[224]

CAIB. XXVIII.

MAIRI.

DHFHAG ban-rìgh Màiri an Fhraing, nach robh i gu fhaicinn gu brath tuilleadh, air 15 de cheud mhios an fhoghair 1561. Thàinig i air tìran Lìbhte mu mheadhon an ath mhios air co fliuch, ceathachs bu chuimhne le muinntir na dùthcha fhaicinn. Threòraich iad i le aoibhneasus iolach gu lùchairt Holirud. Bha i leigeadh oirra bhi toilichtair son tìr a dùthchais fhaicinn, agus an onair a bhan sluagh anochdadh dhi. Achs an taobh a stigh bha a cridhe, ’s a spiorad àrdanach, leònta. Bha suidheachadh


[225] inntinnus beachdan na bantraich òig so, glé eadar-dhealaichto bheachdaibh an t-sluagh a bha i nis adol a riaghladh. Bha e air a thoirt fainear da taobh, gun robh i mi-fhortanach anns an luchd-comuinn a measg an robh i air a togail suas o h-òige. Thug a màthair, agus bràithrean a màthar dearbhaidhean soilleir air gun robh iad cuilbheartach, fuilteach, neo-sgàthachan toirt air aghart droch-bheirt sam bith air an smuainicheadh iadan aghaidh chàirdean na fìrinn, agus neo-sheasmhach rin gealladh, co fads a gheibheadh iad sin freagarrach dan rianaibhs an càil féin. Agus, mas fior na sgeòil, bha i ni bu ro mhi-fhortanaich na sin a thaobh a màthar-chéile. Ma tha firinn anns na tha luchd-eachdraidh ag innseadh mun bhan-rìgh ud, Catrine de Medicis,bha ban-oide-fhòghlum aig Màiri òig Stiùbhart co coirbtes a burrainn a bhi. Leis na h-uile ni a bhann, chan urrainnear aràdh gun dfhuair Màiri an ceartas a bfhearrna h-òige. Thàinig àireamh maith de luchd-frithealaidh Frangach na cuideachd do Alba. Nam measg sin bha sagart. Air acheud sàbaid an déigh dhi tighinn chum in t-aoradhan Abaid Holirud a réir dòigh na h-eaglais Pàpanaich. Bi so acheud aifrinn a thuirteadhan Alba o chuireadh sios aPhàpanachd le Reachd Pàrlamaid; agus bhan sluagh ro dhiombach air son abhan-rìgh a bhriseadh air lagh na rioghachd. Labhair Iain Nocsna aghaidhs a chùbaid air an ath shàbaid. Thuirt e gum bfhearr leis déich mìle nàmhaid fo an cuid armachd fhaicinn atighinn a steach don rioghachd gu a ceannsachadh, na aon aifrinn a bhi air a cantainn innte. Dhinnis e na h-aobharan a bhaig air son a bhi den bheachd ud. Thuirt e nithe eil’ ’an coimhcheangal ris aphuinc a bha cuid ameas eas-urramach don bhan-righ. Chaidh na nithe sin uile a ghiùlan da h-ionnsuidh. Chuir i fios air an t-searmonaiche, ’s bha comh-labhairt eatorra. An uair a phill e air ais dhfheòraich achàirdean deth a bharail air abhan-righ. “Mheall mo bhreithneachadh mi,” arsesan, “mureil inntinn uaibhreach innte, deas
[226] bhriathrachd chuilbheartach, agus cridhe cruadhaicht’ ’an aghaidh Dhéus fhìrinn.” Bhiodh i mar bu tric’, aig an àm so, acur acomhairle ribràthair, Iarla Mhàrr. Rinn i Iarla Mhuraidh dheth an ath bhliadhnan déigh so, an tiodal leis am bheil e air ainmeachadh le luchd eachdraidh. Bha Iarla Mhuraidh a measg an fheadhainn bu sheasmhaiche de Mhorairean aChoimhthionail. Bha e dol an lethsgeul na ban-righs acheud dol a mach, ag iarraidh a bhi foighidneach rithe, agus ùine thoirt di, gus an tigeadh i gu inntinn a bfhearr. Cha ghiùlaineadh Nocs le leithid sin de lethsgeul idir, ’s tharruing so beagan eas-còrdaidh eatorraig an àm. Achan ùine ghoirid thug Morairean aChoimhthionail an aonta dha gum feudadh abhan-righ a bhig aoradh mar a bàill leathana h-eaglais féin. Cha daontaich i riamh leis an Achd a rinn Pàrlamaid na rioghachd, ’s abhliadhna 1560, acur sios aChreidimh Phàpanaich, agus a cur aChreidimh Phròstanaich air chois mar aidmheil na dùthcha; ach bha i gu sàmhach a' giùlan leis an òrdughs an robh nithe a nis, le sùil ri gun tigeadh àm a biomchuidh air aPhàpanachd a chur air chois fathast. Choinnich aPhàrlamaids abhliadhna 1563, agus chuireadh an gnothuch so fa chomhair na ban-righ; ach fhuaradh gun robh i co daingeans a bha i roimh’ ’an aghaidh a sheulachaidh. Ach dhaontaich i gum biodh Ard-easbuig Chill-Rìmhinn air a chur am priosun, ’s air a thoirt gu mòd air son e bhi frithealadh na h-aifrinn.

2. Feudar innseadh ann an so gun do bhàsaich Màiri fhuilteach Shasuinnan ceud mhìos agheamhraidh, 1559, ’s gun tàinig a piuthar a bòige, Ealasaid, thun na caithreachna h-àite. Bi Anna Boulein màthair Ealasaid; ’s mar nach daidich am Pàpa riamh gun robh e laghail do Eanruic i sin a phòsadh, bha na Pàpanaich uilameas Ealasaid mar leanabh ain-dligheach, aig nach robh còir sam bith air tighinn thun na caithreach. Bha Ealasaid air a togails aChreideamh Ath-leasaichte. Bha i air a geur-


[227] leanmhuinn fhads a bhapiuthar air achaithir. Ach co luaths a fhuair i féin an riaghladh dhaisig in rian aoraidh a chuireadh air chois ri linn a bràthar.

Dhéirich eas-còrdadh mòr eadar abhan-righ agus Morairean aChoimhthionail mun àm so, air son ionnsuidh a thug i, tre a rùn-Chléireach, Lethington, air Iain Nocs a ribeadhs a dhìteadh, a réir an làgha, mar ciontach de cheannaircan aghaidh na ban-righ. Bhan t-Ard-sheanadh an déigh ùghdarras a thoirt dhasan coinneamh a ghairm uair sam bith a chitheadh e cunnart ag éiridh do aobhar an Ath-leasachaidh. Shaoil leis-san gum fac e sin, agus sgrìobh e litir air son coinneamh a ghairm, ’s ghnàthaich e cainnt a bhair a meas cruaidhan aghaidh na ban-righ. Ach an déigh a bhi air a shumanadhan làthair na h-Ard-chomhairl’, agus a bhi air a chasaid gu geuran sin le Lethington, dhìon se e féin co gleusta, curanta, ’s gun do shaor aChomhairlo na h-uile dìteadhus cunnart e. Ghabh abhan-righ am breitheanas sin gu h-olc, ’s chaill Lethington a fàbhar gu h-iomlan air son a chion soirbheachaidh ann an casaid Nocs. Cha robh leithid so de oidhirpean alughdachadh misneachd nam Pròstanach, ach bha iad acuideachadh an sùilean fhosgladh gu bhi faicinn ni bfhearr co ris a bhan gnothuch.

3. Bha comh sgrìobhadh aig an àm cheudnadol air aghart eadar ban-righ Ealasaid Shasuinn, agus Màiri, mu thimchioll a pòsaidh. Bha Ealasaid ag ràdh gun do bhòidich i nach pòsadh im feasd. Bha fios aice mar an ceudna gum bi ban-righ Màiri an t-oighra bfhaisge dhi féin air crùn Shasuinn; ach cha bu toil leatha bhi toirt iomraidh idir air sin. Bhacàirdean ro dheònach air gum pòsadh Màiri; agus bha Ealasaid aleigeadh oirre nach robh dad aice féin an aghaidh i phòsadh. Agus bha idol co fada ri bhimoladh a leithid suds a leithid so de àrd mhaithibh Shasuinn dhi air son fir-pòsda; ach an uair a bhiodh an gnothuch afàs cosmhuil ri ni eigin de chruth a ghabhail, thilgeadh i rud eigins an


[228] rathad a dheanadh eu-comasach gun tachradh am pòsadh, gus mu dheireadh an daithnich Màiri gur h-ann a bhan eilacaitheamh bhead oirre, ’s an do rùnaich i gun a comhairla chur rithe tuilleadh. Roghnuich i féin mar a fear pòsda Morair Eanruic Dàrnlaidh, mac bu shinIarla Lenocs, dam bu mhàthair abhan-tighearna Mairireat Dùghlas. Phòs i Morair Dàrnlaidh air an naoidheamh fichead de mhìos deireannach an t-samhraidh, 1565. Chuireadh fios gu Ealasaid Shasuinn gun robh i air pòsadh, sgeul a thug i dearbhadh gu leòir air a bhi mi-thaitneach dhi. Bha cuid de àrd mhaithibh Alba bha mi-riaraichte leis aphòsadh so. Bha Dàrnlaidh agus an teaghlach dam buineadh e nan Phàpanaich; agus tha cuid ag ràdh gur h-ann air son sin a bha Iarla Mhuraidhna aghaidh, agus their cuid eile gur h-ann a bha naimhdeas dìomhair eadar an urra mhòr so agus teaghlach Lenocs. Dhfheudadh an dara ni dhiubh sin a bhimeudachadh an ni eile. Co dhiù dhéirich an t-Iarla Muireach, ’s an t-IarlAraineach, ’us Gleanncàirn, ’us Earraghàel, ’us Rothes, len cuid daoin’, ann an ceannairc an aghaidh na ban-righ goirid an déigh a pòsaidh. Bha iad air am misneachadh le Ealasaid Shasuinn gu sin a dheanamh; ach cha robh sluagh na dùthcha fathast air fàs co sgìth de Mhàiris gun tilgeadh iad dhethn chaithir i. Mharcaich i féins Morair Dàrnlaidh air ceann an airm a dhéirichna h-aobhar, agusan ùine ghoirid sguab iad a mach as an rioghachd Iarla Mhuraidhs achuideachd. Ruith iad an sin gu cùirt ban-righ Ealasaid, ’an dùil gun dìonaidh i iad; achs ann a leig i oirra bhi ro fheargach riu. Ghairm i tearc dhiubhna làthair, ’s chuir icheist riuan làthair an Toscair Fhrangaich, an tug no nach tug ise misneachd dhoibh gu éiridhan aghaidh am ban-righ féin? Rinn iad gnè de dhaideachadh nach tug, ’s dhfhuadaich i air falbh as a fianuis iad, ag ràdh gun cuireadh an ni a rinn iad droch eisimpleir fa chomhair a cuid iochdrana féin. Phill na fògarraich allabanach an sin air
[229] ais thun na crìch’, agus fhuair Iarla Charlile fios gu h-uaigneach o Ealasaid, na h-Albannaich a chumail suas air a costas-se, gus am faigheadh iad àm iomchuidh air pilleadh dan dùthaich féin.

4. Cha robh Dàrnlaidhs abhan-rìgh fad pòsdan uair a thàinig iad gu cur a mach air a chéile. Bha esan ro bhras, uaibhreachna spiorad, ’s cha bhiodh e idir riaraichte gus am faigheadh en crùn Pòsda, mar theirteadh risan Alba; ’se sin e bhis an aon inbhe ris abhan-rìgh féin a chionn e bhi pòsdaice. Cha robh bhan-rìgh deònach air sin thoirt dhà, co luath, co dhiù gun a comhairla chur ris aPhàrlamaid. Ach ged a bha sona aobhar mòr còmhstri eatorra, ’se rinn an gnothuch ni bu ro mheasa, gun tug Dàrnlaidh gnùis don fheall chomhairleagalaich a rinn cuid de àrd-mhaithibh na tìrair son Risio, rùn-chleireach na ban-rìgh, a chur gu bàsam fuil fhuair, mar theirear. BEadailteach Risio so. Thàinig e gu cùirt Alb’ ’an cuideachd Toscair Shabhoidhs an Eadailt a tuath. Bha ena dheadh fhear-ciùil, agus gleusta, seòlta, ann an toirt gnothuich air aghart. Dhéirich e àrdam fàbhar na ban-rìgh. Bha peinsean aig on Phàpa. Cha robh ni adol air aghartan Alba measg muinntir an Ath-leasachaidh nach robh e deanamh aithnichte do chùirt na Roimhe. Tre a sheòlaidhibhsan, chuir abhan-rìgh a seula ris a chomh-bhoinn eagalaich ud a bheadar na Gùisich, bràithrean a màthar, agus am Pàpa, ’s rìgh na Spàinne gus an creideamh Ath-leasaichte chur sioss an Roinn-Eorpa leis na Pròstanaich uila chur gu bàs. Be tòiseachadh na h-oibre fuiltich so an casgradh mòr a rinneadh air Pròstanaich na Fraingair Naoimh Bhartolmeuis, 24 de cheud mhios an fhoghair 1572. Cha robh ach cuid de na h-ais-innleachdaibh so abriseadh a mach mu thimchioll Risio aig an àm. Co dhiù bha na Pròstanaichan Duneidin ag àithneachadh nach bu deadh charaid doibh e. Achs e bhaig Dàrnlaidhna aghaidh, gun robh e féins abhan-rìgh ro mhòr aig a chéile. Air oidhche an naoidheamh de dhara mios an earraich, threòraich Dàrnlaidh ceathairn maith de dhaoinuaisla steach do sheòmar uachdrach


[230] an lùchairt Holirud. Bha bhan-rìgh na suidhaig suipeir còmhladh ri tearc de mhuinntir a teaghlaich a measg an robh Risio. Thàinig Dàrnlaidh a steach don t-seòmar, ’s Morair Rutbhen air a shàil, ’us oighre Rutbhen agus Seòras Dùghlasach, ’us feadhainn eilair an cùl sin, ullamh gus an luchd-treòrachaidh a chuideachadh. Dhfheòraich abhan-rìgh ciod bu chiall don iomairt ud. Thuirt Morair Rutbhen ri Risioe bhi ag éiridh, nach b' àite sud air a shon. Dh' éirich achuideachd a bhanan suidhe, ’s rinn Risio greim air abhan-rìgh, ach an dionadh i e. Chaidh a ghreim a spionadh uaith’ ’an tiota, ’s a sguabadh a mach as an t-seòmar, don t-seòmar a bfhaisg, agus á sin do rùm eile. Bha dùil aca thoirt gu crois abhailagus a chur gu bàs gu follaiseach. Ach chualiad fuaim air taobh a muigh na h-aitreibh air a mhionaid so; ’s mar gun gabhadh iad eagal, gun tigeadh cuid-eigins an eadreigin a bheireadh uathe, throimh lot iad gu bàs e len cuid armachd far an robh iad. Dhfhàgadh an fhuil air làr an t-seòmair gun ghlanadh ùine fhadan déigh sud, agus chitheadh luchd-amhairc sam bith a thigeadh an rathad an làr dearg leis an fhuil iomadh bliadhna. Agus tha spotan dearga rim faicinn ann gus an diugh; ’s their luchd-gleidhidh an Talla Rioghail ud, gur h-ann leis an fhuil a chaidh a dhòirteadh, dìreach trì ceud bliadhna roimhe so, a tha làr an t-seòmair ud mar sud air a dhath. Cha drinneadh atharrachadh sam bith air na seòmraichibh on uair ud. ’Am feadh a bha obair amharbhaidh a dol air a h-aghaidh bha bhan-rìgh gu frasach asileadh dheur agus ag aslachadh orra gun iad ga mharbhadh. ’N uair a thuig i gun deachaidh an deò as, thiormaich i a deòir, ’s thuirt i gun smuainicheadh inis air cionnus a dheanadh i dioghaltas. ’An déigh aghniomh fhuiltich so, chum na mòrairean ud abhan-rìghna priosunachan lùchairt Holirud car tamuill,gun duina leigeadh fagus dhi ach a fear-pòsda. Bha iad an dùil gun atharraicheadh iad uachdaranachd na rioghachd gu buileach. Ach thug ise air Dàrnlaidh na h-uile ni a bha o thoiseach gu deireadh timchioll air amhort ud aideachadh.
[231] Dhìt e càch uilagus thuirt e nach robh coire sam bith aige féin ris. Leig a bhan-rìgh oirre gun do chreid i sin. Ach fhuair i dearbhadh an déigh làimh, gun robh e co ciontach ri càch. Bha rathad uaigneach fon talamh a mach as an luchairt, air nach robh fìos ach aig tearc de mhuinntir an teaghlaich. Dhiarr abhan-rìghus Dàrnlaidh cead air an luchd-gleidhidh a bhoirr’, a dhol do sheòmar eile gu beagan tàimh a ghabhail. Chaidh i féinus Dàrnlaidh air am màgaibh tren t-slighe dhùldaidh, dhuirch ud, gus an dfhuair iad a mach fon ghàradh a bhacuairteachadh na lùchairt. ’N uair thàinig iad air uachdar an talmhainnan sin, air an oidhche reòthtearraich ud, bha beagan mharcach afeitheamh orras dhiollaid falamh anns an do shuidh abhan-rìghs a companach. Bin ath-sgeul a chuala na Morairean a bha ga gleidheadh gun robh in Dunbarr. Chuir i fios a sin gu a càirdibh air feadh na dùthcha iad a thional da h-ionnsuidh. An tearc de laithibh bha còrrus ochd mìle saighdear air tighinn gu a bràtaich. Mharsail i air ceann na h-armailt do Dhuneidin, ’s béigin do na Morairibh ceannairceach teicheadh lem beatha. Bha Iarla Mhuraidhs an fheadhainn eila rinn ceannairc còmhladh ris air pilltinn á Sasunn aig àm an troimhchéila thachair an déigh bàis Risio. Agus o nach robh fios aig a bhan-rìgh ciod a dheanadh i, no co as an earbadh i, thug i maitheanas do Iarla Mhuraidh, ’s ghabh i steachnacomhairle gus a cuideachadhan dioghaltas a dheanamh air mortairibh Risio. Aig an àm cheudna dhfhàs i ni bfhuathaich air Dàrnlaidh na bha i riamh, ’s dhealaich iad gu buileach ri chéile. Dhaiseadadh abhan-rìgh air prionnsa, Seumas VI., air an naoidheamh deug de mhios meadhonach an t-samhraidh. Aig àm baistidh an naoidhein so, beagan làithean an déigh sin, chaidh Dàrnlaidh a philleadh air falbh gu tàireil on dorus, gun chothrom fhaotainn a leanabh féin fhaicinn. Mar a bham briseadh eadar abhan-rìghs a fear-pòsdasior dhol am farsuingeachd, bha fear eile de mhaithibh na rioghachd ag éiridh ann am fàbhar aig a bhan-rìgh. Be so Iarla
[232] Bhotueil, duinaobhail olc, a bhan déigh roinn mhòr deùina chur seachad air tir-mòr na h-Eòrp’, agus air mòran de dhroch cleachdaidhean nan tìrean sin a thoirt dachaidh leis. Bhan duinais-innleachdach so atreòrachadh na ban-rìgh gu mullach creiguamhasaich gus a tilgeadh sios. Chaidh Dàrnlaidh a thàmhachd do thighatharan Glascho. Dhfhàs e tinn leis a bhan-ghucaich an sin. ’N uair a chaidh e gu maith am feabhas chaidh abhan-rìgh a shealltuinn air, ’s leig i oirre gur h-ann a bha i ro thaingeil air son e bhi air a chaomhnadh, ’s gun robh i maitheadh dha na h-uile coira bha ri chur as a leth. Le mòran brìodail, dhethm burrainn i pailteas achleachdadh, bhreug i leatha gu ruig Duneidin e; ’s o nach robh e gu h-iomlan fathast saor o lagachadh an tinneis, chomhairlich i, gun cuireadh e seachad beagan laitheanan tigh Mhanach air taobh a muigh ballabhaile ris an abradh iad Eaglais an achaidh. Bhiodh abhan-righ féin gu maith tric atighinn a shealltuinn air an sin. Bha i còmhladh ris air oidhche na sàbaid an naoidheamh de cheud mhios an earraich. Aig uair àraidh, ’n uair a bha e teannadh ri bhi gu maith anmoch, smuainich i, mar gum beadh le gradaig, air ni a bhair dol as a cuimhne; gun do gheall i bhilàthair aig pòsadh aon de cuid searbhantan, agus dannsadh air abhanais. Bha i air a bonnaibh gu falbh ann am mionaid; phòg i a fear-pòsda, ’s leig i soiridh ghràidh leis. Air an oidhche sin féin thàinig cuid de sheirbhisich Iarla Bhotueil, gu folchuidh thun na h-eaglais. Bha mòran fùdair ac’, a fhuair iad air a chur an òrdughs an t-seileir a bha fon eaglais, dìreach fo sheòmar leaba Dhàrnlaidh. Bha iuchraichean mealltaca leis an dfhuair iad a stigh. Mu dhà uairs amhaduinn thàinig an t-Iarla fèin a dhfhaicinn an robh gach nian òrdugh. Bha na leusan teinacair an curnan àite goirid roimhe sin, ’s cha bfhada gus an do las am fùdar, ’s an deachaidh an eaglais na smùid do na speuraibh. Chualas am fuaim anns gach ceàrna den bhaile. ’N uair a shoilleirich an , fhuaradh cuirp Dhàrnlaidhs a ghille-frithealaidhs an lios ri taobh làthrach na
[233] h-eaglais. Chaidh Botuel a shealltuinn air achorp, mar a chaidh muinntir eile, ’s phill e dhionnsuidh na ban-rìgh a dhinnseadh mar a thachair, ’s agabhail air a bhi làn iongantais mu cionnus a burrainn a leithid tachairt. Ghabh abhan-rìgh a biadh maidne gu neo-smuaireanach. ’An seachduin no dhà, chaidh i mach thun na dùthcha chluiche còmhladh ri Botuelus dithis no thriùir de Mhorairaibh eile. Bha fios aig na h-uile gum be Botuel am priomh ghniomhairam mortadh fhir-pòsda na bàn-rìgh. Fhuair Lenocs, athair an fhir a mhortadh, cothrom Botuel a shumonadh gu mòd agus a chasaideachadh mar mhortair a mhic. Fhuair abhan-rìgh air òrduchadh anns am feumadh am mòd suidhe. Ach bhan ùine co goirids nach burrainn Lenocs na fianuisean uila tharruing, ’s na nithe eile fhaotainnan òrdugh air son na cùise. Dhoidhirpich e tuilleadh ùine fhaotainn leis an chur a mach ni bfhaide. Chan fhaigheadh e sin no taing. ’N uair a thàinig an ceann s gun Lenocs ullamh air an son, thàinig Botuel a steach do Dhuneidin le cuig mìle marcach armaichte. Bha na fianuisean air an cur air falbh as an rathad, no gam foluch féin, ’s bha fios aig an t-seòrsa bhreitheamhna a bhann gun cuireadh Botuel gu bàs cuid diubh féin nan abradh iad ni sam bithna aghaidh. ’S e bun a bhann shaor iad e o na h-uile coires aghnothuch. Chaidh neart thar neart.

5. Chuir Botuel uaitha bhean phòsda féin, le lethsgeul gun robh i ro fhagusan dàimh dha; agus an déigh iomadh car clìceach, carach, a chur dhiùbhs abheagan sheachduinibh sin, phòs ban-righ Màiri e air achuigeamh deug de cheud mhìos an t-samhraidh, dìreach trì miosan an déigh dha a ceud fhear-pòsda mhortadh; achs pòsadh gun sìth bhann, araon doibh féins don rioghachd. Cha bfhada gus an do bhris nàdur coirbte Bhotueil a mach co fiadhaichs gun tàinig a beatha gu bhi glé shearbh don bhan-righ. Cha tàmhadh Botuel gus am faigheadh e sealbh air aphrionnsòg, agus mar a bha fios aig na bha timchioll air achùirt gur h-ann air son a mhilleadh a bha e ga iarraidh rinn iad


[234] an dìchioll air a chumail uaithe. Ach cha ghiùlaineadh an dùthaich ni bfhaide le leithid sud de chùirt thruaillidh. Dhéirich Iarla Mhortoin, ’us Mhaitlaind, ’us feadhainn eil, aigan robh dearbh-chinnt air gum besan am mortair, gus a thilgeadh a mach as an nead a bha a dol a dheanamh dha féin. Thàinig iad orras iad gu neo umhailleach afleadhachasan Caisteal Mhorair Borthuic. Theich iad gu grad á sin, a bhan-righ air a curan cruth gille bùird. Ràinig iad Caisteal Dhunbàrr, air an robh robh Botuelna cheannard. Chruinnich iad mhìle saighdearan sin leis an doidhirpich siad iad féin a dhìonadh o na Morairibh ceannairceach. Sheas iad air cnoc Charberri, dlùth air làthrach blàr Phinci. Bha so air achuigeamh deug de mhìos deireannach an t-samhraidh, dìreach mìos iomlan an déigh dhoibh pòsadh. Thàinig na Morairean, len luchd-leanmhuinn as an déigh an sud, ’s sheas iad fan comhair. Ach cha bfhada gus an daithnich abhan-righ nach tarruingeadh duine de na bhair a taobh arm á truaill air a sgàth. Bha fios aca co bhann Botuel, ’s ciod den robh e ciontach. Thòisich iad asgapadhn an ceudaibhs nan leth-cheudaibh, an suds an so. Chaidh fear dhiubh a null leshleagh gu ceannard an airm eile, ’s leig e sìos i air a bheulabh, mar chomharr air gum bu leòsan abhuaidh. Ged bu chruaidh so bfheudar do Mhàiri a ghiùlan. Chomhairlich i do Bhotuel an àraich fhàgail. Ghabh echomhairle so. Chunnacas etoirt a làimhe dhis amarcachd air falbh. Chan fhac iad achéile tuilleadh. Thug esan am muir air, le tearc de luchd-leanmhuinn eucorach coslach ris féin. Lean e greiseag air a bhina chreachadair mara; chaidh a ghlacadhs a churam prìosunan Lochluinn a deas, far an do bhàsaich ena amadan deich bliadhnan déigh so.

6. Thug Màiri suas ì féin do na Morairibh, ’an dùil gum buineadh iad fathast rithe mar bhan-righ, ’s gum biodh iad umhal dhi. Thug iadsanair ais gu buaidh-chaithreamach i gu Duneidin air an fheasgar sin féin. Mar a bha iad ga treòrachadh air mharcachd tre shràidibh abhaile gu tigh aPhrobhaist, ’s a cuid


[235] fuilt sgaoilte sìos mubroilleach, ’s a h-aghaidh air atadh le deuraibh, bha muinntir abhailesealltuinn a mach air na h-uinneagaibh, agusn an seasamhs na dorsaibh, atilgeadh mar athais oirre na nithe dan robh i ciontach. Dhéirich connsachadh mòr a measg nam Moraireanus luchd riaghlaidh abhaile mu ciod bu chòir a dheanamh rithe. Bha Nocs agus Seòras Buchanan acumail a mach ma bha righrean, no luchd-riaghlaidh, ciontach de mhortadh, no droch ghniomh, gum bu chòir an toirt gu ceartas agus an cur gu deuchainn air son am beatha mar mhuinntir eile. Achs e rinn iad aig an àm a curna prìosunach do chaisteal làidir a bhair eilean Lochlebhein, agus paipeirean ullachadh ris am feumadh i a seulachur gun robh ileigeadh dhi nan uile nithebhuineadh do rioghachadh ann am fàbhar a mic, agus gum biodh a bràthair, Iarla Mhuraidh, ’na Thàinistear na rioghachd gus an tigeadh a mac gu aois. Beigin di aontachadh ris na cùmhnantaibh sin uile, ’s nithean eile aig an robh coimh-cheangal riu.

7. ’S gann a bha Màiri aon mìos deug na prìosanachan Caisteal Lochlebheinn uair a fhuair i rian air teicheadh. Chuireadh fear de fhreiceadain aChaisteil air falbh roimhe sin fo amharus gun robh edeanamh seòl air a leigeadh air falbh. Ach bha comh sgrìobhadh eadar am fear so agus giullan òg eila bhas aChaisteal, a ghabh an rian a chaidh a theagasg dha air abhan-righ a leigeadh air falbh. Bha fear aChaisteil acur na h-iuchrach air ceann abhùirdn uair a bhiodh e aig abhiadh. Leig an t-òganach ud, a bhana fhear frithealaidh aige, lenèipicin tuiteam air abhòrd, air muin na h-iuchrach; an uair a bha etogail an nèipicin thog en iuchair leis. Bha gach ni eilullamh an uair sin, ’s ghrad dhfhalbh e gu tìr le Màiris le a maighdinn sheòmair, aglasadh aChaisteilna dhéigh. Bha Morair Seton le pàirtidh chàirdean afeitheamh air bruaich an loch. Chaidh abhan-righna diollaid air ball, ’s mharcaich i gu Caisteal Nidri, ’s air an ath latha gu Hamilton. Chuir i fios a dhionnsuidh


[236] nam Morairean a shaoil leath a bhi dìleas dhi, ’s choinnich àireamh maith dhiubh. ’Am beagan làithibh bha sea mìle saighdear aig a brataich. Rùnaich i féins a luchd comhairle gum biodh i air a cur do Chaisteal Dhunbartoin gus a pearsa bhi tearuinte, ’s gun cogadh na saighdeara gus am faigheadh iad air a h-aiseag i gu cumhachd. Cha dfhuair an Tàinistear richéiles an ùine ghoirid ud ach ceithir mìle saighdear; ach rùnaich e leis an àireamh sin féin a dhol an coinneamh armailt na ban-righ. Mhàrsail ise air ceann a h-airm féin gu Dunbarton; bha baile dìreach air an t-slighe a dhfheumadh i gabhail an sin: agus dhfheumadh iad gabhail troimh chaol shràid a bha ruith tren bhaile sin. Mun àm an robh iad a tighinn a stigh don bhaile, bha a chuid daoine féin aig an Tàinisteir air an tarruingan òrdugh air cùl nan gàraidheans nan craobhan a bhas a choimhearsnachd, far am biodh iad fo dhion. O na h-ionadaìbh dionaidh sin loisg iad air armailt na ban-rìgh, ’s mharbh iad mòran diubh, ’s an déigh greiseag chòmhraig a chumail ri arm an Tàinisteir béigin doibh an cùl a thionndadh, ’us teicheadh. Chaidh mòran a mharbhadhs an ruaig. An uair a chunnaic abhan-righ thruagh a h-armailt air an sgapadh ri ceithir ghaothaibh nèimh, thionndaidh i ceann a h-eich gu deas, ’s cha do lasaich i féins an tearc a bha còmhladh ritheang gus an dràinig iad Abaid Dhundreanain air cladach Sholabhaigh, trì fichead mìlon àites an do chuireadh am blàr. Bha fios aice nach robh e sàbhailte dhi fuireach ni bfhaidean Alba, ’s rinn i air son a dhol thar muir gun dàil. Chomhairlich a luchd coimhideachd dhi dhol don Fhraing far am faigheadh i gabhail rithe gu caoimhneilna h-airc; ach bha Màiri ni bu sgìthe den Fhraing na bha fios acasan. Roghnuich si i féin a thilgeadh air caoimhneas ban-righ Ealasaid. Sheòl i null air a chaols thug i suas i féin don cheud oifigeach Shasunnach a thachair rithe. Chum Ealasaid i na priosunach naoi bliadhna deug.

titleCaibideil XXVIII
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page