[165] CAIB. XXIII.
SEUMAS IV.
THAINIG Seumas IV. gu siochail thun na caithreach an déigh bàis ’athar ’s a ’n t-seachdamh bliadhna deug de ’aois. Cha ’n ’eil e coslach gu ’n robh smuaineachadh ’s am bith aige ’s a’ cheud dol a mach, air an olc a bha fillte stigh ’s a’ ghnùis a thug e do ’n cheannairc a chriochnaich ’am bàs ’athar. Bha e cur seachad na h-ùine ann an cridhealachd ’s ’am fleadhachas; fleadh a’n déigh fleadha, cha mhòr gun sgur idir. Ma bha cruinneachadh cruaidh, bha co cinnteach sin, leigeadh tais, aig an ionmhas a dh’ fhàg ’athair anns a’ Chiste Dhuibh. Ach cha b’ e mhàin gu ’n robh fearas mhòra ’s cathanaich mar so, nàdurrach do Sheumas IV. ach ’s e ’s coslaiche gu ’n robh e féin ’s a luchd-comhairl’ a’ faicinn iomchuidh ’us feumail na h-uile meadhon a ghabhadh deanamh a chleachdadh air son an dà phàirtidh a bha ’n aghaidh a chéile ’s an stàit’ a thoirt gu bhi ’n deadh rùin do ’n chùirt, agus gu tomhas éigin de chòrdadh eatorra féin mar an ceudna. B’ iad greadhnachas, ith’ ’us òl ’us aighear, cuid de na meadhonan a mheasadh freagarrach a ghnàthachadh air son an aobhair sin. Bha iad sin air an gnàthachadh, ’s cha b’ ann leis an tomhas bheag.
2 ’S gann a fhuair na morairean ud a rinn ceannairc ’an aghaidh an rìgh mu dheireadh, iad féin air an socrachadh ’an cumhachd le dreuchdan fa leth na rioghachd fhaotainn doibh féin ’s do ’n càirdibh, ’n uair a thug iad ma ’n airidh Achd fhaotainn tre ’n Phàrlamaid, a’ coireachadh ’s a’ dìteadh na morairean a sheas, mar bu chubhaidh dhoibh, air taobh an rìgh Seumas III. ris nach do thogair iadsan ’s an t-sumonadh ud a ràdh ach Athair an rìgh. Bha ’n t-Achd ud,
[166] s na briathra ’
s an robh e air a chur,
da rìreadh, ’
na cheol-
gàire,. ’
n uair a smuainichear gur h-
iad a’
mhuinntir a thug ma ’
n airidh an t-
Achd fhaighinn air a dhaingneachadh mar lagh a bha,
da rìreadh,
ciontach de cheannairc agus toillteannach air a bhi air an coireachadh.
Ach ’
s e bh’
ann saimpleir de ’
ni a bha riamh a’
tachairt ’
s an t-
saoghal throimh-
chéile so,
am fear is treis’
an uachdar.
Co-
dhiù chaidh ac’
air sliseagan maithe thoirt o chuid de ’
na Morairean dìleas ud,
a bha ni b’
airidh air a bhi ’
riaghladh na iad féin.
Ach chaidh aig cuid eile dhiubh air iad féin a dhionadh uatha. ’
N a ’
measg sin bha Sìr Aindreas Wood,
marsant agus maraiche sonraichte. ’
N uair a chaidh Sìr Aindreas so a ghairm an làthair na comhairl’
air son e sheasamh ro fhad’
a mach air taobh Sheumais III.
dhion se e féin gu duineil, ’
s dh’
innis e dhoibh ri ’
n eudanaibh gur h-
iadsan a bha toillteannach air an dìteadh ’
s an coireachadh, ’
s thuirt e ris an rìgh,
a bha làthair,
na ’
m faigheadh iad sud an cothrom air gu ’
n deanadh iad an aon diol air ’
s a rinn iad air ’
athair roimhe.
Thug Sìr Aindreas a cheart aire roimh làimh,
gu ’
m biodh cumhachan air an seulachadh leis am biodh a bheatha cinnteach dha, ’
s nach gabhadh na tighearnan fuilteach ud a dhànadas orr’
chur an làimh.
Ach ’
n uair a fhuair e gu tearuint’
air bòrd a shoithich,
chuir iad fios air maraiche cruadalach eil’
a bha ’
m Port-
Libhte, ’
s thairg iad duais mhòr dha na ’
n armaicheadh e àireamh luigeas, ’
s gu ’
n glacadh, ’
s gu ’
n tugadh e suas dhoibhsan Sìr Aindreas air son an an-
dànadais a ghnàthaich e ’
n làthair na comhairle. ’
Se ’
m freagradh a thug am maraiche so,
ged nach robh aig Sìr Aindreas ach an dà luing gun robh iad co maith air an armachadh ’
s air an daoineachadh, ’
s e féin co gleusta, ’
s co duineil, ’
s nach faighteadh de luingeas an Libhte na ghlacadh e.
B’
éigin do na morairean an tàmailt a shlugadh.
Bha Gilleaspuig Dùghlasach,
Clag-
an-
cat, ’
na aon diubh.
Ghabh an rìgh Sìr Aindreas an déigh so gu bhi ’
na aon de ’
chàirdean ’
s a luchd-
comhairle.
Thuig Seumas gu ’
m biodh sin a chum a leas féin.
’S ann mu ’n àm so a bha ’n Roinn-Eòrpa gu h-iomlan air a
[167] gluasad leis an iomradh a sgaoil air feadh gach tìr gu ’
n robh Columbas air fearann nan Innsean a ’
siar fhaotainn a mach.
Anns a’
bhliadhna 1497,
fhuair Iain Cabot,
agus Sebastian a mhac,
marsantan Eadailteach a bha chòmhnuidh ’
an Sasunn,
a mach Florida,
an rudha ’
s faide deas de cheann a tuath America.
Agus air an ath bhliadhna fhuair Americus Uespucius a mach oirthir a ’
s ear America.
Agus goirid an déigh sin,
fhuaradh a mach slighe do na h-
Innsibh a ’
s ear timchioll ceann a deas Africa,
no Cape of Good Hope.
Leis na nithibh so uile bha staid marsantachd an t-saoghail gu mòr air atharrachadh.
Ghluais so Alba mar gach rioghachd eile gus an cabhlach a mheudachadh ’
s a neartachadh.
Ghairm an rìgh saoir luingeas as gach tìr ’
us àit’
an robh iad ri ’
m faotainn. ’
S leis gach saothair ’
us costas a bh’
ann,
chunnaic e càbhlach nach bu chearbach aig an rioghachd ri ’
latha féin.
3. Thàinig Seumas, a chuid ’s a chuid gu bhi ’faicinn gu ’n d’rinn e gu h-olc le aontachadh leis na morairibh ’s a’ cheannairc a chriochnaich ’am bàs ’athar. Agus le comhairl’ an luchd-iùil spioradail a bh’ aige, dh’ aontaich e bhi ga pheanasachadh féin fhad ’s bu bheò e air son na h-eas-ùmhlachd mhacail sin. ’S e ghnè peanais a roghnuich e, bhi ’giùlan crios iarruinn, deanta ’an cruth slabhraidh mu ’mheadhon. Cha robh ’s a chrios ach beagan ùnnsachan ’an toiseach ach bha e cur beagan ris na h-uile bliadhn’, air sheòl ’s gu ’n tàinig e gu bhi gu maith trom mu dheireadh. Air son so thugadh Seumas a’ chrios iarruinn air. Bhiodh Seumas air uairibh a’ tuiteam an trom-mhulad air son na h-amaideachd ’s na ceannairc a dh’ aobharaich an crios iarruinn. Aig na h-amaibh aithreachail sin, bhiodh e ’dol a chur seachad beagan ùin’ ’an aon de na tighibh mhanach de ’n robh ’n tìr làn, agus ga chleachdadh féin an dleasdanasaibh cràbhach. Ach an ceann ghreis dh’ fhalbhadh am mulad ’s philleadh Seumas gu comunn a chuid cùirteirean a measg am biodh e co cridheach ’s a bha e riamh. Lean a chaochlaideachd so ris ré a bheatha. Ach thionndaidh e air falbh o chuid de na morairibh
[168] a thug thar a bhuinn e gu ceannairc an aghaidh ’
athar,
agus iadsan uaithe-
san.
4. Phòs Seumas IV. Mairireat, nighean rìgh Eeanruic VII. Shasuinn. ’S ann aig Eanruic VII. a stad crùn Shasuinn an déigh gach troimhe chéil’ uamhasach a bha ’s an rioghachd ud, eadar teaghlaichibh Iorc ’us Lancaster. B’ e Eanruic oighre teaghlaich Lancaster, ach phòs e Ealasaid, nighean bu shine Eideird IV., a bha le còir bhreith na h-oighre dligheach air an rioghachd. Mar so bha ’n dà theaghlach air an aonadh, agus stad air a chur air an dòrtadh fola. Ged a bha Eanruic ’na dhuine fuilteach bha e na dheadh fhear-riaghlaidh, agus fad sheallach a thaobh nithe saoghalta. Bha sùil aige gu’m feudadh an t-àm a theachd anns am b’ urrainn aon de righrean Shasuinn còir agairt air crùn Alba tre’n bhan-phrionnsa so; ach ’s e thachair, ’an aghaidh sin, fear de righrean Alba còir air rioghachd Shasuinn air a sgàthsa.
B’ e rìgh Seumas VI. Alb’ a thàinig ’s an ath linn gu bhi ’na rìgh ’an Sasunn, iar-ogha na ban-phrionnsa so. Ach bha sùil aig Eanruic VII. mar an ceudna ris an tairbh’ a gheibheadh an dà rioghachd dheth ’n t-sìth a bh’ air a daingneachadh eotarr’ air lorg a’ chleamhnais so. Lean an t-sìth so a bha ro fheumail, araon do Alba ’s do Shasunn, ré dheich bliadhna, ach briseadh beag a rinn Seumas oirre air sgàth mealltair a thàing gu ’chùirt thar tìr-mor na h-Eòrp’, agus a bha ’cumail a mach gu’m b’ e féin Diùc Iorc, oighre dligheach Shasuinn. Chreid rìgh Seumas seanachas an fhir so, ’s thug e bean da á teaghlach a bha ’n dlùth dhàimh dha féin, ’s bhris e steach air taobh tuath Shasuinn le feachd gu ’athair-céile thilgeadh dheth ’n chaithir, ’s am fear so a chur ’na àite. Ach fhuair e mach air a chostas nach gabhadh sud deanamh, ’s leig e seachad e.
5. Dh’ éirich troimhe chéile mòr ’s a’ Ghàeltachd aig àm pòsaidh an rìgh, le oidhirp a thug cuid de na tighearnan Gàelach air ogha
[169] Mhorair nan Eilean a shuidheachadh ’
s an ùghdarras a bh’
aig a shinnsiribh,
agus a bha ’
n rìgh so féin an déigh a thoirt o ’
sheanair ’
s a’
bhliadhna 1494.
Chaidh a’
cheannairc so chur fodha le saothair ’
us mòr dhragh;
ach bha Seumas ni bu toighiche mu ghnothuichibh na Gàeltachd an déigh so na bha e roimhe sin.
Bhiodh e gu maith tric ’
s an taobh tuath,
air a chuairteachadh le ’
chùirteiribh.
Dh’
atharraich ’
us chuir e ’
n lionmhoireachd na Siorrachdan feadh na Gàeltachd,
air sheòl ’
s gu’
m biodh e ni b’
fhusadh dha na cearnaidhean fad as ud a riaghladh tre’
n luchd-
dreuchd a chuir e féin os an ceann.
6. Bha trì Colaistean, no Oil-thighean ’an Alba ’s an rioghachadh so. Bha Colaistean Chill-Rìmhinn ’us Ghlascho air bith air an togail roimhe so. Thug Seumas IV. ma ’n airidh Colaist’ an rìgh ’an Abaraidhean a bhi air a togail. B’ ann ’s an rioghachadh so, mar an ceudn’, a thugadh eòlas air clo-bhualadh leabhraichean a steach do Alba. Bha ’n t-innleachd feumail so air fhaotainn a mach ’s a bhliadhna 1440 le Iain Gutenbergh ’s a’ Ghearmailt; ach cha tàinig e do Alba gus an do thòisich Ualter Chapman, a bh’ air bith ’na sheirbhiseach aig an rìgh, air clo-bhualadh leabhraichean ’s a’ bhliadhna 1509. Thug an rìgh do ’n fhear so na h-uile misneachd a bha feumail, ’s gun teagamh sam bith bhiodh e ’ceannach cuid de na leabhraichean a bh’ air an deanamh leis an ealainn ùir ni bu phailte ’s ni bu shaoire na bha iad roimhe. Tha na nithe so a’ deanamh soilleir gu ’n robh eòlas a’ meudachadh, ’s gu ’n robh ’n rìgh ’na fhear-taic do na h-uil’ eòlas feumail. Feudaidh e bhi gur h-ann o na h-aobharaibh sin a bha e ’g éiridh gu ’n robh an tearc a bha tuigsinn na firinn ’s a fuathachadh mhealltaireachd na Pàpanachd a’ fàs ni bu dàine ’s ni b’ fhollaisiche. Theirteadh Lollardaich mar fhrith-ainm riu so anns gach rioghachd ’s an Roinn-Eòrpa. Bu ro lionmhor leis na h-easbuigibh Pàpanach a bha iad a’ fàs ’an Alba. Thug iad mu ’n airidh àireamh àraidh dhiubh a ghairm ’am fianuis na Comhairle gu freagradh air son saobh chreideamh, mar theireadh iadsan ris na beachdaibh a bha iad ag àrach. Chriochnaich am
[170] mòd eaglaiseach so le stoirm ghàireachdaich anns nach b’
urrainn an rìgh no a chùirteirean cumail orra féin,
le bhi cluinntinn an dòigh ’
s an robh na Lollardaich gheur’
ag aoireadh nam Pàpanach agus an rian aoraidh a bh’
aca.
Tré chàirdeas an rìgh,
cha bu dàna le Pàpa no easbuig làmh a chur ’
an duine de ’
n mhuinntir bhig ud.
7. Bhàsaich Eanruic VII. Shasuinn ’s a’ bhliadhna 1509. Thàinig a mhac, Eanruic VIII. ’na àite thun na caithreach, agus e ochd bliadhna deug a dh’ aois. Bha esan mothachail air a chòir air a chrùn a bhi co daingean ’s nach robh duine sam bith a cur teagaimh ann; ’s mar a bha e ’na dhuine tapaidh, misneachail gu nàdurrach, bha so ga dheanamh ni bu ro dhalma. ’An ùine nach robh fada dh’ éirich eas-còrdadh eadar e féin ’s a chliamhuinn, Seumas IV. Alba. Bha ni-éigin de bhonn aig an eas-còrdadh sin eatorra féin na ’n dithis, mar tha cuid ag ràdh, a chionn nach robh Eanruic a’ pàigheadh d’a phiuthair, ban-rìgh Alb’, an airgid a dh’ òrduich a h-athair dhi aig àm a bhàis. Ach b’ e ’n t-aobhair àraidh air son an tàinig iad gu naimhdeas follaiseach d’a chéile gu ’m bu mhaith le Iulius II. Pàpa na Ròimh’ iad a thighinn gu sin.
Bha ’m Pàpa goirid roimhe so air sealbh a ghabhail dha féin air dà mhòr-roinn ris an abrar Parma ’us Piacensa, ’s an Eadailt Uachdraich. Ach bha Luthais XII. Rìgh na Fraing’ a bha ’s an àm sin, a’ cogadh ’s an Eadailt, a’ tagairt còir air na mòr-roinnibh sin, ’s bha eagal mòr air a’ Phàpa gu ’n tugadh e uaith’ iad. Cha b’ e ’m Pàpa ’m fear a dh’ fhàgadh clach gun tionndadh mu ’n leigeadh e as a làimh ni sam bith air am faigheadh e gréim. ’S e rinn e aig an àm ud tòiseachadh a’ miodal ri Eanruic VIII. rìgh Shasuinn, ach am faigheadh e gu ’thaobh féin e, gu ’n deanadh e cù cogaidh dheth ’s gu ’n stuigeadh e ’s an Fhraing e. Chinnich sin leis. Chaidh cogadh éigheach eadar Sasunn ’s an Fhraing; ’s mar sin b’ éigin do rìgh na Fraing’ an cogadh Eadailteach a leigeadh seachad ’s oidhirpeachadh air e féin a dhionadh o’ n t-Sasunnach. Ach aig an àm cheudna dh’ oidhirpich e ’n cleas ceudna ’chluicheadh air rìgh Shasuinn, a chluich am Pàp’ air féin. B’ e
[171] sin rìgh Alb’
a tharruing gu bhi ’
n comh-
bhoinn ris féin,
agus a stuigeadh an taobh Shasuinn,
gus an tugadh so air Eanruic pilleadh uaithe féin gus an aire thoirt air a ghnothuichibh aig a’
bhaile.
An déigh mòran brìdeil o chùirt na Frainge dh’
aontaich Seumas IV.
ri briseadh a steach air taobh tuath Shasuinn le feachd lionmhòir anns an robh,
a réir cuid de luchd-
eachdraidh,
dlùth air ceud mìle saighdear.
Chuir e feachd mara mar an ceudn’
air ghleus gu briseadh a steach air taobh tuath Eirinn.
Ach cha robh ’
an t-
Iarl’
Arrainneach a rinneadh ’
na chomanndair air a chàbhlach so,
freagarrach air son na dreuchd.
Cha robh e aon chuid ’
na sheòladair no ’
na shaighdear agus chaidh na luingeis a bhriseadh ’
s a sgapadh gun dol ’
an ceann a ghnothuich air son an do chuireadh a mach iad.
Chaidh an rìgh féin,
mar àrd-
sheanalair air cheann an airm thìre.
An déigh beagan ùin’
a chur seachad ’
an taobh tuath Shasuinn a’
togail chreachan gun duin’
a sheasamh rompa,
champaich na h-
Albannaich air cnoc ris an abrar Floden ann an comhnard Achaidh na muinnle.
Bha rìgh Shasuinn ’
s an Fhraing;
ach bha e air Iarla Shurreigh fhàgail na àrd-
sheanalair air an arm Shasunnach aig a’
bhaile.
Fhuair an t-
Iarla sin feachd lionmhòr air a togail air feadh Shasuinn leis an do thriall e gu tuath air los an t-
Albannach a philleadh air ais.
Mu ’
n àm an do ràinig Surreigh coimhearsnachd a’
chaimp Albannaich,
bha mòran de luchd-
leanmhuinn Sheumais IV.
air pilltinn dachaidh;
oir bha biadh a’
fàs gann na ’
m measg a thaobh ’
s nach robh sùil ac’
o thoiseach a bhi air falbh o ’
n tighibh ach dà fhichead là.
Bha mar an ceudna dream maith eile de na deas Albannaich air tighinn a nall air a’
chrìch a dh’
fholuch an cuid creiche.
Mar so bha ’
n t-
arm Albannach gu mòr air a lughdachadh.
Ach air son sin uile bha ’
n rìgh ’
s a chuid oifigeach deònach blàr a sheasamh ris na Sasunnaich.
Chum na h-
oifigich comhairle ’
roimh ’
n bhlàr air son am barail a chur an céill mu ciod bu chòir do ’
n rìgh a dheanamh,
gu pearsonta.
Agus bha iad uil’
aon-
sgeulach air nach bu chòir do ’
n rìgh a dhol do ’
n chath idir,
ach e dh’
ainmeachadh
[172] àrd-
sheanalair ’
na àit’
agus e féin a philltinn dachaidh,
no e bhi ’
n àit’
éigin ’
an coimhearsnachd an airm anns am biodh a bheatha tearuinte.
Cha ’
n éisdeadh rìgh Seumas ri sin.
Ach bhagair e gu geur air an fheadhainn a chomhairlich esan a chumail as an àraich gu ’
n crochadh e iad mu choinneamh an dorsan féin, ’
n uair a philleadh e do Alba.
B’
éigin a thoil féin a leigeadh leis ’
s a ghnothuch so.
Ach cha b’
e mhàin sin,
ach b’
éigin a thoil féin a bhi deant’ ’
an ullachadh air son a chath’,
agus an déigh tòiseachadh air cath.
Bha làthrach ro fhàbharrach ac’
air a taghadh roimh làimh,
agus cha ghabhadh Surreigh air ionnsuidh a thoirt orra,
gus am feuchadh e ri ’
m breugadh a sin,
gu àit’
eil’
anns am biodh a chothrom féin ni b’
fhearr.
Bha Seumas a’
leigeadh leis, ’
an aghaidh toil ’
us comhairl’
a chuid oifigearan,
a bhi dol mu ’
n cuairt air a champ mar a thogradh e féin;
cha leigeadh e le duine grabadh sam bith a chur air;
ach mar dhuine fo gheasaibh,
leig e leis an t-
seann saighdear sheòlt’
ud a dhòigh ’
us àite féin a roghnuchadh.
Agus bu daor a phàigh esan ’
s a luchd-
leanmhuinn air gu ’
n do leig. ’
N uair a fhuair an Sasunnach,
gu h-
òrdail,
seachad air drochaid a bha fagus do ’
n arm Albannach ’
s gu ’
m feudadh e dheanamh air mar rinn Uallas aig drochaid Shruileidh, ’
s a chaidh e direach eadar armailt Sheumais agus an dùthaich féin,
thug an rìgh òrdugh na pàilliuna ’
s an robh iad a ’
fuireach a bhi air an losgadh agus na daoin’
a bhi air an tarruing ’
an òrdugh catha. ’
S gann a tha luchd eachdraidh a toirt iomraidh air blàr sam bith eile co min ’
s a tha iad a’
toirt air blàr Flodein.
Ach feudar na tha feumail do ’
n leughadair a chur an céill ’
an tearc de bhriathraibh.
Bha ’
n dà armailt air an roinn na ’
n ceithir buidhnibh fa leth.
Bha buidheann de ’
n arm Albannach fo chomannd an rìgh agus buidheann de ’
n arm Shasunnach fo chomannd Iarla Shurreigh.
Choinnich an dà bhuidheann so a chéile;
agus choinnich aon bhuidheann,
buidheann eil’
air gach taobh.
Chuir a ’
chuid de ’
n arm Albannach a bha fo chomannd Iarla Home an ruaig air a bhuidhinn a bha mu ’
n coinneamh.
Ach cha do leig am marc-
shluagh Sasunnach
[173] leis an Iarla sin còmhnadh sam bith a dheanamh ris na buidhnibh eile,
ged a bha iad a faotainn a chuid bu mheasa dheth.
Mu cheithir uairean ’
s a mheadhon là thòisich an cath agus lean e gus an do dhorchaich an oidhche,
gun taobh seach taobh a theicheadh,
ged a bha e soilleir gur h-
ann an aghaidh nan Albannach a bha dol.
Rinn a mheud ’
s a bha faisg air an rìgh de ’
n arm Albannach cuairteag mu dheireadh,
air son iad féin a dhionadh air na h-
uile taobh ’
o ’
namhaid.
Sheas an rìgh ’
na làn armachd ’
am meadhon na cuairteig so,
agus cuid de na h-
oifigich a b’
ard-
inbhich còmhladh ris.
Thuit e féin ’
s a chuid bu lionmhoire de ’
na h-
uaislean a bha timchioll air.
Bha e air a lotadh gu bàsmhor le dà shaighid,
agus air a ghearradh le inneal marbhtach eile ris an abrar bill.
A thuilleadh air an rìgh,
chaill na h-
Albannaich dithis easbuigean,
agus dithis abachan,
dà iarla dheug,
tri morairean deug,
agus cuigear mac bu shine mhorairean.
Cha robh cunntas air na chaill iad de uaislean eile.
Cha robh teaghlach uasal ’
s an rioghachd nach do chaill caraid an sud.
Chaill na h-
Albannaich còrr ’
us déich mìl’
eadar àrd ’
us iosal air àraich “
Flodein Dhuirch.”
Chaill na Sasunnaich mu ’
n cuairt de chuig mile.
Chuireadh am blàr fuilteach so air an naoidheamh là de mhios meadhonach an fhoghair 1513. ’
N uair a dhorchaich an oidhche gu maith,
theich na h-
Albannaich air falbh o ’
n àraich,
a’
fagail nam marbh ’
s nan daoine leònta fo mheachainn an nàmhaid.
Ach bha na Sasunnaich co mòr air an lagachadh iad féin, ’
s nach do ghabh iad orra tighinn ni b’
fhaide gu tuath air los tuilleadh creachaidh a dheanamh air Alba,
ged a bha eagal air an luchd-
riaghlaidh gu ’
n deanadh iad sin.
Tha cuimhne gus an là ’
n diugh, ’
an ceann deas na rioghachd air an éigin ’
s an truaigh’
a thàinig air lorg blàr Flodein,
mar is ann as a cheann sin de ’
n rioghachd gu h-
àraidh a bha tromlach an airm air a tharruing.