CAIB. XXXIII.
AN COGADH SIOBHALT [Feumar aideachadh gu bheil am modh labhairt so ro choslach ris a’ Bheurla. Thug luchd Beurl’ am focal civil o ’n Laidinn. Theireadh Laidinnich bellum civile ri cogadh a bhiodh aig aon phàirt de bhaile no de dhùthaich ri pàirt eile. ’S e sin a tha Gaill a’ ciallachadh le civil war,agus ’s e’n dearbh ni sin, le easbhuidh focail is fear a thuigear, a tha sinn a’ ciallachadh le “Cogadh Sìobhalt” —rioghachd roinnte na h-aghaidh féin. ] GU BAS THEARLAICH.
GED a chuir càirdean na h-eaglais teachdair ’us litir thun an rìgh a dh’ innseadh dha nach robh na ’n amharc àr a mach a dheanamh an aghaidh a riaghlaidh air aon chor, ach a mhàin an còraichean dligheach féin a sheasamh, cha robh dad ac’ air son sin. Thòisich Tearlach da rìreadh ag ullachadh air son cogaidh. Bha fios aig na Cùmhnantaich air sin, ’s cha robh iad féin na ’n tàmh. Ghairm iad dhachaidh an luchd-dùthcha a bha’n armaibh fa leth na Roinn-Eòrpa gus an còmhnadh ’an àm feuma. Thòisicheadh air ullachadh armachd anns gach baile mòr, agus air teagasg arm-chleas do òigridh na dùthcha thall ’s a bhos. Agus thàinig Seanalair Daibhidh Lesli a bha fada ’s an arm Lochluinneach, dhachaidh gu stiùireadh an airm Albannaich a ghabhail os làimh.
2. Fhuair Tearlach còrr ’us fichead mìle saighdear air an cur ’an uidheam, agus àireamh réisimeidean marc-shluaigh, agus càbhlach lionmhor a sheòl gu Lìbhte, ’s na h-àitibh eil’ a th’ air gach taobh de’n amhainn Friù, aig an àm cheudn’ an tàinig an t-arm tìre gu crioch a deas Alba. Cha ’n fhaigheadh na saighdeara mar’ air tìr aig co maith ’s a bha ’n t-oirthir air a dhionadh. Agus ’n uair a
3. Fhuair Tearlach sàrachadh mòr mu’n d’ fhuair e ri chéil’ a’ bheag sam bith de armailt le cion airgid. Ghairm e ’Phàrlamaid Shasunnach ’an ceann a’ chéil’ air son cuideachadh airgid a thoirt dha. Ach mar is maith a bha fios aig buill na Pàrlamaid nach b’ ann air son feum na rioghachd a bha ’n t-airgiod air iarraidh, ach
4. Cha d’ fhan na saighdearan Albannach aig an àm so gus an tigeadh Tearlach. Ghabh iad air aghart gu briseadh a steach air Sasunn, agus choinnich Morair Conbhaigh iad air e féin a shuidheachadh air taobh deas amhainn Thaighne, le Bateri ghunnaidhean mòr’, agus sea mìle saighdear, gus an cumail air an ais. Chuir na- h-Albannaich a chuid ghunnaidhean ’n an tàmh, ’s ghabh iad seachad air an àth, ’s chuir iad an ruaig air an arm Shasunnach, a theich gu ruig Iorc co luath ’s a b’ urrainn iad. Bha so air an ochdamh là fichead de cheud mhìos an fhoghair, 1640. Ghabh na h-Albannaich sealbh air Northumberland, ’us Durham, far an d’ fhan iad, ré bliadhna, gu sàmhach, riaghailteach, agus na Puritanaich Shasunnach glé thoilicht’ air son a bhi ga ’m faicinn ann, mar bha iad ’n an dion doibh féin an aghaidh ain-tighearnais an rìgh ’s nan easbuigean. Thug Tearlach, ’na airc, an oidhirp air na Morairean Sasunnach aomadh gu airgiod a’ thogail dha gun dol ’an eisimeil tigh eile na Pàrlamaid idir. Cha deanadh na Morairean sud air àilghios; bha fios aca nach freagradh e. Ged bu chruaidh e, b’ éigin do Thearlach a nis a’ Phàrlamaid a ghairm cruinn an cuigeamh uair. Shuidh an cruinneachadh so, ris an abrar a’ Phàrlamaid Fhad’ an eachdraidh
5. Ràinig Tearlach Duneidin air a’ cheathramh là deug de cheud mhìos an fhoghair, 1641. Bha e nis a’ leigeadh air a bhi riaraichte leis na h-uile nithibh a dheanamh a’ Phàrlamaid. Bha e le làimh fhialaidh a’ buileachadh onairean ’us thiodhlacan air an fheadhainn is faid’ a bha ’cur ’na aghaidh roimhe sin. Dh’ àrdaich e Seanalair Lesli gu bhi ’na Iarla Lebhen. Rinn e Marcus de Iarl’ Earraghàeil; dh’àrdaich e cuid eile gu bhi ’n am Morairibh, ’s bhuilich e tiodhlacan ’us duaisean saoibhir air cuid de na ministeiribh. Ach aig an àm cheudn’ an robh Tearlach co suilbhir a sud a measg nan Cùmhnantach, fhuaradh a mach gu’n robh e gu h-uaigneach a’ comh-sgriobhadh ri buidhinn a bha Iarla Mhontrois an déigh a thogail ’na aobhar féin, ’an aghaidh nan Cùmhnantach. ’An déigh do Thearlach fantuinn re thrì mìosan ’an Duneidin, ghairmeadh air falbh e gu grad le àr a mach a thòisich ’an Eirinn. Dh’ iarr e air
6. Goirid an déigh do Thearlach pilltinn air ais do Shasunn, chaidh e féin ’s Pàrlamaid na dùthcha sin, gu h-iomlan a mach air a chéile. Chuir Buill na Pàrlamaid ri chéile litir-ghearain, ris an abrar ’s a Bheurla Remonstrance, anns an d’ ainmich iad gach cùis ghearain a bh’ ac’ an aghaidh an rìgh, ’s a luchd-comhairle. Bha iad féin ’us Tigh nam Morairean gu còrdadh mu ’n Litir chomharraichte so, agus dh’ fheumadh an rìgh an sin aontachadh leis gach ni a bha iad ag iarraidh innte. ’Am measg nithe eile, chuir iad an aghaidh nan easbuigean, ’s nach feudadh àite-suidh’ a bhi ac’ ’an Tigh nam Morairean. Dh’ iarr a’ Phàrlamaid thapaidh so, mar an ceudna, riaghladh an airm a bhi air thoirt thairis do ’n Phàrlamaid uaithe sud a mach. Fhuair an rìgh, le òrdugh Ard-fhear lagha na rioghachd, cuigear de Bhuill na Pàrlamaid ud air an dìteadh air son àird-cheannairc, agus chaidh e féin do thigh na
7. An déigh do ’n arm Albannach a dhol ’an ceann airm na Pàrlamaid, thiòsich aobhar an rìgh, a bha roimhe sin soirbheachail, a’ dol air ais. Mar thoradh air a chomh-aontachadh a thachair eadar Pàrlamaid an dà rioghachd, shuidh an t-Ard-Sheanadh ainmeil a chuir ri chéile Leabhar Aithghearr nan Ceist, agus Oideis na h-Eaglais, ’s an Iar-mhinisteir ann am mìos meadhonach an t-samhraidh 1643. Bha sea fichead ministeir ’us aon ’s an Ard-Sheanadh so. Bha deichnear de na Morairean, agus fichead de uaislibh na Pàrlamaid còmhladh riu. Bha cuigear mhinisteirean
8. Chriochnaich a’ bhliadhna 1644 gu ro challail do ’n aobhar Rioghail. Bha Cromuel a nis air éiridh àrd ’s an arm Shasunnach. Thòisich an duine cruadalach so ’na chaiptin ’an arm na Pàrlamaid, agus ’an ùine ghoirid dh’ éirich e gu bhi ’na Sheanalair. ’S ann le marc-shluagh gu h-àraidh a bha esan a’ deanamh gaisge. Cha sheasadh marc-shluagh an rìgh idir roimhe. Ach ’n uair a bha aobhar an rìgh air tuiteam iosal an Sasunn, bha e air a mhisneachadh le bhi cluinntinn mar a bha Montròs, a sheirbhiseach dìleas, a’ soirbheachadh ’an Alba. Bha ’n saighdear fuilteach so ’na phriosunach ’an Caisteal Dhuneidin ’n uair a bha Tearlach an sin. Ach co luath ’s a fhuair e cead a choise, chaidh e do Shasunn a chur a chomhairle ris an rìgh. Ghealladh àireamh shaighdearan a chur á Eirinn thuige. Phill e do Alba, ’s thruis e beagan mhìltean ri chéil’, a chuir e ’n ceann nan Eirionnach a thàinig air tìr ’an taobh ’s iar Alba. Bha eadar a cuig ’s a sea mhìltean aige. Leo sin chuir e ’n ruaig air a’ bheagan airm a bha ’nis ’an Alba caochladh uairean. Feudar a ràdh gu’n do choisinn e ’bhuaidh sea uairean an car bu lugh’ an aghaidh arm beag nan Cùmhnantach. Ged bu shaighdear seòlta Montròs, cha robh ann deth ach eutroman. Bha e co mòr air a thogail suas le ’shoirbheachadh ’s gu’n do sgriobh e mar so gu Tearlach, “cha ’n ’eil mi ’g iarraidh, an déigh an dùthaich so a’ cheannsachadh do bhur Mòrachd, agus “buaidh a thoirt o Dhan gu Beerséba, ach gu’n tugadh sibh dhomh cead a ràdh mar thuirt Seanalair Dhaibhidh ri ’mhaighstir, ‘thig féin, air eagal gu ’m bi ’n dùthaich air a h-ainmeachadh ormsa.’ ” Cha do lean so fada. Cha ’n fhòghnadh le Montròs Alb’ a cheannsachadh. Thog e air gu dol a steach air taobh tuath Shasuinn. Chuir Cinn-iùil nan Cùmhnantach fios air Seanalair Lesli, Iarla
9. Bha Tearlach a nis air na h-uile dòchas a chall a thaobh Alba, agus bha gach cearna de Shasunn gu bhi air an toirt as a làmhaibh gu buileach mu’n àm so. Bha ’chuid saighdearan a’ call am misneachd, agus saighdearan na Pàrlamaid air an robh Cromuel ’na cheannard a’ fàs ’am misneachd. Air a theannachadh air gach taobh, ’s gu’n fhios aige ciod a dheanadh e, ’s e smuainich e gu’n tilgeadh se e féin air caoimhneas an airm Albannaich, a bha e ’n dùil a bhuineadh ris ni bu shuairce na arm na Pàrlamaid. Dh’ fhan e ochd mìosan ’s a’ champ Albannach; ach bha ’n Cogadh Sìobhalt a nis air sgur, agus an t-arm Albannach air pilltinn dhachaidh; ’s cha b’ urrainn iad a chumail ni b’ fhaide. Roghnuich e féin a bhi ’an aon de ’lùchairtean faisg air Lunuinn, air son comh-sgriobhadh a chumail ris a’ Phàrlamaid; agus thugadh seachad e do arm na Pàrlamaid, ’an déigh gealladh sòluimte fhaotainn nach deantadh coire sam bith no ainneart air pears’ an rìgh. Threòraich Iarla Lebhen ’an sin an t-arm air ais do’n dùthaich féin. Tha cuid a’ faotainn coire do’n arm Albannach airson an rìgh a thoirt suas do’n arm Shasunnach idir. Tha iad le so a’ taisbeanadh am mì-ruin ’s an aineòlais. Cha b’ urrainn na h-Albannaich a chumail gun chogadh ris an arm Shasunnach, ni bha ’n aghaidh an aobhair air son an tàinig iad ga’n còmhnadh. Agus ged a chumadh iad e ciod a dheanadh iad ris? agus co fad ’s a bu léir do dhuin’ aig an àm cha robh cunnart air bith gu’n tachradh do’n rìgh mar a thachair.
10. Lean a’ Phàrlamaid air coluadar ’an sgrìobhadh a chumail ris an rìgh greis an déigh dhoibh fhaotainn ’n an làmhaibh féin; ach chum iad ’na phriosunach e. Cha robh ni a dh’iarr iad air nach gealladh e dhoibh mu dheireadh ach dà ni; b’ e sin easbuigeachd a chur sios ’s an eaglais, agus a chàirdean no a luchd-comhairle thoirt thairis gu peanas. Cha ’n aontaicheadh e ris an dà ni sin. Ach na ’m biodh earbsa sam bith aig a’ Phàrlamaid á cliù Thearlaich, bha iad air bi riaraichte gu leòr leis na gheall e. Bha fios aca co luath ’s a gheibheadh e ’n cothrom gu ’m feuchadh e ri ’n cur fodha rìs, agus an saorsainn uile thoirt uatha. Bha Cromuel gniomhach anns a bhi riaghladh nan cumhachan a dheanadh an rìgh ris a’ Phàrlamaid. Bha àit aige-san ’s a’ Phàrlamaid, a thuilleadh air e bhi da rìreadh, ’na cheann air an arm. Bha ’n rìgh a’ gabhail air a bhi glé chàirdeach do Chromuel. Cha robh inbhe no urram nach gealladh e dha. Ghlac Cromuel litir o ’n rìgh thun na ban-righ a bha ’s an Fhraing anns an dubhairt e “ gun eagal a bhi oirr’ air son esan a bhi ’gealltuinn cus;— ’n uair a thigeadh an t-àm, gu’m b’ aithne dha-san ròpan cainb’ a chàradh mu amhaichibh nan daoidhearan ’an àite gartan sìde.” Cha stadadh Cromuel an déigh so gus an d’ fhuair e amhach Thearlaich air an ealaig, ni a bha e cinnteach a dheanadh Tearlach airsan na ’m faigheadh e gu bràth an cothrom. Chuir an ceannard neo-sgreamhail so fear de ’chuid oifigearan le dà réisimeid gu Tigh na Pàrlamaid, agus sgiùrs am fear sin air falbh dà cheud de Bhuill na cùirte sin. Cha d’fhàg e ann ach mu thrì fichead, a bha de ’n aon bheachd ri Cromuel féin, agus ris an abair sgriobhadairean, an Rumpull. Thug e orra sin Reachd a dhaingneachadh leis an robh an rìgh air a dhìteadh mar ciontach de àrd-cheannairc air son cogaidh an aghaidh na Pàrlamaid. Chuireadh Tearlach fo dheuchainn a bheatha ’réir an Reachd so, ach cha ’n aidicheadh e ùghdarras na Cùirt a bha ga dhìteadh idir. Co dhiù dhìt iad e gu bhi air a chur gu bàs. Chuireadh an ceann dheth, fa chomhair lùchairt White-hall air an deicheamh là fichead de ’n
title | Caibideil XXXIII |
internal date | 1867.0 |
display date | 1867 |
publication date | 1867 |
level | |
reference template | Eachdraidh na h-Alba %p |
parent text | Eachdraidh na h-Alba |