[14]

CAIB. III.

TIGHINN AN T-SOISGEIL.

Co luaths a thuig na Caledònaich, no Coilltich Alba, gun dfhalbh na Ròmhanaich, dhfhàs iad ni bu ro dhàine na bha iad roimhe gus an coimhearsnaichan ceann a deas an eilein a chreachadhs acheannsachadh. ’S mar a bha iad sud co fada fo chìs aig na Ròmhanaich a bha deanamh obair na saighdearachd uile, bha iad an déigh cleachdaidhean cogaidh a leigeadh dhiubh, ’s cha burrainn iad seasamh ri cumhachdus cruadal nan Tuathach. Agus o nach robh iad idir air son géilleadh dhoibh, ’s e rinn iad fios a chur air àireamh mòr shaighdearan as a Ghearmailt, dam bainm Anglo-Sacsonaich, a bha ainmeil air son an treubhantaisan cogadh. Thàinig na h-eilthirich ud a nallnam buidhnibh lìonmhor, agus le còmhnadh na muinntir sin chaidh aig na Breatunnaich air na tuathaich a ruagadh air ais do an dìdeanaibh beanntachail féin. Ach cha bfhada gus an do ghabh iad aithreachas as an earbsachuir iads na coigrich ud. ’N uair a chunnaic na Sacsonaich gun robhn tìr taitneach don t-sùil, ’us maith a chum bìdh, ’sann a dhfheumadh iad an cuid féin a dheanamh dhi. Thòisich an luchd-dùthcha air brùchdadh a nall gan cuideachadh, ’s an ùine nach robh fada chaidh acair seann luchd-àiteachaidh na tìrasguabadh a null don oisein ris an abrar Ueilse, agus Còrnbhal, far an deachaidh acair iad féin a dhionadh ùinonaimhdibh, ’s an robh iad agnàthachadh an seann chainnt fein agus an seann laghanana. Ach fadheòidh chaidh an ceannsachadhs an cur ri rioghachd Shasuinn. Co dhiù than sliochds achuid ud den tìr gus an lan diugh, alabhairt seann chainnt


[15] Bhreatuinn. ’N uair a ghabh na coigrich ud sealbh air a chuid bu mhòs abfhearr den tìr rinn iad, còmhladh ris gach caochladh eile, atharrachadh ainm a thoirt oirre. ’N an cànain féin theirteadh Angeli-land, no Angli-land rithe, air a ghiorrachadhs air a chaochladh a nis gu England. Achs e thug seann luchd-àiteachaidh na tìre, araon na Ueilsich, ’s na tuath Bhreatunnaich air na coigrich ud, Sasgonnaich, agus Sasgoinn ris an duthaich, ’se sin air a ghiorrachadhs air a mhìneachadh, Sasunnaich agus Sasunn, mar a their na Ueilsich, ’s na Gàeil, ’s na h-Eireannaich gus an lan diùgh.

2. Fhads a bha ceann a deas Bhreatuinn, no mar a theirear ris a nis, Sasunn, ’na mòr-roinn Ròmhanach, bha imealtuinn na h-uile còirus sochair a bhuineadh do gach earrann eile den Impireachd mhòir, fharsuing sin. Bha cothrom aca dhol gu sàbhailt o aon mhòr-roinn gu aon eile, ’s co trics a thogradh iad don Ròimh féin, àrd-bhaile na h-Impireachd, ’s chaneil teagamh nach robh sona mheadhon, ’am freasdal an Tighearn air an t-soisgeul a sgaoileadh feadh na Roinn-Eòrpa, ni bu luaithe na dheanadh e air sheòl eile. Lean an tighearnas Ròmhanach air cur an aghaidh achreidimh Chriosduidh, ùine fhadaan déigh nan Abstol; agus bha mar sin laghanna cruaidh air an deanamhan aghaidh nan Criosduidhean, gu h-àraidh nam biodh iad acraobhsgaoileadh achreidimh. Ach mar bu trice bha iad saor o gheurleanmhuinn, mur tigeadh neach air bith gu bhina fhear-casaid, ni a thàinig gu bhi mi-mheasail a measg nam Pàganach féin. Bha mar so teachdairean an t-soisgeil asiubhal o dhùthaich gu dùthaich, leis an robh eòlas air a mheudachadh. Tha luchd-eachdraidh afaighinn lorg an t-soisgeil gu soilleiran Sasunn mun bhliadhna A.D. 209. Bha eaglaiseanan lìonmhoireachd feadh Shasuinn o sud a mach tuilleadh. Bha àrd-sheanadh, no comhairleaglaiseach air a cumailam bailàraidh air tir-mòr na Roinn-Eòrpas an ath linn, ’s bha teachdairean o na h-eaglaisibh Sasunnach a làthair aig an t-seanadh. Ach cha dfhuair an soisgeul fonn


[16]an Alba gu follaiseach co buileach tràth is sin. Chan e mhàin gun robh an creideamh Druidheachna aghaidhan sin; ach bhan sluagh cumanta, ’s gu h-àraidh na cinn-fheadhnas na h-uile àita tuath air abhalla rinn na Ròmhanaich aig achrich Shasunnaich, co an-amharusach mu ni sam bith a thigeadh o dheas, ’s nach èisdeadh iad ris, eagal gur lìon a bhiodh ann air son an ribeadhs an glacadh. Be òganach a mhuinntir ceann a tuath Shasuinn an ceud neach air a bheil dearbh-chinnta shearmonaich an soisgeul gu follaiseachan Alba. Ninian a bainm dha, mac aoin de chinn-feadhna na dùthcha ud. Thachair dha bhis an Ròimh; ’s co-dhiùs ann an sin no aig abhailefhuair e eòlas air an t-soisgeul, chan urrainnear a ràdh. Fhuair Easbuig na Ròimh’, nach robh fathast air fàsna Phàpa, mach gun robh eòlas maith aig air an fhìrinn, ’s choisrig e air son na ministrealachd e, ’s chuir e nall e a shearmonachadh do na h-Albannaich. Thog an teachdaire so eaglais bheagam bailàraidh ann an Galabhaigh, ’am fior cheann a deas Alba. Bi sin acheud eaglais a thogadh air fonn Alba. Thàinig teachdair eile dam bainm Paladius as an Ròimh do Eirinn, ’s á sin do Alba, mun cuairt don aon àm ri Naomh Ninian. Bha iad le chéilasearmonachadh air leth, ’an ceann a deas na rioghachd. Ach chaneil mòr iomradh air an tomhas de shoirbheachadh air an dràinig iad. Bha so mu cheud gu leth bliadhnaan déigh an deadh sgeul freumh a ghabhail ann an Sasunn. Chan fheud teagamh a bhi nach robh an soisgeulan Albas an Eirinn roimhe sud, ach gu h-uaigneach, air son an aobhair a dhainmicheadh. Be Constantin Mòr an ceud Impire Ròmhanach a thàinig gu bhina Chriosduidh, agus a thug do na Criosduidhibh làn shaorsabhi air an riaghladh a réir laghChriosd. Thàinig esan a dhionnsuidh na righ-chaithreachs abhliadhna 310. Bha sin còrrus 100 bliadhna mun dfhàg na Ròmhanaich Sasunn gu h-iomlan. Agus mar a bha làn shaorsainn on taobh a mach aig an eaglais nan ceud bliadhnud, tha aobhar a bhicreidsinn gun drinn an eaglais leudachadh
[17] maiths an dùthaich. Ach an uair a thàinig na Sacsonaich, a bhan am Pàganaich, gu làmh an uachdar fhaotainn, cha robh àitidir aig achreideamhs an tìr, achan Còrnbhals ann an Ueils, far an robh seann luchd-àiteachaidh na tìre air an ruagadh. Ach an àite sin a mhàins e glé bheag de chraobh-sgaoileadh a rinn an soisgeul air feadh Alba no Shasuinn, gus mun cuairt do 150 bliadhnan déigh Niniainus Phaladiuis an dthàinig soisgeulaiche cliùiteach eile gu taobhs iar Alba, dam bainm Callum-Cille, air an toir sinn iomradhan déigh so.

titleCaibideil III
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page