[201]

CAIB. XXVI.

MAIRI.

B’ E Màiri ainm an naoidhein so a thàinig a nis gu bhina ban-oighrair crùn Alba. Thòisich a trioblaidean aig achreithil, ’s dhlùth lean iad rithe dhionnsuidh na h-uaighe. Nochd an Càrdinal litir leis an robh e féin air òrduchadh, a réir toil an rìgh, ’na Thàinisteir air an rioghachd, agusna fhear-gleidhidh pearsa na ban-righ òig gus an tigeadh i gu aois. Cha chreideadh àrd-mhaithean na tìre gun do sgrìobh rìgh Seumas a leithid de litir riamh. ’S ann a mheasadh am Beutonach mar bhreugair air son na h-oidhirp ud a thug e air an riaghladh a ghlacadh dha féin. Be Seumas Hamilton, IarlArain, an ath oighra bfhaisg air achrùn. Rinneadh roghuinn deth-san air son na Tàinisteireachd. Bhan t-IarlAraineach aig an àm sona charaid don mhuinntir a bhacraobh-sgaoileadh theagasgan an Ath-leasachaidh. ’S es coslaiche gun robh an t-ana-ceartas agus an nàimhdeas a nochd luchd-riaghlaidh na h-eaglais da charaid, Mr Pàruig Hamilton, an déigh a thionndadh an aghaidh nam ministeirean fuileachdach sin. Rùnaich Eanruic VIII. a nis Albagus Sasunn a cheangal ri chéil’, anns an dòighs an doidhirpich Eideard I. sin a dheanamh, cheud gu leth bliadhna roimhe so, lemhac féin a phòsadh ri ban-righ Alba. Chuir Eanruic cùirt-theachdairean do Dhuneidin gu cùmhnantachadh ris an IarlAraineach mun ghnothuch so. Bha na cùmhnantans acheud dol a mach co cruaidhs nach éisdeadh na morairean Albannach riu. Ach mu dheireadh thàinig an Sasunnach a nuas co fadas gun dfhuair an Tàinisteir cothrom na cùmhachdan a sheulachadh. ’N uair a


[202] thuig an Càrdinal, ’s a chomh-luchd dreuchd gun robh am ban-rìgh air a gealltuinnam pòsadh do mhac rìgh Shasuinn air an robh iad ag amharc mar an nàmhaid bu mhò a bhaig an eaglais air fad, léugh iad an t-eagal, ’s rùnaich iad, nam bu chomasach e, gum bitheadh an còrdadh ud air a bhriseadh. Bha fios aig aChàrdinal gheur-sheallach, gum bu duine meath-chridheach, neò-sheasmhach an t-Iarla, ’s a réir coslais, gun gabhadh e toirt mun cuairt gubheachdaibh féin, nam biodh innleachdan freagarrach air an cleachdadh ris. Bha bràthair diolain aig an Iarlas an Fhraing, Iain Hamilton. Chuir an Càrdinal fios air an fhear so, agus air fear eile, Daibhidh Panter, duine carach, a bhan déigh sona easbuig Rois, iad a ghreasad dachaidh. Chinnich leis aChàrdinal, Panter fhaotainn faisg air pearsan Iarla còmhladh ri bhràthair féin, Iain Hamilton. Cha bfhada gus an do chinnich leò sin an Tàinisteir a thionndadh gu bhina eas-caraid don Ath-leasachadh, ’s na sheirbhiseach umhail don Chàrdinals na h-uile ni a dhiarradh e. Dhàicheadh e gu follaiseach an creideamh Ath-leasaichte, ’s a measg nan ceud nithe a lean mar thoradh air an àidhcheadh sin, bha briseadh achùmhnaint pòsaidh eadar a bhan-rìgh ògus mac rìgh Shasuinn. Bha Eanruic VIII. gu mòr air a bhrosnuchadh leis a bhriseadh coimh-cheangal ud. Chuir en uidheam feachd lionmhor maras tìre, leis an do bhris e steach air taobh deas Alba, on chrìch Shasunnaich, agus an deachaidh mòran calla dheanamh timchioll air ceann-bhaile na rioghachd. Fhuair an t-Admaral Sasunnach, Hertford, cothrom a chuid saighdearan a chur air tìran Lìbhte gun ghrabadh sam bith. Chreach iad Duneidin, ’s loisg iad e rìs. Mhair na lasraichean trì làithean. Chreachus loisg an t-arm tìre, nan tighinns nan dol, achuid a bfhearr den dùthaich a deas air Duneidin. Bha soan toiseach an t-samhraidh 1544. Air an ath bhliadhna thug Hertford cuairt sgriosail eile do cheann a deas Alba. Cha dfhan es an rioghachd ach cuig laithean deug, achs an ùine ghoirid sin loisg na Sasunnaich seachd tighean mhanach, se caistealan deug, cuig
[203] bailtean margaidh, cheud fhicheadus trì beag bhailtean, trì mùillean deug, agus trì Osbadalan. Bhan losgadhs an creachadh, ’s am marbhadh so uilair sgàth Mairi òig Stiùbhart. Ach ged a bhan dioghaltas so, ’na riarachadh do spiorad fuilteach Eanruic, bha e deanamh lagachadh mòr airaobhar a measg gach inbhe sluaighan Alba, a bhag ràdhnach bitheadh an aignidhean am feasd air an cosnadh le leithid sud de gharbh shuirghidh.”

2. Ben ath ni a lean mar thoradh air an Tàinisteir a thionndadh on chreidimh Ath-leasaichte, gun dfhuairs gun do ghabh am Beutonach a nis an t-srian fhuasgailtair a ghualainn gus agheur-leanmhuinn an-tromachadh gu h-anabarrach an aghaidh chàirdean na firinn. Thòisich em baile Pheirt. Chaidh cuigear fhear agus aon bhean phòsd’, a thugadhna làthair an sin, a dhìteadh gu bàs. Bichùis dhìtidh a thugadh nan aghaidh gun robh iad nan saobh chreidmhich, agus bem bàs a dhòrduich an Càrdinal dhoibh gum biodh iad air an crochadh, agus am boirionnach air a bàthadh. Bha i air a h aisead goirid roimhe sin, agus an uair a bha ina luidhe dhiarr boirionnach eila bha mun cuairt di oirrùrnuigh a dheanamh ris an Oigh Muire. Thuirt ise nach deanadh i ùrnuigh ach ri Dia a mhàin. Air son na cainnte so dhìteadh i. Dhaslaich i cothrom fhaotainn am bàs fhulang còmhladh ri a fear pòsda; ach dhàicheadhadh sin di. Co luaths a chunnaic icompanach afulang abhàis, chaidh a giùlan air falbh gu lochan uisga bha dlùth air làimh, agus a naoidhean fathast an crochadh ri h-uchd. Tharruing i air falbh an leanabh ocìch, agus thug i seachad e dobana-choimhearsnaich, agus do chùram an sin is e athair nan dinnleachdan. Thilg iad an sins an uisgi agus bhàsaich i gun spàirn sam bith, làn de chomh-fhurtachdaibh nan sgriobtuirean. Ghabh an Càrdinal borb an sin a mach air feadh na dùthcha mun cuairt, acur ùmhlaidhean airgid air cuid, agus acur cuid eil’ ’am priosun, agus ageur-leanmhuinn cuid eile gu bàs. Bha e giùlan an Tàinisteir thruaigh còmhladh ris na h-uile taobh a bha edol, gus am bitheadh


[204] samhladh ùghdarrais, gu sìobhalta co maiths gu spioradail, aig na h-uile nia bha edeanamh.

3. Ach bhan t-àm a nis adlùthachadh anns an robh cupan aingidheachd aChàrdinail fhuiltich gus a bhi air a lionadh suas. Thugadh fainear le cuid de luchd-eachdraidh gun do bhuail e clag a bhàis féin, ann a bhi cur gu bàs an duinurramaich ud, Seòras Uiseart. Bham Fiùdhalach so an toiseach ateagasg na cainnte Greugaicham baile Mhontròis. Banns achainnt so a sgriobhadh an Tiomnadh Nuadh an toiseach. Chan fhuilingeadh an eaglais Phàpanach gum biodh eòlas aig daoinibh air na Sgriobtuiribhan cainnt sam bith, no idirs acheud chainnt. Dhfhuadaich easbuig Bhrechin air falbh as an tìr e air son a bhi teagasg eòlas na cainntud. An déigh fantuinn àireamh bhliadhnachan air fògradhan Sasunn, thàinig e air ais do Alba, mun bhliadhna 1543. Thòisich e air searmonachadh theagasgan an Ath-leasachaidh gu follaiseach, agus le mòr bhuaidham baile Dhundeadh. Dhfhuadaich luchd-dreuchd na h-eaglais air falbh a rìs e. Chaidh e do thaobhs iar Alba far an do lean e air searmonachadh. Ach air don phlàigh briseadh a machan Dundeadh, phill e don bhaile sin. Agus ged a bha mòran atuiteam leis a ghalair ghabhaltach so, dhfhan Uiseart nameasg afrithealadh chomhfhurtachdan nan sgriobtuirean doibh, agus chomhfhurtachdan corporra mar a burrainn e. Thug fear de na sagartan ionnsuidh air abheatha thoirt dheth an sin, agus an déigh caol-thearnadh o ionnsuidh a rinneadh air a thoirt suas do chumhachd aChàrdinail, chaidh e do Dhuneidin. Bha nàimhdean folchuidh ga chuairteachadh a nis na h-uile ceum a dheanadh e, agus mheasadh iomchuidh a bhi giùlan claidheamh mòr roimhe gus a phearsa dhionadh o ainneirt. Be Iain Nocs a bha giùlan a chlaidheamh mun àm so. ’An ùine ghoirid chaidh e do bhaile Hadington, far an do shearmonaich e agus á sin do Ormiston. Bha uachdaran an àite sinus fear no dithis eile de uaislean na dùthchana chuideachd. Dhiarr Iain Nocs a dhol còmhladh riu, ach cha do leig Uiseart so dha, ag


[205] radh, “Pill gud chuid cloinn’, is leòir aon duina chur gu bàs aig an aon àm.” Bha Nocsna mhaighstir sgoil’ ’an teaghlach duinuasail. Air an oidhchan déigh do Nocs dealachadh ris chaidh an tighs an robh Uiseart a chuairteachadh le marc-shluagh armaicht’, agus Iarla Bhotuel air an ceann. Bhan Tàinisteir agus an Càrdinal fagus doibh le feachd eil’, air sheòls nach robh dòigh air teicheadh, no curn an aghaidh. Dhiùlt an duinuasal aig an robh Uiseart air aoidheachd a thoirt suas doibh gus an do gheall Botuel airfhocal gun dionadh e beathUiseart o naimhdeas a Chàrdinail no mur burrainn e sin a dheanamh, gun tugadh e air ais da chàirdibh e. Thug an Càrdinal agus abhan-rìgh, bantrach an rìgh, air Botuel an gealladh so a bhriseadh. Chaidh Uiseart a ghiùlan do Chill-Rìmhinn agus fhàgailan sinna phriosunach an làmhaibh a nàmhaid. Ged a dhoidhirpich cuid de uaislean na tìre stad a chur air cuthach amhortair aig an àm so, dhfhairtich orra sin a dheanamh. Ghairmeadh Uiseart air beulaobh a Chàrdinails a luchd-cuideachaidh, ’s fhreagair e gu buadhach na h-ochd cinn deug a bhas a chùis dhìtidhnaaghaidh. Ach bu shuarrach sin acasan. Chòird iad uile le aon ghuth e bhi air a losgadh gu bàs mar shaobh-chreidmheach air an ath latha. A réir na binn so, thugadh a mach am mairtireach gu bhi air a losgadhs an aon dòigh a rinneadh air Pàruig Hamilton. Bha gunnaidhean mòr achaisteil air an tionndadh ris an àites an robh an tòrr connaidh air a thogail, a chums nach gabhadh dream sam bith dechàirdean orra tighinn ga theasairgin. Bha barra-bhalla, àrd-thùir, agus uinneagan achaisteil air an crochadh thairis le eudach riomhach de obair ghréis, agus suidheagana le cluasagaibh-suidhe greadhnach air an sgaoileadh agus air an uidheamachadh mu bhonn nan uinneag, far am feudadh an Càrdinals na h-easbuigean iad féin a shìneadh aig an socair, agus làn an sùl a ghlacadh mar àilghios dan cridheachaibh de phiantaibh bàis sheirbhisich an Tighearn, a bha nis ra fhianuis do fhirinn Chriosd a sheulachadh lebhàs. Ann a bhi ga cheangal ris aphost iaruinn, ’s na
[206] lasraichean a bhig iathadh uime gu goirid, bha eg earalachadh an luchd-aimhirc leis an robh e air a chuairteachadh gun iad a bhi idir agabhail oilbheum de fhocal , ged a bha iad afaicinn nam fulangais a bhair an ullachadh fa choinneamhsan; dhaslaich e orra focal a chreidsinn agus géill a thoirt dha. An déigh do na lasraichean éiridh suas timchioll air, sheall e rathad achaisteils ghlaodh e mach, “esan, a tha nis an sud, on ionad àrdaichtud agabhail àilghios da shùilibh om phiantaibhsa, ’am beagan laithean crochar a mach on ùinneig cheudne féin, agus en tàir co iosal, ’s a tha en diugh ga shocrachadh féinna uabhar.” Bhan teina nis air lasadh suas gu fiadhaich garg, agusan tearc de mhionaidibh bhachorpna luaithre.

4. Cha robh easbhuidh molaidh aig a luchd-cuideachaidh féin air aChàrdinal a chionn i bhi co misneachail; ach chuir àireamh nach bu bheag de mhaithibh na tìran cinn cuideachd gu rian a ghabhail air stad a chur air obair amhortaidh leis nach feudtadh giùlan ni bfhaide, mur robh iad toileach iad féin a thoirt thairis gu bhi nan saor chreich don mhortair ud gus an casgairt a réir a thoile féin. A measg na cuid a baithnichte de bhuill na comhairle dìomhair so bha Iain Lesli, bràthair Iarla Rothais, Uilleam Circaldi, ’oighre, Pàruig Carmichael, agus Seumas Melbhil, de theaghlach Charbi. Bha àireamh maith de dhaoina bislean inbha bha co daingnichten an rùn ris na ceannardan féins aghnothuch. Tha cuid de luchd-eachdraidh agabhail orra féin a dhearbhadh gur h-ann mar luchd-tuarasdail air son blàthachaidh maith pàighidh o rìgh Shasuinn a rùnaich na diùlanaich so an tìr a shaoradh on mhortair ain-iochdmhor ud. Bha e soilleir gu leòir gun robh Eanruic ro dheònach air cur as don Chàrdinal air sheòl-eigin. Ach feudaidh neach sam bith a sheallas air aghnothuch o thoiseach gu deireadh, ’an eachdraidh aghniomhs an ama, e féin a riarachadh air aphuinc nach robh aobhar air bith eilaca sud air son an ni a rùnaich iad a dheanamh a thaobh aChàrdinail, agus a choimhlion iad, ach dìreach gun robh iad atoirt seirbhis do Dhia leis a’


[207] ghniomh, agus mar bu luaithe bhiodh breitheanas Dhé air a chur an gniomhan aghaidh an duineucoraich ud, gur h ann a bfhearr, co dhiù bha iad ceart no mi cheart ann a bhi tighinn a dhionnsuidh na barail sin.

5. Air maduinn an ochdamh fichead de cheud mhìos an t-samhraidh, fhuair sea fir dheug den mhuinntir ud a dhainmich sinn a steach do Chaisteal mòr Chill-Rìmhinn a lion fearus fear agus dealaichto chéila measg luchd-oibre bha dol a steachsaoirus clachairean, den robh àireamh lionmhor a nis air an tuarasdalachadh air son an caisteal a churan uidheam séisd a sheasamh, nan éireadh sluagh na tìrena aghaidh air son an droch ghniomh a rinn e mu dheireadh, agus gach olc eila rinn e. Cha robh fios aig neach sam bith nach bann den luchd-oibrabhuidheann mhisneachail ud, on a bha iad a measg chàich. Achn uair a fhuair iad uila steach, ghlac iad fear gleidhidh agheata, dhùin iad an geat’, agus ghléidh iad na h-iuchraichean. Ghabh iad an sin rompo sheòmar gu seòmar, agus mar a bha seirbhisich a chaisteil acoinneachadh riu, bha iad gan glasadh a stigh, no gan cur a mach as a chaisteal. Fhuair iad mu dheireadh gus an t-seòmars an robh an Càrdinalna chodal. ’N uair a dhùisg es a mhothaich e gun robhn càistealan làmhaibh a nàimhdean thug e ionnsuidh air teicheadh. Ach bha gach dorus glaiste. Ghlais esheòmar air an taobh a stighs dhoidhirpich e cùmhnant a dheanamh riu gun caomhnadh iad a bheath’, ach cha tug iad gealladh sam bith dha. ’N uair a bha ediultadh fosgladh, ghlaodh iad air son teine. Dhfhosgladh an sin dorus an t-seòmair, ’s thilg an Càrdinal e féin siosan caithir ag éigheachis sagart misis sagart mise, cha mharbh sibh mi.” Leum Iain Lesli, agus Pàruig Carmichael air, agus shàth gach fear dhiubh a bhiodagna chorp. “Ach,” arsSeumas Melbhil, “ ’se than so obair agus breitheanas ged is annan uaigneas a tha iad.” Chuir en sin roinn a chlaidheimh ri broilleach a Chàrdinail, agus thug e earail da aithreachas a dheanamh air son a bheathaingidh, ’s gu h-àraidh air son dòirteadh


[208] folan duine dhiadhaidh sin, Seòras Uiseart, agus arsesan, “Tha min so adeanamh fianuis an làthair mo Dhé nach e eagal sam bith a thagam roimh olc a dhfheudadh tu dheanamh orm féin a tha toirt orm am buille so a thoirt duit, ach a mhàin gun robh thu, ’s gu bheil thu a dnàmhaid do shoisgeul Chriosd.” Air a so shàth echlaidheamh troimhcholuinn an truaghain a dhà no thrì uairean, agus bhàsaich eglaodhaich, “Is sagart mise! is sagart mise! mo nàire! mo nàire!” ’S gann a bhan Càrdinal marbhn uair a a dhéirich iorghail mhòr feadh abhaile leis an sgeul a dhinnis an dream a chuireadh a mach as aChaisteal. Chruinnich mòran den t-sluagh mu choinneamh aChaisteil, ’s ghlaodh iad, ciod a thachair don Chàrdinal? ’s gum feumadh iad fhaicinn. An sin ghabh an luchd-tòrachd an corp agus chuir iad na luidhe sìnte aig bonn na dearbh uinneig far an do shuidh e goirid roimhe sin ag amharc air piantaibh Uiseirt. Smuainich an sluagh gun robh briathran bàis an duine mhaith sin a nis air an coimhlionadh, ’s phill iad dachaidh gun tuilleadh a ràdh no dheanamh.

6. Bha deadh fhios aig Seumas Melbhils aig a luchd-cuideachaidh gun robh iad a nisan suidheachadh cunnartach, agus gum bitheadh cumhachd sìobhalt na rioghachd, agus gu h-àraidh cumhachd nam Pàpanach air an cleachdadhn an aghaidh féin. Agus mar sins e rùnaich iad gun dìonadh siad iad féins aChaisteal co fads a burrainn iad, le còmhnadh chàirdean sam bith lem bàill tighinn a steach don daingneach còmhladh riu. Thàinig an Caisteal so nis gu bhina uaimh Adullaim. Na h-uile neach air an robh eagal gun cuireadh na h-easbuigean Pàpanach làmh ann bhiodh iad sin ateicheadh a dhionnsuidh aChaisteil mar gu ionad dìdein. Bha saorsainn aca bhi machs a steach as aChaisteal mar a thogradh iad, a chionn muinntir abhaila bhi bàigheil riu. Achan ùine ghoirid chuir an Tàinisteir séisd ris an daingneach gus a glacadh. Cha robh aigach beagan ghunnaidhean, ’s cha drinn iad làthrach air ballaibh làidir na h-aitreibh ud. Béigin dan t-séisd a thogail; ach an uair a thuig rìgh na Frainge gun robh


[209] Sasunn ag ullachadh air son còmhnadh leis na laoich ud a bha gan dionadh féins aChaisteal chuir e feachd lionmhor uaithe leis an robhn daingneach gu h-obann air a cuairteachadh air muirus tìr air gach taobh. Bha Iain Nocs air dol a steach don Chaisteal mu thoiseach an earraich roimhe sin, agus bha muinntir Chill-Rìmhinn air toirt gairm fhollaiseach dha gu bhina mhinisteir Pròstanach acasearmonachadh theagasgan an Ath-leasachaidh. Banns abhaile so agus aig an àm so a thòisich e air seirbhis fhollaiseach na ministrealachd. Theireadh an luchd-éisdeachd gun robh amhuinntir a chaidh roimhacinnteachadh air geugaibh na Pàpanachd, ach gun robh am fear so ga bualadh aig a freumhaibh. Cha do labhair Pàruig Hamilton no Seòras Uiseart riamh co geur ris an fhear so: chaidh iadsan a losgadh, agus cionnus a théid am fear so as? Ach cha bu duinIain Nocs a mhùchadh a sholus, no chumadh air ais na baithne dha air eagal Pàpa no sagart. Bha coinneamh mhòr air a cumail eadar e féins luchd-dreuchd na h-eaglais Pàpanaich a bha fosgailte do mhuinntir abhaile. Lean buaidh chomharraichtachoinneamh so. Chunncas leis na h-uile nach robh seasamh cas aig na sagartaibh ri aghaidh an t-soluis a thug Nocs o na sgriobtuiribh gu bualadh air saobh theagasgaibhus cleachdaidhibh na Pàpanachd. Dhaidich en làthair nan uile, nach e mhàin gun robh iad clì, ach gun robh e soilleir gu leòir dha féin gum bin eaglais Phàpanach, —eadar cheannus bhuill mar bha i annan t-Ana-criosd, agus thàinig mòran de shluagh abhaile gu bhi den aon bheachd ri Nocs. Dhaithnich na sagartan a nis gun robh cunnart gan cuairteachadh, agus o nach bàill leò an fhirinn aideachadh, rùnaich iad gach ìnnleachd a bhan an comas a ghnàthachadh gus a cur sìos. Agus tha cuid ag ràdh gun tug so orra fios a chur air na Frangaich greasad a nall len cuid armachd gu luchd teagaisg an Ath-leasachaidh a sgapadh ri ceithir ghaothaibh nèimh. Bha armachd nam Frangach co cumhachdachs gun tug iad bearnan mòr air ballachaibh aChaisteil, ’s bfheudar don luchd dìonaidh striochdadh
[210] air an mu dheireadh de mhìos deireannach an t-samhraidh, 1547; ach air chumha gum faigheadh iad féin uile dol as lem beathas an saorsainn. Ach an déigh so a ghealltuinn dòibh bhriseadh na cùmhnantan. Thugadh air falbh iad uile don Fhraing, ’s chuireadhn am prìosunaichs nan tràillibh iad air bòrd luingeas ràmhach na tìre sin. Bha iad air an ceangal le slabhraidhibh ri tobhtaichibh nan long sin, ’s fo chruaidh smachd aig an luchd-greasaid a bha os an ceann. Ach fàgamaid a nis Iain Nocss a chomh phrìosunaichn an suidhaig an cuid ràmh an sud.

6. Goirid an déigh bàis Sheumais V. phill IarlAonghais agus a chàirdean, na Dùghlasaich, do Alba. Thug rìgh Shasuinn ùghdarras dhoibh air son an cuid fearainn fhaotainn air ais. Gheall iadsan gun cuidicheadh iad rioghachd Alba thoirt fo riaghladh rìgh Shasuinn. Leig Eanruic, mar an ceudna, a nall do Alba na Morairean a ghlacadhn am priosunaich air monadh Sholabhaighs abhliadhna 1542, air chumha gun deanadh iadsan na burrainn iad gu Alba thoirt fo riaghladh Shasuinn air sheòl air choreigin; agus mur soirbhicheadh leò gum pilleadh iad air ais do Shasunn. Bha na h-oidhirpean uaigneach a bha na daoinuaisle so a deanamh air achumha bhan sud a choimhlionadh ameudachadh troimhe chéile na rioghachd. Achn uair a thugadh an aire dhoibhs a thuig iad nach soirbhicheadh leò, thréig iad taobh Eanruic uile, ach Morair Lenocs. Chaidh esan air ais do Shasunn, ’s thug an rìgh dha ri pòsadh abhain-tighearna Mairireat Dùghlas, nighean a pheathar, bantrach Sheumais IV., agus IarlAonghais. Biad so pàrantan Eanruic, Morair Dàrnlaidh, mun cluinnear an déigh so. An déigh bàis Eanruic VIII. Shasuinn, ’s abhliadhna 1547, thàinig a mhac, Eideard VI. a dhionnsuidh achrùin, ’s gun e ach naoi bliadhna dhaois. Bha Diùc Shomerseit, le òrdughathar, gu bhina Thàinisteir air Sasunn gus an tigeadh e gu aois. ’An toiseach an fhoghair air abhliadhna sin féin, bhris Somerset a steach air Alba, le feachd maras tìre, gus an éignicheadh e na h-Albannaich


[211] abhan-righ òg a thoirt ri pòsadh do Eideard, rìgh Shasuinn. Thàinig na luingeas gu acair mu choinneamh baile nam Feasgan, agus champaich an t-arm air tìr air cùl abhaile sin. Thog an t-IarlAraineach armailt bu lionmhòire gu mòr na na Sasunnaich; ach tre a dhroch riaghladh féin, ’s nach gabhadh e comhairla chuid oifigeach, chuir an t-arm Sasunnach an ruaig orra, ’s chaill Alba ceithir mìle deugs abhlàr ud, Blàr Phinci, Di-Sathuirn Dubh. Rinn an aon bhlàr trì cheuds trì fichead bantrachan Duneidin. Agus chuir e gu mòr an cunnart saorsainn na rioghachd. Ach chuala Somerset tuairisgeul á Sasunn mu thimchioll cuid eigin a bha tolladh fodhaig achùirt, ’s phill e dhachaidh gun mòran buil a thoirt as abhuaidh. Ach bhris Iarla Lenocsan déigh sud, còmhladh ri armailt Shasunnach, a steach air ceann a deas Alba, ’s rinn e mòran callair feadh nan cearnan sin. Bha Albaig an àm so gu mòr air a roinn le cuid a bhag iarraidh taobh Shasuinn a ghabhail air sgàth an Ath-leasachaidh, agus achuid eile bhin aghaidh nan teagasgan sin buileach. Ach an déigh abhlàir fhuiltich ud, agus gach fòirneart eila rinn Sasunn orra, thionndaidh eadhon càirdean an Ath-leasachaidhan aghaidh na rioghachd sin; agus mar sin fhuair na sagartan na bha iad ag iarraidh. Bhan Fhraingus Sasunn aig an àm so acogadh ri chéile, ’s chaidh Alb’ ’an comh-bhoinn ris an Fhraing air son an cogadh an aghaidh Shasuinn a leantuinn. Thainig àireamh maith Fhrangach a nall do Alba, ’s chuidich iad leò na Sasunnaich a ghlan sguabadh a mach as an tìr. Rùnaich na tighearnan Albannach aig an àm cheudnabhan-rìgh òg a chur a null don Fhraing, gus a cuid iunnsachaidh fhaotainn aig cùirt na rioghachd sin; agus chaidh a shònruchadh le Pàrlamaid, a choinnich ann am baile Haddingtoin, gum biodh i air a pòsadh ri oighre crùin na Frainge. Sheòl Màiri òg Stiùbhart o Albaam mìos meadhonach an t-samhraidh 1548, agus ràinig i gu sàbhailte lùchairt Phàriss an ath mhìos. Bha Morair Erscinus Morair Mac-an-Léigh aice mar oideachaibh
[212] fòghluim, agus bha ceathrar bhan-tighearnan òga còmhladh rithe mar chomh luchd cluiche, air an robh Màiri gach aon diubh. Theirteadh Màiridhean na ban-righ riu.

titleCaibideil XXVI
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page