[272] CAIB. XXXII.
TEARLACH I.
AN uair a shuidh Seumas VI. air caithir Shasuinn bha dithis mhac agus nighean aige. Ach bhàsaich Eanruic, a mhac bu shine, ’s a’ bhliadhna 1612. Thàinig a bhràthair, Tearlach, an sin gu bhi ’na oighr’ a’ chrùin. Phòs a nighean, Ealasaid, Elector Palatin, na Gearmailt; agus cluinnear mu thimchioll a teaghlaich ’an deigh so. Bha Tearlach ceithir bliadhna fichead a dh’ aois aig àm bàis ’athar. Bha e sluagh-mheasach gu leòir ’s a’ cheud dol a mach; ach cha b’ fhad a mhair sin. Phòs e Henrietta, no Eithrig, nighean rìgh na Frainge. Agus bha na Sasunnaich mì-riaraichte leis a’ phòsadh sin, a chionn gu’m bu bhan-Phàpanach i. Bha air aithris gu’n robh cùmhnant pòsaidh eadar Tearlach agus nighean rìgh na Spàinne roimhe sin, ’s gu’n do bhriseadh e le àrdan Dhiùc Bhucingham, seòrsa caraid a bh’ aig an rìgh. Thog sin cogadh fuilteach eadar an Spàinn ’us Sasunn. Agus thog an caraid ceudn’ a rìs cogadh eil’ eadar an Fhraing ’us Sasunn. Bha Tearlach mar sin a’ cogadh ris an dà rioghachd ud còmhladh, leis an robh e gu mòr air a chur thuige le cion airgid. Ghairm e cuideachd Pàrlamaid, agus sgaoil e iad trì uairean an déigh a’ chéile. Ach cha tugadh a’ Phàrlamaid airgiod dha gus an ceartaicheadh e ’n t-ain-tighearnas a bha chuid oifigearan a’ deanamh air an t-sluagh. Thug e ionnsuidh an sin air airgiod a thrusadh air sheòl eile, gun a bhi ’n eisimeil na Pàrlamaid. Thug na Sasunnaich cìsean mì-laghail mar ainm air gach càin a bha e togail mar sin. Chaidh naoinear Shasunnach tapaidh a chur ’am prìosun air son a bhi seasamh chòraichean an t-sluaigh an aghaidh an rìgh, ’s cha d’ fhuair iad a mach gus
[273] an do bhàsaich fear dhiubh ’
s a’
phrìosun.
Ann an gnothuichibh eaglaiseach bha ’
n rìgh air a riaghladh gu h-
iomlan le Laud,
Ard-
easbuig Chanterbuirgh.
Ged is ann ri eaglais Shasuinn a bha ’
n urra mhòr so ceangailte,
bha cus de nàdur na Pàpanachd ’
s na deas ghnàthaibh a bha e cumail suas agus a’
moladh ’
an eaglais Shasuinn.
Bha na Puritanaich,
diadhairean urramach a bha ’
s an rioghachd ud,
ag oidhirpeachadh an eaglais a ghlanadh gu h-
iomlan o na faoineasaibh truagha so.
Sgrìobh fear dhiubh so, ’
s a’
bhliadhna 1630,
leabhran beag an aghaidh Easbuigeachd.
Chuireadh na sheasamh ’
am brangas e,
ghearradh a chluasan deth,
sgoilteadh a shròn,
agus sgriobhadh na litrichean,
S.
L.,
le iarrunn dearg-
theth ’
na leth-
cheann.
Goirid an déigh sin sgriobh fear eil’
an aghaidh thighean cluiche;
rinneadh an aon diol air-
san,
agus a chur ’
am priosun fhad ’
s bu bheò e.
Ged a bha na Sasunnaich a’
giulan leis gach ni dhiubh so,
gun àr a mach a dheanamh fathast,
bha iad gu mòr air an ciùrradh leò.
2. Bha Tearlach ochd bliadhna ’na rìgh air Sasunn mu’n deachaidh e idir do Alba gu bhi air a chrùnadh. Bha gach cogadh ’us troimhe chéil’ a bh’ aig’ o’n bhaile ’s aig a’ bhaile, ga chumail ’na threathal co mòr ’s nach deachaidh e shealltuinn air seann rioghachd a shinnsirean agus a bhreith gu meadhon an t-samhraidh 1633. Ghabh na h-Albannaich ris gu subhach, gu ro shubhach, ’n uair a thàinig e. Ach bha iad glé mhì-riaraichte leis a, mheasgachadh de easbuigeachd ’s de phàpanachas a bh’ air an cleachdadh ’s an tigh aoraidh rioghail air an t-sàbaid; agus gu h-àraidh leis na deas-ghnàthannaibh pàpanach a bh’ air an cleachdadh aig àm a chrùnaidh. ’An ùine ghoirid ghairm e ’Phàrlamaid cruinn, a bha e’n dùil a bhiodh mòran ni b’ umhaile na Pàrlamaid Shasuinn. Fhuair e barrachd airgid o’n Phàrlamaid so na fhuair rìgh eile roimhe. Thug e féin Bil’ a steach do’n Phàrlamaid, mu ghnothuichibh na h-eaglais, gu ’dhaingneachadh mar lagh gu’m biodh cothrom aig an rìgh an t-eudach a chitheadh e iomchuidh àithne do mhinisteiribh na h-eaglais ’n uair a bhiodh iad ’an ceann an dreuchd fhollaisich, agus gu’m
[274] biodh ùghdarras aige féin os an ceann ’
s na h-
uile nithibh.
Chuir a’
Phàrlamaid an aghaidh a leithid sin de ghnothuch gun dol an cead na h-
eaglais féin.
Dh’
éignich an rìgh iad gu dol air aghart leis a ghnothuch,
agus cha do leig e leò ùine sam bith a thogail ann an comh-
labhairt air a’
phuinc.
Tre a sheòltachd féin ’
us breugaireachd a Chléirich rinn e mach gu’
n robh ’
Phàrlamaid leis; ’
s cha ’
n fhaigheadh an fheadhainn a bha ’
na aghaidh cothrom an gnothuch a rannsachadh,
ach air chunnart am beatha.
Leugh e litir thagraidh a chuir an eaglais da ionnsuidh a’
guidheadh saorsa o na ceanglaichibh fo an robh iad;
ach cha tug e freagradh sam bith.
Dh’
fhàg Tearlach mar so gach Pàrlamaid ’
us eaglais, ’
us sluagh na dùthcha gu h-
iomlan mì-
riaraicht’,
ach na h-
easbuigean a mhàin, ’
s an cuid chreutairean.
Air an turus a bha ’
n so chuir e siol a thug a mach toradh searbh,
searbh dha féin ’
s da theaghlach ’
an déigh sin.
Bha còmhrag aig Tearlach ris na Sasunnaich air son airgid luingeas,
agus cìsean eil’
a bha e ’
cur air an tìr gun Phàrlamaid idir,
agus air son deas-
ghnàthaibh a bha ’
n t-
Ard-
easbuig Laud a’
fòirneadh air an eaglais da h-
ain-
deoin,
agus a bha co coslach ris a Phàpanachd ’
s gu’
n do thairg am Pàpa dha Ad Càrdinail dà uair.
Bha mòran a’
fàs co sgìth de na nithe so ’
s gu ’
m b’
fhearr leo an rioghachd fhàgail na bhi air an cleachdadh ann an seirbhisibh de’
n t-
seòrsa sin an aghaidh an coguis. ’
S a’
bhliadhna 1637 sheòl a’
cheud long o Shasunn gu ceann a tuath America le àireamh maith luchd-
imrich.
Thug iad Sasunn Nuadh air an àite ’
s an do thòisich iad air togail aitreabhan;
agus ri ùine mheudaich ’
us sgaoil iad sin ’
s na lean as an déigh gus an tàinig iad gu bhi na’
n Stàitibh Aonaichte.
3. Bha ’n t-àm a nis air tighinn anns an do shaoil le Tearlach gu’n robh e sàbhailte dha eaglais Alb’ a chomh-chumadh ’s na h-uile seadh ri eaglais Shasuinn. Fhuair Laud, le òrdugh an rìgh, Leabhar Seirbhis air a dheanamh, a réir am feumadh uile mhinisteirean na h-eaglais Albannaich seirbhis an ionaid naoimh a’ fhrithealadh. B’ ann air an treas là fichead de mhìos deireannach an
[275] t-
samhraidh 1637,
a rùnaich na h-
easbuigean,
le òrdugh an rìgh,
an gnothuch a chur gu dearbhadh an gabhadh no nach gabhadh Alba ris an Leabhar Urnuigh Shasunnach.
Bha iomadh ionnsuidh air a toirt roimhe sin air tòiseachadh a dheanamh,
agus an fheadhainn bu ghlice de na h-
easbuigean a’
tarruing air an ais.
Ach a nis chomh-
dhuin iad gu ’
m biodh an t-
slighe réidh rompa.
Bha ’
n t-
aon òrdugh aig na h-
uile ministeir ’
s an rioghachd dol air aghart leis an t-
seirbhis Shasunnaich air an t-
sàbaid ud;
ach bha sùil nan easbuigean,
gu h-
àraidh air eaglais Aird Dhuneidin; ’
s na’
n soirbhicheadh an gnothuch ’
s an ionad aoraidh sin,
bha iad a’
smuaineachadh gu’
n rachadh leò anns gach àit’
eile.
Tha ni a thachair ’
s an eaglais ud ’
na chomharra cinnteach air an t-
suidheachadh ’
s an robh inntinnean an t-
sluaigh a thaobh nan easbuigean ’
s an dòighean, ’
s co mòr ’
s a bha iad air an sàrachadh le fòirneart nam fear tuarasdail ud.
Tha comh-
fhulangas eadar inntinn ’
us inntinn ciod sam bith fonn ’
s am bi iad,
leis an lean iad a chéile mar an t-
uisg’
a bha glaiste suas ’
an dàm,
co luath ’
s a nithear briseadh ’
an àite sam bith air,
thig na bheil ’
s an lochan a mach air an aon bhriseadh.
An uair a bhios daoine làn aoibhneis bheir aon ghàir’
air làn tighe briseadh air gàire. ’
N uair a bhios iad ’
am fonn brònach,
bheir aon ghuth guil air na bhios a làthair brùchdadh a mach gun chomas cumail orra féin.
Cha b’
ann làn bròin no aoibhneis a bha coimhthional na h-
eaglais Aird an là ud;
bha iad làn imnigh ’
us cùraim a’
dol suas thun na h-
eaglais,
mu ciod a dh’
fheudadh tachairt,
Ach ’
n uair a chunnaic iad ciod a thachair gu h-
achdaidh,
thàinig iad gu cabhagach gu bhi làn feirge,
Bha àireamh easbuigean air tighinn do’
n bhail’
a thuilleadh air easbuig a’
bhaile féin a dh’
fhaicinn cionnus a rachadh an “
t-
Seirbhis”
air aghart.
An déigh do’
n choimhthional feitheamh ùine fhada,
thàinig fear-
ionaid an easbuig air aghart air éideadh leis an “
leine bhàin,”
trusgan aoraidh nan Sasunnach ’
s nam Pàpanach, ’
s thòisich e air leughadh an Leabhair Urnuigh.
Bha seana bhean d’
am b’
ainm Seònaid Gedes ’
na suidh’
air stòl beag lùthaidh leatha féin,
faisg air a chùbaid.
[276] Ma ’
s gann a rinn am fear-
ionaid ach tòiseachadh air leughadh an Leabhair fhuathaich,
dh’
éirich Seònaid ’
na seasamh,
agus a’
lùbadh ri chéil’
an stùil air an robh i na suidhe thilg i le neart a gàirdein e suas air ceann an fhir a bha ’
s a’
chùbaid, ’
s i glaodhaich a mach, “
A shlaoightir,
a bheil thu ’
g ràdh na h-
aifrinn Pàpanaich aig bun mo chluaise!”
Thug am fear a bha ’
s a’
chùbaid an aire do’
n pheileir mhòr a’
tighinn, ’
s charaich e ’
cheann air sheòl ’
s gu ’
n deachaidh e as o chloigionn brist’
fhaotainn.
Ach bha stòl Seònaid mar am fudar cluaise do ’
n urchair. ’
Am priobadh na sùl bha ’
n coimhthional air am bonnaibh anns gach cearna de ’
n eaglais; ’
s cha robh ni a ghabhadh tilgeadh nach robh air a fhrasadh gu ceann an leughadair thruaigh, ’
s an aon ghàir sin aca, “
beiribh air a’
Phàpa,
cuiribh a mach am Pàpa.”
Leum cuid air gus a sgiùrsadh air falbh,
ach thàrr e as uath’
an déigh do ’
n “
leine bhàin”
a bhi air a reubadh ’
na luideagaibh.
Bha dùil aig an easbuig gu’
n robh beagan ùghdarraìs aige féin, ’
s chaidh e do’
n chrannaig gus an sluagh a chur na ’
n tàmh.
Ach bha e féin gus an aon diol fhaotainn,
mur b ’
e gu’
n deachaidh bàillidhean a’
bhàile ’
s an eadraigin, ’
s gu ’
n do shaor iad o làmhaibh an t-
sluaigh e.
Thòisich na bàillidhean ’
s an luchd-
cuideachaidh an sin air an t-
sluagh a chur a mach, ’
s na dorsan a dhùnadh gus an t-
seirbhis a chriochnachadh dhoibh féin ’
s do na h-
easbuigibh.
Ach bha leithid de éigheach ’
s de bhriseadh uinneagan ’
us dhorsan a muigh, ’
s gu’
m b’
éigin doibh an gnothuch a leigeadh seachad an là sin.
Fhuair an t-
easbuig air ais gu ’
thigh féin gun ainneart tre chaoimhneas Morair àraidh,
a ghabh a steach d’
a ’
inneal-
siubhail féin e.
Sgaoil iomradh an ni a thachair ’
an Duneidin air feadh na dùthcha gu h-
iomlan an ùine ghoirid, ’
s dhòmhlaich sluagh na tìre steach do’
n àrd-
bhaile,
gun chomh-
chòrdadh idir a bhi eatorra roimh làimh air son an aon aobhair;
b’
e sin litir thagraidh a chur a dh’
ionnsuidh an rìgh a guidheadh gu’
n tugadh e air falbh a’
chuing ud bhàrr am muinneil,
a bha iad eu-
comasach air a ghiulan,
am Pàpanachas easbuigeach.
Cha b’
urrainn buill na h-
àird-
chomhairl’
car ceart a dheanamh leis an eagal fhad
[277] ’
s a bha ’
m baile co làn sluaigh,
agus rinneadh còrdadh eadar iadsan agus sluagh eile na dùthcha,
gu’
m fàgadh am mòr shluagh am bail’
an déigh luchd-
ionaid fhàgail as an déigh air am biodh cùram an aobhair.
Bha ’
n luchd-
ionaid so air an roinn na’
n ceithir Buidhnibh—
Buidheann air son nam Morairean—
aon eil’
air son nan uaislean—
aon eil’
air son nam ministeirean,
agus aon air son nam bailtean margaidh.
Bha cuigeamh Buidheann ann a bh’
air an deanamh suas de luchd-
ionaid o na ceithir Buidhnibh eil’,
agus leis an robh na ceithir eil’
air an seòladh anns gach ceum a ghabhadh iad.
Bha gach Buidheann air leth a’
tional timchioll an aoin bhuird an seòmraichibh air leth a bh’
air an solarachadh dhoibh ’
an Tigh na Pàrlamaid; ’
s mar sin theirteadh na Ceithir Bùird riù.
Bha na Bùird a’
deanamh laghanna do ’
n robh an rioghachd gu h-
iomlan,
umhail.
Thòisich na Bùird a’
sgriobhadh thun an rìgh, ’
s bha teachdaireachd a’
sior dhol air ais ’
s air aghart eadar cùirt an rìgh ’
s na Bùird.
Ach bha ’
n Ard-
chomhairl’
a bh’
air a deanamh suas de na h-
easbuigibh ’
us naimhdibh eile na firinn a’
sior sgriobhadh thun na cùirt’
an aghaidh na bha ’
na Bùird ag iarraidh.
An déigh leantuinn air so fad bliadhna ’
s gun a bhi idir a’
buadhachadh,
rùnaich na Bùird ’
s an rioghachd gu h-
iomlan,
gur h-
ann a dh’
ath-
nuadhaicheadh iad an Cùmhnant. ’
S ann aig na Bùird a thòisich iad air labhairt mu’
n ghnothùch an toiseach,
ach bha gach ceàrna de ’
n dùthaich,
deònach air gnùis a thoirt dha,
ach aig an àm cheudn’
a ’
toirt fainear gur h-
ann le rian ’
us sòluimteachd a bhuineadh dhoibh a dhol ’
na cheann.
Shonruich iad là trasgaidh air son peacaidhean na rioghachd aideachadh, ’
s iad féin irioslachadh fo làimh an Tighearn’,
agus a sheòladh aslachadh.
Chuireadh na ministeirean bu chomasaich a bha ri ’
m faotainn a shearmonachadh fa chomhair nan coimhthionalan bu lionmhoire ’
s bu tuigsiche.
Air an ath Dhi-
luain,
thugadh an gnothuch air aghart gu follaiseach, ’
s chuireadh daoin’
air leth air son an Cùmhnant a tharruing.
Chuireadh sios e ’
an trì ceannaibh fa-
leth. ’
S a’
cheud cheann,
bha Cùmhnant 1581 air ath aithris mar a sgriobhadh air tùs e. ’
S an dara ceann bha Reachdan
[278] na Pàrlamaid air an aithris leis an robh a’
Phàpanachd air a dìteadh,
agus Reachdan Ard-
Sheanaidh na h-
Eaglais Ath-
leasaicht’
air an daingneachadh. ’
S an treas ceann bha co-
chur air a dheanamh ri cor na tìre ’
s a’
cheart àm,
air na nithibh a bha ’
s an dà cheann eile.
B’
e Alastair Henderson a sgriobh an co-
chur,
obair a tha dearbhadh gu ’
m bu duine neo-
chumanta comasach e.
B’
ann air an ath Dhi-
ciaduin,
an ochdamh là fichead de cheud mhios an earraich a rùnaich iad gu ’
n ath-
nuadhaicheadh Alb’
an Cùmhnant.
Thionail iad glé mhoch ’
an eaglais Greyfriars;
agus mu àm tòiseachaidh obair an là bha ’
n eaglais agus an Cladh a bha timchioll oirre làn sluaigh a bh’
air cruinneachadh do Dhuneidin as gach cearna de Alba.
Rinn Mr.
Henderson ùrnuigh.
B’
e Iarla Chataoibh,
a bha ’
s an àm sin lag agus air chrith le aois,
an ceud duin’
a chuir sios ainm. ’
An ùine co grad ’
s a ghabhadh deanamh chuir na bha ’
s an eaglais sios an ainmean.
Thugadh an sin an Clàr a mach do ’
n Chladh.
Bha cuid ’
s a’
choimhthional mhòr ud a’
glaodhaich a mach le aoibhneas air son na bha iad a’
faicinn,
cuid eil’
a’
gul le guth àrd;
bha cuid a’
sgriobhadh “
gu bàs”
an déigh an ainmean;
bha cuid a’
fosgladh chuislean na ’
n làmhaibh agus a’
sgriobhadh an ainmean le ’
m fuil.
Bha e air a mheas gu ’
n robh trì fichead mìle sluaigh cruinn ’
an Duneidin aig an àm,
agus bha iad uil’
air son a’
Chùmhnaint.
Chuireadh a mach dùblachadh dheth do gach cearna de ’
n tìr.
Agus mu dheireadh an earraich ’
s gann a bha sgìreachd ’
an Alba anns nach do chuir a’
chuid bu lionmhoir’
an làmh ris a’
Chùmhnant.
Leis a’
Chùmhnant bha Alba banntaichte ri chéile,
gu iad féin a dhionadh o naimhdibh na firinn, ’
s gu cathachadh gu fuil ’
an aobhar Chriosd.
5. Dh’aithnich an rìgh ’s a chùirteirean a nis nach b’ ann ri feala-dhà ’bha na Bùird. Thuig iad gu’m feumadh iad ni-eigin a dheanamh. Chuir an Ard-chomhairle buidheann a labhairt ris an rìgh mu staid na dùthcha, agus chuir na Cùmhnantaich, mar a ghoirear dhiubh tuilleadh ’an eachdraidh, càirdean àraidh, a measg an robh Iarla Hadingtoin, a mhìneachadh do ’n rìgh nàdur ’us aobhar
[279] an ni a rinn iad.
Ach bha teachdairean nan easbuigean ’
an Lunuinn rompa le chéile.
Rinn na h-
easbuigean an Cùmhnant ’
s na bha ga leantuinn co beag ’
s co suarrach ’
s a b’
urrainn iad; ’
s thug iad air an rìgh a chreidsinn gu’
m biodh e furasda dha ’
n cur fodha le faobhar airm.
Bu mhadaidh-
allaidh gharga da rìreadh,
nach caomhnadh an treud,
na h-
easbuigean a bha ’
s an àm ud air Alba.
Bu shuarrach aca na ficheadan de mhìltean sluaigh a chuir an ainmean ris a’
Chùmhnant,
a bhi air an cur gu bàs,
n’
an gleidheadh iad féin an àite ’
s an greadhnachas.
O ’
n là so a mach rinn Tearlach suas ’
inntinn gu dhol a chogadh ri ’
ìochdaranaibh dìleas féin.
Ach cha robh e deas air son a’
chogaidh fathast,
agus rinn e Marcus Hamiltoin ’
na fhear-
ionaid ’
an Alba,
gu bhi ’
toirt air aghart nan ais-
innleachdan a bha e ’
n dùil a ghnàthachadh air son na Cùmhnantaich a roinn na measg féin.
Bha na Bùird a’
tuigsinn gu maith co ris a bha ’
n gnothuch;
agus an déigh do ’
n rìgh ’
s do Hamilton iomadh car mu chnoc a chur dhiubh, ’
an dùil gu’
n tugadh iad thar am buinn cinn-
iùil nan Cùmhnantach,
b’
éigin doibh mu dheireadh striochdadh co mòr ’
s gu’
n tug iad cothrom dhoibh Ard-
sheanadh a ghairm cruinn ’
an Glascho air a’
cheud là thar fhichead de cheud mhìos a’
gheamhraidh sin féin.
Cha d’
fhuair Ard sheanadh na h-
eaglais cothrom cruinneachaidh ré fhichead bliadhna roimhe sin.
Thug an rìgh,
mar an ceudna,
cead do ’
n Phàrlamaid tional air an ath Bhealltuinn.
Cha robh Pàrlamaid ann o cheann dusan bliadhna gu so,
ach a’
Phàrlamaid de’
n d’
rinn Tearlach cùis mhagaidh aig àm a’
chrùnaidh.
Bha ullachadh mòr air a dheanamh air son an Ard-
sheanaidh so.
Bha na ministeirean agus an luchd-
dreuchd eil’
araon ro dheònach air an eaglais a ghlanadh.
An uair a shuidh an t-
Ard-
sheanadh roghnuich iad Alastair Henderson mar Cheann-
suidhe do’
n Chùirt.
Chum Hamilton a’
chùirt sea là ri iarraidh nithe a réir toil an rìgh.
An uair nach géilleadh buill an Ard-
sheanaidh leud ròine, ’
s a thuig am Fear-
ionaid gu’
n robh iad air tì buntainn ris na h-
easbuigibh a réir lagh eaglais na h-
Alba,
dh’
éirich e ’
na sheasamh,
agus sgaoil e t-
Ard-
sheanadh ’
an
[280] ainm an rìgh.
Bha deadh fhios aig buill an Ard-
sheanaidh roimh làimh gur h-
ann mar sin a bhitheadh;
cha do ghabh iad ana-
misneachd sam bith.
Chaidh iad air aghart le gnothuichibh na h-
eaglais mar nach biodh a leithid a neach is Hamilton ann.
Ghabh iad air aghart a’
comh-
chur lagh na h-
eaglais ri suidheachadh nan easbuigean Albannach,
agus gach riaghailt eile bha feumail,
mar nach biodh gnothuch aca ri rìgh no Morair,
ach lagh na h-
eaglais a mhàin.
Bha ochdar de na h-
easbuigibh air an cur as an dreuchd, ’
s air an iomsgaradh o chomunn nan Criosduidh;
bha ceathrar eile dhiubh air an cur as an dreuchd gun an iomsgaradh idir;
chuireadh dithis eile dhiubh as an dreuchd,
ach fhuair iad cothrom cùram aoin choimhthionail a bhi orra.
Dh’
aisig an t-
Ard-
sheanadh an sin an t-
ùghdarras a bhuineadh dhoibh do chùirtibh fa leth na h-
eaglais.
Dh’
éirich an t-
Ard-
sheanadh comharraichte so air an fhicheadamh là de mhìos meadhonach a’
gheamhraidh, ’
an déigh gach cùis a thàinig fa’
n comhair a shocrachadh.
Shuidhich iad mu’
n do sgaoil iad an là a choinnicheadh iad a rìs,
air an treas Diciaduin de mhios meadhonach an t-
samhraidh,
1639.
Anns a bhi co-
dhunadh obair an Aird-
Sheanaidh,
thuirt Mr Henderson, “
thilg sinn a nis sios ballachan Iericho;
agus esan a dh’
oidhirpicheas am feasd ri ’
n togail biodh e air fhaicill o mhallachd Hieil a Bhetelich.” ’
An eachdraidh eaglaiseach theirear an dara Ath-
leasachadh ris na rinn an t-
Ard-
Sheanadh so, ’
s na lean as a dhéigh.