[263] CAIB. XXXI.
STAID ALB’ AIG AONADH AN DA CHRUIN.
BHA iomadh seadh anns am b’ fheird Alb’ a bhi air a toirt gu uiread de aonadh ri Sasunn ’s gu’m biodh an aon rìgh a’ riaghladh thairis orra le chéile. Mar aon ni chuir e crìoch am feasd air cogadh eadar an dà rioghachd. Co luath ’s a shuidh Seumas air caithir Shasuinn thug e ma’n airidh gach caisteal ’us daingneach làidir a bh’ air gach taobh de’n chrìch a bhi air an leagadh gu talamh, agus luchd-àiteachaidh nan criochan a bhi air an earalachadh gu bhi co càirdeil ri chéile ’s ged a b’ aon chinneach iad. Agus le sùil ris an tuilleadh neartachaidh a dheanamh air an Aonadh, thug e Breatunn Mhòr mar ainm air an eilean gu h-iomlan;
[264] agus an uair a bhithear a’
labhairt mu’
n chuid deth air an robh Alba ’
s e dh’
fheumar a ràdh Breatunn á Tuath.
O ’
n uair sin gus an là ’
n diugh,
theirear Rìgh Bhreatuinn Mhòir ’
us Eirinn ri righribh Shasuinn.
2. Ach air a shon so uile cha b’ fheird’ ach bu mhisd’ ceann-bhaile na rioghachd a’ chùirt a dh’ fhalbh as gu buileach. Bha ’chùirt a bhi ’n Duneidin ag aobharachadh rud maith marsantachd a bhi timchioll air a’ bhaile sin; agus cha b’ ann gu h-àraidh air sgàth an teaghlaich rioghail féin, ach air sgàth na bha de àrd-mhaithibh na tìr a’ cruinneachadh, ’s a’ tùineachadh ’an Duneidin, a chionn gu’m b’ e sin ionad còmhnuidh na cùirte. Ach an uair a chaidh an teaghlach rioghail do Lunuinn, chaidh àireamh mòr de uaislibh Alb’ an sin as an déigh, ’s thòisich iad air an dachaidh a dheanamh ’s a’ bhaile mhòr sin. Agus mar bha iadsan a’ caitheamh an sin an cur a stigh, a bha tighinn thuc á Alba, bha so a’ deanamh Alba bochd ’an dà dhòigh; agus o na h-aobharaibh so dh’éirich gu’n robh mòran de dhaoine gun saibhreas idir a’ dol do Lunuinn gus am faigheadh iad air an aghart ni b’ fhearr an sin no ’na ’n tìr féin. Dh’ fhàs an seòrsa bhochdan so co lionmhor ’s gu ’n d’ àithn an rìgh gairm fhollaiseach a bhi air a deanamh, nach feudadh neach sam bith a dhol do Lunuinn á Breatunn a Tuath gun litir fhaotainn o ’n Ard-chomhairl’ air son sin.
3. Thug na h-òganaich churant’ Albannach an sin an aghaidh gu rioghachdaibh céin-thireach na Roinn-Eòrpa. Bha cuid mhaith dhiubh a feuchainn ri ’m fortan a mheudachadh le marsantachd. Bha chuid bu mhò de na h-uile seòrsa bathair, ’s na h-amaibh ud, ga reiceadh air na féillibh suidhicht’ a bh’ anns gach dùthaich fa leth, agus na marsantan a’ giùlan an cuid bathair air muin each. ’S gann a bhiodh féill shuidhicht’ ’an àite sam bith de ’n Roinn-Eorpa mu’n àm ud, aig nach biodh ni bu liugha na aon Albannach a làthair. Bha iad sin, mar bu trice, ’na ’n daoinibh gléidhteanach, cùramach ciod a dheanadh iad ris a’ pheighinn. Agus ’nuair
[265] a thrusadh iad dòrlach maith airgid,
philleadh iad air an ais do’
n tìr féin gus an còrr de’
n là ’
chur seachad gu socair,
dòigheil.
Ach ’
s ann a bha chuid bu lionmhoire de na h-
òganaich a’
gabhail anns an arm anns gach tìr fa leth da ’
n robh iad a’
dol.
Bha iad air an cleachdadh ri saighdearachd aig a’
bhaile;
ach a nis o sguir gach còmhrag eile le claidheamh ’
us loinn a bh’
ac’
an aghaidh nan easbuigean Pàpanach ’
s nam Frangach,
cha robh,
aig an àm,
coslas sam bith air iad a dh’
fhaotainn seirbhis de ’
n t-
seòrsa sin aig a’
bhaile. ’
S gann a bhiodh cogadh ’
an àite sam bith de’
n Roinn-
Eòrpa mu’
n àm so nach faighteadh Albannach ’
an aghaidh Albannaich ann;
agus an uair a thigeadh an gnothuch gu dlùth chath,
chluinnt’
iad a’
fiadhachadh aon a chéile ’
n an cainnt féin thun a’
chòmhraig.
4. Ach ged a bha Aonadh Shasuinn’ us Alba fo ’n aon chrùn ’na mheadhon air sìth a dhaingneachadh air criochaibh na rioghachd, ’s ann a rinn so an gnothuch ni bu ro mheas’ air Ghaeltachd Alba. Bha, gun teagamh, nithe aimhreiteach gu leòr ’an cuid de chearnaibh ’s a’ Ghaeltachd roimhe sud, mar ’an Gall-thaobh ’s an Cataobh, ’s an dùthaich Mhic Aoidh, far an gann a bha tàmh idir a’ dol orra, ach a’ creachadh ’s a’ dòirteadh fola ’chéile, ged a dh’ fheudar an cogaidhean a shamhlachadh ri cogadh nan starrag, nach robh air an leantuinn le buaidh sam bith, ach na bha iad a’ deanamh a dh’ fhuaim ’s a throimhe-chéil’ aig an àm. Bha nithe bu ghairge na sin a dol air aghart air taobh ’s iar na dùthcha agus anns na h-eileanaibh mu’n àm so. Cha ’n urrainn sinn ach iomradh ath-ghoirid a dheanamh air saimpleir no dhà dhiubh sin; ciod a thachair ’an eilean Eige; ciod ’an eilean Leòdhais. Bu le Clann Dòmhnuill uachdranachd nan eileanan a siar araon mu’n tàinig na Lochlunnaich agus greis an déigh dhoibh falbh. Ach bha Clann Leòid, treubh chumhachdach, aig an robh mòran fearainn air a’ mhòr-thir, a’ briseadh a steach an dràsda ’s a rìs, an cuid de na h-eileanaibh, ’s ga ’n toirt o Chlann Domhnuill. Fhuair na Leòdaich làmh an uachdar ’s an Eilean Fhada, agus ’am pàirt de ’n
[266] eilean Sgiathanach,
gu maith tràth ’
an eachdraidh nan dùthchan sin,
ni a bha togail naimhdeas mòr,
a bha leantuinn o linn gu linn eadar iad féin ’
s na Dòmhnullaich.
Bu leis na Dòmhnullaich eilean Eige mu’
n àm am bheil ar n-
eachdraidh a nis.
Thachair air là àraidh gu’
n tàinig eithir bheag air tìr an Eige,
le dithis no thriùir de Leòdaich.
Cha do chuireadh grabadh sam bith orra car greis an déigh a dhol air tìr.
Ach air dhoibh a bhi air an coireachadh air son mì-
stuaimeachd a measg mhnathan an eilein,
rugadh air na Leòdaich ’
s cheangladh eadar làmhan ’
us chasan iad, ’
s chuireadh ’
na ’
n eithir féin iad,
a leigeadh air falbh leis a’
mhuir, ’
s leis a’
ghaoith.
Thachair bàt’
a bhuineadh do Cheann-
cinnidh nan Leòdach ris na ciomaich thruagh so, ’
s thug iad gu sàbhailt iad gu Caisteal Dhunbheagain,
far an robh Mac Leòid a’
fuireach.
Dh’
innis na daoine focal air an fhocal do Mhac Leòid mar a laimhsich muinntir Eig’
iad.
Chruinnich ’
us dh’
armaich Mac Leòid feachd lionmhor,
leis an do lion e ’
chuid bhàtaichean gus an tòrachd a thoirt a steach.
An uair a chunnaic na h-
Eigich an càbhlach a’
dlùthachadh ris an eilean, ’
s a thuig iad c’
arson,
chaidh iad ga’
m foluch féin ’
an uamhaig mhòir,
air nach robh ach dorus cumhang,
agus allt a’
sruthadh sios ’
an eudan na creig’
a bha ’
foluch an doruis.
An déigh do na Leòdaich tighinn air tìr, ’
s an t-
eilean a rannsachadh,
thairis agus thairis,
cha ’
n fhaigheadh iad duine;
ach gheibheadh iad pailteas creiche.
Chaidh iad air bòrd a nis gu falbh;
ach thàinig fear eigin a mach as an uaimh a shealltuinn air fàth ach an robh iad air falbh thar àruinn an eilein; ’
s thug na daoine bh’
air bòrd ’
s a’
chàbhlach an aire do ’
n duine so.
Thàinig iad air tìr a rìs, ’
s mar a bha sneachd air an talamh,
lorgaich iad an duine gu beul na h-
uaimhe.
Chuir Mac Leòid fios thun na muinntir a bha stigh,
iad a chur a mach thuige-
san na feadhainn a rinn an t-
ainneart air a luchd cinnidh, ’
s gu’
n deanadh e riu mar a thogradh e.
Cha deanadh iadsan sud,
no taing, ’
an dùil nach bu chomasach dha olc sam bith a dheanamh orra co dhiù.
Thug an Leòdach air a chuid daoine
[267] cladhan eil’
a dheanamh do’
n eas a bha ’
foluch beul na h-
uaimhe, ’
s thug e orra na gheibheadh iad de chonnadh tioram a thorradh suas ’
am beul na h-
uaimhe ’
s chur e ri thein’
e.
Chum iad an teine sin a’
losgadh ré iomadh uair a thìm,
gus an do mhùchadh a h-
uile duine bha ’
san uaimh.
Bha mu’
n cuairt do dhà mhìl’
ann diubh,
eadar bheag ’
us mhòr, ’
s cha tàinig duine beò a mach aisde.
Cha seanachas tormadach so,
ach an tul-
fhirinn.
Tha ùrlar na h-
uaimhe gus an lá ’
n diugh a’
fianuiseachadh gu ’
n do thachair a leithid.
5. An uair a fhuair na Leòdaich sealbh air ceann a tuath an Eilein Fhada, thug iad an ainm féin air, Leòdas, agus ’s ann mar sin a tha ’chearna thuathach de ’n Eilean Fhad’ air a sgriobhadh anns na h-uile Map, agus sgrìobhadh eil’, a nuas gus an t-seachdamh linn deug. Ach ri ùine thàinig an litir d ann an comh-labhairt gu bhi air a bogachadh gu dh. ’An àite Leòdas ’s e theireadh iad, anns gach àit air Ghàeltachd, Leòdhas; agus ’s ann mar sin is còir am focal a sgrìobhadh a nis.
Bha Ruairidh Mac Leòid, an t-uachdaran a bh’ air an eilean aig deireadh an t-seathamh linn deug, pòsda trì uairean. Bu nighean do Mhac Coinnich Chinntàil’ an dara bean a bh’ aige. Bhàthadh Torcull Ire, mac na ceud mhnà, agus mòran eile còmhladh ris a’ dol air thurus á Leòdhas do’n Eilean Sgiathanach. Bha mac aig N’ic Coinnich d’am b’ ainm Torcull Conalta, ach cha d’ aidich seana Mhac Leòid riamh gu ’m bu leis féin e; bha e ghnàth a’ cumail a mach gu’m bu le Breitheamh Leòdhais e; ’s chuir e air falbh i air son i bhi ciontach de adhaltranas ris a’ Bhreitheamh. ’An déigh sin phòs e nighean do Mhac- ’Ill Sheathainn. Bha dithis mhac aig’ o’n té so ris an abradh iad Torcull, ’us Tormad. Ach an uair a bhàthadh Torcull Ire bha Torcull Conalt’ air tighinn gu fearachas, agus air socrachadh air mòr-thir, far an d’ fhuair e àit o chàirdibh a mhàthar. Thàinig e nis a nall do Leòdhas a chogadh ri Mac Leòid, agus ga éigneachadh gu gabhail ris mar a mhac, agus oighr’ a dheanamh dheth air an eilean. Bha cùigear
[268] no seisear de mhic dhiolain aig seann Ruairidh Mac Leòid,
agus thug dithis no triùir dhiubh sin làmh chuideachaidh do Thorcull Conalta.
Chaidh ac’
air an t-
seann duin’
a chur an làimh,
agus prìosunach a dheanamh dheth ré cheithir bliadhna;
ach leig iad fa sgaoil e ’
n sin air chumha gu’
n gabhadh e ri Torcull Conalta mar a mhac féin.
Ach bha na mic dhiolain a bh’
aig Mac Leòid a’
deanamh droch ceann ri chéile.
Bha ’
n athair a’
dol ’
s an eadraiginn gu peanas a dheanamh air an fhear a bhiodh ’
s a’
choire, ’
s thug so air Torcull Conalta tighinn do Leòdhas an dara uair,
agus Ruairidh Mac Leòid a chur an làimh, ’
s prìosunach a dheanamh dheth ’
an Caisteal Steòrnabhaigh.
Dh’
fhàg e mhac féin ’
na cheannard air a’
chaisteal, ’
s thug e leis uile phaipeirean còrach Leòdhais, ’
s lìbhrig e iad do Mhac Coinnich Chinntàile,
bràthair a mhàthar.
Ach mharbh na Leòdhasaich Iain mac Thorcuill Chonalta, ’
s leig iad seana Mhac Leòid a mach á prìosun, ’
s chuir e seachad am beagan a bha roimhe de ’
là ’
an sìth. ’
An déigh bàis Ruairidh thàinig Torcull Dubh a steach mar an t-
oighre dligheach.
Rinn Mac Coinnich an sin air son an t-
eilean fhaotainn dha féin,
còir an eu-
coir,
o’
n chuireadh mac a pheathar a mach.
Bha Mac Coinnich a’
leigeadh air an toiseach gur e bh’
aige ’
s an amharc mac a pheathar a’
chuideachadh, ’
n uair is ann a bha e da rìreadh a’
deanamh air a shon féin.
Chum Mac Coinnich agus a luchd-
comhairle coinneamh anns an robh Breitheamh Leòdhais,
nàmhaid Mhic Leòid,
a làthair.
Shocruicheadh aig a’
choinneimh so gu’
m feumtadh Torcull Dubh fhaotainn as an rathad.
Ghabh am Breitheamh brìb mhòr air son gealltuinn an gniomh so a dheanamh.
Bha àireamh mòr aig an eucorach so gus a chuideachadh.
Ghlac iad long Dhuitseach aig eilean Radhasa le luchd fiona.
Thug iad leò an long so do Loch Steòrnabhaigh, ’
s thug iad fiadhachadh do Thorcull Dubh ’
us tearc eile chàirdean tighinn air bòrd a dh’
òl fiona.
Ach cha bu luaithe shuidh Torcull ’
s a chàirdean gu fleadh an fhiona na rinneadh gréim orra, ’
s cheangladh iad le còrdaibh.
Ghiùlaineadh mar sin iad gu Mac Coinnich,
a chuir an ceann
[269] diubh uile,
ach Tormad Mac Leòid,
bràthair Thorcuill.
Ghleidh e esan ’
na phriosunach.
Thachair so ’
am mios deireannach an t-
samhraidh,
1597.
Bha dhòigh féin aig Mac Coinnich air coire nan nithe so uil’
a’
chur air na Leòdaich.
Thug an rìgh mu’n àm so cothrom do àireamh dhaoin’ uaisle á siorrachd Fiof’ a dhol do Lòedhas agus sealbh a’ ghabhail air dhoibh féin, ’s an seann luchd-àiteachaidh fhuadachadh air falbh, a bha, réir mar chual’ esan do-cheannsaicht’, agus eu-comasach air a bhi air an toirt gu feum sam bith. Thàinig na Fiofaich air tìr ’an Leòdhas ’s a’ bhliadhna 1599, leis gach inneal a bha feumail air son aitreabhan a’ thogail agus gach gnè cèird’ eile. Thòisich iad air bail’ a thogail ’an àite goireasach air taobh deas an eilein, ’s bha iad coslach ri soirbheachadh ’s a’ cheud dol a mach. Bha so an aghaidh an ni a bh’ aig Mac Coinnich ’s an amharc. Cha fhreagradh dha dhol an aghaidh àithn an rìgh. Ach fhuair e feum do Thormad Mac Leòid, bràthair Thorcuill Duibh. Leig e fa sgaoil e, ’s chuir e dhachaidh a Leòdhas e. Co luath ’s a chunnaic na Leòdhasaich Mac Leòid òg, oighre dligheach na dùthcha, dh’ éirich iad mar aon duine gu gabhail ris mar an uachdaran. Chuir Mac Leòid òg an sin séisd ri càmp nam Fiofach, ’s ghlac ’us loisg se e, ’s chuir e mòran de na daoine gu bàs. Rinn e priosunaich de’n cinn-iùil. Leig e air falbh iad ’an ceann ochd miosan, air chumha nach tigeadh iad a Leòdhas gu bràth tuilleadh. Ach an ceann tearc de bhliadhnachan thàinig iad air ais le càbhlach ’us feachd lionmhor, ’s thug iad fiadhachadh do Thormad Mac Leòid e ga thoirt féin suas dhoibhsan an sìth an ainm an rìgh, ’s gu’n cuireadh iad sàbhailte gu ruig Lunainn e far an robh an rìgh a nis, agus nach b’ eagal da air son ni sam bith a rinn e roimhe so, ’s gu ’m faigheadh e teachd-an-tìr o’n rìgh. Air eagal nach b’ urrainn e cur an aghaidh na bh’ ann diubh a nis, ghabh Mac Leòid am fiadhachadh so; ach ged a thagair e ’chùis gu duineil ’am fianuis an rìgh, fhuair na Fiofaich dòigh air impidh a chur air an rìgh e ga chur air ais ’na phriosunach do Dhuneidin, far an do
[270] chumadh e mòran bhliadhnachan.
Fhuair e mu dheireadh cothrom teicheadh do’
n Olaind far an do bhàsaich e.
Bha bràthair diolain aig Tormad da ’
m b’
ainm Nial.
Thòisich Nial a nis a’
seasamh a mach air son an teaghlaich.
Bha mòran costais aig na Fiofaich ga dheanamh ris an eilean, ’
s cha robh ’
an cur a stigh da réir.
Bha Nial a’
cur na b’
urrainn e de chall orra.
Thòisich iad a’
falbh a lion fear ’
us fear gus an robh iad co tearc ’
s gu ’
m feumadh iad uile falbh air eagal Neil.
Bha ’
n gnothuch a nis gu bhi aig Mac Coinnich ’
na làimh.
Fhuair e còir dha féin air an eilean fo sheula mòr na rioghachd,
o àrd fhear lagh’
Alba,
air sgàth na còrach a lìbhrig Torcull Conalta dha fada roimhe sin.
Ach chuir daoin’
uaisl’
àraidh an gnothuch ’
na leithid de sholus do’
n rìgh, ’
s gu’
n tugadh a’
chòir so a rìs o Mhac Coinnich,
agus thugadh i do chomunn dhaoin’
uaisl’
a measg an robh Morair Bhalmerìno.
Bha Mac Coinnich,
ma b’
fhior,
riaraichte gu leòr le sud,
agus gu dearbhadh ’
thoirt doibh air gu ’
m bu mhaith leis iad a shoirbheachadh chuir e ’
bhràthair féin còmhladh ris na h-
uaislibh a bha ’
dol a’
Leòdhas,
agus cha b’
e mhàin sin,
ach thug e gealladh cinnteach dhoibh gu’
n cuireadh e long le luchd bìdh thuc á Leòdhas air sheòl ’
s nach ruigeadh iad a leas a bha fuireach ri biadh thoirt as an taobh deas.
Dh’
fhalbh na h-
uaislean le ’
n cuid feachd ’
an urra ri biadh Mhic Coinnich.
Bha Fear Chinntàile co maith ri ghealladh.
Ach bha e rud eigin eile.
Chuir e fios gu Nial mu dheighinn na luinge, ’
s mar a ghlacadh e i.
Ghlac Nial an long, ’
s cha bu doirbh dha.
Chaidh e leatha far nach faigheadh na naimhdean e.
Thug easbhuidh bidh air feachd a’
chomuinn an t-
eilean fhàgail, ’
s an taobh deas thoirt orra gu luath.
Dh’
fhàg iad freiceadain ’
an Caisteal Steòrnabhaigh a’
chumail an àite gus am pilleadh iad. ’
N uair a thuig Nial nach robh ach tearc ’
s a’
chaisteal,
chuairtich e le feachd e, ’
s ghlac se e, ’
s chuir e air falbh na deasaich an taobh as an tàinig iad. ’
N uair a chunnaic an comunn an fhanoid ’
s an call a bh’
air a dheanamh orra,
bha iad air an tàmailteachadh co mòr ’
s nach rachadh iad a Leòdhas
[271] tuilleadh.
Bha ’
n cluìch a nis air a chluicheadh a mach gu ’
cheann.
Thug Mac Coinnich blàthachadh pàighidh,
feudaidh e bhi,
làn a dhùirn de sgillinnean ruadha,
do ’
n chomunn air son an còraichean a reiceadh ris féin.
Ghrad dh’
ullaich e’
n sin air son sealbh a ghabhail air Leòdhas, ’
s a’
bhliadhna 1608-
9.
Mar a bha na Leòdhasaich bhochd seachd sgìth de chath ’
us chòmhrag roimhe sin,
cha do chuir iad saighead á bogha ’
na aghaidh.
Ach cha ’
n ùmhlaicheadh Nial Mac Leòid e féin do Mhac Coinnich ’
s e beò.
Mar dhuine fad-
sheallach,
ag ullachaidh roimh làimh air son an droch là,
bha e ’
n déigh mòran storais a thasgadh suas ’
an eilean beag air bun Loch an Ròg,
ris an abrar Berisaidh.
Theich e nis do ’
n eilean so le tearc de luchd-
leanmhuinn.
Bha ’
n t-
eilean co àrd os ceann na mara ’
s nach robh dòigh air a ghlacadh.
Ghléidh Mac Leòid ’
s a luchd-
leanmhuinn e féin trì bliadhna ’
s an daingneach so. ’
N uair ’
thigeadh gainn’
air,
bheireadh e sgrìob gu tìr, ’
s cha b’
ann leis an làimh fhalaimh a dh’
fhalbhadh e.
Ghabh Mac Coinnich car fuilteach gus fhuadachadh air falbh.
Thionail e mnathan ’
us clann ’
us càirdean na cuideachd a bha còmhladh ri Nial, ’
s chuir e iad ris a’
mhuir tràigh,
air sgeir,
co faisg air Berisaidh, ’
s gu ’
n cluinneadh Nial an éigheach, ’
s mhionnaich e gu ’
m fàgadh e ’
n sud iad gu bhi air am bàthadh ’
n uair a dh’
éireadh am muir,
mur fàgadh Nial ’
s a chuideachd an t-
eilean.
Bu roghnuiche le Nial ’
s le luchd-
leanmhuinn falbh na ’
n sealladh eagalach ud fhaicinn.
Bha Nial greis fo’
n choill ’
s na h-
Earadh an déigh sud.
Ach ghabh Sìr Ruairidh Mac Leòid na h-
Earadh os làimh a chur gu tearuinte do Lunainn.
Ach chaidh a thoirt uaith’
air an rathad, ’
an Glascho, ’
s a chur gu bàs.
Ghléidh teaghlach Mhic Coinnich an oighreachd a fhuair iad mar so,
le measgachadh de mhealltaireachd ’
s de ainneirt,
ré dà cheud ’
s dà fhichead bliadhna,
gus an do reic iad i air a làn luach ’
s a’
bhliadhna 1844,
ri Sìr Seumas Mathanach,
an t-uachdaran a tha nis air an eilean.