[237] CAIB XXIX.
SEUMAS VI.
CO luath ’s a sheulaich Màiri na cumhachan a’ leigeadh dhith na rioghalachd, chaidh a mac a chrùnadh fo ainm Seumas VI. ann an eaglais Aird Shruileidh. Thug Iarla Mhàrr leis am phrionnsa ’na ghàirdeinibh, shearmonaich Iain Nocs. Chuireadh an crùn os ceann an leinibh; ghabh Iarla Mhortoin agus Morair Home na mionnan air a shon; bhean na tighearnan eile, agus an sin, na h-uaislean ris a chrùn mar chomharr air an co-aontachadh. ’N uair a bha so uile deanta, thugadh an leanabh air ais d’ a bhan-altrum. Chaidh Iarla Mhuraidh do ’n Fhraing goirid an déigh do Bhotuel a bhi ciontach de ’n mhort ud, a réir coslais, a’ meas nach biodh a bheatha féin téaruinte na ’n éireadh Botuel gu cumhachd. Bha e nis air pilltinn do Alba, agus air dreuchd na Tàinistearachd a ghabhail os làimh. Bha esan ’na dheadh charaid do aobhar an Ath-leasachaidh. Choinnich a’ Phàrlamaid goirid an déigh dha ’n Tàinistearachd fhaotainn, agus rinneadh laghan ’s a’ Phàrlamaid sin a bha gu maith fàbharrach do aobhar an Ath-leasachaidh. Anns an t-seisean so dhaingnicheadh gach lagh a bh’ air an deanamh o ’n bhliadhna 1560 air taobh nam Pròstanach ’s an aghaidh nam Pàpanach, ’s mar an ceudna nach bitheadh neach sam bith air a chrùnadh ’na rìgh Alba gun a mhionnan a thoirt gu’n cumadh e suas an creideamh Pròstanach; agus mar an ceudna nach bitheadh dreuchd fhollaiseach a bhuineadh do chùisibh na rioghachd, ach aig Pròstanach. Bha ’n Tàinistear gu cinnteach ’na athair altruim do ’n eaglais. Bha e ’na inneal ’an làimh freasdail a bha ro fheumail anns a bhi toirt cumhachd aimsireil na rioghachd gu co-aontachadh,
[238] an tomhas mòr ris na nithibh a bha ’
n eaglais ag iarraidh.
Ach bha mòran de àrd-
uaislean eile na rioghachd air tighinn gu bhi nis air taobh an Ath-
leasachaidh.
Dh’
fhàgadh a’
Phàtronachd fathast ’
an làmhaibh na muinntir aig an robh i roimhe so;
ach ’
s gann a bha ni sam bith eil’
a chunnaic an eaglais iomchuidh iarraidh air an uachdaranachd aimsireil,
nach d’
fhuair i.
Lean an t-
Ath-
leasachadh air soirbheachadh mar so gu buadhach ré thrì bliadhna,
ged a bha mòran aimhreit air feadh na tìr’,
eadar pàirtidh na ban-
rìgh, ’
s pàirtidh an rìgh.
Ged a bha ise ’
na priosunach ’
an Sasunn, ’
s nach b’
urrainn iadsan a toirt as,
gidheadh bha dream àraidh a’
gabhail orra bhi dìleas dhi,
agus leis an leth-
sgeul so a’
cur ’
an aghaidh an Tàinisteir.
Bhiodh an dà phàirtidh so a’
coinneachadh ’
s a marbhadh a chéile na ’
m ficheadaibh mar gu ’
m b’
ann ’
am blàr suidhichte.
Ach mar is mo a bha càirdean na ban-
rìgh,
a b’
iad da rìreadh càirdean a’
Phàp’
a’
deanamh ’
an aghaidh an Tàinisteir, ’
s ann a b’
fhearr a bha e air a dhaingneachadh mar àrd uachdaran na rioghachd.
Mu dheireadh, ’
n uair a thuig iad nach buadhaicheadh iad ’
na aghaidh air dhòigh chneasda no fhollaiseach sam bith,
chuir iad an comhairle ri chéil’
air son a bheatha thoirt deth le foill.
Fhuair iad inneal gun dol fad air a thòir a bha ullamh gus an gniomh fuilteach a ghabhail os làimh.
B’
e so Hamilton Bhotuel-
haugh.
Bha fios roimh làimh gu’
n robh an Tàinistear gu dhol troimh bhaile Linlithgo,
agus fhuair Hamilton a mach air an là sin féin ciod an t-
sràid a bha e gus a ghabhail.
Chaidh e stigh do aon de na tighean sin, ’
s shuidh e air cùl uinneig ann an seòmar uachdrach le ’
ghunn’
air a làn-
togail.
B’
éigin do ’
n Tàinistear a bhi marcachd gu mall a thaobh lionmhoireachd an t-
sluaigh leis an robh e air a dhòmhlachaidh.
Loisg Hamilton air ’
n uair thàinig e fa chomhair na h-
uinneig air chùl an robh e.
Chaidh am peileir tre chorp an Tàinisteir ’
s mharbh e ’
n t-
each a bh’
air an taobh eile dheth.
Chaochail an deadh Thàinistear,
mar theirteadh ris,
air an oidhche sin féin,
gu foighidneach,
giùlanta,
a’
toirt maitheanais d’
a naimhdibh.
Bha bràthair Hamiltoin a’
[239] feitheamh air cùl an tighe le each diollta.
Leum am mortair ’
na dhiollaid co luath ’
s a chinnich leis an t-
olc a chur ’
an gniomh, ’
s theich e gu dùthaich a luchd-
cinnidh,
far an robh e téaruinte.
Rinneadh caoidh mhòr feadh Alb’
uil’
air son Iarla Mhuraidh.
Ach bha ’
n fheadhainn bu ro fhuiltich ’
s bu naimhdeile de na Pàpanaich ro aoibhneach air son gu ’
n do chinnich an t-
olc ud le Hamilton,
agus bha gàir mhòr-
aoibhneis a measg nan cùirtean Pàpanach air tir-
mòr na Roinn-
Eòrp’
air son an call ud a thighinn air an Ath-
leasachadh ’
an Alba.
Bha iad a’
meas mar ni faisg air a bhi deanta,
gu’
n robh an t-
Ath-
leasachadh air a stampadh a mach ’
an Alba.
An sin cha robh dad ri dheanamh ach armailtean Frangach, ’
us Spàineach, ’
us Eadailteach,
a chur air tìr ’
an Alba,
gu briseadh a steach air taobh tuath Shasuinn, ’
s armailtean eil’
a chur air tìr ’
an ceann a deas na rioghachd sin a ghabhadh gu tuath,
gus an coinnicheadh iad mar sin a chéil’
an déigh na h-
uile ni a bha ’
s an tìr ’
an aghaidh a’
Pháp a bhàthadh gu h-
iomlan, ’
s nach biodh air an Ath-
leasachadh cuimhne gu bràth no luaidh.
Mar so bha iad ag àireamh,
ach bha mearachd fuathasach ’
s a chunntas ’
an déigh dhoibh sgur dheth.
2. Fhuair Iarla Lenocs, athair Mhorair Dàrnlaidh, an Tàinisteireachd, an déigh Iarla Mhuraidh. Chaidh esan a mhortadh mar an ceudn’ an ath bhliadhn’ an déigh sin. Bha fear Circaldi, uachdaran na Gràinnsich, ’na fhear-riaghlaidh air Caisteal Dhuneidin, a bha e cumail ’an aobhar na ban-rìgh agus ’an aghaidh an Tàinisteir, ’s an rìgh òig. Bha baile Dhuneidin ’an tomhas mòr fo mheachainn an fhir so. Bha oifigich a’ chaisteil a’ cleachdadh mòran ain-tighearnais air a’ bhaile. Cha ’n fhuilingeadh iad margadh a chumail ann. Cha leigeadh iad le neach sam bith biadh no connadh a reic ann. Dhìt iad gu bàs bean àraidh air son i dh’ oidhirpeachadh nithe a thug i steach o’n dùthaich a reic ’s a’ bhaile. Thug iad air a h-ais gu a baile féin i ’s chroch iad i. Chumadh càirdean na ban-rìgh Pàrlamaid an Duneidin mar a thogradh iad. Ach ’s ann an Sruileadh
[240] a bha càirdean an rìgh ’
s an Tàinisteir a’
coinneachadh.
Ghlac Lenocs Caisteal Dhunbartoin a bha gu sin ’
an làmhaibh pàirtidh na ban-
rìgh.
Bha Hamilton,
Ard-
easbuig Chill-
Rìmhinn,
bràthair màthar an fhir a mhort Iarla Mhuraidh,
air teicheadh do ’
n daingneach sin air son dìdein.
Shlaod iad esan gu Sruileadh,
dhìt,
agus chroch iad e,
air son an làmh a bh’
aig ’
am bàs Dhàrnlaidh ’
us Iarla Mhuraidh.
Ach goirid an déigh sin,
chuir Circaldi cuig ceud saighdear a steach do Shruileadh feadh na h-
oidhche, ’
s ràinig iad tigh an Tàinisteir gun neach a sheasamh rompa, ’
s rinn iad priosunach dheth.
Mu’
n do thàrr iad air tuilleadh a dheanamh,
bha freiceadain a’
chaisteil, ’
s muinntir a’
bhaile ga ’
n cuairteachadh;
mharbh iad an sin an Tàinistear ’
s thug iad an casan leò.
Chaidh Iarla Mharr a roghnuchadh an sin gu bhi ’na Thàinistear. Bha ’m Morair so cliùiteach air son a thréibhdhireis ’na latha. Ach tha cuid ag ràdh nach robh e co duineil ’s a dh’ fheumadh Tàinistear Alb’ a bhi ’s an àm charraideach ud. Shaoithrich e mar a b’ urrainn e ann a bhi ’g aiseag coimhreit’ eadar luchd na còmhstri ’s an rioghachd. Ach bha ro mhòran ’na ’aghaidh. Bhris na doirbheasan a bha ’coinneachadh ris a shlàinte, ’s bhàsaich e air a’ bhliadhna sin féin. B’ann air a’ bhliadhna so, 1572, an ceathramh là fichead de cheud mhios an fhoghair, a rinneadh an casgradh uamhasach ud air na Pròstanaich ’s an Fhraing, là Bhartolomeuis. Bha Nocs air teicheadh á Duneidin do Chill-Rìmhinn roimhe so; agus e air fàs gu maith fann le droch shlàinte. Dhìrich e ’chùbaid an t-sàbaìd an déigh an sgeula cràiteach a chluinntinn, ’s ged a bha e lag, thog e ’ghuth gu maith treun, ’s chuir e ’n céill breitheanasan an Tighearn’ ’an aghaidh nam mortairean ud, agus an teaghlaich rioghail leis an robh sud air a’ cheadachadh. Chaochail Nocs air a’ cheathramh là fichead de cheud mhios a’ gheamhraidh a’ bhliadhna sin féin. Air a’ cheart là air an do bhàsaich Iain Nocs, bha Iarla Mhortoin air a chur a stigh do dhreuchd na Tàinisteireachd. Cha robh e glé chàirdeach do Nocs ré a bheatha; ach ’na sheasamh air
[241] bruaich na h-
uaigh,
an déigh an corp a chur ’
na luidh’
imnte,
thuirt e, “
Ann an sin tha esan ’
na luidhe nach do ghabh eagal riamh roimh ghnùis duine.”
4. Cha robh Morton ri ’mholadh air son ni sam bith ach a thapachd ’s a sgiobaltachd ’an toirt gnothuich air aghart. Cha bu charaid do ’n eaglais idir e, ach ’s e ’s coslaiche gu’n do chuidich pàirtidh na h-eaglais ri ’fhaotainn do ’n dreuchd a chionn e bhi air taobh an rìgh òig, ’s an aghaidh na ban-rìgh, ’s nach robh e furasda neach eile fhaotainn, freagarrach air son na dreuchd aig an àm. Chaidh an cogadh sìobhalt’ eadar luchd rìgh, ’s luchd ban-rìgh air aghart ni b’ fhuiltiche na rinn e riamh. Bu Dùghlasach Morton, ’s theirteadh na cogaidhean Dùghlasach ris a’ chasgradh a bha dol air aghart eadar e féin ’s muinntir na ban-rìgh. Cha seamadh e ’n crochadh na ’m ficheadaibh ’s na ’n ceudaibh mar thuiteadh iad ’na làmhaibh, gun an toirt gu mòd no Siorraimh. Bha ’n taobh eile mar a b’ urrainn iad a’ toirt a steach tòrachd sin; agus le sin dh’ fheumadh gu ’n robh staid na dùthcha ro thruagh. Ach ’an ùine ghoirid fhuair Morton còmhnadh shaighdearan ’us ghunnaidhean mòra o Ealasaid Shasuinn, leis an do chuir e séisd ri Caisteal Dhuneidin. Rinn na h-inneala cumhachdach sin a leithid de bhearnan air clachaireachd làidir a chaisteil, ’s gu ’m b’ éigin do Chircaldi striochdadh. Chaidh e féin ’s a bhràthair a chrochadh, ’s ’n uair a chunnaic Lethington, a bha air bith ’na Rùn-chleireach aig a’ bhan-rìgh ’s a bha còmhladh ri a càirdibh ’s a’ chaisteal, nach d’ fhuair Circaldi tròcair, chuir se e féin gu bàs anns a’ chaisteal, mar tha cuid ag ràdh, le puinnsean.
5. Chaill taobh na ban-rìgh, mar so na bh’ aca de chumhachd ’s an rioghachd, ’s b’ éigin striochdadh do ’n taobh bu treise. ’N uair a fhuair Morton e féin air a dhaingneachadh ’an cumhachd mar so, gun neach comasach air cur ’na aghaidh, thòisich e air càrnadh suas airgid ’us saoibhreis gun sealltuinn co dhiù a b’ ann leis a’ chòir no leis an eucoir a bha e ’deanamh sin. Ach cha robh ni sam bith eile bu mhò a choisinn de mhi-chliu dha ’na ’n rian a ghabh e air maoin
[242] na h-
eaglais a ghlacadh dha féin. ’
N uair a chuireadh sios an creideamh Pàpanach aig an Ath-
leasachadh,
dh’
fhàgadh dà thrian am beòlaind aig na h-
easbuigibh ’
us ministeiribh eil’
a’
chreidimh sin,
fhad ’
s bu bheò iad.
Cha d’
fhuair an eaglais Ath-
leasaicht’
ach trian de mhaoin na h-
eaglais aig an àm sin.
Bha i gu bhi ’
faotainn na codach eile ’
n uair a bhiodh na h-
easbuigean Pàpanach air bàsachadh.
Ach bha sùil Mhorairean ’
us dhaoine mòr eile na rioghachd ’
an déigh a bhi leigeadh na bha ’
n sud de fhearann a dh’
ionnsuidh na h-
eaglais; ’
s ann a bha gach fear dhiubh a’
cleachdadh ìnnleachdan air son am fearann a bha dlùth air a chrìch a ghlacadh dha féin.
Feudar aon saimpleir comharraicht’
innseadh air an dòigh a bha cuid diubh a’
gabhail gu sin a dheanamh.
Chaidh daoin’
ainmeachadh leis a’
Phàrlamaid aig an Ath-
leasachadh ris an abrar Commendators,
ris an d’
earbadh fearann na h-
eaglais,
aig an robh cur a stigh an fhearainn ri ’
roinn air a’
mhuinntir d’
am buineadh e,
fhad ’
s bu bheò iad.
Dh’
fheumadh iad cunntas a thoirt as an stiùbhartachd air fearann Abaid no tigh Mhanach air bith. ’
S a’
bhliadhna 1570 thug Iarla Chasilis fiadhachadh càirdeil do Aba Chroisragueil, ’
an Siorrachd Ara,
tighinn ga amharc.
Thug an t-
Aba,
gu neo-
umhailleach,
ùmhlachd do ’
n fhiadhachadh so.
An uair a fhuair an t-
Iarla ’
na-
chumhachd féin e,
threòraich e le measgadh de cheilg’
s de ainneirt e gu tùr uaigneach a bha’
n crochadh a mach os ceann na mara.
Anns an tùr so bha seòmar folchuidh anns nach robh airneis air bith ach greideal no pràis-
obair iaruinn,
agus teine foipe leis an robh i air a cumail dearg theth. “
Mo Mhorair Aba,”
arsa Casilis, “
nach bi sibh co maith ’
s gu ’
n cuir sibh ’
ur làmh-
sgriobhaidh ris na paipeiribh so,” ’
s e spìonadh a mach as a phòcaid dòrlach phaipeirean air an robh samhladh no cruth gabhail fhearainn sgrìobhta,
a bha toirt fearainn na h-
Abaid ris an robh ceangal aige seachad do’
n Iarla ’
s d’
a theaghlach. “
Cha chuir mi gu dearbh,”
ars’
an t-
Aba, “
mo làmh ri leithid sin de phaipeiribh leis am biodh an eaglais air a spùineadh dheth a còraichean.”
Dh’
fhosgail an t-
Iarl’
an dorus, ’
s thàinig tearc de luchd
[243] frithealaidh a steach, ’
s rug iad air an Aba ’
s rùisg iad e, ’
s shìn iad air an iarunn theth e, ’
s thòisich iad a’
dòirteadh ol’
air mar air feòil no iasg a bhiodh ga ròisteadh.
Bha ’
n t-
Ab’
a’
glaodhaich co àrd ’
s a b’
urrainn e, ’
s e ’
tairgseadh a sporain do neach sam bith a ghrad mharbhadh e, ’
s nach biodh e ’
fulang nam piantan ud.
Thugadh air gealltuinn mu’
n tàinig e á sud gu’
n cuireadh e ’
làmh-
sgriobhaidh ri ni sam bith.
Thug Casilis an sin an ath tharruing air na h-
innealaibh, ’
s chuir an t-
Aba bochd,
le làimh leth ròist’ ’
ainm sios fo na cumhachan a bh’
aig an Iarl’
air an ullachadh roimh làimh.
Bha ’
n Abaid air a spùineadh.
Le rian garbh cnapach éigin mar so ghabh mòran eile sealbh air fearann na h-
eaglais.
Ach do bhrìgh gu’
n robh Morton ’
na Thàinistear cha fhreagradh dha dòigh co ainneartach is sud a ghabhail gus an eaglais a chreachadh.
B’
e ’
n dòigh a ghabh e feuchainn am faigheadh e aon de mhinisteirean na h-
eaglais féin a ghabhadh os làimh a bhi ’
na easbuig,
no na àrd-
easbuig ’
an àite nam Pàpanach a chuireadh sìos,
ach gu h-
aideachail ’
na fhear dreuchd ’
an eaglais Ath-
leasaichte na h-
Alba.
Bhiodh pàigheadh na h-
easbuigeachd an aon suim a bha i roimhe sud;
ach bhiodh a’
chuid bu mhò dheth sin aig Morton, ’
s bheireadh e tabhartas maith do’
n fhear eil’
air son ainm na dreuchd a bhi aige.
Shaoileadh neach nach faigheadh e ministeir air bith ’
s an eaglais Ath-
leasaicht’
a ghabhadh os làimh a leithid sin de thràillealachd;
ach fhuair e sin gun dol fad’
air a thòir.
6. An uair a chuireadh gu bàs Hamilton, Ard-easbuig Chill-Rìmhinn, dh’iarr agus fhuair Morton cead o ’n Phàrlamaid beòlaind na h-àrd-easbuigeachd ud a reiceadh. Cha leigeadh an lagh leis a bhi ’na Ard-easbuig e féin, ach bha e gu mòr ’an geall air a chur a stigh a chumail aige féin. Agus fhuair e Iain Dùghlas, a bha na fhear teagaisg ’an Oil-thigh Chill-Rìmhinn, air a chur a stigh do dhreuchd na h-Ard-easbuigeachd ud. Bha earrann an leòmhain gu bhi aige féin de’n phàigheadh, agus cuibhrionn chuimseach aig an Dùghlasach. Bha so mu’n d’fhuair Morton an Tàinisteireachd, ’s mu’n do bhàsaich Nocs; agus rinn e troimhe chéile mhòr ’s an eaglais
[244] aig an àm.
Ach lean cuid eil’
air droch eisimpleir an duine so an déigh sud.
Agus o nach robh aig an easbuig ach beagan ’
s an t-
ainm, ’
s gur h-
ann a bha tromlach a chur a stigh aig a’
Mhorair,
thug muinntir na dùthcha‘ ‘
na h-
easbuigean Tulchanach”
mar ainm air an leth luchd dreuchd ud.
B’
e ’
n Tulchan gu litireil craicionn laoigh air a lionadh le connlaich no ni eigin mar sin, ’
s air a chur ri taobh na bà leis a’
bhanaraich ’
an àm a bhi toirt a’
bhainn’
uaipe.
An uair a chitheadh a’
bhò sud shaoileadh i gur h-
e ’
n laogh a bh’
ann, ’
s bheireadh i’
m bainne gu pailt.
Bha na Morairean sanntach ud a’
faotainn rud maith bainn’
air sgàth nan easbuigean Tulchain.
B’
e Iain Dùghlas an ceud fhear de na Tulchanaich;
ach lean àireamh maith as a dhéighsan, ’
s tha gach troimhe chéile ’
s eas-
còrdadh a bha iad ag aobharachadh co mòr air an toinneamh a stigh ’
an eachdraidh na rioghachd ’
s nach comasach dhuinn faotainn troipe gun a bhi coinneachadh gu tric ris na Tulchanaich,
no na Tulchanaich a bhi coinneachadh ruinn.
7. Thug an t-ana-ceartas ’s am fòirneart a bha Morton a’ gnàthachadh anns gach dòigh ’s air gach duin’ a b’ urrainn e, gu saoibhreas a chàrnadh suas, air dream àraidh de na Morairean bu tapaidh ’s an tìr, an guaillean a chur ri chéil’ air son a thilgeadh a mach as a dhreuchd. Chinnich leò sin a dheanamh ’s an dòigh bu lugha cunnart sam bith dhoibh féin; b’e sin, impidh a chur air an rìgh òg gu uachdaranachd na tìr’ a’ ghabhail thuige féin. Cha robh Seumas ach dà bhliadhna dheug ’n uair a ghairm e Pàrlamaid cruinn ’na ainm fèin. Co luath ’s a thuig Morton gu ’m b’i toil an rìgh an t-srian fhaotainn ’na làimh féin, leig e gu h-umhail dheth an Tàinistearachd, nì a bha dùil aig mòran nach deanadh e. Agus o’n chunncas gu’n do leig e as a làimh a chumhachd gu’n dragh a chur air duine sam bith aig an àm, rinn a’ Phàrlamaid de chaoimhneas ris gu’n d’ aontaich iad uile ri Achd anns an robh làn mhaitheanas air a thoirt do’n Iarl’ air son nithibh mi-chubhaidh sam bith a bha ri ’n cur as a leth fhad ’s a bha e ’na Thàinistear. Ach ’n uair a fhuair se e féin saor o na h-uile cunnart ’an so, cha b’ fhada gus an
[245] deachaidh aig’
air a chumhachd a ghlacadh a rìs le luchd-
comhairl’
an rìgh a thilgeadh as an dreuchd agus e féin a ghabhail sealbh air pears’
an rìgh ’
s tòiseachadh air riaghladh mar bha e roimh’
ach ’
an ainm an rìgh.
Agus a réir na h-
uile coslais so an ni a bha ’
na mheadhon air a bheath’
a’
ghiorrachadh.
Thòisich an rìgh eadhon aig an aois òig so a’
gabhail tlachd ’
an luchd-
fàbhair iosal.
B’
iad an dithis ris an robh dlù-
chomunn aige mu’
n àm so Esme Stiùbhart,
mac bràthar Iarla Lenocs,
agus ’
oighre,
agus am fear eile Caiptin Seumas Stiùbhart de theaghlach Ochiltre. ’
N uair a b’
éigin do Mhorton tomhas àraidh de ’
shaorsainn a leigeadh leis an rìgh,
ghabh an Caiptin so an cothrom air a’
chasaid ’
am fianuis na Comhairle,
mar neach a bha ciontach de bhàs athar an rìgh.
Bha na h-
uile nithe eil’
air am maitheadh dha le Achd Pàrlamaid;
ach cha robh iomradh ’
s an Achd sin air an làimh a bh’
aige ’
s an droch ghniomh ud.
Mhol a chàirdean do ’
n Iarla teicheadh air falbh a nis le ’
bheatha, ’
s thairg iad,
os iosal,
na h-
uile cuideachadh dha air son sin a dheanamh.
Ach dhiult e teicheadh,
mar a bha e smuaineachadh gu’
n dionadh se e féin.
Goirid an déigh Morton a chur ’
am prìosun,
thog an rìgh Caiptin Stiùbhart gu bhi ’
na Iarl’
Arain. ’
N uair a chuala Morton sin,
thuig e nach robh dol as aige;
gu ’
n deanadh an rìgh ni sam bith a dh’
iarradh am fear-
fàbhair ud.
Fhuaradh breitheamhna ’
us fianuisean a chur air chois leis an robh Morton air a dhìteadh.
Dh’
aidich e roimh a bhàs gu’
n robh fios aige roimh làimh gu ’
n robh ’
am mort gu bhi air a dheanamh,
ach nach tug e gnùis idir dha ’
s nach do mhol se e,
agus gu ’
n robh e air innseadh do Dhàrnlaidh féin,
mur b’
e gu’
n robh e cinnteach gu’
n innseadh esan do’
n bhan-
rìgh e, ’
s gu’
n coisneadh sin am bàs dhàsan,
Ach cha robh Seumas agus ’
fhear-
comhairle fuilteach a’
dol ’
thoirt éisdeachd do ’
n dòigh dhionaidh so.
Chuir iad gu bàs e mu mheadhon an t-
samhraidh 1581 le inneal ris an abrar a’
Mhaighdean,
a bha e fein roimhe sud air thoirt á Sasunn gu eagal a chur air a mhuinntir a bhiodh eas-
umhal dha.
8. Fhuair an t-Iarl’ Araineach a nis cothrom dol air aghart mar
[246] a thogradh e.
Chumadh e pailteas miodail ris an righ, ’
s dheanadh an rìgh air a chomhairle ni sam bith a dh’
iarradh e.
Theireadh an t-
Iarla gu’
m bu leis an rìgh na h-
uile cumhachd spioradail co maith is tìmeil ’
s an rioghachd;
chreideadh an rìgh sin ’
s chuidicheadh e’
n t-
Iarla gus na h-
uile neach a chuireadh ’
na aghaidh a chumail fodha.
Bha Morton an déigh fear Adamson a chur a steach do Ard-
easbuigeachd Chill-
Rìmhinn an déigh an Dùghlasaich.
Bha ’
n t-
Araineach no a chàirdean a nis a’
faotainn a’
bhainn’
o’
n Tulchan so.
Bha Ard-
easbuig Ghlascho air bàsachadh,
agus thug a’
Chomhairle cur a stigh an àite sin do Dhiùc Lenocs,
comh-
fhear cluich’
eil’
an rìgh.
Fhuair Lenocs fear Montgomeri,
no Mac Gumerait,
a ghabh os làimh Tulchanachd Ghlascho.
Bha eaglais Ath-
leasaichte na rioghachd a nis air a buaireadh ’
s air a sàrachadh gu ro mhòr leis na Tulchanaich nach bu tearc de gach seòrs’,
eadar easbuigean ’
us eile.
Chuir Ard-
sheanadh na h-
eaglais, ’
s a’
bhliadhna 1582,
buidheann air leth air son a dhol air beulaobh an rìgh ’
s na Comhairl’,
a thagradh air son gu’
n tugtadh air falbh ainm ’
us àite nan easbuigean ’
s an eaglais.
Bha litir thagraidh air a sgrìobhadh anns an robh aobharan an gearain air an cur sìos.
Bha Aindrea Melbhil air ceann na buidhne ris an d’
earbadh an gnothuch.
An uair a fhuair iad’
an làthair an rìgh ’
s na Comhairle dh’
fheòraich an t-
Iarla,
air dha sealltuinn ris an litir, “
Co leis am bu dàn’
an ainmean a sgriobhadh ris na nithibh ceannairceach so.” “ ’
S dàna leinne,”
ars’
Aindreas a’
chridhe leomhanta;
agus a’
dol air aghart thun a’
bhùird,
rug e air peann á làimh cleireach na Comhairl’
agus sgriobh e sios ainm féin ris an litir.
Rinn na ministeirean eil’
air ball an ni ceudna.
Chuir duinealas Mhelbhil ’
s a chomh mhinisteirean ni-
eigin de athadh air an Araineach; ’
s ged a bha gu leòr a stigh,
cha tàinig diog as a bheul;
chum e air féin.
Labhair Lenocs gu ciùin,
foighidneach ris na daoinibh, ’
s fhuair iad an sin cead falbh á làthair na Comhairle gu sìochail.
9. Air a’ bhliadhna an déigh so ghlais buidheann bheag de na Morairean Seumas ’an Caisteal Rutbhein, anns an do chuir e seachad
[247] oidhche ’
an àm dha bhi air sgriob a’
sealg feadh Adhoill.
Bu le Iarla Ghouri an caisteal so.
Sgapadh droch luchd-
comhairl’
an righ uaithe.
Chaidh Lenocs do ’
n Fhraing far an d’
fhuair e bàs,
goirid an déigh sin, ’
s cha ’
n fhaigheadh an t-
Iarl’
Araineach cothrom a thighinn fagus d’
a mhaighstir.
Ach cha b’
fhaide na bliadhna chaidh ac air an rìgh a chumail ’
s a’
chuing so;
ghoid e air falbh uatha ’
s thug e Cill-
Rìmhinn air, ’
s chuir e fios air a sheana chàirdean tighinn da ionnsuidh an sin, ’
s thòisich nithe a’
ruith ’
s an t-
sean chlais.
Chuireadh impidh air an rìgh gealladh a thoirt nach deantadh peanas sam bith air na Morairibh a chuir ’
s a’
chuing ud e,
o’
n is ann air son a leas a rinn iad e.
Ach an déigh an gealladh sin a thoirt,
chuir e Iarla Ghouri gu bàs ’
n uair a fhuair se e féin làidir gu leòr air son sin.
Air a’
bhliadhna sin féin chuireadh gairm lagha gu Aindrea Melbhil air son e ga thaisbeanadh féin ’
an làthair na Comhairle gu freagradh air son briathra ceannairceach,
a bh’
air an aithris a’
labhair e’
n aghaidh luchd-
riaghlaidh na rioghachd.
Nochd Melbhil gu soilleir o’
n sgriobtuir gur h-
ann aig an eaglais a bha gnothuch ris air son briathran,
no ni mi-
chubhaidh sam bith eile de ’
m feudadh e bhi ciontach ’
an aoradh follaiseach an Tighearna.
Dhiùlt e an ùghdarras-
san aideachadh ’
s a’
ghnothuch.
Ach ghabh iad an dòigh féin air a dhìteadh.
Chuir iad ’
am priosun ’
an Caisteal Dhuneidin e ’
s chuireadh a chuid shaoghalt’
uile fo bhreith an rìgh.
Ach thuig Melbhil an déigh sin gu ’
n robh iad gus a chur do Chaisteal Bhlacnes,
a bhuineadh do ’
n Iarl’
Araineach.
Bha fios aige na ’
m faigheadh an duine sin fo a mheachainn e nach faigheadh e as le ’
bheatha;
agus ’
s e rinn e ’
n cothrom a ghabhail air teicheadh gu Beruic.
Fhuair e fàth air sin a dheanamh am feadh a bha’
n t-
Iarl’
a cur air dòigh nan trùpairean a bha gus a ghiùlain gu Blacnes. ’
N uair a fhuair an rìgh ’
s an t-
Iarl’
Araineach Melbhil as an rathad shaoil leò gu’
m biodh e furasda dhoibh an eaglais a thoirt gu aontachadh ri ’
n toil féin ’
s na h-
uile nithibh.
Lean iad an eisimpleir a chuir Morton rompa,
air son eaglais na h-
Alba ’
thoirt a’
chuid ’
s a’
chuid gu ùmhlachd do na h-
easbuigibh,
agus tre na h-
easbuigibh
[248] buigibh gu ùmhlachd dhoibh féin.
Bha Morton air còrdadh ri Ealasaid Shasuinn mu’
n ghnothuch so.
Bha ise ga mholadh dhasan, ’
s bha esan glé dheònach air a comhairle ’
s a h-
eisimpleir a leantuinn.
Bu nighean a h-
athar féin Ealasaid.
Their luchd-
eachdraidh nighean fhearail Eanruic rithe.
Bha h-
athair ’
s a seanair roimp’
an déigh uaislean ’
us cumantan Shasuinn a chur gu h-
iomlan fo smachd do ’
n ùghdarras féin.
Lean ise na ’
n cos-
cheumaibh-
san, ’
s na h-
uile nithibh a bhuineadh do riaghladh sìobhalta na rioghachd agus cha ’
n fhuilingeadh i e bhi air atharrachadh dòigh ’
an gnothuichibh na h-
eaglais.
Bha i gun teagamh ag aideachadh mòr fhuath do gach ni a bhuineadh do ’
n Phàpanachd,
agus ’
s an t-
seadh sin bha i feumail ’
na h-
àite do aobhar an Ath-
leasachaidh.
Ach cha ’
n fhaigheadh na h-
easbuigean cothrom an t-
atharrachadh bu lugh’
a dheanamh air co-
shuidheachadh na h-
eaglais ach a réir a focail-
se,
agus dh’
fheumadh iad,
olc air mhaith leò,
na h-
uile nithe a bhuineadh do riaghladh na h-
eaglais ann an teagasg, ’
s an oideas a chur ’
s an òrdugh an iarradh ise orra;
cha robh dol a null no nall uaithe sin.
Agus mar sin feudar eaglais Ealasaid a ràdh ri eaglais Shasuinn.
Mar a dh’
fhàg ise i,
tha i gus an là ’
n diugh air a riaghladh,
cha ’
n ann leis na h-
easbuigibh,
ach leis an rìgh no bhan-
rìgh,
d’
am feum na h-
easbuigean a bhi umhail.
[Ré còrr is ceud bliadhn’ an déigh an Ath-leasachaidh bha seirbhis coisrigidh nan easbuigean ’s nam ministeirean eil’ an aon ni. Chaidh seirbhis a’ choisgrigidh a mhùthadh leis na h easbuigibh ’s a’ bhliadhna 1662, an uair a thòisich Ard-eaglaiseachd ga nochdadh féin ’an Sasunn. ] So ma ta,
an dearbh chumadh gus an robh Seumas VI.
agus a dhroch comhairleach,
an t-
Iarl’
Araineach a nis ag oidhirpeachadh eaglais na h-
Alba a thoirt.
Se ’
n déidh mhòr a bh’
aig’
air an eaglais Albannaich a’
thoirt a dh’
ionnsuidh na h-
aon dàimh ris féin ’
s an robh an eaglais Shasuunach do Ealasaid a thug e gu bhi cleachdadh uiread de ain-
neirt anns a bhi fòirneadh easbuigean Tulchanach air an eaglais an aghaidh a toil, ’
s a bha e deanamh,
agus a lean a mhac, ’
us mac a mhic ’
na
[249] dhéigh air a bhi ’
deanamh.
Agus ’
s e ’
n dearbh chinnt a bh’
aig cinn-
iùil na h-
eaglais gur i sud an inntinn de’
n robh an rìgh,
aon de na h-
aobharan a thug orra cathachadh ’
na aghaidh mar a rinn iad gu còraichean na h-
eaglais a dhìonadh,
agus a co-
shuidheachadh a chumail air a’
bhonn sgriobtuireil air an robh e air a chur le aithrichibh an Ath-
leasachaidh.
10. Anns a’ Phàrlamaid a choinnich ’an toiseach an t-samhraidh, 1584, fhuair an t-Iarl’ Araineach na laghan mi-chliùiteach ud air an toirt air aghart, ris an abair luchd eachdraidh “Na Reachda Dubha.” Cha ruigear a leas an cur sìos focal air an fhocal, mar a chaidh iad troimh ’n Phàrlamaid. Ach ’s e bu chiall doibh, na’n cuireadh neach sam bith an aghaidh àrd-chumhachd an rìgh, no na h-àrd-chomhairl’ ann an nithibh spioradail no aimsireil, gu’m biodh e air a mheas mar a’ deanamh àr a mach ’an aghaidh an rìgh, ’s gu’n deantadh peanas air a réir sin; agus neach sam bith a a chuireadh an aghaidh a chumhachd cheudna bhi air a ghnàthachadh le trì stàitibh na Pàrlamaid, gu’m biodh e air a mheas ciontach air an dòigh cheudna, agus nach feudadh iochdarana na rioghachd a nis cruinneachadh ’an ceann a’ chéil’ ann an coinneimh sam bith, ach a mhàin na cùirtean lagha, gun chead agus àithne shonruicht’ an rìgh a bhi aca chum sin; ’s nach biodh e ceadaichte do neach sam bith, ’an uaigneas no’m follais, ’an searmoin, no ’n comhluadar eadar duin’ ’us duine, coire sam bith fhaotainn do ’n rìgh, no d’a Chomhairle, ge b’ e ni a dheanadh iad, fo eagal peanais a bhi air a dheanamh orra mar luchd ceannairc ’an aghaidh an rìgh. Bha “Na Reachda Dubha” air an daingneachadh leis a’ Phàrlamaid, ’s air an cur an céill gu follaiseach mar reachdaibh na rioghachd. Cha do thog a’ bheag sam bith de mhaithean na dùthcha guth an aghaidh nan laghan ain-tighearnail ud. Ach thuig ministeirean na h-eaglais gur h-ann ’n an aghaidh féin gu h-àraidh a bha iad air an tarruing, agus chuir iadsan ’n an aghaidh ’s na h-uile dòigh ’s an robh e ’n an comas. Ach ’s ann a bha cìocras ’us conachd an Arainich gus na h-uile cumhachd fhaotainn dha féin, a’ dian ghreasad an ama,
[250] ’
s ann an seadh ag ullachadh nan innealan,
a bha gus na h-
uil’
inbh’ ’
us urram saoghalt’
air an d’
ràinig e ’
spìonadh as a làmhaibh.
Mu dheireadh an fhogharaidh, ’
s a’
bhliadhna 1585,
phill na Morairean a bh’
air teicheadh do Shasunn air son an rìgh a chumail car tamuill ann an Caisteal Rutbhein,
dhachaidh do Alba.
Ruith an càirdean agus sluagh na dùthcha gu’
m brataich, ’
s ghabh iad air an aghaidh gu ruig Sruileadh,
far an robh a’
chùirt a’
fuireach aig an àm.
Cha ’
n fhaigheadh an rìgh no’
n t-
Araineach duin’
a dh’
éireadh leò.
B’
éigin do’
n rìgh aghaidh shuilbhir a chur air,
agus gabhail gu suilbhir riu.
Bha fios maith aig an Araineach ciod an laimhseachadh a gheibheadh e o na Morairibh,
na’
m faigheadh iad greim air,
agus ’
s e rinn e chasan a thoirt leis.
Chaidh an siosar mòr a ghabhail, ’
s tòiseachadh air rùsgadh a’
mhuiltein ud a dh’
ionnsuidh a’
chroicinn.
Cha robh cumhachd no saoibhreas,
no tiodal a fhuair e riamh nach do rùisgeadh dheth; ’
s cha robh e dad ach Seumas Stiùbhart mar fhear eile ’
s an t-
sreith.
Chaidh a mharbhadh beagan bhliadhnachan an déigh sin ’
an ceann a deas Alba,
le mac bràthar Iarla Mhortoin,
a bha esan ’
na mheadhon air a dhìteadh gu bàs.
Ghearr am fear so,
Sìr Seumas Dùghlas,
a cheann deth, ’
s chroch se e air roinn sleagh’
air barra-
bhalla a’
chaisteil aige féin, ’
s dh’
fhàgadh a’
chorp àireamh làithean a’
lobhadh air uachdar an talmhainn.
Thuit “
Na Reachda Dubha” ’
n uair a thuit an t-
Araineach.
11. Air an ochdamh là de cheud mhìos an earraich, 1587, chuireadh an ceann de Mhàiri Stiùbhart, ban-righ Alba, le òrdugh Ealasaid Shasuinn. B’ i so an naoidheamh bliadhna deug de ’braighdeanas. Tha mòran a’ faotainn coire do bhan-righ Shasuinn air son an ana-ceartais a nochd i d’a ban-charaid, Màiri Stiùbhart. Agus gun teagamh bha ana-ceartas anns a’ ghnothuch; ach an uair a sheallar ri nithibh o thoiseach gu deireadh, chithear gu’m bu ni ro chunnartach am boirionnach fuilteach, dìoghaltach, ud a leigeadh sgaoilt’ air slòigh ’us rioghachdaibh; gu h àraidh ’s na h-amannaibh carraideach ud, anns an robh daoine co ullamh gu fuil an comh-chreutairean a dhòirteadh ann an dìonadh nan dòighean,
[251] ’
s nam beachdan ris an abradh iad féin an Creideamh.
Leig Seumas VI.
air a bhi ro dhiombach an uair a chual e gun do chuireadh a mhàthair gu bàs;
ach bha Ealasaid,
tre ’
n toscair a bh’
aic’
aig cùirt Alba,
air fàs glé eòlach air cliù ’
us nàdur Sheumais, ’
s bha i deanamh a mach nach biodh ro mhòran de chur leis aige ged a ghabhadh e fearg.
Bha comh-
chòrdadh air bith eatorra roimhe sud mu thimchioll a bhi cumail a mhàthair ann an cuing.
Bha Ealasaid ga dheanamh cinnteach gu’
n cuireadh a mhàthair dheth ’
n chaithir e,
na’
m faigheadh i cead a coise, ’
s bha Seumas a’
creidsinn gu’
n deanadh i h-
uile dad deth, ’
s bha e mar sin riaraichte gu leòir le bhi ga fhàgail féin air an stiùir.
Agus a nis ’
n uair a chuir an gnothuch car eile dheth,
bha Seumas a’
faicinn nach b’
urrainn e dad a dheanamh ’
an rathad dioghaltais air Ealasaid air son bàis a mhàthar,
mur briseadh e steach le armailt air ceann a tuath Shasuinn,
a chreachadh ’
s a losgadh na b’
urrainn e de ’
n dùthaich.
Ach bha iomadh ni a’
toirmeasg dha a leithid sin a dheanamh.
B’
e ni bu chudthromaiche dhiubh sin,
gu’
n robh e ga mheas féin mar oighre dligheach crùin Shasuinn.
Gun teagamh b’
i ’
mhàthair an ath oighr’
air Sasunn ’
an déigh Ealasaid, ’
s mar a bha còraichean a mhàthar ’
s na h-
uile seadh a nis air am fàgail dha féin, ’
s crùn Shasuinn mar an aon bu mhò dhiubh sin,
bha e ga mheas mar ni cunnartach car sam bith a chur dheth leis am feudadh e diomb nau Sasunnach a tharruing air féin. ’
S mar so thraogh fearg an rìgh a chuid ’
s a chuid, ’
s thàinig e gu bhi co réidh ri cùirt Shasuinn ’
s ged nach robh eas-
còrdadh air bith eatorra riamh.
12. Ged a bha Seumas a’ deanamh uiread de fhòirneirt ’s de sharachadh air an eaglais leis na h-easbuigibh ’s an caochladh dhòighibh eile, cha ’n eil teagamh nach robh dearbh chinnt aige gu ’m b’iad luchd-teagaisg na h-eaglais, càirdean a b’fhearr a bh’ aige ’s an tìr. Mun d’ fhalbh e Lochluinn a deas a phòsadh na ban-phrionns’ Anna, nighean rìgh na dùthcha sin, dh’ ainmich e buidheann àraidh luchd-comhairl’ air am biodh cùram na rioghachd gus an tigeadh e air ais. Bha Mr Raibeart Brus, fear de mhinisteirean
[252] Dhuneidin ’na aon de ’
n bhuidhinn so.
Rinneadh am pòsadh am baile mòr Upsal,
air a’
cheathramh là fìchead de cheud mhios a’
gheamhraidh 1589.
Bha Seumas sea miosan air falbh;
agus bha sìth ’
us fois neo-
àbhaisteach air feadh na rìoghachd ré na h-
ùine sin.
Bha còmh-
sgriobhadh daonann a’
dol air aghart eadar an rìgh ’
s a’
bhuidheann ris an d’
earb e riaghladh na rioghachd. ’
An aon de na litrichean a sgriobh e gu Mr Brus,
tha e ag radh, “
Is fiach thu dhòmhsa ceithreamh earrann na rioghachd.” ’
N uair a phill an rìgh air ais mu thoiseach an t-
samhraidh,
thug e taing gu follaiseach do’
n eaglais air son a dìlseachd.
Agus anns an Ard-
Sheanadh a choinnich mu thoiseach an fhoghair an déigh sin,
rinn e ’
n òraid ainmeil so a leanas ’
an rathad molaidh air an eaglais. “
Tha mi toirt buidheachais do Dhia gu ’
n do rugadh mi aig a leithid de àm, ’
an làn sholus an t-
soisgeil,
agus ann a leithid de àite, ’
s a bhi na ’
m rìgh ann a’
leithid de eaglais,
an eaglais is treibhdhirich air thalamh.
Tha eaglais Ghenébha a’
coimhead na càisge, ’
s na Nollag,
ach cha ’
n eil àithne sam bith air son sin a’
dheanamh,
agus air son ar ban-
choimhearsnaich,
eaglais Shasuinn,
cha ’
n ’
eil ’
na h-
aoradh ach an Aifrinn Phàpanach, ’
an droch Bheurla;
cha ’
n eil uaithe de ’
n Aifrinn ach a mhàin a togail suas.
Tha mi ag àithneadh dhuibh mo dheadh shluagh,
mo dheadh mhinisteirean,
mo dheadh luchd-
teagaisg,
mo dheadh sheanairean,
mo dheadh uaislean uile,
bithibh seasmhach ri gloinead ’
ur n-
eaglais;
agus air mo shonsa,
co fad ’
s a mhealas mi mo bheatha ’
s mo chrùn dionaidh mi i o gach nàmhaid.”
Thaitinn so gu maith ri uile bhuill an Ard-
sheanaidh a bha làthair.
Bha iad mar gu ’
m biodh iad ’
an dùil gu’
n robh atharrachadh maith air tighinn air.
Bha fios aca ciod a’
ghnè duin’
a bh’
ann roimh’
sin.
Tha luchd-
eachdraidh a labhairt air mar neach air an robh easbhuidh mhòr gu modhannail,
nach robh ceud-
faidh an fhàilidh aige;
nach b’
aithne dha ’
n dealachadh eadar maith ’
us olc,
firinn ’
us breug, ’
an déiligeadh ri chuid iochdaranaibh,
nach robh aig air,
na ’
m faigheadh e ponc sam bith troimhe,
co dhiubh a b’
ann leis a’
bhréig no leis an fhirinn a fhuair
[253] e troimhe i.
Theireadh e rìgh-
chleas ris an t-
seòltachd chealgach ud.
Bha mòr uaill air air son a rìgh-
chleas.
Bha deadh fhios aig ministeiribh na h-
eaglais gur h-
ann mar sud a bha;
agus ma smuainich iad a nis gu ’
n tàinig e gu staid inntinn bu sheasmhaich’
air taobh na fìrinn cha b’
fhada gus am b’
éigin doibh tighinn gu atharrachadh beachd.
13. Tha bhliadhna 1592 comharraicht’ ’an eachdraidh na rioghachd mar an t àm ’s an d’ fhuair an eaglais tomhas do réiteachadh air a dheanamh air aobharaibh na còmhstrì eadar i féin ’s an uachdaranachd aimsireil. ’N uair a choinnich an t-Ard-Sheanadh ’an Duneidin toiseach an t-samhraidh, tharruiug iad riaghailtean àraidh a dh’iarr iad a bhi air an daingneachadh leis an rìgh ’s leis a’ Phàrlamaid. Shuidh a’ Phàrlamaid mu leth an t-samhraidh, ’s thugadh fainear riaghailtean na h-eaglais, agus chaidh Reachdan a dhaingneachadh a bha gu maith fàbharrach dhi, a réir an ama. Tha comas air a thoirt ’s na reachdaibh so do Ard-Sheanadh, do Sheanaidhibh, ’s do Chléiribh, suidhe ’s an ùghdarras féin a ghnàthachadh gu saor ’an ’cùisibh na h-eaglais; agus gu ’n robh an t-saorsainn so gu leantuinn dhi ’s na h-uile linn ri teachd. Dhaingnicheadh mar an ceudna iomadh de phriomh riaghailtibh Leabhair an Oideis a thaobh ùghdarrais chùirtean na h-eaglais. Tha cead air a thoirt gu’n coinnicheadh an t-Ard-Sheanadh uair ’sa’ bhliadhna, no ni bu trice na ’m biodh aobhar air son sin; agus gu ’m biodh àm na h-ath-choinneimh air ainmeachadh leis an rìgh, no le ’fhear-ionaid; agus ’n uair nach biodh fear de ’n dithis a làthair gu ’n comharraicheadh an t-Ard-Sheanadh féin an t-àm, agus mar an ceudna nach robh àrd-uachdaranachd an rìgh gu tighinn eadar luchd dreuchd na h-eaglais agus am breith féin ’s an ùghdarras a chleachdadh anns gach ni a bhuineadh do phoncaibh ’s do theagasgaibh na diadhachd; mu ana-creidimh, iom-sgaradh, agus ministeirean a chur a stigh ’na ’n dreuchd, agus an cur a mach; no mu chronuchadh sam bith a réir riaghailt focail Dé. Chuir Reachdan na Pàrlamaid so, mar an ceudna, ’an neo-bhrìgh an
[254] t-
ùghdarras a thug an rìgh do na h-
Easbuigibh ’
s do bhreitheamhnaibh aimsireil ’
an nithibh spioradail,
cha robh dad de sin gu bhi aca tuilleadh.
Aig an àm cheudna,
dh’
fhàg an t-
Achd so a’
Phàtronachd na h-
eire thruim air an eaglais mar bha i roimhe.
Bha ’
n litir a bheireadh Pàtron do mhinisteir,
ga ainmeachadh gu coimhthional sam bith,
air a cur ’
s a’
cheud àit’
air beulaobh na Cléire,
agus aig a’
Chléir a mhàin bha comas an duine ’
shuidheachadh ’
s an dreuchd a réir mar a gheibhteadh iomchuidh air a son e;
agus na ’
n diultadh Cléir sam bith fear a fhuair litir Phàtronachd,
agus a bha iomchuidh air son na dreuchd a chur a stigh,
dh’
fheudadh am Pàtron tighinn ’
s an eadraigin agus beòlaind na sgìreachd a chumail aige féin.
Ghabh an eaglais na nithe so aig an àm,
ged a bha mòran ’
s na reachdaibh na h-
aghaidh,
gu h-
àraidh a’
Phàtronachd le sùil gu ’
m faigheadh i àm a b’
fhàbharraich’
air saors’
iarraidh o’
n chuing sin.
Ach ’
an àite nithe a dhol ni b’
fhearr o’
n taobh a mach ’
s ann a thòisich iad, ’
an ùine ghoirid,
a’
dol ni bu mheasa.
Bha ’
n rìgh,
uair ’
us uair an déigh sud a’
gabhail a’
chothram air bacadh a chur air coinneimh an Ard-
Sheanaidh a chionn nach robh e fèin no ’
fhear-
ionaid air an là ainmeachadh.
14. Air an dearbh bhliadhna so féin thachair troimhe chéile mòr ’s an rioghachd, air lorg comh-fhoill a fhuaradh a mach am measg nam Pàpanach. Fhuaradh litrichean air siubhal fir d’ am b’ ainm Seòras Càrr, brathair Mhorair Neubatle, agus e gu dhol air thurus do’n Spàinn. Anns na litrichibh sin bha ainmean shagartan ’us Mhorairean Pàpanach a bha gealltuinn na b’ urrainn iad a dheanamh gus an creideamh Pròstanach a chur sìos ’an Alba, na’m faigheadh iad còmhnadh sluaigh o rìgh na Spàinne. Bha ’m prionnsa sin an déigh àireamh mòr sluaigh a ghealltuinn doibh air chumhachaibh àraidh. Ach an uair a chuireadh an gnothuch mar so, fa sgaoil, ’s a leigeadh a’ ghaoth as na seòlaibh, mar gu’m b’ eadh, bha e air a dheanamh soilleir nach robh an rìgh féin ach meagh-bhlàth ’an aobhar a’ chreidimh a bha e ’g aideachadh. Dhùisg am meagh-bhlàths so mòran eas-còrdaidh
[255] eadar an eaglais agus e féin.
Thug an ni ceudna lethsgeul do bhuidhinn àraidh,
a measg an robh Iarla Bhotueil ro chomharraicht’,
éiridh suas ’
an ceannairc ’
an aghaidh an rìgh,
agus iomadh ionnsuidh a thoirt air prìosunach a dheanamh dheth agus riaghladh na rioghachd a ghlacadh dhoibh féin.
Agus a réir na h-
uile coslais ’
s ann leis an dearbh aobhar ud a bha Iarla Ghouri agus a bhràthair air am misneachadh gus an ainneart ud a thaisbeanadh do phears’
an rìgh ’
s a’
bhliadhna 1600,
ris an abair luchd eachdraidh,
Comhfheall Ghouri.
Thilg Alastair Rutbhen,
bràthair an Iarla,
e féin an rathad an rìgh,
a bha sealg ann am frìdh Falcland.
Dh’
innis e seanachas breugach dha leis an do tharruing e ’
n rìgh féin agus tearc de ’
luchd leanmhuinn,
gu Caisteal a bhràthar ’
am baile Pheirt.
Leis na breugaibh ceudna fhuair e air a dhealachadh e o na Morairibh a bha còmhladh ris,
agus air a threòrachadh gu seòmar cumhang ’
am mullach a’
Chaisteil,
anns an robh duine fo làn armachd ’
na sheasamh a’
feitheamh riu.
Rinn e prìosunach dheth ’
n rìgh an sud.
Ach cha robh ’
n rìgh deònach air strìochdadh.
Lean e air gleachd ri Rutbhen gus an do tharruing se e thun na h-
uinneig, ’
s ghlaodh e mach, “
Feall!
cuideachadh!”
Thachair gu ’
n robh a luchd coimheadachd a muigh;
leum iad a steach,
agus suas troimh gach seòmar ’
us staidhir,
gus an do ràinig iad an t-
àit an robh an ùpraid.
Ghrad mharbh iad Alastair Rutbhen, ’
s a’
pilltinn air an ais,
choinnich an t-
Iarla féin iad le claidheamh rùisgte anns gach làimh agus seachdnar luchd-
frithealaidh còmhladh ris.
Chaidh an t-
Iarla mharbhadh ’
an toiseach a’
chòmhraig, ’
s thug a sheirbhisich an sin an casan leò; ’
s fhuaradh Seumas air falbh as gach gàbhadh;
ach rinneadh beagan leònaidh air fear de ’
luchd-
coimhideachd.
Bha gun teagamh fuath aig an dithis bhràithrean mi-
fhortanach ud do’
n rìgh air son an athair a bhi air a chur gu bàs,
mar dh’
ainmicheadh roimhe so air son ceannairc;
ach cha ghabhadh iad orra smuaineachadh air a leithid sud de ghnothuch cunnartach mur biodh iad a tuigsinn gu soilleir gu’
n robh mòran eas-
còrdaidh ’
us
[256] an-
amharuis air éiridh eadar an rìgh agus a chuid iochdaranaibh do gach inbhe;
oir fhuaradh a mach an déigh làimh gu’
n robh Gouri ’
an co-
bhoinn ri buidhinn eil’
aig an robh ’
n an amharc an rìgh fhaotainn air bòrd soithich a bha ’
feitheamh air,
gus a ghiùlan gu Caisteal Glaiste,
daingneach làidir air oirthir a ’
s ear Fiofa,
far an robh iad a’
deanamh air son iad féin a dhionadh gus am faigheadh iad còmhnadh á Sasunn,
agus aig an àm cheudna gu ’
m biodh iad a’
riaghladh na dùthcha mar a thogradh iad féin,
ach ’
an ainm an rìgh.