[183]

CAIB XXV.

AN T-ATH-LEASACHADH.

THA eachdraidh Alba nis atighinn gu bhi anabarrach farsuing air son sinn ga glacadhs ga giùlan air aghart gu h-iomlan. Tha i cosmhuil ri amhainn aig a bheil a tòiseachadh cumhang, eu-domhainam mullach cnuic, ach asior dhol a meud mar tha itriall troimhn chòmhnard, leis gach alltus feadan a tha dolna ceann; air sheòls gu bheil i ro leathann, domhain, mun ruig in cuanfar a bheil tìr fharsuing. Tha caochladh nithe adeanamh eachdraidh ar dùthcha farsuing mun àm gus a bheil sin a nis air tighinn, a measg am feudar ainmeachadh, màl airgid air son fearainn, mar tha tuathanaich apáigheadh a nis, ’an àite màil duine, mar a bha tuathanaich apàigheadhs an rioghachd so, gus an àm mum bheil sinn a nis adol a labhairt; agus a rìs an t-atharrachadh a rinneadh leis an laghan comh-shuidheachadh bhailtean àraidh feadh Alba, ris an abrar Buirgh Rioghail, leis an robh iad air an cur saor o ain-tighearnas uachdarana fearainn, agus cothrom air a thoirt doibh Bàillidheanus Probhaistean aroghnachadh as am measg féin, a bha gu h-achdaidhs gu litireiln an luchd aon bhaile riu féin; agus air nach h-urrainn sinn tuilleadh leudachaidh a dheanamh aig an àm so, ach a bhios acoinneachadh ruinns an t-suidheachadh atharraichte son ar triall tren eachdraidh uaithe so a a mach. Achs e ni sònruichte leis am bheil sruth ar n-eachdraidh co mòr air fharsuingeachadhs air a dhoimhneachadh, an t-atharrachadh iongantach ann féin, ’s gu h-àraidh iongantach aig an àm sin, a thachairam beachdaibh an t-sluaigh mu thimchioll nithibh na diadhachd, a thòisich anns aGhearmailt, a sgaoil feadh na


[184] Roinn-Eòrpuile, ’s a ràinig a nis air Alba, agus ris an abair sgriobhadairean, an t-Ath-leasachadh. Leis aghluasad mhòr so air slòighs air rioghachdaibh, tha sinn air teachd gu àiten ar n-eachdraidh ris am feudar, a réir an t-samhlaidh a ghnàthaich sinn, bun -amhainn a ràdh; ’s e sin àites am bheil amhainn a bharuith air leth, ’us fad o chéile roimhe sin, air tighinnan ceann a chéile, agus adeanamh suas aon amhainn ro mhòr agus chumhachdach. Agus do bhrigh gur h-ann mar sin a tha, ’s nacheil a rùn oirn, ’s nach freagair e dhuinn leabhar a sgriobhadh anns am bi aon chuid eallach no ultach, feumaidh sinn a bhi riaraichte le bhi toirt leinn cinn na h-eachdraidh, agus achuid sin diubh air an ro fheumaile do ar luchd-leughaidh, a réir ar beachd-ne, fios a bhi aca.

2. Anns abhliadhna 1517, an uair a bha Seumas V. fathast fo fhòghlum ceud thòiseachadh an t-saoghail, aig cosaibh an duinurramaich ud Sìr Daibhidh Lindsi, cheangail Martin Luther a phaipeir le firinnibh aBhiobuill ri dorus eaglais Uitimbeirgs aGhearmailt, agus thug e dùbhlan don t-saoghal uila dhearbhadh nach robh iad firinneach. Bhan gaisgeach treun so an Ath-leasachaidh, mu thimcholl an deachaidh mòran bhreugan a labhairts a sgriobhadh, air cùl buileach a chur ri eaglais na Ròimh roimhe so. Achs ann a nis a thòisich e gu follaiseach asearmonachadhs ateagasg an aghaidh na h-eaglais sin. Agus be suim aphaipeir a chuir e ri dorus na h-eaglais ud, a bhi deanamh soilleir don t-sluagh co mi-sgriobtuireil agus sgriosail do anamaibh dhaoines a bha teagasganus modh riaghlaidh na h-eaglais Papanaich. Sgaoil teagasgan Lutheir, ’s a luchd-cuideachaidh, air feadh na Roinn-Eòrp’ ’an ùine ro ghoirid. Agus thug seòladaireanus ceannaichean mòran de a sgriobhaidhean do Shasunns do Alba. Tha sinn aleughadh ann an sgriobhadh neo-thuiteamach, gun tàinig aingeal treun a nuas o neamh, aig an robh bogha frois air a cheann, aghaidh mar aghrian, agus a chosa mar phuist theine, gun robh leabhran aige na làimh, ’s gun do ghlaodh e mar a ghlaodhas leòmhan; agus an uair a ghlaodh e labhair seachd tàirneanaich an


[185] guthanna féin. Mas e t-aingeal treun ceud luchd-searmonachaidh theagasgan an Ath-leasachaidh, a réir barail cuid; thachair an ni ud eile gu cinnteachn uair a sgaoil teagasgan Lutheir an aghaidh na Pàpanachd. Chan e mhàin gun do bheuc Pàpa na Roimh, air an robh Leòmhan mar ainm baiste; ach rinn cumhachdan eile na Roinn-Eòrpa na burrainn iad air son teagasgan an Ath-leasachaidh a chumail a mach as an criochaibh. Agus fhuair na h-easbuigean Pàpanach Achd air a ghiùlan tre Phàrlamaid Alba, ’s abhliadhna 1525, nach feudadh duine sam bith leabhraichean Lutheir a cheannach no leughadh; ’s nach feudadh tearc no lionmhor, a bhideasboireachd mu theagasgan Lutheir, ach a mhàin fo shealladh luchd-dreuchd na h-eaglais.

3. Ach an déigh so uile bha na leabhraichean asgaoileadh, ’s gu leòir gan leughadh; ’s cha bu ghann nach robh deasboireachdna measg, biodh an sagart a làthair no as làthair. Bha seanus òg afàs ni bu déidheilair na puincean teagaisg a bheadar eaglais na Roimhes an t-Ath-leasachadh a thuigsinn ni bfhearr. A measg na h-òigridh a bha dian thogarrach air fàsan eòlas nan nithe sin bha Pàruig Hamilton, Aba Feirne, ro shònruichte. Bhan dreuchd bhuannachdail ud air a faotainn da lechàirdibhn uair a bha e fathast glé òg. Cha robh e so idir riaraichte leis an t-seòrsa fòghluim a bha efaotainn on luchd-teagaisg Phàpanach, ’an Oilthighibh Alba. Chaidh e null don Ghearmailts a bhliadhna 1526, air son an tuilleadh eòlais fhaotainn air teagasgaibh an t-soisgeil. Chuir e eòlas an sin air Luthers air Melanthon, a bhair am measn am puist an Ath-leasachaidh. ’An ceann bhliadhna phill e air ais a dhAlba, ’s shearmonaich e na teagasgan sin a bha co mòr aige féin. Bha gach inbhe sluaigh air an togail gu mòr ris an dòigh searmonachaidh a bhaig an òganach so. Bha deasbhuaghan sluaghmheasach rim faicinn timchioll air mar dhuines mar Chriosduidh. ’S cha bfhada gus an do thuig àrd luchd-dreuchd na h-eaglais gun tuiteadh an tigh mun ceann, an ùine ghoirid, mur faigheadh iad beul an fhir so a dhùnadh. Cha bu daoiniad sud a sheasadh fad


[186] eadar dhà bharail mu ciod a dheanadh iadna leithid de chàs. Rùnaich iad cur as do Phàruig Hamilton. Cha robh ach aon rud beag aseasamhs an rathad air iad a dheanamh sin; agus ben rud beag a bhan sin, co dlùths a bhan t-òganach uasal so do theaghlach an rìghan dàimheachas, ’s nach robh e coslach gum biodh an rìgh deònach air binn a bhàis a sheulachadh. Bi bhan-phrionnsa, Mairireat, a phòs Morair Hamiltons abhliadhna 1470, sean-mhàthair Phàruig Hamilton. Bha e féins an rìgh mar sins na h-oghachaibh, mar theirear. Ach o nach robh Seumas fathast air faotainn saor o chumhachd nan Dùghlasach, chuir am Beutonach, àrd-easbuig Chill Rimhinn, impidh air a luchd-coimhideachd dol air thurus cràbhaidh leis gu ruig Baile-Dhùthaichs an taobh tuath, gus am faigheadh iad seachad an nibhaiges an amharc. Thug iad an sin fiadhachadh do Phàruig Hamilton tighinn do Chill Rimhinn, gu conaltradh càirdeil a chumail riu féin mu thimchioll theagasgan an Ath-leasachaidh air am bu mhaith leò tuilleadh eòlais fhaotainn. Ghabh em fiadhachadh sin gu neo-umhaileach. Chuir iad Alastair Caimbeul, fear den luchd-dreuchd, a chumail conaltraidh ris uair no dhà. Bhan cealgair so ag aontachadh ris na theireadh am fear eile. Chuir an Caimbeulach, ’s am Beutonach, ’s an luchd-cuideachaidh, ri chéile tearc de na puincean a bhacan aghaidh Hamiltoin. Bu leòir sud gu cùis-dhìtidh a bhonntachadh air. Thugadh an làthair comhairleaglaisich e; ’s o nach àidhcheadhadh e na puincean sin, dhìt iad gu bàs e. Tha Iain Nocs ag innseadh nan ceithir poncan a thug iadn a aghaidh. Achs e bha uatha bheatha thoirt air falbh; agus lethsgeul beag no mòr fhaotainn gu sin a dheanamh. Be losgadh am bàs gus an do rùnaich iad a chur; agus rinn iad air son gum biodh e air a losgadh an latha sin féin. Bha e mi-laghail duina chur gu bàs gun làmh-sgriobhaidh an rìgh a bhi ris abhinn: agus gus an easbhuidh sin a dheanamh suas, thug iad air gach duininbheachs achoimhearsnachd an làmh a chur ris abhinn fhuiltich so; agusn am measg bha balachan thrì bliadhna deug, Iarla Chasilis. An
[187] uair a fhuairs iad iad féin air an neartachadh, ’s air an dionadh mar so, thug iad mun airidh tom connaidh a bhi air a thogail timchioll air post a bhair a chur sios anns an talamh, ris an robh am mairtireach air a cheangal. Am feadh a bha na mortairean acur an teinair dòigh, bha esan gu ciùin, foighidneach alabhairt ris an t-sluagh a thàinig a dhfhaicinn an t-seallaidh, gan earalachadh gu dùrachdach. Dhoidhirpich an Caimbeulach mealltach air stad a chur air ag ràdh ris e tharruing air ais, agus ùrnuigh a dheanamh ris an òigh Mhuire. Achs ann a tharruing sud cronuchadh geur, sòluimt’ ’on fhear a bhas na lasraichibh. “Tha mi togail mo chùis gu breith an TighearnIosa, agus tha mi gadghairmsan diugh gu caithir a bhreitheanais-san.” ’N uair a dhéirich na lasraichean suas os ceann a chuirp dhéirich a ghuth os ceann fuaim nan lasraichean, agus e ag ùrnuigh, “Cia fhad, O Thighearn’, a chòmhdaicheas dorchadas aghaidh na rioghachd so! Cia fhad a dhfhuilingeas tu an ain-tighearnas so o dhaoinibh! A ThighearnIosa glac mo spiorad.” Mar so bhàsaich Pàruig Hamilton air an mu dheireadh de cheud mhios an earraich, 1528, agus anns acheathramh bliadhna fichead deaois.

4. Cha drinn losgadh Mhr Pàruig Hamilton bacadh sam bith a chur air sgaoileadh theagasgan an Ath-leasachaidh feadh na tìre, achs ann a chuidich e gu mòr le sin a dheanamh. Thòisich daoine de gach inbhe measg an t-sluaigh agus mòran de na, Manaichs de na sagartan gan ceasnachadh féins a ceasnachadh aon a chéile mu ciod an t-aobhar air son an dfhuiling an duine fòghluimt’, uasal ud, a bha co dlùthan dàimh don teaghlach rioghail. Mar so thàinig daoine gu bhi cur an teagamh gun robh iad ceartan ni sam bith a bhuineadh do theagasgs do riaghladh eaglais, leis an robh iad gu mòr air an cur saor o eagal tràilleil roimh chumhachd nan sagart agus ullamh gu éisdeachd a thoirt do theagasgaibh na firinn. Uaithe so tha daoine solusach den. bharail, gun robh bàs Mhr P. Hamilton air son na firinn, ni bfheumaile do theagasgaibh an Ath-lesachaidh aig an dearbh àm


[188] ud na ged a bhiodh e beò iomadh bliadhnasearmonachadh nan teagasgan sin. ’N uair a chunnaic Ard-easbuig Beutons a luchd-cuideachaidh gun robh an gluasad so afarsuingeachadh a measg an t-sluaigh, bha iad air an gonadh; ’s rinn iad air son gum biodh tuilleadh air an losgadh. Dhaidich an t-Ard-easbuig gu follaiseach, gum feumtadh tuilleadh dhiubh a losgadh, o nach robh iad co umhails bu chòir do laghaibh na h-eaglais. Ach thog duinàràid a bhas an éisdeachd a ghuth, agus ars esan, “Mo chomhairle-sa dhuit agus dean air do shocair, ’s bi air dfhaicill; —ma loisgeas gu tuilleadh faic gun loisg thu fon talamh iad; oir tha mifaicinn nach do shéid deatach losgaidh Mhr Pàruig Hamiltoin air aon duine nach do bhuaileadh le galar Mhr Pàruig.” Ach lean an t-Ard-easbuigus àrd-luchd-dreuchd eile na h-eaglais air a bh gu dian a cur air an aghaidh theagasgan an ath-leasachaidh, agus na muinntir a bha gan teagasg air an tug iad saobh-chreidmhich mar fhrith-ainm; agus anns a bhliadhna, 1534, chaidh Tormad Gourlai agus Daibhidh Straiton a dhìteadh gu bàs an Duneidin. Chaidh an toiseach an leth chrochadh, agus a rìs an losgadh. Agus a rìs chaidh seisear dhaoina dhìteadhs a losgadhs an aon torr air cnoc a chaisteil an Duneidinan toiseach na bliadhna, 1538. Agus air abhliadhna sin féin, chaidh dithis eila losgadhan Glascho: bha fear dhiubh roimhe sinna Mhanach, agus am fear eile na ghill òg. Chriothnuich cridh’, aghill òig son uair a thàinig an gnothuch dlù dha; ach an déigh sin fhuair e neart gu fulangan aobhar na firinn; agus atuiteam air a ghlùinibh thug e buidheachas do Dhiaan làthair an t-sluaigh air son an neirt a fhuair e. Bha na seallaidhean so uile gu mòr acur air aghart aobhar an Ath-leasachaidhan àit a bhi ga bhacadh, mar a bha dùil aig luchd na geur-leanmhuinn a dheanadh iad.

5. Bha rìgh Seumas na h-ùine so uilan déigh dha tighinn gu fearachas gu h-iomlan air a riaghladh le comhairlibh nan easbuigean Pàpanach. Na bha de fhòghlums an tir, ’s ann na measg sin, ’am bitheantas, a bha e rifhaotainn. Agus bha iad air


[189] taobh achrùin an aghaidh ceannaircus neo-dhìlseachd nam Morairean, ’s nan ceann-feadhneile. Agus mar bu tric, bhiodh cuid dena dreuchdan sìobhalta bu bhuannachdailes an rioghachd aig fear éigin de àrd luchd-dreuchd na h-eaglais. Bha bràthair a mhathar, Eanruic VIII. rìgh Shasuinn, air cur dheth ùghdarrais aPhàpa gu buileachs gu bràth, mun bhliadhna 1533. Ben duinain-tighearnail so dara macathar agus bha e air fhòghlum air son dreuchds an eaglais. Ach bhàsaich a bhràthair bu shine roimhathair, agus thàinig esan gu bhina oighrair a chrùn. Thugathair air bantrach a bhràthar a phòsadh. Bha mòran airgid aice. Fhuair e cead on Phàpam pòsadh mi-laghail so a dheanamh. An déigh a bhi pòsdaice so ochd bliadhna deug, rinn e air son a cur uaithe, agabhail mar leth-sgeul nach leigeadh a choguis leis a cumail ni bfhaidechionn gum bi bantrach a bhràthair. Ach bem fior aobhar a bhaige, gum faigheadh e cothrom nighean òg eila phòsadh, Anna Bolein, a bha na h-aon de mhaighdeannan onarach ban-rìgh Catrìne. Cha tugadh am Pàpa cead dha ban-rìgh Catrìne a chur uaithe. Bha iomadh leth-sgeul aig aPhàpa gan gnàthachadh air son ceann Eanruic a chur seachad. Ach ben t-aobhar nach robh e toirt cead dha, gum bi bhan-righ piuthar athar Impire na Gearmailt, fear-cuideachaidh a bfhearr a bhaig aPhàpa gu bhi cumail fodha beag rioghachdan na Gearmailt, a bha nis, a réir teagasgan Lutheir, atilgeadh dhiubh ùghdarrais eaglais na Ròimhe. ’N uair a thuig Eanruic gun robhm Pàpa acaitheamh bhead air, ’s e rinn e, le comhairle Chranmeir, ’s dhaoine fòghluimteil’ ’an Sasunns air tìr mòr na h-Eorpa, ùghdarras aPhàpa thilgeadh dheth gu h-iomlan, agus e féin òrduchadh le Achd Parlamaidna cheann air eaglais Shasuinn. Bha e féins a chuid mhòr deiochdarana, co Pàpanachs a bha iad riamh aig an àm so, ach a lion cuidus cuid thàinig teagasgan an Ath-leasachaidh gu bhi sgaoileadh, agus afreumhachadhan Sasunn mar thoradh air a bhriseadh ud. Phòs Eanruic, Anna Bolein. Bise màthair Ealasaid, a thàinig gu bhi ainmeilan déigh sin. Mar a bha solus na firinn, abriseadh a
[190] steach, achuids achuid, air inntinnibh nan Sasunnach, ’s a thòisich iad acur cùl ris na teagasgaibh Pàpanach, agus afàs leth choma mu na tighean cràbhaidh a bha co lionmhòr feadh na tìre, ’s ann a smuainich Eanruic gum biodh e nis sàbhailte dha na tighean ud a chreachadh; agus an cur a stigh mòr a bhaca, leis an robh na h-uiread de luchd-dreuchd diomhanach air am beathachadh, a ghabhail dha féin. Chaidh aigair sin a dheanamhan ùine ghoirid, le beagan seòltachd, ameasgadh bhreugan leis an fhirinn, agus asgaoileadh aithris feadh na dùthcha mu thruaillidheachdus mi-bheusalachd nan tighean cràbhaidh ud, tighean mhanach, tighean chailleachan dubha, colaistean &c. Bha còrr maithus mìlann diubh. ’N uair a chuireadh ri chéilena aon suim cur a stigh nan tighean so uile, bha e deanamh còrrus trì muilleanans abhliadhna de airgiod an n diugh. Dhethn t-suim mhòir so, ghabh Eanruic dha féin earann an leòmhain, agus roinn en còrr a measg an luchd-cuideachaidh a bhaig’ ’an obair achreachaidh.

6. Am feadh a bha na nithe so a dol air aghart an Sasunn, bha Seumas V. asaothrachadh ann a bhi faotainn a mach beachdanus caitheamh-beatha uaigneach gach inbhe fa leth a measg a chuid iochdaran féin, agus an rian bu fhreagarraich air son an riaghlaidh. Air son an aobhar sin bhiodh e gu tric adol a mach a measg an t-sluaigh chumantanns gach àite den dùthaichan cruth eile, agus a cur seachad oidhchan sos an sud, mar choigreach bochd; le so bha e faotainn a mach aobharan gearain a bhaig an t-sluaghan aghaidh nan ceann-feadhnas an luchd-riaghlaidh a bhaca; agus mar an ceudna na beachdan a bha measg an t-sluaigh mun rìgh féins a luchd-comhairle. Ach bha e aig an àm cheudna adol troimh chunnartaibh anns nach biodh e glic do fhear inbhe-san a bhi ga thilgeadh féin. Anns abhliadhna 1532, chuir e air chois achùirt mhòr lagha, a mhair gus an n diugh ris an abrar Cùirt an t-Seisein. Bha ceithir breitheamhna deug gu bhi suidhes atoirt breiths achùirt so. Bha seachdnar dhiubh nan luchd-dreuchds an eaglais, agus an seachdnar eilair an taghadh a


[191] measg dhaoinuaisle na dùthcha aig an robh eòlas an lagha. Ach ghléidh an rìgh cumhachd aige féin gum feudadh e ceathrar bhreitheamhnan eila chur a shuidhe don chùirtn uair a bhiodh gnothuch àraidh ri réiteachadh a bhuineadh dha féin.

7. ’N uair a chuir rìgh Shasuinn cùl ri eaglais na Roimhe, bha e air son gun leanadh mac a pheatharan Alb’ ’eisimpleirs an ni sin. Thairg e dha ri pòsadh a nighean bu shine, a bhan-phrionsa Màiri, agus Diùc Iorc a dheanamh dheth. Ach bha Seumas co mòr air a riaghladh leis an àrd-easbuig Bheutonachs nach biodh gnothuch sam bith aige ri rìgh Shasuinn, aon uairs gun do bhris e air falbh o eaglais na Roimhe. Bha mac bràthar don àrd-easbuig a chaidh a thogails an Fhraing, agus a thàinig air ais mun àm so. Aguss e chomhairlich am pearseaglais so, gun cuirteadh an t-òganach, Daibhidh Beuton, a bha ro charach, seòlt’, air ais don Fhraing air son cùmhnanta pòsaidh a shocrachadh eadar Seumas agus ban-phrionnsa Fhrangach. S abhliadhna 1536 chaidh an rìgh a null don Fhraing a phòsadh nighean a bòige Frannsi. Dhfhuirich e naoi miosans an dùthaich sin. ’N uair a thàinig e air tìran Lìbhte leis abhan-rìgh òig so, thaisbein na h-Albannaich uiread de aoibhneas agus a ludhaigeadh am bochduinn. Ach bha tinneas caitheamh air tòiseachadhs abhan-rìgh, agus bhàsaich in ceann fhichead an déigh tighinn air tìran Alba. An déigh so bha Seumas co fuathach air cleamhnas ri cùirt bhràthair a mhàthars a bha e riamh. Agus chaidh am Beutonach òg a chur a rìs don Fhraing gu cùmhnant pòsaidh a dheanamh air son an rìgh ri ban-phrionnseilas an rioghachd sin. Le co-aonta cùirt na Frainge phòs Seumas a ris Mairi á Guise, bantrach Diùc Longville, agus piuthar do Chardinal Lorràine. Rinneadh am pòsadhan Cill-Rìmhinn mun cuairt do bhliadhnaan déigh bàis na ceud ban-rìgh. Bha IarlAonghais agus a chàirdean a theich á Alba còmhladh ris, air an cumail suas gu stàtail ann an Sasunn le pension o Eanruic, agus bha iad agealltuinnna ath dhiol don choimhneas sin, gun deanadh iad na buarrainn iad air son


[192] Alb’ a thoirt gu ùmhlachd do rìgh Shasuinn, ’s mur biodh e gu h-achdaidhna rìgh air an tìr sin, gum biodh i co dhiù air a riaghladhan tomhas mòr a réir a thoile. Bha càirdeanus luchd-cuideachaidh nan Dùghlasachan Alba co lionmhors gun robh iad adeanamh dragh don rìgh. Cha robh car a chuireadh e dheth, nach robh air innseadh do na Dùghlasaich an Sasunn. Bha brathadairean acanam pàigheadh féin a measg luchd-frithealaidh Sheumais fhads a bha es an Fhraing, ag innseadh dhoibh nan uile nithe air am bfhiach iomradh a dheanamh, a theireadh no dheanadh e. Goirid an déigh dara pòsaidh an rìgh thugadh ionnsuidh no dhà air a bheatha thoirt air falbh le puinnsein. Chuireadh a bhan-mhorair Glamis, piuthar IarlAonghais, gu bàs air son so; agus duinuasal eil’, an ùine thrì bliadhna an déigh sin, dam bainm Sìr Seumas Hamilton. Bha cuid acuran teagamh nach bann le ceartas a chuireadh an duine so gu bàs. Ach bha na nithe so atarruing cianalais air an rìgh, ’s ga thoirt gu bhi smuaineachadh gun robh a naimhdean diomhair ni bu lionmhoire na bha iad.

7. Bhàsaich Seumas Beuton, àrd-easbuig Chill-Rimhinn, ’sa bhliadhna 1539, agus thàinig Daibhidh Beutonna àite don dreuchd sin. Bha e nis air àrdachadh a dhionnsuidh na h-inbhis àirdes an eaglais Phàpanach, fon Phàpa fein. Fhuair rìgh na Frainge bhi air a dheanamhna Chàrdinal, air son an làmh a bhaig ann a bhitoirt mun cuairt nan cùmhnantan pòsaidh eadar rìgh Seumas, agus na ban-phrionnsachan Frangach. Goirid an déigh dha bhi air a shuidheachadhs an dreuchd, chruinnich e coinneimh mhòr de luchd-dreuchd na h-eaglais, agus de na h-àrd-uaislibh a bha fathast air a thaobh. Shuidh e féin air ceann na coinneimh so leis gach greadhnachas talmhaidh a bha e comasach a nochdadh. Chuir en céill aig achoinneimh so cia mòr an cunnarts an robh an eaglais o na teagasgaibh ùr ud a bha tighinn a nuadh don tìr; ’s gun robh e meudachadh achunnart, na teagasgan so a bhi faotainn uiread de mhisneachadh on rìgh féin. Bhan Càrdinal,


[193] gun teagamh, eudachail air son an tomhas de chàirdeas a bha fathast amairsinn eadar an rìgh agus a shean charaid Sìr Daibhidh Lindsi, a bhana aon de phuist an ath-leasachaidh. Bha Lindsina bhàrds bhiodh e ag aoireadh nam Pàpanach le geurad cainnt a bha anabarrach sàraichtorra. Bha bàrdachdus sgriobhaidhean eilan duine chòir so, ’na meadhon air mòran cuideachaidh a dheanamh le aobhar na firinn aig an àm ud, agus air son sin tha e féin air a chur far comhairan seann dealbhaibhna shuidhair caithir agus innein aig air a bheulaobh air a bheil e cumail iuchair mhòr lelaimh thoisgeil, agus òrd maith trom aigena làimh dheis, air a ghualainn leis a bheil e briseadh na h-iuchrachna bloighdibh. Ach cha bu dàna le Beutonach no eile làmh a chur air Sìr Daibhidh. Bhan righna charaid aige. Agusan àita bhi diombach dheth air son a bhi ro chruaidh air na sagartaibh, ’s ann a bhiodh e féin acur rann an suds an so ris abhàrdachd gus adeanamh ni bu ro ghéire. Bhan rìgh, mar an ceudnadeanamh taoibh ris an sgoileir ainmeil ud Seòras Buchanann, a bhana aon den luchd-saothrachaidhan obair an ath-leasachaidh. Ach aig achoinneimh mhòir so, thug an Càrdinal iomradh air Sìr Iain Borthuic mar neach a ghabh ri beachdaibh an t-saoibh-chreidimh, agus ghairm e air tighinn a làthair agus freagradh a thoirt don chuis-dhìtidh so, a bhana aghaidh. Ach bha Borthuic air rabhadh fhaotainn, agus theich e gus an dfhuair e stigh do Shasunn. Agus o nach burrainn iad gréim fhaotainn air féin gu pearsonta, loisg iad a dhealbh goirid an déigh sin, araonan Duneidin agusan Cill-Rìmhinn. ’S em beachd a bhaig an rìgh mu thimchioll na h-eaglais, gun robh i glé thruaillidh, ni a bha soilleir do na h-uile, agus feumach air a leasachadh, ach aig an àm cheudna gur h-ann leis an eaglais féin, agus innte féin bu chòir do obair an ath-leasachaidh sin tòiseachadh agus dol air aghart. So am beachd a bhaig mòran, agus a thaig cuid gus an n diugh; gun a bhi toirt fainear gur ni eu-comasach e, mar eaglais; chan e sin an ni a tha feitheamh oirre.


[194]

7. Anns abhliadhna 1540 chuir rìgh Seumas roimha dhol air turus air an robh e smuaineachadh iomadh bliadhna roimhe sin. Be sin seòladh timchioll air Alba. Chuir en uidheam càbhlach anns an robh luing dheug len cuid armachd, ’us foghnadh lòin air son an turuis. Chaidh an Cardinal agus Iarlachan Huntlaidhus Arain còmhladh ris le luingeas a bhuineadh dhoibh féin. Agusn uair a chuireadh iad sin uile còmhladh ri chéile, bha feachd ann a bha co mòr ri armailt bhig. Bha Lindsi air bòrd aon de na luingeis, air son a bhitarruing dhealbh an oirthir mar a bhiodh iad adol air aghart. Tha na mapachan, no cairtean a rinn e air an turus so air an gleidheadh gus an n diugh. Sheòl achuideachd rioghail so gu tuath ri oirthir as ear Alba gus an do ràinig iad bun nan lochanan coimhearsnachd Inbhernisus Chrombaigh; a sin sheòl iad gu Cataobh, ’us Gall-thaobh, ’s na h-eileanaibh Arcach, ’s air aghart uaithe sin timchioll aChairbh, suas ri slios an fhearainn Mhòr-thirich; sheòl iad a sin tarsuinn Cuan-sgìth thun an eilein Leòdhasaich, ’s an déigh an t-Eilean faduile fhaicinn, ghabh iad a deas thun an eilein Sgiathanaich. Agus an déigh cuairt a chur air an eilean Mhuileachs air na h-eileanaibh eila thair taobhs iar Earraghaeil, chaidh iad timchioll Maoil Chinn-tìre gu eileanaibh Arainus Bhòid, ’s sheòl iad a steach Amhainn Chluaidh, far an tàinig iad gu crioch an turuis aig Dunbarton. Choinnich Pàrlamaid na rioghachd goirid an déigh so, agus fhuair an rìgh co-aonta na cuideachd sin gus na h-Eileanan as iar uile, o Cheanntìre thun aChairbh a ghabhail dha féin mar ni a bhuineadh don chrùn, a chionn gun do chaill uachdaranan an fhearainn sin na h-uile còir air, air son an àir a machan aghaidh ùghdarrais an rìgh. A thuilleadh orra sin ghabh e eileanan Arcuus Shealtainn, agus mòran fearainn air tìr mòr Alba, gu h-àraidhan ceann a deas na rioghachd. Chaneil e furasd a dheanamh a mach le dearbh-chinnt o eachdraidh nan aman ud gun robh còir laghail aig an rìgh air a leithid sud a sguabadh a dheanamh air tighearnaibh Gàelachus Gallta còmhladh. Tha fios gun daidich


[195] na h-uile ceann-feadhna, araon air taobh tuath is sear na mòr-thir, agus anns na h-eileanaibh, iad féin a bhi fo lagh don rìgh air an turus chuain a rinn en sud, air dhoibh fhaicinn on ghreadhnachas agus an taisbeanadh cumhachd a bha timchioll air nach robh maith dhoibh smuaineachadh air cur na aghaidh, agus mar an ceudna gun tug e leisan iarruinn air bòrd an luingeis tearc de na cinn-fheadhna, le leth-sgeul nach robh iad umhail gu leòir; agus gun déignich e cuid eile dhiubh gus a leantuinn mar bhraighdibh-gill air son gum fanadh an luchd-leanmhuinn o mhi-riaghailt an déigh sin. Agus mar sin, feumaidh gur h-ann le leth-sgeul air son samhla ceannairc nan linnean a chaidh, a fhuair Seumas Achd a bha ludhaigeadh aghniomh chreachaidh ud. Co dhiù chaidh neart thar cheart aig an àm a bhan sud, agus feudaidh nach bfheird cùisean sin an déigh làimh.

8. Bha uachdarain an fhearainn, a tuaths a deas, a nis afaicinn gun robhn rìgh rùnaichtair an cur fodha, ’s an toirt a dhionnsuidh a bhi gu h-iomlanna chumhachd féin, mar a rinn a sheanair, agus bràthair a mhàthar air na Sasunnaich. Uime sin rùnaich iad an guaillean a chur ri chéilagus cur an aghaidh an ùghdarrais ud, a dhfheuchainn an cumadh iad aca féin achuids an cumhachd a bha cheanaca. Bha mòr earbsaig an rìgh as achuideachadh a gheibheadh e o àrd luchd-dreuchd na h-eaglaiss achòmhrag soan aghaidh a chuid Morairean. Bhan Càrdinal agus càch uilagealltuinn sin a thoirt dha, ach bha iad asealltuinn air son ni eigin mar luach an saothrach. Dhfheumadh an rìgh a bhi gan cuideachadh-sanan aghaidh na buidhne roimh am a bha dheagal orra féinmuinntir an t-saobh-chreidimh, mar theireadh iadsan riu. Chaneil e coslach gun robhn rìgh acur gu mòran aghaidh so. An uair a bha buidheann an aghaidh buidhne mar soan Alba, thuig Eanruic VIII. gun robh co-bhoinn ga deanamh eadar cuid de righrean tìr mòr na Roinn-Eòrpana aghaidh féin, a chionn e thréigsinn aPhàpa, ’s e chreachadh nan eaglaisean feadh a rioghachd; agus gun robh na


[196] nàimhdean céin-thìreach ud ag oidhirpeachadh air rìgh Alba tharruing don chomh-bhoinn so. Ach gu so a bhacadh co fad’ ’s a burrainn e, ’s ann a dhoidhirpich Eanruic air mac a pheathar a thoirt a dhionnsuidh nan aon bheachdan ris féin mu theagasgaibh an Ath-leasachaidh, agus mu thruaillidheachd na h-eaglais, agus co feumails a bhiodh e dhasanan Alba e féin a dheanamh saoibhir le maoin na h-eaglais, mar a rinn e féinan Sasunn. Chuir e teachdair cùirt thuiga dhaon bhàgh air son nan nithe so a sparradh air, agus fiadhachadh a thoirt dha gu e féin a choinneachadh ann am baile Iorc, gu comh-labhairt mu na dòighibhs am feudadh iad a chéila chuideachadh ann an cur an aghaidh chumhachdan na Pàpanachd. Cha robh ni nach gealladh Eanruic do rìgh Alba nam bes gun aontaicheadh e rieisimpleìr féin a leantuinn a thaobh na h-Eaglais Pàpanaich. Bha Seumas, a réir coslais, air a theannachadh eadar dhà bharail mu ciod an taobh a ghabhadh etaobh Eanruic, no taobh aChàrdinail. Cha robh ena charaid nona nàmhaid, aon chuid don Ath-leasachadh no don Phàpanachd. ’S e ni sònruichta bhas an amharc aige cumhachd a chuid Morairean a lagachadh, agus Alba thoirt guleithid de chruth, ’an seadh sìobhalta, ’s gum burrainn e ga riaghladh leùghdarras féin, gun chomas a bhi aig iosal no uasal bacadh a chur air. Agus mar a bha efaotainn luchd-dreuchd na h-eaglais ullamh gus a chuideachadhs aghnothuch so len comhairle, agus gach dòigh eila bhan an comas, dhàicheidh e muighs a mach làmh a chur air cuid na h-eaglais air sgàth a shaoibhreas féin a mheudachadh leis. Ach air eagal cur a mach air Eanruic gu buileach, gheall e dol ga choinneachadh gu ruig baile Iorc, nan ceadaicheadh gnothuichean follaiseach a rioghachd féin sin da; agus chaidh an t-àm a shuidheachadh anns an robh an rìgh gus achéilfhaicinns abhaile mhòr ud.

9. Mu mheadhon an fhoghair air abhliadhna sin féin, 1541, thàinig Eanruic le mòr ghreadhnachas gu ruig baile Iorc, gu coinneamh a chumail ri rìgh Seumas. Bha s dol seachad,


[197] ach cha robh rìgh Alba ga nochdadh féin. Thàinig an seathamh a bha Eanruic afeitheamh, ’s cha tàinig Seumas, ’s cha tigeadh. Chan fheitheadh Eanruic ni bfhaide. Phill e do Shasunn ann am mòr chorruich. Ciod a thug air rìgh Seumasinntinn atharrachadh agus a ghealladh a bhriseadh aig an àm ud? Thug an Càrdinal Beutonachs a chuid easbuigean. Bha iad asealltuinn air Eanruic a nis mar shaobh-chreidmheach agus mar an nàmhaid bu mhò a bhaig an eaglais, agus bha e na ni oillteil leò ri smuaineachadh gun rachadh rìgh Alba chumail coluadar ri leithid de dhuine, gun fhios nach feudadh ethoirt a dhionnsuidh nan aon bheachdaibh ris féin. Tha Iain Nocs ag ràdhs an eachdraidh a sgriobh e féin, gum bu roghnuiche leò a dhol do ifrinn na gun leigeadh iad leis an rìgh a dhol a chumail na coinneimh ud. Thug iad brìb mhòr da chuid cùirteiribh air son impidh a chur air fantuinn á Sasunn. Rinn cùirt na Frainge na ghabhadh deanamh air son an aobhair cheudna. Agus a thuilleadh air gach ni dhiubh sin, gheall an Càrdinal agus a chomh luchd-dreuchd, leth-cheud mìle crùn òir a phàigheadh don rìghs abhliadhna nam fanadh e air falbh o Eanruic an uair ud. Gheall iad dha mar an ceudna còmhnadh maith a dheanamh ann an cur cruinn armailt nam bes gun smuainicheadh rìgh Shasuinn air cogadh. ’N uair a chuireadh gach ni dhiubh soan ceann a chéiles an aon slige, thug iad ceann na meidhe gu làr. Rùnaich Seumas dlùth-leantuinn ris a bhuidheinn Phàpanaich, agus fantuinn air falbh o bhràthair a mhàthar, ciod sam bith na dhfheudadh e fhulang air son sin. ’S e bun a bhann chuir Eanruic feachd lionmhor ri chéil’ ’an ùine ghoirid leis an do bhris e steach air ceann deas Alba, agus an robh e losgadhs afàsachadh nam bailtean, mar a bha e gabhail roimhe gu tuath. Bha Diùc Norfoc air ceann na h-armailt so. Chuir Seumas teachdairean an coinneamh an Diùc gu cùmhnantan sìth a dheanamh, agus dhàithn e do Iarla Huntlaidh agus Iarla Home, as an robh lan-earbsaige, iad a bhi furachar mu ghluasadaibh an Diùc. Chuir an rìgh, aig an àm cheudna, sùrd air togail shaighdearan
[198] gu seasamhan aghaidh nan Sasunnach. ’An ùine nach robh fada fhuair e deich mìle fichead fear cruinn air monadh dlùth air Duneidin. Leis an fheachd so mharsail e thun na crìche Sasunnaich. Champaich iadan àite ris an abrar monadh Fala. Ach mun tàinig iad idir gu ionad tharruing lann ris an nàmhaid, chualas gun robh an Diùc apilltinn air ais don taobh deas, air éigneachadh gu sin a dheanamh le gainne lòin, ’s le fuachd agheamhraidh. Dhòrduich an rìgh an sin don fheachd marsail air aghart gu Sasunn, agus tòrachd na rinn na Sasunnaich de chall, a thoirt a mach. Ach cha chuireadh na morairean Albannach cos air ùir Shasuinn. Thuirt iad gun tàinig iad an fhad ud air chomhairlan rìgh, a dhionadh an dùthcha on nàmhaid, ach las gun do theich na Sasunnaich, nach robh iad a dol a chogadh rius nach robh aobhar sam bith air son a chogaidh, ach esan a bhi gabhail cus de chomhairle nan easbuigean. Chluinnteadh, mar an ceudna, gearan an suds an so, air feadh achaimp, gun robh ena rìgh shagartan ni bfhearr na bha ena rìgh dhoibhsan. An déigh do Sheumas na burrainn e dheanamh, an toiseach, ’an rathad bagraidh, ’s an sinan rathad impidh, air son na morairean a chur a chreachadh nan Sasunnach, ’s iadsan a bhi leantuinn air diùltadh, phill e air ais do Dhuneidin lan feirge. Bhris na morairean sios an campair an ath , ’s phill iad dhachaidh.

10. Bha rìgh Seumas gu h-anabarrach air a thàmailteachadh air son an dòighs an do làimhsich na Morairean e. Bha e soilleir dha nis gun robh iad acur an guaillean ri chéilair son cur an aghaidhùghdarrais aig na h-uile cothrom fàbharrach a gheibheadh iad. Bha sona aobhar brisidh cridhe nach bu bheag dha. Ach bha tearc de chàirdean aige fathast a measg nan àrd-uaislean, as am feudadh e earbsadh; agus bha na h-easbuigean uilair a thaobh. Rùnaich iad sin uilarmailt a chur air ghleus air son briseadh a steach air taobh tuath Shasuinn, gu ni-eigin de thogail a thoirt don rìgh ann an rathad a thoileachadh. Fhuair


[199] iad mun cuairt air deich mìle saighdear cruinn. Air ceann na h-armailt so thriall an rìgh gu deas. Stad e féin aig àite ris an abrar Carlabheroc. Ghabh Morair Macsbhel air aghart leis an armailt; ach bha droch an-amharus fathast aleantuinn ris an rìgh nach robh am Morair so, no aon sam bith dhiubh, dìleas da; agus thug e òrdugh dìomhair, co luaths a ruigeadh an t-arm amhainn Esk, gum biodh Olibher Sinclair, fear làimhe deisa bhaige féin air éigheachna àrd Sheanalair. Bha na h-oifigichs an sluagh gu h-iomlan asealltuinn sios air an fhear so chionn e bhina mhac duine bhochd, agus tre mhòran seòltachd e bhimealtuinn cus de fhàbhar an rìgh. Thogadh suas e air àireimh shleaghan, air guaillibh ceathrar de na saighdearaibh gus am barantas a bhaigair son comannd an airm a ghabhail a leughadh. Ach cha bu luaithe chuala na saighdearan an t-òrdugh so na chaidh iad dhethn rian buileach. Dhéirich troimhe chéile mors an fheachd. Aig an uair chunnartaich so bha buidheann mharcaichean Sasunnach, anns an robh ceithir no cuig a cheudan, air tighinn air fàira dheanamh amharc-gloinne air an arm Albannach. An uair a chunnaic iad an t-eas-òrdughs an robh an t-arm, gun uiread is sreath slàn, ’s e smuainich iad ionnsuidh a thoirt orra, tearcs mar bha iad. ’S gann a bha ùinaig an arm Albannach gu dhol an òrdugh mun do ràinig na Sasunnaich iad. Ach cha bann air cogadh no iad féin a dhionadh on nàmhaid a bhan aire; ’s ann a bha iad air bhoil le feirgan aghaidh an ceannards an rìgh féin. ’S gann a tharruing iad armachd idir gu iad féin a dhionadh, ’s thug iad cùl don nàmhaid. Chaidh àireamh mor-dhiubh a mharbhadh, agus chaidh mìle priosunach a ghlacadh; ’n a measg sin bha Morair Macsbhel féin, agus seisear no mòr-sheisear Mhorairean eile. Bu roghnuiche leò leigeadh leis an nàmhaid an glacadh nan aghaidh a chur a ris air an rìghs an staid an robh e. An uair a chunnaics a chuala rìgh Seumas mar a thachair don armailt so, leis an robh en dùil dioghaltas a dheanamh air Sasunn air son iad a chreachadhs a losgadh bhailtean air
[200] a thaobh féin den chrìch, bhachridhair briseadh leis an tàmailt. Phill e air ais do Dhuneidin air a nàrachadhs air a sharachadh mòran ni bu mho na ged a bhiodh e gu pearsontair a ruagadh ann leis an nàmhaid. Luidh tròm-chianalas a nis air a spiorad, a bha e eu-comasach dha chur dheth féin. Shuidheadh e laithean iomlanna sheòmar gun duine còmhladh ris, aguss gann a gheibhteadh focal uaithe. Bha e faicinn gun robh na h-uile nithe adolna aghaidh. Cha robh aige de theaghlach ach dithis leanaban mhac, Artur agus Seumas, ’s bha iad le chéilair bàsachadh goirid roimhe so. Bha ceannairc a chuid iochdaran agus an tàir a bha iad adeanamh airùghdarras, agus air a luchd-coimhairlasior dhol am meud; agus bha h-oidhirpean a rinn e mu dheireadh airùghdaras agusonair a chumail suas air dol buileachnaaghaidh. Ghoid e air falbh, cha mhòr na aonar, a dhionnsuidh na lùchairt a bhaigann am Facland. Ghabh eleabaidh an sin. Dhfheòraich a luchd-frithealaidh dheth càit am bàill leis ullachadh a dheanamh air son an Nollaig a chur seachad, “Ullaichibhse far an àill leibh,” thuirt e, “ ach mun tig Nollag, bithidh sibh gun mhaighstir agus an rioghachd so gun rìgh.” Ghiùlaineadh teachdaireachd thuige goirid an déigh so gun robh bhan-rìgh air a h-aisead air ban-phrìonnsa. “Mas ann mar sin a tha,” arsesan, “biodh toil Dhe deanta, thàinig e le nighinn, ’s falbhaidh e le nighinn,” a ciallachadh gun tàinig an crùn do theaghlach nan Stiubhartach le nighean rìgh Raibeirts gum falbhadh e as air an dòigh cheudna. Bhàsaich an rìgh leis a bhriseadh cridh’, an ceann seachduin an déigh breith an naoidhein so, anns an naoidheamh bliadhna fichead derioghachadh, agus an t-aonamh deug thar fhichead deaois air an dara thar fhichead de mhios meadhonach a gheamhraidh 1542.

titleCaibideil XXV
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page