CAIB. XXX.
SEUMAS VI. AGUS I.
BHA ban-righ Ealasaid Shasuinn a nis air tighinn air aghart gu maith ’am bliadhnachaibh. Ged nach b’ urrainnear a ràdh, gu ’m bu bhoirionnach maith i mar bhoirionnach, gidheadh bu deadh bhan-riaghlair i; agus rinn Sasunn mòran soirbheachaidh fhad ’sa bha ise air a’ chaithir, ann an saoibhreas agus ann an cumhachd. Ach ged a bha i ’na ban-righ air an rioghachd mhòir, chumhachdaich so, cha do chum an àrd inbhe sin i o iomadh trioblaid agus deuchainn, a thàinig mu dheireadh gu luidhe trom air a spiorad. Bu bhoirionnach ro ghleusta, seòlta, daingean i, ’an tùs agus am meadhon a latha; ach mar a b’fhaisg a bha i tighinn air a crìch dheireannaich ’s ann a b’ amaidiche bha i ’fàs. Agus thugadh fainear gu’n robh so am measg nan nithe amaideach eil’ a bha timchioll oirre, nach fuilingeadh i uair air bith a chuimhneachadh dhi gu’n robh a crìoch gu thighinn, agus gu’m b’ iomchuidh fios a bhi aig a luchd comhairle co bha gus a
2. Bhàsaich ban-righ Ealasaid air a’ cheathramh là fichead de mhìos meadhonach an earraich, 1603, ’s an dà fhicheadamh ’s a cùig de ’rioghachadh. Bha piuthar aig Sìr Raibeart Cari ’an teaghlach na ban-righ a dh’innis dha mhionaid air an do bhàsaich i, a bha mu thrì uairean ’s a’ mhaduinn Dior-daoin. Cha bu luaith’ a chuala Cari gu ’n do bhàsaich i na bha e ’na dhiollaid, agus air falbh do Alba. Ràinig e lùchairt Holirud ’an Duneidin, mu mheadhon oidhche Di-Sathuirn’ ’an déigh do’n teaghlach rioghail gabhail mu thàmh, ’s chaidh e air a ghlùinibh aig taobh leabaidh an rìgh, a dh’innseadh dha gu’n robh e nis ’na rìgh air Sasunn. Cha robh iomradh air telegram ’s na h-amaibh ud, no air rathad iarruinn, ’s mheasadh an turus ud anabarrach cabhagach aig an àm. Trì làithean an déigh so chaidh Seumas éigheach aig Crois Dhuneidin ’na rìgh air Sasunn, Alb’, agus Eirinn. Air an ath Shàbaid dh’éisd e searmoin ’an eaglais Aird Dhuneidin. An déigh an t-searmoin rinn e òraid do’n choimhthional, ag innseadh dhòibh co neo-chaochlaideach ’s a bhitheadh a ghràdh do thìr a dhùchais, ’s gu’m biodh e ’tighinn a shealltuinn orra uair ’s na trì bliadhn’, air a’ chuid bu lugha, a dh’fhaicinn gu’n robh ceartas ga chumail ri chuid iochdaranaibh, ’s gu’m biodh an sin cead aig an neach a b’ ìsle ’s an rioghachd an gearan a dheanamh ris. Là no dhà an déigh so ghabh e ’thurus do Lunuinn. Ghabh na Sasunnaich ris gu cridheil. Ghabh na h-easbuigean ris mar cheann na h-eaglais; agus bha dùil aig dream eil’ a bha ceangailte ais an eaglais, ris an abrar na Puritanaich, a bha faisg air a bhi de ’n aon bheachd ris na Cléirich ’an Alba, gu’m biodh e ni b’ fhàbharraiche dhoibh féin na bha Ealasaid; ach ’s ann a chuir e gu mòr an
3. ’N uair a fhuair Seumas an togail mhòr ud o bhi ’na rìgh air aon rioghachd bhig gu bhi ’na rìgh air trì rioghachdaibh, mheas e gu ’m biodh e ni b’ fhusadh dha ’n eaglais Albannach a thoirt a dh’ ionnsuidh a chumaidh a thogradh e féin, ’s a bha riamh ’s an amharc aige, b’e sin a’ toirt gu bhi na h-eaglais easbuigich, air am biodh e féin ’na cheann. Bha e air dol co fad ’s a b’ urrainn e ’n so mu ’n d’ fhàg e Alba le measgachadh de chuilbheartachd, ’s de ain-tighearnas air nach b’ urrainn sinn a bhi ’labhairt fa leth, agus a bha ’dearbhadh gu ’n robh e co suarrach, ’s neo-sheasmhach ri ’ghealladh ris an neach bu ro shuarraiche de ’n mhuinntir o’n tàinig e. B’e ’n dòigh air an do thòisich e ri ’sheòltachd a’ chur ’an gniomh, cead no fiadhachadh a’ thoirt do ’n eaglais cuid a thaghadh as a measg féin a bhiodh ’na ’m buill ’s a’ Phàrlamaid, mar gu ’m biodh so ’na shochair ’s ’na chothrom mòr do ’n eaglais. Fhuair e tre mhealltaireachd ’us ain-tighearnas àireamh àraidh de luchd-dreuchd na h-eaglais a dh’ aontaich leis ’s an ni so, ged a bha cuid eil’ ag radh gu ’n robh iad a’ faicinn adhaircean an easbuig a’ briseadh a mach tre ’n chòmhdach a b’ fhearr a chuirteadh air a’ ghnothuch. Ach aon uair ’s gu ’n d’ fhuair e do Shasunn, rùnaich e dhol air aghart ni bu chabhagaiche na bha e ’deanamh roimhe sin. Anns a’ bhliadhna 1605, sgaoil e Ard-Sheanadh na h-eaglais trì uairean an déigh a chéile, gun leigeadh leò na cùisean air son an do chruinnich iad a thoirt gu ìre cheirt. Bha cinn-iùil an Ard-Sheanaidh gu mòr air am brosnuchadh leis an rìgh a bhi ’dol mar so ’an aghaidh co-shuidheachaidh na h-eaglais, agus chruinnich iad coinneamh ’am bail’ Abaraidhein, air an ùghdarras féin. Thòisich an rìgh ag iomairt lagh’ an aghaidh trì duine deug dhiubhsan; thugadh binn a mach ’an aghaidh seisear dhiubh gu ’n robh iad ciontach de cheannairc an aghaidh an rìgh. So a’ choire ris an abair luchd-lagh’ Ard-
4. Goirid an déigh do ’n rìgh tighinn do Alba, choinnich a’ Phàrlamaid, agus fhuair an rìgh Bill air a thoirt a steach, gu bhi daingneachadh mar lagh na tìre, gu ’m biodh ùghdarras lagh’ aig Reachd sam bith a thogradh an rìgh ’s na h-easbuigean a’ dheanamh, ’an gnothuichibh eaglaiseach. Thuig luchd-dreuchd na h-eaglais gu maith ciod bu chiall da sin, ’s chuir iad a steach Protest duineil na aghaidh do thigh na Pàrlamaid. Ghabh Seumas ni-eigin de fhiamh leis an troimhe chéile a bha coslach ri éiridh mu ’n ghnothuch, ’s tharruing e air ais gu h-uaigneach am Bill. Ach ’n uair a chum luchd-dreuchd na h-eaglais coinneamh mhòr an Cill-Rìmhinn an déigh do’n Phàrlamaid sgaoileadh, chuireadh an làimh triùir de’n fheadhainn bu toisich’ ann an cur a’ Phrotest air aghart; thugadh an làthair na h-àrd-chomhairl’ iad, ’s thugadh binn ’na ’n aghaidh gu ’n robh iad ciontach de àrd-fhoill. Chuireadh dithis diubh, Simpson agus Euart, as an dreuchd, agus ann am priosun, agus dh’ fhògradh an treas fear, Calderwood, air falbh as an rioghachd ré a bheatha. Dh’ àithn Seumas, mar an ceudna d’ a Chléirich féin, gu ’m biodh na deas-ghnàthan so a leanas air an coimhead ’an Alba, mar ’an Sasunn. 1. Gu’n gabhadh daoine sàcramaid na suipeir air an glùinibh, ’s cha ’n ann ’n an suidhe.
2. Gu’m biodh an t-sàcramaid air a frithealadh gu h-uaigneach do mhuinntir thinn, na’n iarradh iad sin. 3. Gu ’m biodh am baisteadh air a fhrithealadh gu h-uaigneach, na’n iarradh daoine sin. 4. Gu’m feumadh an òigridh a dhol fo làimh an t-sagairt air son comh-dhaingneachaidh. 5. Gu’m biodh féillean na Nollag, Di-haoine Ceusda, na Càisge, an Dol suas gu nèamh, agus na Bealtuinn an aon ni ’s an dà rioghachd. Chuireadh impidh air Seumas le mòran brìdeil ’us mòidheanachd, gun e dh’ éigneachadh an t-sluaigh ceart còmhladh gus na gnàthanna ùra so a’ ghabhail; ach e ga ’m fàgail gus am biodh iad an toiseach air an daingneachadh le cùirtibh eaglaiseach. Dh’ aontaich e le sin, ’n uair a rinn a luchd-comhairle cinnteach dha gu ’n tugadh iadsan air an Ard-sheanadh na Reachdan a dhaingneachadh. An déigh do ’n rìgh pilltinn a Lunuinn, choinnich Ard-Sheanadh ’am Peirt anns an tugadh air an áireamh bu mhò gabhail ris na cuig Reachdaibh, agus bha iad air an daingneachadh leis a’ Phàrlamaid a choinnich ’s a’ bhliadhna 1621.
5. Thàinig Seumas ’an deireadh a là gu bhi gu h-anabarrach air a thoirt suas do ith ’us do òl, ni a tha cuid a’ smuaineachadh a rinn ni bu bhuailtich’ e do ’n tinneas leis an do bhàsaich e. Chaochail e air an t-seachdamh la fichead de mhios meadhonach an earraich, 1626, anns an dà fhicheadamh bliadhna ’s a naoi deug de ’aois. Feudar a ràdh gu’m b’ esan an ceud rìgh de theaghlach nan Stiùbhartach a bhàsaich ’an sìth. Bha tomhas de ainneirt ceangailte ri bàs gach aon diubh gu a là-san. Feudar a ràdh mar an ceudna gu’n tàinig an teaghlach a dh’ionnsuidh na h-inbh’ a b’ àirde ’na phearsa-san; oir ’na dhéigh-san thòisich iad a’ dol air an ais, gus an do thuit iad gu h-iomlan. Agus an déigh so uile b’ e Seumas VI. an rìgh bu shuarraiche de’n teaghlach uile, araon ’an corp ’s an inntinn. Bha e co gealtach ’s nach fuilingeadh e claidheamh rùisgt’ idir fhaicinn. Bha e co an-earbsach as a luchd frithealaidh ’s nach suidheadh e ùine sam bith ’s an aon bhad, ach a’ suidhe ’s ag éiridh cha mhòr gun tàmh, agus a’ giùlan
title | Caibideil XXX |
internal date | 1867.0 |
display date | 1867 |
publication date | 1867 |
level | |
reference template | Eachdraidh na h-Alba %p |
parent text | Eachdraidh na h-Alba |