[290]

CAIB. XXXIV.

A’ CHOMH-FHLAITHEACHD.

N uair a thuigeadhan Alba cionnus a bha Cromuels a luchd-cuideachaidh alàimhseachadh an rìgh, bha sluagh na dùthcha glé dhiombach. Agus chaidh cuid co fad’ ’s gun diarr iad a dhol a chogadh an aghaidh arm Chromueil fathast. Cha robh Cinn-iùil nan Cùmhnantach deònach air dol co fada sud, agus labhair na ministeirean mar le aon ghuth an aghaidh cogaidh. Ach fhuair Diùc Hamiltoin àireamh mhìltean deshaighdearan òga, dealasach air taobh an rìgh mar bha e féin, gus a leantuinn do Shasunn a chuideachadh chàirdean sam bith a bhaig an rìgh an sin. Thàinig Cromuel gu h-obann air an Diùc, aig àite ris an abrar Uarsington, ’s chuir en ruaig air a shaighdearaibh neo-iunnsaichte; chaidh an Diùc féin a dheanamhna phriosunach, ’s a rìs a chur gu bàs. Cha tàinig ach tearc de a luchd-leanmhuinn air an ais.

2. Achn uair a chualasan Duneidin gun do chuireadh Tearlach gu bàs, bha gach àrdus iosal air an lionadh le feirg. Ràinig an naigheachd air an t-Sabaid; agus air an ath chaidh Tearlach II., macus oighren fhir a chuireadh gu bàs, éigheachna rìgh. Cha robh an t-òganach so ach ochd bliadhna deug a dhaois aig an àmgillàrd, caol, odhar, làn clìcireachdus mealltaireachd. Bha e air teicheadh don Olaind roimhe sud. Ach ged a bha iad dleasdanach don rìgh, ’na inbhe féin, cha robh iad gus a ghabhail


[291] gun chumhachan. Dhfheumadh e aChomhbhoinn shòluimtes an Cùmhnantaideachadh, ’s a làmh sgriobhaidh a chur riu, mun gabhadh iadsan orra féin bòidean a bhi dìleas dha. Chaidh teachdairean a chur da ionnsuidh air son còrdaidh ris mun ghnothuch so. Bha Tearlach òg deònach gu leòr air na h-uile ni a dhiarr aPhàrlamaid Albannach a dheanamh— ’s e bha. Ciod an nach deanadhs nach gealladh esan, ’n uair a bhiodh sin gus a ghnothuch féin a chur air aghart? Ach bha ecumail a ghnothuich greis gun chur an dara taobh gus am faiceadh e ciod a thachradh do innleachd uaigneach eilair nach robh fios an sin. Bha en déigh Montròs fuilteach a chur a nall do thaobh tuath Alba le sea ceud Gearmailteach, agus tearc de Rioghalaich a bhair teicheadh don Olaind an déigh bàisathar. Nan soirbhicheadh le Montròs, mar bha en dùil, gheibheadh Tearlach air ais gu rioghachd a shinnsir gun taing don Phàrlamaid; gun a bhi fo Chùmhnant idir. ’S mar sin ged a bha e gealltuinn nan uile nithe a dhiarr iad, bha efaotainn leth-sgeulan gu dàil a chuirs an ni. Thàinig Montròs air tìran Arcu. Thug e air àireamh de òigridh an eilein sin gabhails an arm aige. Leo sins na thug e as aGhearmailt, ghabh e air aghart gu tir-mòr Alba. Ach choinnich oifigeach dam bainm Strachan fo chomannda Lesli e, air iomall a tuath Shiorrachd Rois, ’s chuir e as a chéila chuid shaighdearan. Theich Montròsna aonar, ’s chuir e eudach saighdeir cumantair féin, gus a chur as aithne. Thug se e féin suas do Mhac Leòid Asainn, a bha air bith roimhe sin, ’naarmailt féin. Thug Mac Leòid suas e do oifigich na Pàrlamaid. Bha binn a bhàis air a toirt a mach air son gach olc a rinn e roimhe sin. Chrochadh e air an aona fichead de cheud mhios an t-samhraidh, 1650. ’N uair a chuala Tearlach mar thachair do Mhontròs bha e ullamh guainm a chur ris gach Cùmhnantus paipeir a dhiarradh aPhàrlamaid. Dhfhàg en Olaind air an t-seathamh deug de mhios meadhonach an t-samhraidh, ’s thàinig e air tìr aig bun amhainn Spéigh, ’s ghabh e air aghart gu Sruileadh. Bha na h-Albannaich ro aoibhneach air son
[292] e thighinn. ’Nochd muinntir Dhuneidin gu h-àraidh, gun robh iad aighearach le teineachan aoibhinn a chumail alosgadh na h-oidhche, ’s a bhi dannsadh timchioll orra.

3. Bham beachd féin aig Pàrlamaid Shasuinn mu thighinn Thearlaich. Bha Eirinn air dol troimhe chéile roimhe sobha i roinntena buidhnibh, cuid an aghaidh, ’s cuid air taobh an rìgh; cuid leis an aidmheil so, ’s cuid leis an aidmheil eile. Chaidh Cromuel a null le dusan réisimeid, ’s an ùine ghoirid cheannsaich e gu h-iomlan an dùthaich sin da riaghladh féin. Agus a nis bha e air tighinn air ais, agus gun dàil rinn e deiseil air son a leithid a dheanamh air Albas a rinn e air Eirinn. Thàinig e nall do Albair ceann feachd shea mìle deug eadar choisicheanus mharc-shluagh. A réir nòis Albo shean, chaidh teine fhadadh air mullach gach cnuic on chrìch Shasunnaich gu Duneidin, leis an robh rabhadh air thoirt don t-sluagh gun robh nàmhaid air briseadh a steach air an tìr. Ghabh am feachd Sasunnach air aghart, a h-uile ceum gu Duneidin gun a bhicoinneachadh ri dad ach tìr air a fàsachadhan spréidhs am biadh air an toirt air falbh, gun ni air fhàgail dem burrainn nàmhaid feum a dheanamh. Ach chuireadh stad orraig Duneidin. Bha Seanalair Daibhidh Lesli an sin an déigh gàradh dionaidh agus sreath Dhaingnichean a tharruing eadar Lìbhtagus Duneidin air nach bu chomasach do Chromuel faotainn seachad. Bha e mun cuairt do àm na Lùnasdail, ’s bha mòran uisgann leis an robh na Sasunnaich ro mhì-chomhfhurtail air chùl a ghàradh. ’N uair a dhfhairtich air Cromuel an t-Albannach a thoirt idir gu ionad tharruing lann, ’s a thòisich tinneas air lagachadh a chuid feachd, béigin da pilltinn a deas gu àite ris an abrar Dunbàrr, a tha fad an ear-dheas air Duneidìn, ri cois na mara, far am faigheadh e biadh on chàbhlach a bha ga leantuinn. Dhfhàg Lesli an sin, ’ionad dionaidh, ’s lean e air sàil Chromueil, ’s ghabh e sealbh air mullaichibh nan cnoc a bha os ceann an airm Shasunnaich, air sheòls nach burrainn iad gluasad gu deas no gu tuath gun chunnart a bhi air an gearradh


[293] as. Cha be Lesli so Iarla Lebhen, ach fear a bòig’, agus saighdear nach bu mheasa.

Bha Cromuels a luchd-leanmhuinn mar soan teinn mhòir le bhi air an cuairteachadh le naimhdibh. Agusan ùine ghoirid dhfheumadh iad an cuid armachd aleigeadh sios, agus striochdadh do Lesli gun bhuilla bhualadh. Ach bha mòran mhinisteireanus dhaoineiles an arm fo Lesli, aig an robh ùghdarras air inntinnibh an t-sluaigh. Thòisich iad sin air àithnes air teagasg, gum bu chòir a dhol sios don chòmhnard a chogadh ris na Sasunnaich. Sheas Leslian aghaidh abheachd ud fhads a burrainn e, ach mar bha mòran ùghdarrais aca sud thairis air na saighdearaibh, bhuadhaich an guthanna. Béigin do Lesli leigeadh leis an arm a dhol a chogadh, ged a bha beachd aige nach bann gu soirbheachadh. ’N uair a dhinnseadh do Chromuel gun robh na h-Albannaich acromadh leathad nan cnoc, ghlaodh e mach, “Thug Dia thairis do ar làimh iad.” Bha so mu fheasgar. Air a mhoch mhaduinn an ath , an treas de dhara mìos an fhoghair, mun dfhuair na h- Albannaich gu ceartn an tarruing, thug na Sasunnaich garg ionnsuidh orra, ’s chuir iad an ruaig orra. Chaidh trì mìle de na h-Albannaich a mharbhadhs an ruaig, agus ghlacadh deich mìle dhiubh nam priosunaich. ’S ann ri so a theirear Dròbh Dhunbàr. Dhfhosgail abhuaidh so baile Dhuneidin do Chromuel. Theich aPhàrlamaids an t-arm gu Sruileadh air taobh tuath na Friù. Ged a chaidh blàr Dhunbàrrn an aghaidh, cha do chaill iad am misneachd. Thog iad armailt eile gu goirid, ’s mar a thug Tearlach làn-riarachadh dhoibh a thaobh gealltuinn a bhi leis aChùmhnant, chrùn iad ean lùchairt Scoinne, air na bliadhnùire, 1651, fo thiodail, Tearlach II. Chuir IarlEarra-Ghàeil an crùn air a cheann. Bhòidich àrd-mhaithean na tìres an sluagh cumanta gum biodh iad dìleas do Thearlach, ’s gun deanadh iad seirbhis da lemaoins lem beatha gu bàs, a réir na Comhbhoinn shòluimte, ’s aChùmhnaint. Bu shealladh so co brònachs a bhan Alba riamh; daoine firinneach, neo-


[294] ghealtach, abòideachadh a bhi dìleas, cha bann a mhàin do dhuine co mealltachs co fuilteachs a shuidh riamh air caithir-rìgh, ach do dhuines na h-uile seadh, co suarrachs a shuidh riamh air caithir sam bith.

4. Bha luchd comh-bharail, no sect air éiridh an Sasunn mun àm so ris an abrar Independents, aig a bheil ceangal ri chéila thaobh barail, ach a tha dealaichto chéiles na h-uile seadh eile; gach coimhthional fa leth ariaghladh an gnothuichean féin, gun chléir no seanadh, no cùirt eaglais sam bith is àirde na seisean achoimhthionail. Bann diubh sin Cromuel. ’N uair a fhuair esan làmh an uachdar, thug e muinntir debheachd féin gu bhi riaghladh Shasuinn. Cha robh Cromuel ag iarraidh air eaglais Chléirich Alba sam bith a bhuineadh do a co-shuidheachadh atharrachadh; bheireadh e làn shaorsa dhoibh mar eaglais, ach cha leigeadh e leò a bhi dealaichte ri Sasunn, no Stiùbhartach a bhina rìgh aca. Bha na h-Albannaichn an aineolas, ’sn an cathrannas, ’an dùil gum bu ni comasach saorsaimsireilus spiorad ail a bhi acagus rìgh Stiùbhartach. Bha dearbh-chinnt aig Cromuel gun robh sud eu-comasach, ’an nàdur nithe, agus uime sin cha robh edol gam fàgail gus an toil eu-céillidh féin a leantuinn. ’N uair a chaidh dùdhlachd agheamhraidh seachads a burrainn an t-arm an t-achadh fosgailtaghabhail, chaidh an gaisgeach Sasunnach air tòir Leslis a chuid feachd. Ghabh Lesli an rian dionaidh a bhaige roimhe, ’s cha burrainn Cromuel a tharruing gu cath, no fhuadachadh air falbh oionadaibh làidir air taobh tuath na Friù. Ach le dian chogadhus dòirteadh fola fhuair e buidheann shaighdearan air an cur a null air Port na ban-righ a ghabh sealbh air Siorrachd Fiofa, agus leis am biodh an t-arm Albannach air a dhruideadh a mach on chòmhnards on oirthir as ear. Ghabh Tearlach an sin comannd an airm e féin; ’s thug e Sasunn air le ceithir mìle deug feachd, ’an dùil gun éireadh na Sasunnaich leis, ’s gun tilgeadh iad a mach Cromuels aPhàrlamaid bheag. Thriall Cromuel as


[295] a dhéigh, ’s astar no dha eatorra. ’S gann a bha Tearlach afaotainn duine; ach bha feachd Chromueil a sior dhol am meud. Thionndaidh Tearlach air Cromuelan àite ris an abrar Uorster. Bha arm Chromueil, an sin air meudachadh gu deich mìle fichead. Chaill Tearlach an sin gu h-iomlan. Chaidh àireamh mòr deshaighdearan coisa mharbhadh, agus an còrr dhiubh a dheanamh nam priosunaich. Theich am marc-shluagh air falbh mar a bfhearr a dhfheudadh iad. ’S gann a rinn Turcach no pàganach sam bith eile ni riamh bu bhrùideile nan laimhseachadh a rinn Cromuel air na priosunaich a ghlac en Dunbàrr agusan Uorsterchuir e thar chuan do America iad, ’s chaidh an reic mar thràillibh ri neach sam bith a burrainn an ceannach.

5. Bha Tearlach afaicinn blàr Uorsteir adol air aghart o mhullach na h-aitreibh a bàirdes abhaile. Ach an déigh an a bhi air a chall, béigin dacheann thoirt fodha; agus an déigh iomadh caol-thearnadh o thuiteaman cumhachd a nàimhdean, fhuair e mu dheireadh rian air teicheadh gur tir-mòr na h-Eòrpa, far an robh e air chuairt, o dhùthaich gu dùthaich, àireamh bhliadhnachan. Theich aPhàrlamaid Albannach don Ghàeltachd, ’s cha burrainn iad armailt a thogail tuilleadh a chuireadh an aghaidh Chromueil, a ghabh làmh an uachdar air an rioghachd dha féinan ainm na comh-fhlaitheachd. Shuidhich e Seanalair Moncan Alba mar àrd-cheannard an airm fodha féin; ’s an ùine ghoirid shocraich an tìr sios gu bhi umhail don bhuidhinn bu treise. Be Camshronach Lochiall a bfhaide sheas a mach a bhannan aghaidh Chromueil. Achn uair a mhìnicheadh dha nach robh aige ri ùmhlachd aideachadh do dhuine sam bith air leth, chaidh e, air ceann a chuid daoine, gu achadh a bha dlù air Caisteal Inbherlòchaidh, agus am fianuis oifigearan achaisteil, leig iad sios an armachd thun an làir, aciallachadh sgur de chogadh air taobh Thearlaich, ’s thog iad a rìs iadan ainm stàiteachan na rioghachd. An sin bha fois aig an tìr. Goirid an déigh do Chromuel Tearlach


[296] fhuadachadh air falbh thar nan crioch, fhuair se e féin air ainmeachadhna Dhionadair na Comh-fhlaitheachd leis an Rumpull. Bha barrachd cumhachd aige, fon tiodal sin, na bhaig rìgh Breatunnach roimhe. Bha e soirbheachailna chogaidhibh ris an Olainds ri rioghachdaibh eile, ’s bha mar aon toradh air gach còmhstri a bhaige riu gum feumadh iad ùmhlachd a thaisbeanadh don t-suaicheantas Bhreatunnach ge be cearna fon ghréin an coinnicheadh e riu.

6. na h-ùina bha Cromuelna Dhionadair air na trì rioghachdaibh, bha ceartas air a fhrithealadhan Alba gu neo-sgàthach, ’s gu neo-leth-bhreitheach. Bha sìthus saorsainn aig eaglais na h-Albas na h-uile seadh, ach nach feudadh an t-Ard-Sheanadh coinneachadh air eagal gum biodh iad agabhail gnothuch ri riaghladh aimsireil na rioghachd. Agus anns na h-uile seadh, bha tomhas neo-àbhaisteach de shoirbheachadhs an rioghachd. Ach a réirs na bha de airgiod aruith feadh na dùthcha, bha iad ga mheasna chìs ro throm a bhipàigheadh ceithir fichead mìle Punnd Sasunnachs a bhliadhna, air son gach costas a bhan uachdaranachd atarruing. Dhùin Cromuel dorus na Pàrlamaid big aige féin air àraidh, ’s dhfhuadaich e air falbh na buill uilechionn nach robh iad umhail gu leòir dha. Thug e oidhirp uair no dhà a rìs air Pàrlamaid a ghairm; ach fhuair e iad co eas-umhal dothoil féins a bha Tearlach gam faotainn. Chuir e roimhe gnothuch a dheanamh den easbhuidh; ach bhan gnothuch asìor dhol ni bu doirbhe, gus mu dheireadh an do thuit e fo chudthrom an uallaich. Bhàsaich e air an treas de dhara mìos an fhoghair, 1658, ’s an naoidheamh bliadhna deug thar dhà fhichead deaois. Bha Richard, a mhac, airainmeachadh a réir tiomnaidhathar gu tighinn don dreuchd as a dhéigh; ach fhuair e leithid de dhoirbheasan inntes gun tug e suas i mu mheadhon an earraichan déigh sin. Rinn a bhràthair, Eanruic, a bhana riaghlair air Eirinn, an ni ceudna, ’s dhfhàgadh an


[297] Stàite car greis mar luing gun stiùireadair, ach am fear a thogradh atoirt tàmhaidh da h-ionnsuidh, agus am fear eila thogradh ga thilgeadh as àite.

titleCaibideil XXXIV
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page