Cha do chuir an rìgh cùram sam biths abhagradh ud. Chuir e


[147] seachad abhliadhnùr, ’s deireadh agheamhraidham baile Pheirt. Cha robh àites abhaile sin freagarrach ris achùirt a bhitàmhachd ann, ach tigh mòr Mhanach, a bhair a thogail am meadhon lis mhòir, air taobh a muigh abhail’, agus a bha cuairtichte le dìg mhòir, dhomhain. Bha seòmradair an rìgh féinna aon den luchd comh-bhoinn. Air an fhicheadamh de cheud mhìos an earraich rinn iad air son an rìgh a mhortadh. Fhuair an seòmradair glasan gach rùm fa leth den tigh air a milleadh, air sheòls nach gabhadh aon diubh glasadh; ’s bha ullachadh àraidh aig air a dheanamh air son na spriudhairean a leigeadh a steach air an dìgn uair a dhorchaidh an oidhche. An uair a bhan rìghus luchd-dreuchd na cùirtag ullachadh air son gabhail mu thàmh, chunnacas solus neo-àbhaisteach adealrachadh timchioll an tighe; ’an tiota chaidh na dorsan a thilgeadh fosgailton taobh muigh, ’s cha robh seòl air aon diubh a dhùnadh. An uair a thuig an rìgh an rud a bhann, ’s nach robh dol a null no nall aige, rug e air achlobha, ’s reub e ochéile dhà de na duilleagan a bhas an làr, ’s leig se e féin sìos do thigh-làir a bha fon t-seòmar. ’An déigh don luchd-tòrachd cuairt a thoirt air feadh gach seòmairs gun iad ga fhaotainn, thòisich e air fàs mi-fhoighidneachs an àite dhorch, an-shocair, ’s an robh e, agus dhiarr e ni-eigin air aon de bhain-tighearnan na cùirte. Thachair gun tàinig aon deluchd-tòrachd a steach don t-seòmarn uair a bha i so agus an rìgh acomh-labhairt. Fhuaradh a mach mar sin càit an robh e, ’s chaidh an Greumach sios don tigh-làir, agus dithis bhràithrean dam bainm Hall, ’s bhuail iad airn an triùir gus an do lot iad gu bàs e. Mun gann a bha obair nam mortairean seachad chualas feadh abhaile am fuathas a bhann, ’s thionail daoinas gach cearna gu tigh nam Manach. Ach thug na mortairean an casan leò, ’s fhuair iad an oidhche sin féin don mhonadh, ach fear no dithis air an drugadhs an ruaig. Thog abhan-righ, a bha iomraiteach air son maise, oirre gus na mortairean a thoirt gu ceartas; agus an taobh a stigh de cheann mìos an déigh
[148] a’ ghniomh oillteil ud, cha robh aon duine dhiubh nach robh air a ghlacadhs air a chur gn bàs. Chaidh an Greumach agus seòmradair an rìgh a chur gu bàsan dòigh a dhfheumadh a bhi ro sgreataidh don mhuinntir a bhag amharc orra. Banns an treas bliadhna deug derioghachadh, aguss an fhicheadamh bliadhnas a trì dheth aois a chaidh rìgh Seumas a mhortadh. Rinneadh caoidh mhòr air a shon. Agus bha aobhar aig sluagh bochd Alba a bhi ga ionndrainn. Rinn e mòran laghanna maith air son nan daoine bochd a chur saor o ain-tighearnas nan uachdaran. Bha ena dhuine gleusta, tàlainteach an iomadh dòigh. Rinn e mòran bàrdachd, agus tha cuid dhith a thair a leughadh gus an n diugh, ’s an taobh deas.

titleCaibideil XX
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page