[212] CAIB. XXVII.
MAIRI.
LEAN cogadh eadar an Fhraing ’us Sasunn anns an robh Alb’ a’ cuideachadh na Frainge ré dhà bhliadhn’ an déigh do Mhàiri òig Stiùbhart a dhol do’n Fhraing. Bha Sasunn a’ call uiread ris a’ chogadh ’s a bha gach aon de na rioghachdan eile. Fadheoidh, air do Dhiùc Shomerseit aithneachadh gur call ’s nach buannachd a bhiodh aige de’n chogadh, dh’aontaich e ri sìth a dheanamh ’s a’ bhliadhna 1550. Choisinn an t-sìth so do Iain Nocs ’s d’a chomh phriosunaich an saorsainn fhaotainn. Thàinig Nocs do Shasunn. Chuala rìgh òg na tìre sin a’ searmonachadh e, ’s chum e greis aig a’ chùirt mar shearmonaich’ e, ’s chaidh easbuigeachd a thairgseadh dha; ach cha ghabhadh Nocs dreuchd idir ’s an eaglais ud, a bha e ’meas ro mhi-sgriobtuireil ’na modh riaghlaidh. Ach air a shon sin lean e air searmonachadh greis aig a’ chùirt, ’s air feadh na dùthcha.
2. Bhàsaich Eideard VI. Shasuinn ’s a’ bhliadhna 1553, ’an ceann a shea bliadhna deug a dh’ aois. Rinn a bhàs-san atharrachadh mòr ’s an rioghachd sin aig an àm. Bha Eanruic VIII. air faotainn Achd air a dhaingneachadh leis a’ Phàrlamaid, a bha ’deanamh a dhithis nighean, Màiri agus Ealasaid, ain-dligheach, agus a’ socrachadh a’ chrùin air a phiùthair a b’ òige, ban-Diùc Shufoic. Anns an Tiomnadh so sheall e seachad air teaghlach a pheathar bu shine, de nach robh neach beò a nis ach ban-righ òg Alba. A réir
[213] an òrduchaidh ud b’
i bain-
tighearn Sìne Nic- ’
Ille-
Ghlais [Lady Jane Grey.] aon leanabh ban-
Diùc Shufoic,
ban-
oighr’
a chrùin,
aig bàs Eideird.
Bha Diùc Northumberland air toirt air a bhan-
phrionnsa so a mhac féin a phòsadh.
B’
e Northumberland priomh mhinisteir Shasuinn aig an àm.
Chaidh a’
bhan-
tighearn’
Sìne,
éigheach ’
na ban-
rìgh;
ach fhuair Mairi,
nighean bu shin’
Eanruic i féin air a h-
éigheach le a càirdibh pàpanach.
Chuir Northumberland armailt ’
na h-
aghaidh.
Ach theich am feachd sin gu bratach Màiri,
agus thàinig i gu buadhach a steach do Lunuinn gun neach a chur ’
n a h-
aghaidh.
Chuir a’
bhaoibh boirionnaich so ’
an tearc de làithibh gu bàs a ban-
charaid,
a’
bhan-
tighearn Sìne,
a bha neo-
choireach o thoiseach gu deireadh ’
s a’
ghnothuch.
Chuir i gu bàs a fear-
pòsda ’
s a h-
athair-
céil’
aig an àm cheudna.
Mar so thòisich Màiri fhuilteach air rioghachadh.
B’
ise nighean na ceud mhna ’
bh’
aig Eanruic, ’
s lean i ri creideamh a màthar.
Fhad ’
s bu bheò a bràthair bha i fo chuing;
cha ’
n fhaigheadh i cothrom a h-
aidmheil féin a leantuinn;
ach co luath ’
s a fhuair i ’
n uachdranachd ’
na làmhaibh féin thòisich i air geur-
leanmhuinn nam Pròstanach air feadh na rioghachd,
le sùil ris a’
chreideamh Phàpanach aiseag mar bha e roimh linn a h-
athar.
Chuir i cuigear easbuigean gu bàs,
a measg an robh Cranmer cliùiteach,
agus dlùth air trì ceud eile de’
n mhuinntir bu shoilleire ’
s bu dìlse air taobh an Ath-
leasachaidh.
3. An uair a thòisich na trioblaidean so ’an Sasunn, chaidh Nocs gu tìr-mòr na h-Eòrpa. Dh’ fhuirich e greis ’na mhinisteir aig coimhthional àraid ris an do thachair e’m baile Francfort ’s a’ Ghearmailt. Ach ’n uair a dh’éirich troimhe chéile ’s a’ choimhthional tre bhuidheann de eaglais nan easbuig ’an Sasunn a dhol ’n an ceann, dh’fhàg e iad ’s chaidh e do bhàile Ghenébha, far an do chòmhnuich e gus an do phill e dh’Alba ’s a’ bhliadhna 1555. Bha àireamh lìonmhor de chàirdean an Ath-leasachaidh air teicheadh a nall á Sasunn an uair a thòisich a’ gheur-leanmhuinn ’s an tìr sin;
[214] agus bha cuid diubh sin a’
saothrachadh mar luchd teagaisg feadh Alba,
leis an robh an obair air a cuideachadh air a h-
aghaidh Bha ’
n Tàinisteireachd air a toirt o ’
n Iarl’
Araineach a’
bhliadhna roimhe sud,
tre ais-
innleachdaibh màthar na ban-
righ,
agus am boirionnach seòlta sin féin air a suidheachadh ’
s an dreuchd.
Bha i ’
na fior nàmhaid do theagasgaibh an Ath-
leasachaidh.
Ach air son a pàirtidh a neartachadh ’
s a’
cheud dol a mach,
tharruing i gu a taobh féin cuid mhaith de na Morairean,
a’
gealltuinn doibh an uair a gheibheadh ise ’
n cumhachd ’
na làimh féin gu’
n dionadh i luchd teagaisg an Ath-
leasachaidh.
Mar so fhuair Nocs nithe a dol air aghart ’
n uair a phill e féin air ais á Genébha.
Dhùblaich e nis a chuid oidhirpean ’
an obair an Ath-
leasachaidh.
Thòisich e aig Duneidin, ’
s chuir e cuairt a mach air feadh Shiorrachdaibh Aonghais ’
us Mhearns a’
searmonachadh,
agus an duine cliùiteach sin,
Iain Erscin,
oighre Dhuin,
còmhladh ris.
Lean e fad mìos air a’
chuairt sin, ’
s bha tomhas mòr de bhuaidh ’
s de chumhachd a’
leantuinn a shaothrach. ’
S e ’
s coslaiche gur h-
ann air son a’
bhuaidh a bh’
aig a theagasg air an luchd éisdeachd,
a tha Sadlier,
an toscair Sasunnach,
a’
samhlachadh a ghuth ri fuaim mìle trompaid.
Thug e ’
n sin cuairt eil’
a’
searmonachadh tre Shiorrachd Ara, ’
s a’
bhuaidh cheudn’
a’
leantuinn a shaothrach. ’
An déigh sin phill e air ais tre gach cearn’
anns an do shearmonaich e ’
n toiseach. ’
An déigh na cuairte dùbailte so phill e do Dhuneidin.
4. Goirid an déigh so thàinig litrichean fiadhachaidh gu Nocs á Genebha a’ guidheadh air pilltinn do ’n bhaile sin a dh’ ionnsuidh a choimhthionail a bha e air fhàgail ann. Dh’ fhag e Alba rìs air a thurus do Ghenébha ’am mios deireannach an t-samhraidh 1556. Bha na sagartan Pàpanach an déigh gairm mòid a thoirt da roimhe sud a dh’ ionnsuidh cùirt fhollaisich gu freagradh air son a theagaisg, ’s a cheannairc ’an aghaidh na h-eaglais, Fhritheil Nocs a choinneamh sin aig an àm ’s anns an àite, gu seasamh air son a theagaisg; ach bha dream àraidh de chàirdibh an Ath leasachaidh còmhladh ris. Dh’ aithnich na sagartan a nis nach freagradh dhoibh
[215] a dheanamh ri Nocs mar rinneadh ri Hamilton us Uiseart;
agus a’
faicinn duinealais Nocs agus dìlseachd a chàirdean,
leig iad seachad a choinneamh.
Cha do chuireadh tuilleadh dragh air aig an àm sin.
Ach a nis,
co luath ’
s a thuig iad gu ’
n robh e air falbh as an rioghachd,
thug iad an ath ghairm mòid dha.
Agus ’
n uair nach do fhritheil e air a’
cheann là,
ni a bha eu-
comasach,
dhìt iad e mar cheannairceach ’
an aghaidh lagh na rioghachd, ’
s loisg iad a dhealbh aig àrd-
chrois Dhuneidin.
Treubhantas nam fear a bha aon uair na ’
n curaidh mhòr!!
5. Chaidh an sgriobhadh ainmeil sin ris an abair luchd eachdraidh “an Ceud Chùmhnant” a tharruing a mach ’an Duneidin, agus ainmean mòran sluaigh ris air an treas là de mhios meadhonach a’ gheamhraidh 1557. Anns a’ Bhann sgriobhta so tha iad a’ rùnachadh agus a’ gealltuinn gu’n seas agus gu ’n dion iad luchd teagaisg an Ath-leasachaidh, le ’n saothair, le ’maoin, agus ma ’s éigin e, le ’m beatha; agus gu ’m bi iad dìleas, seasmhach, do aon a chéil’ ’an aghaidh gach nàmhaid a sheasadh ’n an aghaidh. Chuir Iarl’ Earra-Ghaeil, Iarla Ghlinn-Càirn, Iarla Mhortoin, agus Morair Lathuirn, agus iomadh eile de mhaithibh na tìr’, an ainmean ris a chùmhnant so. Agus mar a bha iad gu tric a’ gnàthachadh an fhocail coimhthional, thugadh an Coimhthional mar shloinneadh air a’ mheud ’s a lean riu. Agus theirear Morairean a’ Choimhthionail ris na h-àrd-mhaithibh a chuir an ainmean ris a’ Bhann. Bha ’m Bann so ’na mheadhon air làmhan chàirdean an Ath-leasachaidh a neartachadh; agus bha iad uil’ a’ faireachdainn gu ’m b’ fheumail doibh sin a dheanamh. Bha ban-rìgh òg Alb’ air pòsadh mac rìgh na Fraing’ air a’ bhliadhna so. Fhuair màthair na ban-rìgh, le a seòltachd, a’ Phàrlamaid gu aontachadh gu’m biodh fear pòsda na ban-rìgh ’na rìgh Alba, agus gu’m biodh gach Reachd air a dhaingneachadh ’an ainm Frannsi ’us Màiri. Agus mar a bha fios aig na h-easbuigibh ’s na sagartaibh gu ’m bu Phàpanaich an rìgh ’s a’ bhan-rìgh, ’s gu ’n robh iad ro dhian ’an aghaidh theagasgan an Ath-leasachaidh, bha iad a’ gabhail misneachd, gu ’n tionndaidheadh
[216] cùisean gu bhi ni b’
fhàbharraich’
dhoibh fèin fathast;
gu’
n deigheadh ac’
air an Ath-
leasachadh a chumail fodha,
no chur sios gu h-
iomlan ’
an Alba.
Bha ’
n Coimhthional rùnaicht’
air nach tachradh sud.
6. Anns a bhliadhna 1558 chaidh an duine mu dheireadh a chur gu bàs ’an Alba leis na Pàpanaich. B’e ainm an Fhiùdhalaich so Ualter Mill. Bha e air bi ’na shagart aon uair. Ach phill e o mhearachdaibh na Pàpanachd ’an toiseach an Ath-leasachaidh ’san tìr. Thugadh binn a bhàis a mach ri linn a’ Chàrdinail Bheutonaich. Ach fhuair e air teicheadh aig an àm sin, agus lean e àireamh mòr bhliadhnachan air searmonachadh an t-soisgeil mar bu trice gu h-uaigneach, ach air uairibh gu follaiseach ’an iomadh cearna de ’n rioghachd. Fadheòidh fhuair luchd-tòrachd nan easbuigean greim air ’s thugadh ’an làthair an comhairl’ e, ’s thug iad binn a mach ’na aghaidh gu ’m biodh e air a losgadh. Cha ’n fhaigheadh an t-Ard-easbuig duin’ a’ ghabhadh os làimh gniomh crochadair a dheanamh gus an tug e air fear de ’sheirbhisich a dheanamh. Agus air an ochdamh là fichead de mhios mu dheireadh an earraich ’bhàsaich Ualter Mill ’s na lasraichibh, agus e ’glaodhaich a mach, “Air mo shonsa tha mi ceithir fichead bliadhna ’s a dhà, ’s cha b’ urrainn mi bhi fada beò co dhiù; ach éiridh ceud fear a’s fearr na mis’ o luaithre mo chnàmhan. Tha mi ’n dòchas ’an Dia gur mi ’n duine mu dheireadh a dh’fhuilingeas am bàs ’an Alb’ air son an aobhair so.” Thachair mar a thubhairt Ualter ’san dà sheadh ud. Chuir an gniomh fuilteach gluasad neo-àbhaisteach ’am measg an t-sluaigh air feadh na dùthcha. Thog muinntir Chill-Rìmhinn càrn mòr chlach ’s an ionad ’s an do chuireadh Mill gu bàs. Leag an t-Ard-easbuig e ,thog iadsan e, co tric ’s a leagadh e, thogadh e, ’s b’ éigin fhàgail ’na sheasamh. ’N uair a ghearain Morairean a’ Choimhthionail ri màthair na ban-rìgh air son a bhi leigeadh a leithid air aghart ghabh i mar leth-sgeul, gu’m bu shagart esan ’s gu’m feumadh e bhi air ’fhàgail aig breith na h-eaglais; nach robh làmh sam bith aice-se’s a’ghniomh, agus nach leigeadh i air aghart a leithid tuilleadh. Thòisich an
[217] luchd-
searmonachaidh a nis air dùblachadh an saothrach ’
s an dichill.
Thòisich na sagartan ’
s na h-
easbuigean air an ni cheudna ’
na ’
n dòigh fèin.
Thug na h-
easbuigean air a’
bhan-
Tàinisteir gairm-
mòid a thoirt do uile luchd teagaisg an Ath-
leasachaidh gu tighinn ’
am fianuis nan cùirtean Pàpanach air son freagairt do na cùisibh dìtidh a bha ’
n an aghaidh ’
an coimhcheangal ri iad a dheanamh àr a mach ’
an aghaidh na h-
eaglais.
Choinnich na ministeirean;
ach choinnich uiread de ’
n càirdean còmhladh riu, ’
s gu ’
n do ghabh a’
bhan-
Tàinisteir,
no mar their fear-
eachdraidh comasach àraidh, “
a’
Chailleach,”
mòran eagail, ’
s gu ’
n d’
òrduich i dàil a chur ’
s a’
ghnothuch.
Aig a’
cheud choinneamh so,
thàinig cuid àraidh de uaislibh a’
Choimhthionail,
a steach do sheòmar comhairle na “
Caillich,” ’
s dh’
innis iad dhi ’
an réidh sheanchas an ni a bha ’
n Coimhthional rùnaicht’
a dheanamh na ’
n taisbeanadh i dad sam bith de nàdur ainneirt. ’
N uair a chriochnaich iad an seanchas sgrog gach fear dhiubh a chlogaid stàilinn air a cheann. ’
S maith a thuig a “
Chailleach”
ciod a bha iad a’
ciallachadh leis a chòmhdach cinn ud.
Ach ’
an déigh gach geallaidh ’
us miodail a dheanadh i,
thug na h-
easbuigean oirre gairm fhollaiseach a chur a mach a’
toirmeasg do neach sam bith an soisgeul a shearmonachadh no na sàcramaidean a fhrithealadh gun chead fhaotainn o na h-
easbuigibh,
agus uil’
iochdarana na rioghachd a dh’
ullachadh air son na Càisg’
a choimhead a rèir riaghailtean na h-
eaglais Pàpanaich.
Chuir càirdean an Ath-
leasachaidh a’
ghairm so ’
an neo-
shuim.
Agus ’
an ùine ghoirid fhuair ceithir no cuigear de mhinisteiribh an Ath-
leasachaidh gairm-
mòid gu iad fèin a nochdadh air beulaobh nan Morairean Dearg’ ’
an Sruileadh air an deicheamh là de cheud mhios an t-
samhraidh,
gu freagradh air son an dimeas air gairm fhollaiseach na h-
uachdranachd.
Aig an àm cheudna,
thàinig fios a dh’
ionnsuidh na “
Caillich”
gu ’
n robh baile mòr Pheirt gu h-
iomlan air gabhail ri teagasgaibh an Ath-
leasachadh.
Chuir i fios air àrd Bhàillidh a’
bhaile sin, ’
s bhagair i gu geur air,
mur cuireadh e casg
[218] air an obair ud,
gu ’
n tugadh ise air fèin, ’
s air muinntir a’
bhaile gu ’
n gabhadh iad aithreachas.
7. Bha ’n là a’ dlùthachadh riù nis anns an robh na ministeirean ud gu seasamh air beulaobh nam Morairean Dearga. Ach bha luchd riaghladh a’ Choimhthionail an déigh fiadhachadh a thoirt do Iain Nocs e ghreasad a nall do thir a dhùchais. Agus air an dara là de cheud mhios an t-samhraidh 1559, thàinig e air tìr ’an Lìbhte, agus ’s gann a tha ni sam bith eil’ a tha deanamh ni’s soilleire cia mòr an soirbheachadh a rinn an t-Ath-leasachadh ’s an rioghachd o’ dh’fhalbh e, ’na ’n t-uamhas a dhùisg a thighinn ’am broilleach nan nàimhdean. Air maduinn an ath là an déigh dha tighinn air tìr, bha comhairle na h-eaglais Pàpanaich ’na suidh’ ’an Duneidin a’ cur an cinn cuideachd mu ciod an rian a ghabhadh iad gu cur as do na ministeiribh a bha gu seasamh air beulaobh nam Morairean. Thàinig fear de’n àireamh a steach le ceud cabhaig, ’anail na ’uchd, ’s e ’g éigheach a mach,— “Iain Nocs! Iain Nocs! tha Iain Nocs air tighinn, —choidil e ’n reidhr ’an Duneidin.” Bha chomhairl’ air an lionadh le uamhas. Gun fhocal a’ radh dh’ éirich agus sgaoil siad iad féin thall ’s a bhos air feadh a bhaile. Chuireadh teachdaire gu màthair na ban-rìgh leis an naigheachd chruaidh so. Chuimhnicheadh gu ’n dàil a’ chùis dhìtidh a bha ’na aghaidh o dh’ fhàg e ’n rioghachd roimhe sud, gu’m b’ fhògarrach o cheartas e, ’s gu’m feudadh neach sam bith a bheatha thoirt deth gun choire. Cha d’fhan Nocs ach aon là ’an Duneidin. Chaidh e do Dhundeadha ’s á sin do Pheirt, far an robh mòran sluaigh air cruinneachadh a dh’fhaicinn ciod a dheanamh na Morairean air na ministeiribh. Fhuair càirdean an Ath-leasachaidh a’ “Chailleach” gu ghealltuinn gu’n rachadh dàil a chur ’s a’ ghnothuch a thaobh nam ministeirean. Ach an uair a thàinig an ceann là ’s nach do thaisbean na ministeirean iad féin ’an làthair nam Morairean, thugadh binn a mach ’nan aghaidh gu’n robh iad ’n am “fir-fuadain,” agus chaidh a thoirmeasg gu follaiseach do neach air bith fo pheanas ceannairc cuideachadh
[219] sam bith a dheauamh riu.
Bha uaislean àraidh air dol an urras orra gu’
n taisbeanadh siad iad féin, ’
nuair a chuirteadh fios orra;
chuireadh ùmhladh trom air na h-
uaislibh so.
Shearmonaich Nocs an là sin féin,
no ’
n ath là, ’
am baile Pheirt ’
an aghaidh iodhal-
aoraidh.
Bha fear de shagartaibh a’
bhaile co eudmhor air taobh na Pápanachd ’
s gu’
n thòisich e air seirbhis na h-
aifrinn a fhrithealadh co luath ’
s a sgaoil an coimhthional a bha ’
g éisdeachd Nocs..
Dh’
fhan tearc de’
n fheadhainn a b’
òige ’
s bu diomhaine ’
s an eaglais an déigh an t-
searmoin.
Bha balachan dlùth do’
n altair a thuirt focal,
a bha ni-
eigin tàmailteach,
ris an t-
sagart.
Bhuail an sagart buill’
air a’
bhalachan so, ’
s thog an t-
òganach clach a thilg e air an t-
sagart.
Bhuail a’
chlach air aon de na deilbh a bh’
air an altair, ’
s chaidh an dealbh as a chéile ’
na mhìribh.
Ghabh na bha lathair de’
n t-
sluagh taobh an òganaich.
Bhuail iad air an altair ’
s air gach iomhaigh ’
us greadhnas eile bha ’
s an eaglais;
rinn iad mìrean diubh, ’
us shaltair iad fo ’
n cosaibh iad.
Tharruing fuaim na h-
iorghail a bha ’
s an eaglais mòran de dhaoine diomhain a’
bhaile ’
n ceann a’
chéile, ’
s ghabh iad air an aghaidh gu trì tighibh mòra Mhanach a bha ’
s a’
bhaile, ’
s cha ghabhadh iad casg o Bhàillidh no eile gus an do leag iad na trì gu talamh.
Bha iomadh a’
coireachadh Nocs air son na mi-
riaghailt so,
ach da rìreadh cha robh neach sam bith ri ’
choireachadh air a son ach corra-
mhargaidh a’
bhaile,
air am brosnachadh le amaideachd an t-
sagairt ud;
no mar tha Nocs féin ag ràdh, “
the rascal multitude. ”
8. Thug iorghail Pheirt a nis cionfàth do mhàthair na ban-righ gu armailt lionmhor a thrusadh leis an tàinig i ’n aghaidh baile Pheirt, ma b’ fhior gu peanas a dheanamh air a’ mhuinntir a rinn a’ mhi-riaghailt. Bha i air cuid de chàirdibh an Ath-leasachaidh aomadh gu còmhnadh a thoirt di ’s a’ ghnothuch so, a’ gealltuinn nach robh i ach a dol a pheanasachadh luchd na mi-righailt, agus gu’n cumadh i saorsa coguis ri càch ’an gnothuichibh an aoraidh. Ach bha deadh fhios aig Mòrairibh a’ Choimhthional ciod mu’n robh a’ “Chailleach.” Bha fios aca nach robh ach lethsgeul anns
[220] a’
char a ghabh i gu dhol a Pheirt a pheanasachadh luchd-
brisidh nan iomhaighean,
agus gur e bh’
aice ’
s an amharc an t-
Ath-
leasachadh a chur fodha gu h-
iomlan ’
s an tìr. ’
S na’
m biodh teagamh aig neach sam bith mu’
n ghnothuch sin roimhe so cha robh rùm teagaimh air bith a nis ’
n uair a chunnaic iad ochd mìle de fheachd Frangach air tighinn a nall gu cuideachadh ’
s an obair fhuiltich sin.
Agus mar a bha fios aca co ris a bha ’
n gnothuch,
cha d’
fhan iad ’
n an tàmh gus am buaileadh ise ’
cheud bhuille.
An uair a ràinig i Peirt air ceann an airm Fhrangaich ud ’
s na fhuair i de Albannaich thall ’
s a bhos còmhladh riu,
bha armailt a’
Choimhthionail air fàs co làidir timchioll a’
bhaille sin, ’
s gu ’
n do mheas a’ “
Chailleach”
neo-
thearuinte dhi féin buille chogaidh a bhualadh, ’
s gu’
n do thòisich i rithist air cùmhnantan réite a dheanamh ris na Morairibh.
Chuir i Iarl’
Earraghàeil,
agus Morair Seumas Stìùbhart mar thoscairibh gu Morairibh a’
Choimhthionail a thairgseadh cumhachan sìth.
Bu mhac diolain do rìgh Seumas V.
am Morair Seumas so,
agus cluinnear mòran uime fathast.
Thuirt Morairean a’
Choimhthionail ris na teachdairibh sìth so,
nach creideadh iad gealladh sam bith a dheanadh màthair na ban-
rìgh.
Ach ’
n uair a gheall Morair Seumas agus Earraghàel gu ’
m fàgadh iad taobh na “
Caillich,” ’
s gu’
n aonadh siad iad féin o sud a mach ris a’
Choimhthional,
na ’
m briseadh i na cùmhnantan a dheantadh rithe aig an àm ud,
fhuair i cothrom tighinn a stigh do Pheirt air chumha nach deantadh peanas air neach sam bith air son na thachair ’
s a bhaile ’
s nach atharraicheadh i luchd-
dreuchd sam bith a bh’
ann, ’
s nach tigeadh saighdear Frangach a steach còmhladh rithe ’
s nach fàgadh i freiceadain shaighdearan ’
s a’
bhaile ’
n uair a dh’
fhalbhadh i,
Bhris i gach cumha dhiubh sin ’
na ’
n litir ’
s na ’
n spiorad,
co luath ’
s a fhuair i steach. ’
N uair a chuir Morair Seumas agus Earraghàel a gealladh ’
an cuimhne dhi,
fhuair iad beag taing air son an dìlseachd.
Dh’
fhàg iad air a dlò i ’
s chaidh iad a null gu taobh a’
Choimhthionail,
a thòisich a’
cogadh ris a’ “
Chaillich”
a cheart da rìreadh.
Cha do dhòirteadh
[221] ro mhòran fola ’
s a’
chogadh so.
Chuir Ealasaid Shasuinn cuideachadh shaighdearan,
mara ’
s tìre,
d’
an ionnsuidh gus na Frangaich a rotadh air falbh;
ach le seòladh na “
Caillich”
neartaich iadsan iad féin ’
am baile Lìbhte,
gus am faigheadh iad an tuilleadh còmhnaidh as an Fhraing.
Bha iad gu maith eòlach air iad féin a dhionadh air taobh a stigh nam ballachan a thog iad timchioll orra féin.
Ach le còmhnadh a’
chàbhlaich Shasunnaich chaidh aig Morairibh a’
Choimhthionail air séisd a chur ri Lìbhte air muir ’
us tìr.
Cha ’
n fhaighteadh biadh no còmhnadh sam bith eil’
a chur a dh’
ionnsuidh nam Frangach.
Thàinig a’
ghainne gu bhi co tròm orra ’
s gu’
n robh iad ag itheadh feòil each mu’
n do striochd iad.
Bha màthair na ban-
righ air i féin a dhruideadh a stigh ’
an Caisteal Dhuneidin,
o ’
m faiceadh i na h-
uile car a chuireadh luchd a’
chòmhrag dhiubh.
Bha sàrachadh mòr aice dheth bhi ’
faicinn a luchd-
cuideachaidh dìleas mar sud air am fangadh gun chomas dad sam bith a dheanamh ach a’
bàsachadh le gorta.
Bhuail tinneas tròm oirre,
leis an do bhàsaich i air an deicheamh là de mhìos meadhonach an t-
samhraidh,
1560.
Striochd na saighdearan Frangach aig an àm sin féin, ’
s chaidh iad air bòrd an cuid luingeas gu pilltinn dachaidh air an t-
seathamh là deug de mhìos deireannach an t-
samhraidh.
Agus trì là an déigh sin chum Morairean a’
Choimhthionail coinneamh ’
an eaglais Naoimh Giles ’
an Duneidin,
a thoirt buidheachais do ’
n Tighearn air son an t-
soirbheachaidh a fhuair an t-
aobhar.
Bha iad a’
bhliadhna roimhe so,
mu’
n d’
fhàg iad Peirt air an làmh a chur ri Bann eil’,
a’
gealltuinn gu ’
n cuidicheadh iad aon a chéil’ ’
an aobhar a’
chreidimh, ’
an aghaidh gach uile nàmhaid.
Theirear an Dara Cùmhnant ris a’
Bhann so.
Chuir Morair Seumas Stiùbhart,
Iarl’
Earraghàeil,
Iarla Ghlinecàirn,
Morair Bòid,
agus Morair Ochiltre,
agus Mata Caimbeul,
tighearna Theringland,
an làmh-
sgrìobhaidh ris ’
an ainm a’
Chomhthionail uile.
9. Choinnich a’ Phàrlamaid air a cheud là de cheud mhios an Fhogharaidh. Agus tha e soilleir nach do shuidh Pàrlamaid ’an
[222] Alba riamh aig an robh gnothuichean co cudthromach ri réiteachadh ’
s a bh’
aig a Pharlamaid so.
Bha sùilean na Roinn-
Eòrpa gu h-
iomlan air a Phàrlamaid so.
Chruinnich mòran sluaigh ’
an Duneidin;
ach cha robh coigrich riamh roimhe co réidh ’
an àrd-
bhaile na rioghachd ’
s a bha iad aig an àm so.
Dh’
fhan cuid de na h-
ard-
uaislibh a bha na ’
m Pàpanaich aig an robh còir suidhe ’
s a Phàrlamaid air falbh.
Ach shuidh Ard-
easbuig Chill-
Rìmhinn innte agus fear no dithis eile de na h-
easbuigibh.
Chuir càirdean an Ath-
leasachaidh litir thagraidh ’
an làthair na Pàrlamaid mu ghnothuichibh na h-
eaglais.
Thagair iad air son trì nithibh gu h-
àraid.
Gu ’
m biodh saobh-
theagasgan na Pàpanachd air an cur sios leis a Phàrlamaid,
gu ’
n gnàthaicheadh a Phàrlamaid a h-
ùghdarras air son aoradh glan simplidh a réir nan sgriobtuir a chur air chois,
agus riaghladh Eaglais ’
us oideas a réir nan sgriobtuir agus a réir gnàths na h-
eaglais Criosduidh mu ’
n tàinig truaillidheachdan na Pàpanachd a steach innte—
agus gu ’
m biodh maoin na h-
eaglais,
a mhi-
bhuilich na h-
easbuigean,
air a buileachadh ann am ministrealachd dhiadhaidh,
ghniomhach,
dhleasnach,
a chumail suas—
ann am fòghlum iomchuidh a chumail suas a’
measg an t-
sluaigh,
agus ann am furtachd air na bochdaibh—
maoin na h-
eaglais a bhi gu co-
ionann air a roinn,
anns na trì dòighibh so—
air ministeiribh,
sgoilibh,
bochdaibh.
B’
e so a bhi ’
dealbh nithe fiala.
Ach bha e mò ’
s fial ’
am beachd cuid de bhuill na Pàrlamaid.
Bha ’
n Eaglais Phàpanach uamhasach beartach ’
an Alba.
Cha bhuin e do ’
n eachdraidh so a bhi leudachadh air gach dòigh ’
s an d’
fhuair i am mòr shaoibhreas so.
Ach bha e air a mheas gu ’
n robh dara leth fearainn na rioghachd, ’
an aon dòigh no dòigh eil’
aig an Eaglais Phàpanaich air a chruinneachadh da h-
ionnsuidh féin.
Bha cur a stigh na bha ’
n sin a dh’
fhearann aice dhi féin.
Agus a nis ’
n uair a bha bhan-
chreachadair gu bhi air a creachadh ’
s ann a bha roinn mhòr de na morairibh a bha glé dheònach air a’
Phàpanachd a chur sios,
a’
rùnachadh na b’
urrainn iad de ’
n fhearann a ghlacadh thuca féin,
mar a rinn Eanruic Shasuinn air cuid eaglais na
[223] rioghachd sin.
Thuirt na morairean talmhaidh so,
nach robh aig Iain Nocs agus a chomh luchd cuideachadh ach faoin bheachdan cràbhach,
nach gabhadh cur ’
an cleachdadh.
Ach aig an àm cheudna dh’
iarr a Phàrlamaid air ministeiribh an Ath-
leasachaidh iad a sgriobhadh sios cinn,
no suim nan teagasgan fa leth a mheas iad a bhi réir nan sgriobtuir,
agus a b’
urrainn iad a dhearbhadh a bhi mar sin,
agus a dh’
iarr iad a chur air chois mar theagasgaibh na h-
Eaglais Ath-
leasaichte.
Chuireadh àireamh mhinisteirean air leth a measg an robh Nocs,
air son an ni a dh’
iarr a Phàrlamaid a dheanamh.
An ceann cheithir laithean chuir iad air beulaobh na Pàrlamaid an leabhran sin ris an abrar Leabhar Aidmheil a Chreidimh.
An déigh rian ’
us òrdugh iomchuidh a ghabhail air son brìgh an leabhair so a thuigsinn,
thug a’
Phàrlamaid breth gu ’
m biodh an leabhar air a ghabhail mar riaghailt theagasgan na h-
eaglais o sin a mach.
Agus air a cheathramh là fichead de cheud mhios an fhogharaidh dhaingnich a Phàrlamaìd an eaglais Ath-
leasaichte mar eaglais na rioghachd;
agus thoirmisg iad do neach sam bith aoradh na h-
aifrinn a fhrithealadh, ’
s chuir iad air cul gach lagh ’
us riaghailt a rinneadh roimhe sud air taobh a Chreidimh Phàpanaich.
Chuir a’
Phàrlamaid toscair do ’
n Fhraing leis na Reachdaibh so,
gus an cuireadh a’
bhan-
rìgh agus a fear-
pòsd’,
a bha nis ’
na rìgh na Fraing,
an làmh-
sgriobhaidh riu.
Ach cha deanadh iadsan sin air aon chor, ’
s ann a bha iad làn feirg an uair a chual iad mar thachair,
agus a réir coslais,
rùnaicht’
air gu’
n cuireadh iad fodha ’
n t-
Ath-
leasachadh ’
an Alba an déigh gach rud.
Cha do mheataich so,
air aon chor,
càirdean na h-
eaglais aig a bhaile.
Bha fios aca roimh làimh gur h-
ann mar so a bhitheadh,
agus mar a bha cumhachd air thoirt do Phàrlamaid na rioghachd,
gnothuichean na h-
eaglais a shocrachadh mar a chitheadh iad iomchuidh,
leis a chùmhnant sìth a rinneadh eadar Sasunn ’
s an Fhraing agus morairean a Choimhthionail, ’
n uair a sguir an cogadh,
bha buill na Pàrlamaid ’
s càirdean an Ath-
leasachaidh ga ’
m faotainn féin téaruinte ’
s na h-
uile ceum a ghabh
[224] iad.
Agus ma bha na h-
easbuigean Pàpanach a’
gabhail misneachd sam bith o chumhachd rìgh na Frainge,
chaidh sin a ghearradh uatha gu h-
iomlan le bàs an rìgh sin air a 5 là de mhios meadhonach a gheamhraidh air a bhliadhna so féin.
Bha ban-
rìgh Alba air a fàgail na bantraich ’
an ceann a h-
ochd bliadhna deug,
agus ma bha i àrd-
inbheach ’
s an t-
saoghal,
bha i air sheòl eile na bantraich glé aonaranach—
gun athair gun mhàthair,
gun phiuthar gun bhràthair,
gun mhac gun nighinn.
Goirid an déigh sin chuir Pàrlamaid Alba teachdairean uatha air son a fiadhachadh a nall d’
a rioghachd féin.
Air a bhliadhna so féin, air an fhicheadamh là de mhios meadhonach a gheamhraidh, choinnich a' cheud Ard-Sheanadh de eaglais Ath-leasaicht’ Alba ’an Duneidin. Cha robh de bhuill ’s an Ard-Sheanadh so, ach dà fhichead, agus cha robh ach seisear mhinisteirean ’s an àireamh bhig so, an roinn bu ro-lionmhoire dhiubh na’n seanairibh. Co dheanadh tàir air là nan nithe beaga?