[148] CAIB XXI.
SEUMAS II.
THAINIG Seumas II. thun na caithreach gu siochail aig bàs ’athar, agus gun e ach sea bliadhna dh’aois. Mar a bha na h-uiread an crochadh ri treubhantas ’us neo-lethbhreitheachd an rìgh ’s na linnibh ud, ’s nach robh ’n t-òg rìgh so air tighinn gu aois gu ’n tugtadh riaghladh sam bith dha, thuit an rioghachd gu grad a dh’ ionnsuidh an troimhe chéile, ’s na mi-riaghailt a bha coitchionn roimh rioghachadh a’ cheud rìgh Seumas. Bha mòran còmhstri ’us farmaid eadar an dithis dhaoine a bh’ air an cur air leth leis a’ Phàrlamaid air son an dà dhreuchd bu chudthromaiche ’s an rioghachd, Sìr Alastair Mac-an-Léigh, fear-gleidhidh pears’ an rìgh, agus Sìr Uilleam Craighton, àrd-riaghlair ghnothuichean follaiseach na rioghachd. Bha ’n tiodal aig Sìr Alastair ni b’ fhaisg air dreuchd na
[149] tàinistearachd,
ach bha ’
m fear eile a’
cumail a mach gur h-
ann ri dhreuchd féin a bha na h-
uile gnè riaghlaidh ceangailte.
Chuir Mac-
an-
Léigh gairm a mach aig Crois gach baile mhòir,
gu ’
m feumadh na h-
uile dhaoin’
ùmhlachd a thoirt dhasan fo phéin a bhàis.
Chuir Craighton gairm de ’
n t-
seòrsa cheudna mach gur h-
ann dha féin a dh’
fheumadh na h-
uile bhi umhail.
Bha ’
n còmhrag so a measg an luchd-
riaghlaidh a’
meudachadh tàir dhaoine ceannairceach air gach lagh ’
us riaghailt.
Thachair do Chraighton a bhi ’
na cheannard air Caisteal Dhuneidin roimh bhàs a’
cheud Sheumas.
Chuireadh Seumas òg do ’
n daingneach làidir sin air sgàth dion an déigh bàis ’
athar.
Bha Caisteal Shruileidh aig Mac-
an-
Léigh.
Agus ged b’
ann do’
n fhear so a dh’
òrduicheadh a bhi gleidheadh pears’
an rìgh,
cha leigeadh am fear eil’
a mach as a dhaingeach féin e,
air eagal gu meudaicheadh e cumhachd an fhir eil’
an rìgh a bhi air a chùram.
Ach bha ban-
righ Ioanna air taobh Mhic-
an-
Léigh,
agus ’
s ann aigesan bu roghnuiche leath’
a mac a bhi.
Agus smuainich i air seòl a dheanamh air a ghoid o chumhachd Chraighton.
Chaidh i steach do Dhun-
eidin, ’
s dh’
iarr i cothrom a mac fhaicinn, ’
s a bhi ga fhaicinn gu tric gus am biodh fios aice gu ’
n robh cùram iomchuidh ga ghabhail dheth.
Thuirt i ris a’
cheannard air là àraidh gu ’
n robh i air son a dhol air naomh-
chuairt gu eaglais gheal Bhrechin,
a dheanamh ùrnuigh air a son féin ’
s air son a mic,
agus gu’
m feumadh i dà chist’
fhaotainn a mach as a’
chaisteal anns an robh a cuid eudaich agus a seudan.
Fhuair i cead sin a dheanamh.
Chuir i ’
cuid eudaich ’
s an dara cist’
agus a mac anns a’
chist’
eile, ’
s fhuair i mar sin seachad air an luchd-
freiceadain,
gun an-
amharas sam bith a thogail.
Bha i féin ’
s an rìgh òg gu tearuint’ ’
an Caisteal Shruileidh mu ’
n do thuig fear Dhuneidin gu’
n tugadh a char as.
Ach beagan bhliadhnachan an déigh sin,
chaidh aig Craighton air a chùineadh féin a thoirt air ais do fhear Shruileidh.
Bha luchd-
brathaidh aig’
a ghnàth timchioll air a’
bhaile sin ag innseadh dha cionnus a bha nithe a’
dol air aghaidh.
Fhuair e mach gu ’
n robh ’
n rìgh gu bhi sealg ’
am Pàirc Shruileidh air maduinn àraidh, ’
s gu’
n
[150] robh Mac-
an-
Léigh air falbh o’
n tigh.
Thug e leis ceud fear fo ’
n armachd, ’
s thug e orr’
a dhol a steach do’
n Phàirc gu folchuidh an oidhche roimhe sin.
Bha ’
n oidhche gu maith dorcha, ’
s cha d’
fhidir neach gu ’
n robh ’
n fheall-
fholuch air a suidheachadh.
Gu maith moch air a’
mhaduinn thàinig an rìgh a mach le tearc luchd-
coimheadachd a shealg.
Ghrad leum Craighton ’
s a luchd-
leanmhuinn as an ionadaibh foluich, ’
s chuairtich iad an rìgh,
a bha nis air fàs ’
na phroidseach tapaidh,
comasach air ’
each féin a mharcachadh.
Thug Craighton le mòigheanachd ’
us mìn-
chainnt air an rìgh aontachadh ri dhol còmhladh ris féin a Dhuneidin,
far am biodh e saor o ’
n chuing ’
s an robh e nis,
agus am faigheadh e cothrom na nithe a thogradh e féin a dheanamh.
Mharcaich iad do Dhuneidin,
co luath ’
s a dheanadh ainmhidhean e, ’
s bha iad ’
s a’
chaisteal mu ’
n cuala riaghlair Shruileidh ciod a thachair.
2. Ach ’n uair a bha ’n luchd-riaghlaidh mar so a caradh ’s a’ mealladh a chéile bha staid na tìre glé thruagh, le ain-neart ’us ceannairc nan ceann-feadhna, araon air Ghalltachd ’s air Ghàeltachd. Bha iad sin mar nach biodh rìgh no àrd-uachdaran idir ann, gach fear a’ deanamh an ni a bha ceart ’na shùilibh féin. Ach bha aon fhear dhiubh sin a bha comharraicht’ a measg chàich, agus fad os ceann gach tighearn’ eile ’am mòrchuis, ’s an cumhachd. B’ e so an t-Iarla Dùghlasach, a thàinig o theaghlach an deadh Mhòrair Dùghlais, caraid a’ Bhrusaich. Bha ’n teaghlach so a nis air cinntinn gu ro mhòr ’an saibhreas agus ’an cumhachd. Cha robh teaghlach eil ann aig an robh uiread de fhearann ’s de luchd-leanmhuinn ris an teaghlach so. Cha robh Gilleaspuig, Iarl’ an là sin, a’ toirt ach glé bheag ùmhlachd do ’n cheud rìgh Seumas. Bha barrachd greadhnachais timchioll air a chaisteal aige na bha timchioll air cùirt an rìgh féin. ’N uair a rachadh e mach air chuairt taobh sam bith cha b’ uilear leis mìle marcach a bhi ga leantuinn. Cha robh e coslach gu’n tugadh a leithid sin a dhuine bonaid a nuas do’n dithis a bha nis a’ comhstri mu riaghladh na rioghachd. Ach bhàsaich an urra mhòr so ’s a bhliadhna 1439, agus lean ’oighre agus a mhac,
[151] Uilleam,
air na h-
aon dòighibh a bh’
aig ’
aithrichibh roimhe,
a thaobh mòrchuis ’
us neo-
eisimeileachd do ’
n luchd-
riaghlaidh.
Bha iad sin,
le chéil’
air bheag neirt.
Agus an còmhstri féin a’
lughdachadh an neart,
le bhi ga ’
n deanamh tàireil an sealladh an t-
sluaigh,
agus mar sin ged a dh’
oidhirpicheadh iad an Dùghlasach a chur fodha le neart ’
s gann a gheibheadh iad de dhaoine air an togail na dheanadh sin.
Agus o ’
n bha eagal orr’
aghaidh a chuir air an leòmhan gu follaiseach ’
s gu leòmhanta, ’
s e rinn iad lion a dhealbh air son a ghlacadh gun fhios,
agus cur as da air dhòigh a bhiodh saor o na h-
uile cunnart dhoibh féin.
Chuir Mac-
an-
Léigh ’
us Craighton an cuid còmhstri a thaobh car greiseig gus am faigheadh iad an gnothuch so seachad.
Rinn iad cuim,
gu ’
m biodh an t-
Iarla Dùghlasach,
nach robh ach sea bliadhna-
deug a dh’
aois,
agus a bhràthair,
Daibhidh,
air am fiadhachadh gu càirdeil gu Caisteal Dhuneidin,
far an robh a’
chùirt ’
s an àm sin,
gu cuideachd a chumail ris an rìgh òg.
Bha càirdean fad-
sheallach aig an Iarla nach robh idir air son da dhol thun na cùirt.
Ach cha ghabhadh e bacadh.
Ràinig e féin ’
s a bhràthair Caisteal Dhuneidin, ’
s bha ’
n rìgh òg,
mu dheich bliadhn’
an uair sin,
ro thoigheach air an comunn, ’
s air na seanchasaibh a bha iad ag innseadh dha mu ghniomharraibh euchdail an sinnsireachd.
Ach cha robh so gu marsuinn fada. ’
N uair a bha na h-
uile nithe ullamh, ’
s a shuidh a’
chuideachd sios aig bòrd ’
an àm na dinneir,
chuireadh ceann tairbh dhuibh fa-
chòmhair nan Dùghlasach òga.
Thuig na h-
òganaich,
a réir cleachdaidh a bha coitchionn ’
an Alba ’
s na linnibh ud,
gu ’
m bu shuaicheantas bàis a bha ’
n sud.
Dh’
éirich iad o ’
n bhòrd le graide, ’
s le sgreatachd.
Ach bha ’
n seòmar a nis air a chuairteachadh le daoinibh armaicht’,
a rug orra, ’
s a tharruing a mach iad gu cùirt chùil a’
chaisteil.
Chaidh ceannairc ’
us droch ghniomharan eile an aithrichean a chur as an leth an sud,
agus chaidh an dìteadh gu bàs gu grad.
Ghuil an rìgh, ’
s dh’
aslaich e mar a b’
urrainn e,
am beatha bhi air a caomhnadh.
Bha aslachadh an rìgh co suarrach aig na mortairibh ud ri aslachadh nan Dùghlasach féin. ’
S ann a rinn iad fanoid air a chionn e bhi caoidh
[152] nan naimhdean is mò a bh’
aige ’
s an rioghachd.
Chuireadh an ceann deth ’
n dithis bhràithrean anns a’
bhad.
Rinneadh an aon diol air Callum Fleming,
fear leanmhuinn dìleas do’
n teaghlach,
a thachair a bhi làthair.
B’
i so an dinneir dhubh.
3. Bha ’n gniomh ud co amaideach ’an seadh saoghalta, ’s a bha e co peacach, an seadh eile. Oir ged nach d’ fhàg na h-òganaich ud bràthair as an déigh a thogadh an ainm ’s an àite, gidheadh bha bràthair athar aca, Seumas, a chaidh a ghairm ’na Iarla Dhùghlais air ball. Bu duine solta, neo-ghniomhach e so, a bha araon trom ’am feòil ’s an inntinn. Cha robh e air son trioblaid a chur air duine sam bith. Ach cha do mheal esan an onair ach dà bhliadhna, ’n uair a bhàsaich e, agus thàinig a mhac, Uilleam, ’na àite. Bha Uilleam so co gniomhach, conachdail ri aon sam bith a chaidh roimhe, de na h-Iarlachan Dùghlasach. Bha e ’cur roimhe nach tugadh e bonaid a nuas do rìgh no do ridir. Bha dinneir dhubh a’ feitheamh airsan mar an ceudna.
4. Ach cha b’ iad na Dùghlasaich a mhàin a bha ’togail sàil na ceannairc ’an aghaidh ùghdarrais an luchd-riaghlaidh. Bha tuilleadh ’s gu leòir ri ’fhaicinn de sin feadh na rioghachd a tuath ’s a deas. Agus thachair e mu ’n àm so le ro-lionmhoireachd nan còmhragan a measg nan ceann-feadhna gu ’n do leig daoine seachad a bhi saoithreachadh na talmhainn, agus gu ’n do bhuadhaich plàigh ro eagalach air feadh gach cearna de ’n dùthaich, air a h-aobharach leis a’ ghort. Theirteadh plàigh gun tròcair rithe so, oir cha robh duine a’ tearnadh a bha ga gabhail. Bha iad a’ bàsachadh an ceann cheithir uairean fichead.
5. Ach mar a bha ’n dithis fhiùdhalach a bh’ air ceann an riaghlaidh a’ taisbeanadh a bhi neo-fhoghainteach, ’s neo-fhreagarrach air son na rioghachd a stiùireadh, thugadh an cumhachd as an làmhaibh ’s thugadh do ’n rìgh féin i, a bha nis dlùth air tighinn gu fearachas. B’ e ’n ceud ni a chunnaic an rìgh aige féin ri dheanamh, oidhirp a thoirt air cumhachd nan àrd-uaislean a bhriseadh, an dearbh ni a bha ’na mheadhon air beath’ athar a ghiorrachadh air
[153] son e féin ga oidhirpeachadh.
Bha deadh fhear-
còmhairl’
aig Seumas aig dol dha ’
n ceann a’
ghnothuich mhòir so,
ann an Easbuig Chill-
Rimhinn,
da ’
m b’
ainm Ceanadaidh,
agus a bha ’
n dlùth dhàimh do ’
n rìgh féin.
Bha e ’
na ni ion-
mholta ’
s an rìgh so gu ’
n tuigeadh e còmhairle mhaith, ’
s gu’
n leanadh e i ’
n uair a gheibheadh e i.
Thuig an t-
Iarla Dùghlasach gu ’
n robh e ’
n rùn an rìgh an ionnsuidh a thoirt air a chumhachd féin a lagachadh,
agus chrioslaich se e féin air son na bh’
aig a chumail ’
s an dòigh a b’
fhearr a dh’
fheudadh e.
Chaidh e ’
n comh-
bhoinn ri Iarla Rois,
agus ri duine fuileachdach eile da ’
m b’
ainm Alastair Lindsi,
mac bu shine Iarla Chràford.
Chomh-
bhòidich iad so uile gu ’
n cuidicheadh ’
s gu ’
n dionadh siad iad féin ’
an aghaidh co sam bith a dh’
fheudadh ionnsuidh a thoirt orra,
ged a b’
e ’
n rìgh féin e.
Thug an Dùghlasach mar an ceudna air gach duin’
uasal a bh’
air a chuid fearainn gealltuinn gu ’
n leanadh iad féin ris ’
s a chomh-
bhoinn so.
Ach bha aon duin’
uasal tapaidh nam measg sin a dhiùlt gnothuch sam bith a bhi aige ris a’
chomunn ud,
a chionn nach robh ann ach ceannairc gun fholuch ’
an aghaidh ùghdarrais an rìgh.
B’
e Mac-
an-
Leaghlain,
ainm an fhir so.
Rug an t-
Iarl’
air gun dàil, ’
s rinn e priosunach dheth ’
an Caisteal Dhùghlais.
Ach bha bràthair màthar aige da ’
m b’
ainm Sir Pàdruig Mac- ’
Ille-
Ghlais ’
na cheannard air freiceadain an rìgh.
Dh’
aslaich an t-
oifigeach so air an rìgh a dhol ’
s an eadraigin air son a charaid a shaoradh o ’
n chunnart ’
s an robh e.
Sgriobh an rìgh litir air ball fo ’
n t-
seula mhòr,
a dh’
ionnsuidh an Dùghlasaich,
agus dh’
fhalbh Sìr Pàdruig féin leatha far an robh ’
n t-
Iarla. ’
N uair a ràinig e ’
n caisteal bha ’
n t-
Iarla a’
suidhe sios gu ’
dhinneir.
Dh’
fhoighnich e de ’
n teachdair-
rìgh so an do ghabh e ’
dhinneir? “
Cha do ghabh”
arsa Sìr Pàdruig. “
Cha’
n’
eil ’
còmhradh gu bhi ann”
ars’
am Morair, “
eadar duine làn ’
us duin’
ocrach,
suidheadh Sìr Pàdruig gu dhinneir, ’
s deanamaid comh-
labhairt an déigh sin.”
Shuidh an Ridir ’
s an t-
Iarl’
aig an aon bhòrd, ’
s co bhitheadh co geanail ’
s co briathrach ri fear an tighe?
Ach aig an àm cheudna thug e òrdugh uaigneach seachad Mac-
an-
Leaghlain a bhi air a thoirt
[154] a mach as a’
chaisteal agus an ceann a bhi air a chur dheth,
agus eudach a bhi air a sgaoileadh air a chorp a muigh air a ghlasaich. ’
N uair a bha ’
n dinneir thairis lìbhrig Sir Pàdruig litir an rìgh do ’
n Mhorair a ghabh i le mòr urram,
ma b’
fhior. ’
N uair a leugh e i thuirt e “
gu ’
m bu chòir ùmhlachd a thoirt do àithn’
an rìgh,
agus gu ro àraidh air sgàth Sìr Pàdruig féin.
Ach bha Sir Pàdruig car fadalach gun tighinn.”
Threòraich e ’
n sin a mach an Ridir thun na glasaich,
agus ars’
esan, ’
s e tomhadh a mheòir ris a’
chorp, “
Tha mac do pheathar an sud,
feudaidh tu ’
n rud a thogras tu dheanamh ris,
ach tha ’
n ceann a dh’
easbhuidh air.” “
Ach,”
arsa Sìr Pàdruig, ’
s e cumail air féin mar a b’
fhearr a b’
urrainn e, “
ma thug sibh leibh an ceann,
feudaidh sibh an ni is àill leibh a dheanamh ris a’
choluinn.”
Ghrad leum e na dhiollaid an sin, ’
s nuair a fhuair sé e féin gu socair innte,
chuir e car ’
an ceann an eich, ’
s ghlaodh e, “
Mhorair,
ma ’
s duine beò mise,
gheibh sibh ’
ur duais air son so.”
Chuir e ’
n sin spuirean ris an each a bha ’
na ainmhidh taghta.
Ghlaodh am Morair a mach ri chuid oifigeach féin,
iad a leum na ’
n diollaidibh agus Sir Pàdruig a chur an làimh.
Ach an déigh do dhream mhaith dhiubh a ruagadh fad còrr ’
us leth-
cheud mìle,
leis na h-
ainmhidhibh bu luath-
chosaich a bh’
aca,
b’
éigin pilltinn dachaidh gun dad air son an saothrach.
Ràinig Sìr Pàdruig an rìgh, ’
s dh’
innis e dha focal air an fhocal mar thachair. ’
N uair a chuala Seumas an tàir a thaisbein an t-
iochdaran ceannairceach ud d’
a ùghdarras féin,’
s an dòigh air an do laimhsich e ’
theachdair,
bha e làn feirg’,
agus tàmailt.
Ach b’
éigin da sin uil’
a chumail air féin.
Bha ’
n t-
Iarla ro-
làidir eadhon air son an rìgh féin. ’
N ’
an cuirteadh gu dhùbhlan e,
dh’
fheudadh e greim Sheumais II.
air a’
chaithir a chur an cunnart.
6. Ach ’an ùine nach robh fad’ an déigh sud, ’s ann a smuainich an rìgh gu ’n tugadh e ’n Dùghlasach gu ni-éigin de ùmhlachadh, na ’m faigheadh e fàth air bruidhinn ris aghaidh ri aghaidh ’an uaigneas, agus reusonachadh ris air cunnart ’us olcas nan dòighean a bh’ aige. Bha rìgh Seumas a nis air tighinn gu fearachas, air dol
[155] thairis gu maith air fichead bliadhna.
Bha e ’
na dhuine tapaidh tlachdmhor.
Ach bha comharra mòr,
dearg,
air o rugadh e,
a bha còmhdachadh an dara taoibh,
dheth aghaidh;
air son so,
theirteadh Seumas na h-
aghaidh teinntich ris.
Thug cuid de luchd-
eachdraidh fainear gu ’
m feudtadh Seumas an spioraid theinntich a ràdh ris co maith. ’
S e rinn e nis,
fiadhachadh a thoirt do ’
n Iarla gu conaltradh càirdeil a chumail ris aig a’
chùirt,
a bha ’
s an àm sin a chòmhnuidh ’
an Sruileadh.
Dh’
aontaich an t-
Iarla ri tighinn thun na cùirte,
na ’
m faigheadh e litir fo sheul an rìgh a’
deanamh cinnteach dha gu ’
m biodh a bheatha tearuinte gus am pilleadh e air ais.
Fhuair e sin, ’
s ghreas e thun na cùirte le tearc de luchd-
leanmhuinn,
a measg an robh a cheathrar bhràithrean féin.
Thog na h-
uaislean eil’
an cairtealan ’
s a’
bhaile, ’
s chaidh an t-
Iarla do ’
n chaisteal a dh’
amharc an rìgh a ghabh ris le mòr shubhachas.
Air an ath là ghabh e dhinneir aig bòrd an rìgh,
agus dh’
fhan e ri shuipeir,
a bha gu bhi aig seachd uairean.
An déigh na suipeir thug an rìgh a leth-
taobh an t-
Iarla, ’
s thòisich iad air dian chomh-
labhairt eatorra féin,
a’
spaidsearachd sios ’
us suas air feadh an t-
seòmair.
Ach a lion cuid us cuid bhlàthaich iad gu maith leis na h-
argumaidibh a bha eatorra;
an rìgh a’
sparradh air an Iarla na boinn a bh’
eadar e féin ’
s na morairean eil’
a bhriseadh,
agus a thighinn gu bhi ’
na charaid do’
n rìgh, ’
s gu ’
m faigheadh e sin ni bu tarbhaiche dha féin air a’
cheann mu dheireadh.
Ach bha ’
n t-
Iarla gu neo-
eisimeileach a’
freagairt nach deanadh e sud, ’
s nach b’
fhiach luchd comhairl’
an rìgh earbsa sam bith a chur annta, ’
s gu’
n robh e féin ’
s iadsan a deanamh ain-
tighearnas thairis air an rioghachd.
Mu dheireadh,
thàinig spiorad teinnteach Sheumais gu leithid de àirde, ’
s nach gabhadh e cumail fodha. “
A bhrathadair fhoilleil,”
ars’
esan ’
s e toirt tarruing air a bhiodaig, “
mur bris thus’
am bann brisidh so e.”
Shàth e bhiodag’
na sgòrnan, ’
s gu grad a rìs na bhroinn.
Bha Sìr Pàdruig Mac- ’
Ille-
Ghlais ’
na sheasamh dlùth dhoibh, ’
s a shuil ’
s a chluas ’
an cleachdaidh.
Cha bu luaith a chunnaic e ’
n rìgh a sìneadh làimhe thun an nàmhaid na thug e féin an ath bhuille dha leis an do
[156] leag e ’
n truaghan leònta gu làr,
le tuaigh-
chath’
a bha ’
na làimh.
Chuir gach fear eile de na cùirteirean làmh ’
s an droch ghniomh, ’
s an ùine ro-
ghoirid bha sea lota fichead ’
an corp an Dùghlasaich,
a bhàsaich gun fhocal a ràdh. ’
S ann an seòmar uachdrach a bha iad.
Chaidh an uinneag fhosgladh, ’
s an corp reubta thilgeadh a mach do chùirt a’
chaisteil.
Mar so fhuair mortair Mhic-
Leaghlain a dhinneir dhubh.
7. Ach bha crioch shearbh aig a ghnothuch a bha ’n sud. ’N uair a chual a bhràithrean gu ’n robh an t-Iarla air a mhortadh ghairm ’us dh’ aidich iad air ball am fear bu shine dhiubh féin ’na Iarla ’na àite, Bha gach fear dhiubh ’na thighearna fearainn cumhachdach, aig an robh mòran luchd-leanmhuinn. Thionail iad mòran dhaoine leis an tàinig iad air ais gu Sruileadh, ’s na loisg ’s na chreach iad mòran de ’n bhaile. Ach bha ’n caisteal ro làidir air son iad a thoirt ionnsuidh air. An déigh sin thog iad ceannairc co eagalach air feadh taobh deas na rioghachd ’s gu ’n tàinig e gu bhi ’na cheist air an rìgh co dhiù a b’ e ruith le ’bheatha do Shasunn a b’ fhearr dha, ’s an rioghachd fhagail aig an Iarla féin, no fuireach a’ cath riu. Fa-dheòidh, le comhairlibh easbuig Ceanadaidh, fhuair e aon de na morairean bu chumhachdaiche ’s a’ chomhbhoinn air a dhealachadh ris an Dùghlasach; b’ e sin Iarl’ Aonghais, a bha e féin de theaghlach nan Dùghlasach. B’ éigin a nis do ’n Iarla Dhùghlasach teicheadh le ’bheatha gu ruig Sasunn. Bhuilich an rìgh air Iarla Aonghais am fearann ’s an inbhe gu h-iomlan a bhuineadh do ’n fhear eile. Mar so thogadh am focal gu ’n do chuir an Dùghlasach ruadh sios an Dùghlasach dubh.
8. Fhuair rìgh Seumas a nis beagan lasachaidh air son an aire thoirt do ghnothuichibh a rioghachd. Thachair gu ’n robh caisteal làidir Rocsburgh air a’ chrìch ’an cumhachd nan Sasunnach riamh o bha Daibhidh II. na bhraighdeanach aca. Chuir rìgh Seumas a nis séisd ris a’ chaisteal so air son a thoirt fo lagh dha féin. Bha e féin agus àireamh de àrd-uaislean mu choinneamh a’ bhalla a’ faicinn cionnus a bha Bateri de ghunaidhean mòr’ a shuidhicheadh
[157] na ’
n àite ri cluicheadh.
Sgoilt aon de na gunnaidhean sin as a chéil’
aig losgadh làdaich, ’
s bhuail aon de na sgealban an rìgh ’
s a’
bhroinn,
a mharbh air a’
bhad e,
anns an deicheamh bliadhna fichead de ’
aois.
An uair a chual a’
bhan-
righ mar a thachair ghreas i thun a’
chaisteil, ’
s dh’
earalaich i air na saighdearaibh tuireadh a leigeadh dhiubh an là sin, ’
s an ni bh’
aca r’
a dheanamh a thoirt gu crìch mhaith,
mar onair ris an fhear a dh’
fhalbh.
An uair a chunnaic na h-
oifigich curantachd na ban-
righ ’
s an t-
suidheachadh ’
s an robh i,
chuir iad sùrd air a’
ghearaston a ghlacadh, ’
s thuit e ’
n an làmhaibh gun dàil.
Tha cuid ag ràdh gun do chuir iad gu bàs ceannard a’
Chaisteil le feirg air son na chaill iad féin ris.
Tha craobh chuilinn ’
am pàirc caisteil Fleurs fathast a’
comharrachadh a mach an àit anns an do thuit an rìgh.