CAIB. XXIV.
SEUMAS V.
AN uair a thuit Seumas IV. ’am blàr Flodein, cha robh ’aon mhac agus ’oighre trì bliadhn’ a dh’aois. Chrùnadh an leanaban so ’an lùchairt Scoinne fo thiodal Seumas V. Bha Caisteal Shruileidh air a chur air leth mar àite còmhnuidh dha, air an robh Morair Borthuic ’na cheannard; agus chaidh dreuchd na tàinistearachd earbsadh ri ’mhàthair, a’ bhan-righ, aig an àm sin. Bha Ard-easbuig Ghlascho, maille ri Iarla Huntlaidh, agus Iarl’ Aonghais, air an òrduchadh mar chomhairlich dhi gus an coinnicheadh a’ Phàrlamaid. Goirid an dèigh bàis an rìgh dh’aiseadadh i air leanabh mic air an tugadh Alastair mar ainm, agus a rinneadh ’na Dhiùc Rois, Agus bha i air a daingneachadh ’an dreuchd na Tàinisteireachd leis a’ Phàrlamaid a choinnich an déigh sin, agus ’an amharc thairis air fòghlum ’us altrum an rìgh òig agus a bhràthar. Ach ’an ùine ghoirid fhuaradh a mach nach robh comasan inntinn aig a’ bhan-righ freagarrach ri bhi riaghladh rioghachd ’s an t-suidheachadh ’s an robh Alba ’s na h-amannaibh carraideach ud. Bha teagamh aig daonibh nach robh i freagarrach air son sin, eadhon mu’n do chuireadh ’s an dreuchd i, ’chionn gu ’m b’i piuthar rìgh Shasuinn, agus gu ’n robh e coslach gu ’n oidhirpicheadh an duin’ ais-innleachdach sin air inneal a dheanamh dhith air son Alba ’riaghladh mar bu toigh leis féin. Ach ma bha creideas sam bith aic’ a measg cuid de na h-uaislean air son seasmhachd ’us dìlseachd do ’n rioghachd, chaill i sin gu h-iomlan air son i dh’ ath phòsadh ’an ùine co goirid an déigh a bhi air a fàgail ’na bantraich. Cha robh i ach ceithir bliadhna
2. Chuir cuid de uaislean na tìre nis fìadhachadh gu Diùc Albani ’s an Fhraing, mac do ’n Diùc a theich a Alba ri linn Sheumais III. B’ e so an t-oighre dligheach a b’ fhaisg air a chrùn an déigh an dithis leanban a dh’ fhàg Seumas IV. Bu Bhan-Fhrangach a mhàthair-san, agus ’s ann ’s a’ chainnt Fhrangaich a bha e air fhòghlum, agus ’s i b’fhearr a labhradh, ’s a thuigeadh e ’na chainnt Albannach. ’S mar sin an deigh dha tighinn a nall do Alba, chunncas gu’n robh e’s na h-uile seadh ro Fhrangach air son daoine co eudachail ris na h-Albannaich a bhi saor is an-amharus mu ’thimchioll. A thuilleadh air so uile, bha e beag ’an inntinn ’s goirid ’an nàdar, ’s fada ’na bheachd, agus ro iomluath ’na dhòigh, a’ leum ro ghrad gu barail, agas co grad sin ga tilgeadh uaithe. Ach an déigh tomhas maith de chòmhstri, bhuadhaich pàirtidh Albani ’an aghaidh pàirtidh na ban-rìgh; agus b’ éigin di féin ’s d’a fear pòsd’ an rioghachd fhàgail agus teicheadh do Shasunn gu cùirt a bràthar. Dh’ aiseadadh i air leanabh nighinn ’an sin, a bhan-tighearn Mairireat Dùghlas, a chaidh altrum aig cùirt rìgh Shasuinn, agus air a bheil iomradh an déigh so ’an eachdraidh Alba. Bha ’n rioghachd a nis roinnte ’na h-aghaidh féin co mòr ’s a bha i riamh. Ged a bha ’bhan-rìgh ’an Sasunn bha ’pàirtidh ’an Alba a’ sior chur an aghaidh Albani agus a phàirtidh. Bha morair seòmradair na cùirt’ ’an aghaidh Albani. B’ e so an urra mhòr a bha buadhach là Flodein, agus a bha cuid a’ coireachadh air son nach tug e cuideachadh do ’n bhuidhinn a bha fo chomannd an rìgh. Fhuair Albani am morair so agus a chàirdean air am
3. Ré na h-ùine so uile bha ’n rìgh òg air a choimhead ’an caisteal Shruileidh fo chùram deadh òid-fhoghluim, Sìr Daibhidh Lindsi, duine cliùiteach ’na là, leis am b’fhuath an t-olc ’s na h-uile cruth; agus a rinn mòran air son taobh na fìrinn a sheasamh, agus iuchraichean eaglais na Roimhe ’bhriseadh ’n uair thàinig an gnothuch, gu dlù chòmhrag ris a chumhachd sin. Fo threòrachadh an fhiùdhalaich so bha ’n rìgh a’ deanamh aghartas maith anns gach eòlas a bhiodh feumail dha mar dhuine ’s mar rìgh. Bu tearc iad, ma bha iad idir ann, da ’m b’ fhearr a b’ aithne sin a theagasg na Sìr Daibhidh. Ach an déigh do Albani teicheadh do ’n Fhraing, thàinig màthair an rìgh agus a fear pòsd’ air an ais do Alba. Bha aimhreit dho-reiteachaidh air éiridh mu ’m àm sin eadar i féin ’s an t-Iarla. Agus fhuair i litir-dhealaich uaithe, leis an robh iad gu laghail air an dealachadh o chéile. Rinn so lughdachadh mòr air cumhachd an Iarla. Ach bha e fathast ’na cheann-feadhna co cumhachdach ’s a bha ’n Alba. Bha gnàth chomhstri eadar e féin agus an t-Iarl’ Arraineach, agus gu maith tric còmhragan fuilteach. Thachair aon de na teugmhailean sin eatorr’ ’an teis-meadhon baile Dhuneidin, aig àm cruinneachaidh na Pàrlamaid, ’s a bhliadhna 1520. Le cuideachadh a fhuair na Dùghlasaich o Sìr Daibhidh Home, sguab iad air falbh luchd-leanmhuinn an Arrainich co buileach ’s gu ’n tug muinntir Dhuneidin, “Glan an Cabhsair,” mar ainm air an t-sabaist. Agus gus i féin a neartachadh ’s an Tàinistearachd, thug a mhàthair ma ’n airidh an rìgh a thoirt o chuid foghluim do chaisteal Dhuneidin gu riaghladh na
4. Ach bha tuilleadh ’s ni bu leòir aig a mhàthair ’s aig a mhac ri dheanamh ann an rian a chumail eadhon air a chuid de ’n rioghachd a bha mu ’n cuairt doibh féin. Agus mar a bha rìgh na Fraing’ air son gu ’m biodh Alba ’an staid ais-sith ri Sasunn, thug e tiodhlacadh maith airgid do Dhiùc Albani, ’s mhisnich e gu tighinn air air ais do Alba, ’s gu ’n cuireadh e troimhe chéile taobh tuath Shasuinn, mur b’ urrainn e ’n còrr a dheanamh. Ghabh màthair an rìgh gu suilbhir ri Albani aig an àm so, le sùil ri cuideachadh fhaotainn uaith’ ’an aghaidh a fir pòsda féin. Thug i dha iuchraichean a’ chaisteil, agus lan-shaors’ an rìgh fhaicinn co tric ’s a thogradh e. Chuir pàirtidh na ban-rìgh agus Albani a nis an guaillean ri chéile; fhuair Albani an Tàinisteareachd ’s b’ éigin do Iarl’ Aonghais e féin thoirt as do thìr choigrich. Thòisich an Tàinistear a nis le dichioll a’ cur sios na mi-riaghailt a bh’ air feadh Alba gu h-iomlan tre neò-laghalachd nan ceann-feadhn’ air Ghàeltachd ’us Ghalltachd. Cha do ràinig e ach air tomhas beag de shoirbheachadh ’s na h-oidhirpibh sin. Agus ’s e b’ aobhar àraidh do ’n chion soirbheachaidh so, seòltachd ’us_fòirneart cùirt Shasuinn. Bha na Sasunnaich air faotainn a mach a nis gu ’m b’e òr bu fhreagarraiche na stàilinn gu Alb’a cheannsachadh. ’Se’n rian a ghabh iad a nis a bhi ceannach na ghabhadh ceannach de
5. Fhuair màthair an rìgh, agus Iarl’ Arain a nis riaghladh na rioghachd na ’n làimh féiu. Ach ’an ùine ghoirid chuir iad a mach air a chéil’, agus tre ais-innleachdaibh rìgh Shasuinn fhuair Iarl’ Aonghais, a bh’ air chuairt ’s an Fhraing, air ais do Alba, agus a lion ceum ’us ceum a dh’ ionnsuidh na Tàinistearachd, agus nan còraichean teaghlaich a bhuineadh dha roimhe sin. Fhuair e mar an ceudna sealbh air pears’ an rìgh òig, agus bha e ’riaghladh na tìr’ ’an ainm an rìgh. Ach da rìreadh b’ i thoil féin a bha e ’deanamh ’s na h-uile nithibh, agus an rìgh na phriosunach ni’s mò na bha e riamh roimhe sin. Dh’ fheumadh e ’làmh-sgriobhaidh a chur ris na h-uile paipeir stàit’ a chuireadh a mhaighstir fa chomhair, biodh e maith no olc leis. Mhair am braighdeanas
6. Cha ’n ’eil teagamh nach robh iomairt agus casaid nach bu bheag a measg an fhreiceadain rioghail ’am Falcland ’n uair a thuig iad mar a bha. Ach cha ’n e sin ar gnothuch-ne. Bha rìgh Seumas ’na sheachdamh bliadhna deug ’n uair a fhuair e ’shaorsa. Ghabh e nis srian na rioghachd ’na làimh féin, agus a measg nithe eil’ a rùnaich ’s a chuir e roimhe, bhòidich e nach biodh na Dùghlasaich agus esan le chéil’ ’an Alba. Choimh-lion e bhòid so. ’N uair a thuig an t-Iarla ’s a chàirdean gu ’n robh an rìgh a’ deanamh air son cur as doibh, thog iad bratach na ceannairc;
7. Cha tugadh iomradh air leth fathast air a’ Ghàeltachd o thòiseachadh an rioghachaidh so. Agus is aon aobhar air son sin, co ro mhòr ’s a bha ’n troimhe chéile ’s a mhi-riaghailt anns an leth sin de ’n rioghachd. Bha Iarl’ Arcu, Iarla Ghall-thaobh, Iarla Chataoibh, agus MacAoidh Shrath-Nàbhir, cha mhòr gun lasachadh a’ marbhadh ’s a’ creachadh a chéile, ’s a’ toirt a steach tòrachd sin air aon a chéile, no air an coimhearsnaich, o bhàsaich Seumas IV. Cha b’ fhearr na sin clann Chatain ’s na Guinich, ’s cha mhòr gu ’m b’ fhearr na Rosaich, ’s luchd-àiteachaidh na Gàeltachd an Iar, ’s nan Eilean. Cha ’n e mhàin gu ’n robh iad féin ’na ’m breislich— ’na ’n tur bhreislich—air mhisg le fuil ’s le creich, ach chuireadh e ceann duine ’na bhreislich a bhi leughadh na bheil sgriobhta mu thimchioll an droch ghniomharan. Chaidh màthair an rìgh aon sgriob do ’n taobh tuath, ’n uair a bha ’n Tàinistearachd aic’ air los ni-éigin de chlos a chur air an luchd-aimhreit ud. Ach ma rinn i sin fhad ’s a bha i ’s an làthair, cha bu luaithe thionndaidh i cùl riu, na bha iadsan ’an ceann obair a’ mharbhaidh ’s a’ chreachaidh mar bha iad roimhe. Ach ’s ann a thionndaidh an rìgh aire ’s a cheud àite an déigh a shaorsainn fhaotainn, gu ceann a deas na rioghachd. Thug e ma ’n airidh gairm fhollaiseach a bhi air a deanamh air feadh na rioghachd air son gach tighearna fearainn no Morair leis am b-àill a thighinn a steach do Dhuneidin le ’n cuid dhaoin’, ’us chon gu iad a dheanamh ullachadh air son cluiche mòr seilg’ air feadh choilltean an taoibh deas. Thionail mu ’n cuairt do ochd mìle fear, ’s ghabh iad gu deas thun na seilge. Bha cinn-feadhna chreachach an taobh deas gu neò-umhailleach le ’n cuid chon ’us dhaoine gus an cuid fhaotainn de ’n chluich. B’ iad so na beathaichean fiadhaich a bha Seumas a’ dol a shealg. Chaidh greim a dheanamh air Cocburn, triath Henderland, agus air Scotach, triath Thusilagh ’s an crochadh
title | Caibideil XXIV |
internal date | 1867.0 |
display date | 1867 |
publication date | 1867 |
level | |
reference template | Eachdraidh na h-Alba %p |
parent text | Eachdraidh na h-Alba |