[157] CAIB XXII.
SEUMAS III.
CHA robh Seumas III., mac bu shine, agus oighre Sheumais II., ach ochd bliadhn’ a dh’ aois aig àm bàis ’athar. Ach fhad ’s a bha Easbuig Ceanadaidh Chil-Rimhinn, caraid ’athar, beò bha ’n deadh chomhairleach aige. Bha gnothuichean follaiseach na rioghachd air an cumail ’an deadh òrdugh ré na h-ùine sin. Ach bhàsaich Easbuig Ceanadaidh ’n uair nach robh Seumas ach trì bliadhn’ deug a dh’aois. ’An déigh sin thuit an rìgh a measg luchd-treòrachaidh neo-dhìleas. Bha bràthair an easbuig, Gilbeart Ceanadaidh, fathast ’na fhear-teagaisg aig an rìgh. Ach mar a bha e féin ’na sheann duine, thug e fiadhachadh do Shìr Alastair, bràthair Mhorair Boid, gu arm-chleasachd iunnsachadh do ’n rìgh.
[158] Le so thàinig teaghlach ’
us càirdean Mhorair Boid gu bhi co eòlach ’
s co dàn’
air an rìgh ’
s gu ’
n tug iad air falbh e o Ghilbert Ceanadaidh gu h-
iomlan.
Bha ’
chùirt air bith fuireach ’
am baile Linlithgo roimhe so.
Bha ’
n rìgh agus fhear-
teagasg a muigh air chuairt seilge là àraidh.
Chuairtich àireamh de na h-
ùr chàirdean ud e, ’
s thionndaidh iad ceann an eich aige rathad Dhuneidin far am biodh e ’
na ’
n cumhachd féin. ’
N uair a rug an Ceanadach air srian an eich gus an rìgh a thoirt air ais gu a thàimheachd àbhaisteach,
bhuail Sìr Alastair Boid buille de ’
n bhata sheilg air,
leis an robh e air éigneachadh gus a ghreim a leigeadh as,
agus an rìgh fhàgail fo mheachainn a luchd meallaidh.
Thug iad an sin do chaisteal Dhuneidin e,
far an do thòisich e air riaghladh ghnothuichean na rioghachd ’
na ’
ainm féin,
ach da rìreadh b’
e Morair Boid ’
s a theaghlach an luchd-
riaghlaidh.
Goirid an déigh sin,
an uair a dh’
fhàs e ni bu shine ’
s ni bu tapaidh dheònaich e maitheanas follaiseach a thoirt do gach aon de ’
n teaghlach sin air son ni mi-
chubhaidh sam bith a dh’
fheudadh iad a bhi air a dheanamh ’
na chùis-
san roimhe sud;
agus an déigh sin lean e air an cumail car ùine mar àrd luchd-
riaghlaidh a ghnothuichean.
Fhuair Sìr Tòmas,
aon de mhic a’
Mhorair so,
a’
bhan-
phrionnsa,
Mairireat,
piuthar an rìgh,
ri ’
pòsadh,
agus rinneadh Iarl’
Arain deth.
Agus chaidh inbh’
agus saibhreas a bhuileachadh air buill eile de ’
n teaghlach.
Ach ’
an ùine nach robh fada thionndaidh an sruth ’
n an aghaidh.
Chaill iad fàbhar an rìgh air sheòleigin nach ’
eil furasd fhaotainn a mach.
Thionndaidh e iad uile mach as an dreuchdaibh.
Chuir e fo dheuchainn am beath’
iad air son an fhòirneirt a thaisbein iad ’
an Linlithgo;
ged a bha e air toirt maitheanas dhoibh.
Chaidh Sìr Alastair Boid a dhìteadh ’
s a chur gu bàs.
Theich am Morair ’
s a mhic le ’
m beatha, ’
s bhàsaich iad air fògradh ’
an tìr chéin.
Bhàsaich Sìr Tòmas,
Iarl’
Arain,
goirid ’
an déigh sin, ’
s phòs a’
bhan-
phrionnsa,
Mairireat,
Morair Hamilton,
a thàinig an sin gu bhi ’
na Iarl’
Arain.
2. Mu ’n àm so bh ’an rìgh air cùmhnant pòsaidh a dheanamh
[159] ri nighean rìgh Lochluinn,
a fhuair mar phàirt de ’
dubhairidh riaghladh nan eileanan Sealtaineach ’
us Arcach,
a bhuineadh roimhe so do Lochlunn.
Lean na h-
eileana so ri crùn Alba o ’
n uair sin.
Ach bha ’
chainnt Lochlunnach air a labhairt ’
s na h-
eileanibh so gus o cheann ùine leth-
cheud bliadhna roimhe so.
Bha dà bhràthair aig rìgh Seumas III. Bha ’athair an déigh Diùc Albani a dheanamh de ’n fhear bu shine dhiubh sin, agus bha ’m fear eile ’na Iarla Mhàrr. An déigh tuiteam nam Bòideach, thàinig an rìgh gu bhi cumail comunn ri daoinibh a bha de inbhe ni b’ isle na gu ’n giùlaineadh na h-àrd-uaislean le iad a bhi co faisg air a phearsa, no co mùirneach aige. B’e fear dhiubh sin Cochran, fear-togail, agus fear eile da ’m b’ ainm Rogers, fear-ciùil. A thuilleadh air an dithis so, bha taillear agus fear teagaisg arm-chleas air an gabhail a steach a measg a luchd comhairl’, agus gobha, agus reultair, Leonard, ’us Anders. Thòisich uaislean na tìr a nis a’ sealltuinn sios air an rìgh, mar dhuine gun diù, gun fhéin-mheas no gaisge, agus a’ moladh a bhràithrean os a cheann, ag ràdh gur e fear dhiubh bu chòir a bhi air a’ chaithir. Dh’ éirich a bhràithrean le chéil’ ’an ceannairc ’an aghaidh an rìgh le droch comhairle nan àrd-uaislean ud. Agus chaidh an glacadh ’s an cur ’am priosun le chéile. Bhàsaich Iarla Mhàrr ’s a’ phriosun. Agus tha cuid ag aithris gur h-ann le òrdugh an rìgh a chuireadh gu bàs e. Cha ’n ’eil dearbh-chinnt ciod an dòigh ’s an do bhàsaich e. Bha Diùc Albani ni b’ an-dàna ’s ni bu chiontaiche na ’bhràthair a b’ òige; ’s ghabh a chàirdean eagal gu ’n cuirteadh esan gu bàs mar an ceudna. Ach fhuair e rian air a chosan a thoirt leis a mach as a phriosun, agus teicheadh an toiseach do Shasunn, agus a rìs do’n Fhraing. Bha ’n Fhraing ’s an àm sin a’ cogadh ri Sasunn, agus chuir rìgh na Frainge mar impidh air Seumas III. briseadh a steach air taobh tuath Shasuinn le armailt air son cuideachadh le ni-éigin de chumhachd Shasuinn a tharruing uaithe féin. Bha Seumas co-gearr-sheallach ’s gu ’n do ghabh e comhairl’ an Fhrangaich ’s a’ chùis so. Ach o nach do sheall e
[160] roimhe ’
s a ghnothuch so,
fhuair e aobhar sealltuinn as a dhéigh.
Cha b’
ann fo chomannd an rìgh,
a bha ’
n t-
arm ’
s na linnibh ud,
ach fo riaghladh nan àrd-
uaislean.
Bha gach fear dhiubh sin a’
tighinn a mach gu cath air ceann a luchd-
leanmhuinn féin,
a bha de ’
fhine,
gu h-
àraidh ’
sa’
cheud àite. ’
Nuair thigeadh àireamh dhiubh sin ’
an ceann a chéile le ’
n cuid saighdearaibh aig àm cogaidh,
dh’
fheudadh iad an ni a b’
àill leò dheanamh.
Agus bhiodh iad gu tric a’
gabhail a leithid sin a chothrom air an rìgh éigneachadh gu nithe ’
dheanamh ’
s a thoirt air an àm so nach biodh e deònach a dheanamh aig amaibh eile. ’
Se rùnaich na tighearnan Albannach a dheanamh air teachd dhoibh ’
an ceann a chéile,
an rìgh agus a dhroch luchd-
comhairl’
a chur an làimh, —
esan a chur ’
an cuing car tamuill,
agus iadsan a ghrad chur gu bàs.
Chum iad comhairl’
uaigneach ’
an eaglais Laudeir gu comh-
labhairt eatorra féin mu cionnus a rachadh iad ’
an ceann a leithid so de chluiche cunnartach.
Bha na dearbh nithe a bha ga ’
n cur-
san air bhoil gus an gnothuch so a ghabhail os làimh,
ga dheanamh anabarrach cunnartach.
Bha Còchran air a dheanamh ’
na Iarla Mhàrr ’
an àite bràthair an rìgh a bhàsaich.
Ach bha e ’
na dhuine cumhachdach,
tapaidh e féin, ’
s cha robh e gun luchd-
cuideachaidh. ’
S bha na càirdean ud eil’
a bh’
aig an rìgh,
air an dòigh cheudn’
an déigh cròileagan de luchd-
cuideachaidh a thional timchioll orra féin.
Agus a thaobh an rìgh féin,
dh’
fheumadh iad a bheag no mhòr de mhisneachd air son a chur ’
an làimh an aghaidh a thoile.
Do bhrigh gu ’
n robh ’
n gnothuch làn dhoirbheas,
mar so,
ghairm Morair Mac- ’
Ille-
Ghlais,
a bha làthair,
an aire gu sgeulachd nan luch ’
s a’
chait,
a bha coitchionn a measg an t-
sluaigh ’
s an àm.
Bha na luchain gu mòr air am brosnuchadh air son cothrom a bhi aig a’
chat tighinn orra ’
s an glacadh gun fhios,
co tric ’
s a thogradh e,
agus rùnaich iad le aonta nan uile gu ’
m biodh clag air a chrochadh mu amhach a’
chait leis am biodh rabhadh air a thoirt dhoibh gu teichadh o chunnart.
Ach thuit an rùnachadh gu làr,
a chionn nach faighteadh a h-
aon nam measg a ghabhadh os làimh an clag a
[161] chrochadh.
Fhreagair Gilleaspuig,
Iarl’
Aonghais,
ceann dara teaghlaich nan Dùghlasach, “
gu’
n robh e tuigsinn an t-
samhlaidh, ’
s gu ’
n robh esan an sud a chuireadh an clag air a’
chat.”
Air son so lean am frith ainm,
Gilleaspuig clag-
an-
cat,
ris fhad ’
s bu bheò e.
Bha Iarla Mhàrr air tighinn do ’
n champ roimhe so le trì ceud de luchd-
leanmhuinn,
a bha uil’
eudaichte le trusganaibh geala.
Bha greadhnachas rioghal timchioll air pears’
an Iarla féin.
Bha clogaid air a lìneigeadh le òr ga ghiùlan roimh’, ’
us slabhraidh òir mu ’
mhuinneal. ’
N uair a chual’
e gu ’
n robh na Morairean cruinn le chéile ’
s an eaglais ud,
smuainich e dhol a dh’
fhaicinn ciod mu’
n robh iad.
Goirid an déigh dhoibh a shuidheachadh co chuireadh an clag air a’
chat,
chualas bualadh aig an dorus.
Dh’
fheòraich an dorsair o ’
n taobh a stigh,
co bha ’
n sud? “
Tha mise,
Iarla Mhàrr.”
Co luath ’
s a thàinig e steach spìon Gilleaspuig Clag-
an-
Cat an t-
slabhraidh òir air falbh dheth ’
mhuinneal,
ag ràdh gu’
m b’
e aghastar a b’
fhearr a fhreagradh dha.
Spìon fear eil’
air falbh an adharc fhoghaid a bha ’
n crochadh r’
a thaobh. “
A Mhorairean,”
arsa Cochran, “
an e fealadhà tha ’
n so,
no ’
n ann da rìreadh a tha sibh?” “
A cheart da rìreadh,”
ars’
iadsan, “ ’
s fairichidh tusa gur h-
ann.”
Gu seanachas fad a dheanamh goirid chaidh Cochran agus uile dhroch comhairlichean an rìgh a chrochadh an là ud féin o mhullach drochaid Laudeir,
an t-
arm a sgaoileadh,
agus an rìgh a thoirt air ais gu Caisteal Dhuneidin.
4. Chuir na Morairean ceannairceach ud dream àraidh dhiubh féin air leth air son a bhi riaghladh ghnothuichean na rioghachd. Bha Gilleaspuig clag-an-cat ’na cheann-laghair. Rinn iad sìth ri Sasunn goirid an déigh sin. Ach ghléidh an rioghachd sin tuilleadh an gréim a fhuair i air Beruic aig an àm ud, ged a dh’ oidhirpich Alba gu tric an déigh sud fhaotainn air ais. Bha Diùc Albani, bràthair an righ, a measg nan teachdairean a chuir Sasunn a nàsgadh na sìth ris na tighearnaibh Albannach. Dh’ iarr esan an rìgh a chur fa sgaoil, a réir coslais, air son an gnothuch a dheanamh ni b’ fhusadh dha féin. Bha ’n rìgh ’s a bhràthair an sin air
[162] an réiteachadh ri chéile.
Bha Albani ’
na àrd-
riaghlair air gnothuichibh na rioghachd,
agus an rìgh a’
leantuinn air a bhi rannsachadh a mach ’
s a’
fòghlum nan ealaidhean ’
s nan eòlasan air an robh e riamh a’
taisbeanadh a bhi co déigheil.
Ach ’
an ùine ghoirid thàinig a rìs os ceann bùird gu ’
n robh ’
n Diùc a deanamh suas ri rìgh Shasuinn air son còmhnadh fhaotainn uaithe gus a bhràthair a chur dheth ’
n chaithir agus an crùn a ghabhail da féin. ’
N uair a thuig e gu ’
n robh ’
n gnothuch air fhaotainn a mach, ’
s gu ’
n robh e gu bhi air a chur an làimh gu ’
n dàil théich e as an rioghachd, ’
s cha do stad e gus an d’
ràinig e ’
n Fhraing.
Phòs e nighean do Iarla Bhouloin ’
s an rioghachd sin,
agus bha mac aig’
a bh’
air ainmeachadh air an teaghlach sin,
agus a thàinig an déigh sin gu bhi ’
na Thàinistear Alba ri linn rìgh Seumas V.
5. ’N uair a chunnaic na Morairean ceannairceach ud a dh’ ainmicheadh cheana gu ’n d’ fhàg Albani an dùthaich gun dùil ri tighinn beò innt’ ’s gu ’n robh an rìgh saor o na h-uile casgadh gus an ni a b’àil1 leis a dheanamh, ’s ann a rùnaich iad éiridh ’an ceannairc a rìs; an clag a chur air a’ chat an dara uair, air eagal mur deanadh iad sin gu ’n tachradh ni bu mheasa dhoibh. Thàinig a’ chomh-fheall so gu cruth ’us àird’ ’an ùine co goirid, ’s gu ’n robh na Morairean air tional ri chéil’ air ceann an cuid daoine mu ’n gann an robh fios aig an rìgh gu’n robh éirigh gu bhi idir ann. Ghlais Seumas suas a chuid ionmhais an Caisteal Dhuneidin, ’s ghabh e gu tuath le sùil ri còmhnadh o na Morairibh tuathach. Thaghail e ’n Caisteal Shruileidh ’s an dol seachad, air an robh fear da ’m b’ ainm Shaw a Fintri ’na cheanard. Neartaich e ’n daingneach ’s dh’ fhàg e ’mhac ’us ’oighr’ ann, ’s thug e teann-sparradh do’n cheannard air a bheatha gun e leigeadh neach sam bith an goire a’ phrionns. Ach leig an ceannard foilleil ud na Morairean ceannairceach a chonaltradh ris a phrionns’, air son duais mhòir. Thug iad an sin air a’ phrionns aontachadh ri dhol air an ceann a chogadh an aghaidh ’athar ’s gu’n deanadh iad rìgh dhethsan ’na àite. ’N uair a fhuair iad am prionns’ òg do ’n champ, rinn iad
[163] gairm fhollaiseach air feadh na dùthcha gu ’
n do chaill Seumas III.
na h-
uile còir air a’
chrùn, ’
s gu ’
n robh ’
mhac bu shine,
Seumas IV.
a nis ’
na rìgh ’
an àit ’
athar.
Am feadh a bha ’
n àrd cheannairc so a’
dol air aghart ’
an ceann a deas na rioghachd bha na Morairean tuathach le ’
n cuid daoine ’
tréudadh gu bratach an rìgh.
Thriall e gu deas air cheann armailt liònmhoir gus na ceannaircich a sgapadh.
An àm dha bhi ’
gabhail seachad air Sruileadh,
thaghail e aig a’
chaisteal.
Ach cha ’
n fhosgladh Shaw an geata dha.
Dh’
iarr e cothrom labhairt ris a’
phrionnsa.
Thuirt Shaw gu’
n robh ’
m Prionnsa ’
s a’
champa còmhladh ris na Morairibh. “
A bhrathadair”
ars’
an rìgh,
ma ’
s beò mise gheibh thusa do dhuais air son do neo-
dhìlseachd.
Ghabh an rìgh air aghart ’
s fhuair e na ceannaircich air campachadh aig Blacnes,
faisg air Linlithgo.
Ach an àit’
an dà armailt a thoirt gu bualadh air a chéile, ’
s ann a bha ’
n rìgh deònach air sìth a dheanamh riu uile,
agus am beatha, ’
s an onair ’
s an stàitean a dheanamh cinnteach dhoibh nan sgaoileadh iad, ’
s gu’
n gealladh iad a bhi na ’
n iochdarain umhail an déigh sud.
Bha e furasd gu leor leòsan ’
us dhoibh sin a ghealltuinn aig an àm;
agus rinneadh seòrsa de réite eadar iad féin ’
s an rìgh an sin.
Ach an uair a chunnaic iad gu’
n deachaidh an rìgh air ais do Dhuneidin, ’
s gu’
n do phill mòran de ’
n luchd-
cuideachaidh dhachaidh,
chruinnich iad a rìs le rùn suidhichte ’
thilgeadh dheth ’
n chaithir.
B’
éigin do’
n rìgh a nis,
a dheòin no dh’
aindeoin,
coinneachadh riu ’
s an àraich.
Chaidh an dà fheachd a tharruing ’
an òrdugh catha,
aig àite ris an abrar Allt-
Shauchaidh.
Theich armailt an rìgh an déigh mòran tuiteam air gach taobh.
Theich an rìgh air muin eich bheothail a thug duin’
uasal da an là sin féin.
Bha ’
n t-
ainmhidh luath-
chosach ’
na leum a’
gabhail seachad mu dhorus muilinn a bh’
air Allt a’
bhonnaich.
Thachair do bhean a’
mhuilleir,
a bha ’
togail soitheach uisg’
as an Allt,
an uair a chunnaic i each le marcach armaicht’
a’
dlùthachadh rithe ’
na leum,
gu’
n do thog i ’
ceann gu grad, ’
s ruith i air falbh.
Bha ’
n t-
each air tighinn fagus di mu’
n tug e ’
n aire dhi,
[164] ’
s ghabh e eagal leis an dòigh air an do ruith i, ’
s thug e leum-
taoibh as,
leis an robh am marcach rioghail air a thilgeadh as a dhiollaid.
Thàinig fannachadh air leis a’
bhuille throm a fhuair e ’
na chuid armachd.
Thug am muillear ’
s a bhean a steach do’
n mhuilinn e; ’
s an uair a thàinig a chainnt thuige dh’
innis e dhoibh co a b’
e, ’
s gu’
m bu mhaith leis aideachadh a dheanamh do shagart.
Chaidh a’
bhean a mach a dh’
iarraidh lorg air sagart.
Dh’
innis i fàth a turuis do choigreach,
a choinnich i le cabhaig a’
tighinn a dh’
ionnsuidh an doruis.
Air do’
n choigreach so aideachadh gu ’
m bu shagart e féin,
chaidh a threòrachadh a dh’
ionnsuidh an àit an robh an rìgh;
ach ’
an àite gniomh caraid a dheanamh do’
n duine thinn, ’
s ann a chrom e os a cheann, ’
s thug e ceithir no cùig de lotan bàsmhor dha mu ’
n chridhe.
Ghrad thug am mortair a chasan leis, ’
s cha d’
fhuaradh a mach riamh co rinn an gniomh oillteil so,
ged a bha amharus air dithis no triùir a chunncas a dian ruagadh an rìgh ’
an am dha teicheadh air falbh o’
n àraich.
Chuireadh Seumas III.
mar so gu bàs gu tàireil,
anns a’
bhliadhna 1488,
le ceannairc a chuid iochdarana tuaireapach féin,
anns a’
chuigeamh bliadhna deug thar fhichead de ’
aois;
agus bha ’
n gnothuch ni bu chianaile le ’
mhac bu shine féin a bhi ’
na cheann-
iùil aig na ceannaircich ud.